beta

You're viewing our new website - find out more

News

£700,000 airson e-Sgoil nan Eilean Siar

Published: 24 Aug 2016 09:45
Part of:
Education

Cruthaichidh teagasg didseatach ceanglaichean eadar sgoiltean dùthchail.

Thèid e-Sgoil, a bheir an cothrom do sgoilearan àrd-sgoile air feadh nan Eilean Siar curraicealam slàn fhaotainn tro chlasaichean air-loidhne, a leasachadh le taic bho mhaoineachadh de £550,000 bho Riaghaltas na h-Alba agus £150,000 bho Bhòrd na Gàidhlig.

Bidh prìomh fòcas na h-e-Sgoile – a bhios stèidhichte an Steòrnabhagh – air a bhith lìbhrigeadh cùrsaichean Àrd-Ìre agus Àrd-Ìre Adhartach, foghlam tron Ghàidhlig, sgilean dreuchdail agus trèanadh luchd-teagaisg.

Tha an iomairt seo, a gheibh maoineachadh co-ionnan bho Chomhairle nan Eilean Siar, a' leantail bho Àrd-choinneamh Foghlaim nan Eilean a thachair ann an Arcaibh an-uiridh, a bheachdaich air na dùbhlain air leth a tha ro chomhairlean airson seirbheis foghlaim a lìbhrigeadh anns na h-eileanan. Am measg seo, bheachdaich iad air mar a dhèanadh iad cinnteach gum bi cothroman co-ionnan aig sgoilearan uile a' churraicealam slàn fhaotainn.

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney:

"Tha sinn airson foghlam a lìbhrigeadh do gach sgoilear san dùthaich a leithid foghlam sam bith air feadh an t-saoghail, agus tha sinn air leasachadh a ghealltainn air teicneòlas didseatach tro ar ro-innleachd airson ionnsachadh agus teagasg didseatach. Tha an E-Sgoil na dheagh eisimpleir air mar as urrainn dhuinn seo a dhèanamh airson sgoilearan a tha a' fuireach ann an coimhearsnachdan iomallach.

"Bheir am pròiseact inntinneach seo fuasgladh do dh'iomadh dùbhlan a chaidh aithneachadh le comhairlean sna h-eileanan an-uiridh, nam measg mar a thrusas iad luchd-teagaisg airson cuid de chuspairean, agus an taghadh de chuspairean a th' aig sgoilearan sna bliadhnaichean mu dheireadh aca san sgoil.

"Nuair a tha an e-Sgoil sna h-Eileanan Siar stèidhichte, thathar an dùil an goireas a leudachadh gu Arcaibh agus Sealtainn, agus an cothrom ann leudachadh nas fhaide do sgìrean dùthchail eile den Ghàidhealtachd san àm ri teachd. Cuidichidh an leasachadh inntinneach, brosnachail seo an dòigh a tha sinn a' lìbhrigeadh foghlam ann an coimhearsnachdan dùthchail atharrachadh, le bhith toirt cothroman co-ionnan do sgoilearan tro ghoireas foghlaim a tha co-roinnte air feadh ceithir ùghdarrasan ionadail."

Thuirt Comhairliche Catriona Stiùbhart, a tha na Cathraiche air Comataidh Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne:

"'S ann le fìor thoileachas a tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur fàilte air am maoineachadh a chaidh ainmeachadh an-diugh leis an Leas Phrìomh Mhinistear.

"'S e com-pàirteachas feumail agus brosnachail a th' anns an iomairt e-Sgoile Gàidhlig eadar a' Chomhairle, Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig. Bheir e cothroman ionnsachaidh agus teagaisg do chlann agus do dhaoine òga uile, a bharrachd air co-ionnanachd nas làidire ann an solarachadh aig ìre àrd-sgoile. Tha obair an-dràsta airson com-pàirtichean a chruthachadh le Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Comhairle Arcaibh agus Comhairle Shealtainn. Cruthaichidh an e-Sgoil cuideachd coimhearsnachd phroifeiseanta nàiseanta air-loidhne airson luchd-teagaisg na Gàidhlig, agus prìomh ghoireas air-loidhne airson ghoireasan ionnsachaidh agus teagaisg air fad.

"Bheir am prògram taic cuideachd do dh'Fhoghlam tron Ghàidhlig ann am bun-sgoiltean agus, nas cudromaiche, an cothrom do sgoilearan ann am bun-sgoiltean beaga dùthchail conaltradh le buidheann nas motha de cho-aoisean, agus cuideachadh airson dòigh-obrach nas co-obrachail a stèidheachadh airson ionnsachadh agus teagasg eadar sgoiltean agus eadar ùghdarrasan."