beta

You're viewing our new website - find out more

News

£700,000 airson foghlam tron Gàidhlig

Published: 19 Oct 2016 15:30
Part of:
Education

Maoineachadh airson leasachaidhean sgoile.

Chaidh maoineachadh a bharrachd airson goireasan a leasachadh san dà sgoil Ghàidhlig ann an Glaschu a chur an cèill leis an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, John Swinney.

Cleachdaidh Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu an £700,000 a bharrachd airson na h-àrainneachd ionnsachaidh a leasachadh airson daoine òga sna bun-chuspairean mar Eòlas Corporra, STEM (Saidheans, Teicneòlas, Einnseanaireachd is Matamataig) agus ICT (teicneòlas fiosrachaidh is conaltraidh), a nì cinnteach gu bheil foghlam Gàidhlig a' toirt seachad eòlas slàn thairis air a' churraicealaim.

Thèid an t-airgead cuideachd a chleachdadh airson goireasan sgoile a leasachadh gus iarrtas nas motha airson àiteachan-sgoile a choileanadh.

Bhon a chaidh am Maoin Chalpa airson Sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh ann an 2008 tha an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig air fàs 32%.

Thuirt Mgr Swinney:

"'S e fìor dheagh naidheachd a th' ann gu bheil an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig a' fàs. Tha mi toilichte am maoineachadh de £700,000 a thoirt seachad dhan dà sgoil Ghàidhlig an Glaschu, chan ann a-mhàin airson goireasan a leasachadh airson luchd-ionnsachaidh a th' ann an-dràsta, ach airson dèiligeadh ri iarrtas airson àiteachan a tha sìor fhàs.

"Tha a' Ghàidhlig na pàirt bunaiteach de dhualchas na h-Alba agus tha sinn ag aithneachadh an luach làidir cultarail, eaconomach agus sòisealta a tha an cànan a' toirt dha ar dùthaich air fad.

"'S ann airson seo a tha dealas aig an Riaghaltas seo gus cleachdadh na Gàidhlig àrdachadh, agus gum bi i ri faicinn nas trice, airson bi i seasmhach san àm ri teachd."

Thuirt Bàillidh Liz Chamshron, Àrd-bhall airson Clann, Daoine Òga agus Ionnsachadh Fad-bheatha bho Chomhairle Baile Ghlaschu:

"Leis an àireamh as motha ann am Foghlam tron Ghàidhlig taobh a-muigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean, tha sinn air leth toilichte maoineachadh fhaighinn airson taic a chur ris an dealas a th' aig a' Chomhairle airson na Gàidhlig. Bheir e dhuinn an cothrom goireasan agus co-theacsa ionnsachaidh na Gàidhlig a leasachadh airson ar daoine òga, agus cuideachd an cothrom iarrtas airson foghlam tron Ghàidhlig a tha sìor-fhàs a choileanadh."

Notes to editors

Tha an àireamh de dhaoine òga ann am foghlam tron Ghàidhlig air èiridh bho 2,766 ann an 2008 gu 3,660 ann an 2015.