beta

You're viewing our new website - find out more

News

22,000 neach òg a bharrachd gus EMA fhaighinn

Published: 24 Aug 2015 09:19
Part of:
Education

£16 millean gach bliadhna airson taic do dh’oileanaich bho theaghlaichean le cosnadh ìosal fuireach ann am foghlam

Chì atharrachaidhean do Chuibhreann Fuireach ann am Foghlam (EMA) mìltean a bharrachd dhaoine òga a' fuireach ann am foghlam agus a' faighinn cothroman cosnaidh nas fheàrr.

Thuirt Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon gun tèid an stairsneachd cosnaidh àrdachadh bhon Fhaoilleach 2016, a' ciallachadh gum bi teaghlach le aon phàiste eisimileach a tha a' teachd a-steach suas ri £24,421 a-nis airidh, £4,070 a bharrachd na ìre an latha an diugh. Airson teaghlach le còrr is aon phàiste eisimileach, tha àirde de £4,481 ann, suas gu £26,884.

Le oileanaich air cùrsaichean colaiste pàirt-ùine a-nis airidh, thathar an dùil gum bi 10,000 sgoilear agus 12,000 oileanach colaiste a bharrachd airidh air EMA fhaighinn.

Tha figearan ùra a' sealltainn gun deach tabhartasan a bhuileachadh air 34,955 sgoilear agus oileanach an Alba ann an 2013/14.

Chur am Prìomh Mhinistear seo an cèill aig Àrd-sgoil an Òbain mar phàirt de ghnìomhachd a' Chaibineit air feadh a' bhaile. Thuirt i:

"Tha dealas aig Riaghaltas na h-Alba teaghlaichean le cosnaidhean as ìsle a chuideachadh agus a dheanamh cinnteach nach eil droch bhuaidh aig àrach agus cosnadh air na tha an dùil do dhaoine òga.

"Tha EMAan mu thràth air mìltean de dhaoine òga an Alba a chuideachadh gus fuireach ann am foghlam gus an sgilean agus cothroman cosnaidh a dhèanamh nas fheàrr. Bhon Fhaoilleach, bidh 22,000 neach a bharrachd eadar 16 is 19 airidh air an thabhartas a gheibhear gach seachdain, a cheart-aghaidh riaghaltas Westminster a chur às don EMA ann an Sasainn o chionn beagan bhliadhnaichean.

"Tha dealas againn gum faighear EMAan an Alba cho fad 's a bheil e comasach airson sgoilearan agus oileanaich a bharrachd a chuideachadh gus cumail orra ann am foghlam agus an comasan aithneachadh."

Thuirt Ministear airson Òigridh agus Cosnadh Bhoireannaich Annabelle Ewing:

"Tha EMAan a' toirt cothrom do na h-oileanaich a tha gam faighinn leabhraichean a cheannach agus cosgaisean siubhail is eile a phàigheadh, a' brosnachadh tòrr dhaoine òga neo-chothromach gus fuireach ann am foghlam agus an sgilean àrdachadh.

"Tha sinn air fhaicinn o chionn ghoirid na h-àireamhan as àirde de chosnadh òigridh, na h-àireamhan as àirde de luchd fàgail na sgoile le deagh chinn-uidhe agus deagh àireamhan ann am Foghlam Àrd-ìre an Alba. Tha obair againn fhathast gus buileachadh a leasachadh, ach tha sinn a' toirt an cothrom as fheàrr do dhaoine òga na h-Alba soirbheachadh."

Background

Tha sgeama EMA a’ brosnachadh daoine òga aois 16-19 (gu ruige 20mh co-là-breith an tagraiche) bho theaghlaichean le cosnadh ìosal fuireach ann am foghlam thar 16, ann an sgoil neo colaiste.

Tha am prògram air a stiùireadh a-rèir airidheachd agus iarrtas, air a ruith le ùghdarrasan ionadail agus colaistean às leth Ministearan na h-Alba. Thèid £30 a phàigheadh gach seachdain do neach òg, a-rèir frithealadh agus aontachadh ri plana ionnsachaidh.