beta

You're viewing our new website - find out more

News

Buileachadh a' fàs

Published: 29 Oct 2015 09:50
Part of:
Education

Ath-leasachaidhean air an neartachadh le Bile an Fhoghlaim

Tha oidhirpean gus am beàrn ann am buileachadh na h-Alba gu bhith air an neartachadh le Riaghaltas na h-Alba ann am Bile an Fhoghlaim (Alba) a tha air a turas reachdail tro Phàrlamaid.

Tha solaran sa Bhile a chuireas dleastanas air ùghdarrasan ionadail prìomhachas a thoirt do ghnìomhachd gus am beàrn a th' ann eadar na toraidhean foghlaim aig na daoine òga le as motha is as lugha buannachd.

Tha am Bile cuideachd:

  • a' cur ri còraichean chloinne le bhith gan leudachadh aig aois 12+ tro chomasan fo Achd Taic a Bharrachd airson Ionnsachadh 2004
  • a' brosnachadh foghlam Gàidhlig le bhith ga dhèanamh riatanach gum bi Comhairlean an dà chuid a' measadh feum airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig ìre bun-sgoile nuair a thig iarrtas bho phàrant(an) agus gun fheum iad a bhith gnìomhach ann a bhith a' brosnachadh ionnsachadh agus teagasg Gàidhlig ann an sgoiltean
  • a' dearbhadh gu bheil trèanadh agus teisteanas iomchaidh aig gach neach-teagasg an Alba le toirt orra a bhith clàraichte le Comhairle Coitcheann Luchd-teagaisg na h-Alba an dà chuid ann an sgoiltean neo-eisimeileach agus le taic ghrantaichean
  • a' leasachadh a' phròiseas, fo earrann 70 de dh'Achd an Fhoghlaim 1980, airson a bhith a' dèiligeadh ri gearanan mu chomhairlean agus sgoiltean nach eil a' coileanadh an dleastanasan foghlaim, agus
  • a' dèanamh cinnteach gu bheil teisteanas riatanach taobh-staigh chomhairlean aig àrd-oifigearan le bhith a' cruthachadh dreuchd airson Prìomh Oifigeach Foghlaim.

A' bruidhinn ron Deasbad Ìre 1 air a' Bhile, thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Angela Constance:

"Tha sinn an geall gur e an t-àite as fheàrr a bhios ann an Alba airson clann a' fàs mòr, le an cothrom as fheàrr aig gach pàiste a bhith soirbheachail. Tha am Bile againn a' toirt air adhart dòighean airson ar siostam foghlaim a dhèanamh nas fhèarr, a' togail an ath ìre den Churraicealaim airson Sàr-mhaitheas le àrdachadh ann am buileachadh na phrìomhachas.

"Am bliadhna, tha sinn air còrr is £11 millean a chur an seilbh tro Dhùbhlan Buileachaidh na h-Alba aison taic a thoirt do dhaoine òga ann an cuid de na coimhearsnachdan as bochda an Alba. Tha ar maoin Inntrigidh gu Foghlam cuideachd air £1.5 millean a thoirt seachad airson taic a thoirt do dh'ionnsachadh agus airson buileachadh àrdachadh ann an sgoiltean air feadh Alba. Tha sinn cuideachd a' cruthachadh Frèam Nàiseanta Leasachaidh a nì cinnteach gu bheil na fianaisean as fheàrr againn uile a tha a' cuideachadh daoine òga na h-Alba air far a bheil sinn soirbheachail an-dràsta agus far a bheil tuilleadh as urrainn dhuinn a dhèanamh. Tha tuilleadh a nì sinn airson seo a leasachadh.

"Tha am Bile againn a' sealltainn gu soilleir an dùil a th' againn airson riaghaltas ionadail agus nàiseanta a dh'ionnsaigh neo-ionnanachd, agus cuideachd ath-leasachaidhean ann an raointean cudromach eile. Tha mi a' gabhail fiughair ris an sgrùdadh a nì Pàrlamaid air a' Bhile."