£97,000 airson Ionad Gàidhlig

Thèid an tabhartas gus tràth-bhliadhnaichean agus ionnsachadh didseatach a leasachadh

Tha ionad foghlaim agus dualchais cultarail na Gàidhlig air £97,000 de mhaoineachadh fhaighinn bho Mhaoin Calpa na Gàidhlig.

Leis am maoineachadh seo, faodaidh Ionad Chaluim Chille Ìle an seòmar tràth-bhliadhnaichean agus òigridh a leasachadh, goireasan dualchais agus sinnsireachd ùra fhosgladh, agus leasachaidhean eile a dhèanamh air na goireasan aca, mar siostam teasachaidh ùr a chaomhnas cumhachd.

Thèid teicneòlas ionnsachaidh didseatach ùr a cheannach cuideachd, le bathar-bog agus aplacaidean sa Ghàidhlig a chuidicheas sgoilearan de gach aois an Ìle, agus oileanaich aig astar air feadh Earra-Ghàidheal agus tro lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.

Thuirt Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a’ Chaibineit airson Foghlam agus Sgilean, John Swinney:

“Tha dleastanas aig Riaghaltas na h-Alba gus ginealach ùr de luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a bhrosnachadh. Tha againn ri barrachd chothroman a chruthachadh ann am foghlam tron Ghàidhlig, bho na tràth-bhliadhnaichean air adhart, mar phrìomh phàirt den dleastanas seo.

“Tha mi toilichte am maoineachadh seo a thoirt seachad, airson barrachd taic a thoirt do dh’ionad coimhearsnachd a tha air a bhith air leth soirbheachail. Bheir e sochairean foghlaim agus eaconomach dhan sgìre agus cuidichidh e leis an iarrtas a tha a’ sìor fhàs airson foghlam cànain is cultair na Gàidhlig ann an Earra-Ghàidheal is Bhòid.”

Dh’fhosgail an Ionad ann an 2002 mar àite airson daoine de gach aois bho choimhearsnachd Ìle agus nas fharsainge blas fhaighinn de chànan, dualchas is cultar na Gàidhlig tro chlasaichean, cùrsaichean, tachartasan agus taisbeanaidhean.

Thuirt Cathraiche Ionad Chaluim Chille Ìle, Catriona NicIain:

“Às leth Ionad Chaluim Chille Ìle, tha mi airson a ràdh cho taingeil ’s a tha mi airson an tabhartas feumail seo. Nì e diofar mòr dhan Ionad againn an leasachadh mòr seo fhaighinn dha ar goireasan, a bheir dhuinn an cothrom cùrsaichean Gàidhlig a thoirt seachad do dhaoine de gach aois air feadh Earra-Ghàidheal.”

Cùl-fhiosrachaidh

Tha Ionad Chaluim Chille Ìle clàraichte mar Bhuidheann Carthannais Albannach. ’S e iomairt sòisealta neo-phrothaid a th’ ann, gun luchd-earrannan agus tha maoinean sam bith a bharrachd air a chuir air ais dhan bhuidheann carthannais.

 

£97,000 for Gaelic Centre

A Gaelic education and cultural heritage centre has been awarded £97,000 funding from the Gaelic Capital Fund.

Funding will enable the Islay Gaelic Centre to upgrade its early years and youth room, create new ancestry and heritage areas in the Centre, and make improvements to its facilities including the installation of a new energy-saving heating system.

The investment will also fund new digital learning technology, with Gaelic-enabled software and apps, to benefit Islay-based students of all ages and distance-learning students throughout Argyll and the University of the Highlands and Islands network.

Deputy First Minister and Cabinet Secretary for Education and Skills, John Swinney said:

“We are committed to growing a new generation of users of the Gaelic language. Increasing access to Gaelic medium education, from early years onwards, is key to achieving that ambition.

“I am pleased to announce this funding, which will allow this successful and popular community hub to continue to flourish. It will bring educational and economic benefits to the area and help the centre to meet the demand for Gaelic language and cultural education in Argyll and Bute.”

The centre, which opened in 2002, is a place for people of all ages from the Islay community and beyond to engage with Gaelic language, heritage and culture through classes, courses, activities and exhibitions.

Islay Gaelic Centre Chair, Cathie Johnston said:

“On behalf of Islay Gaelic Centre  I wish to express my gratitude for this most welcome award. It will make a huge difference to our Centre to have such a major upgrade in our facilities and in our ability to deliver Gaelic courses to people of all ages throughout Argyll.” 

Background

The Islay Gaelic Centre, Ionad Chaluim Chille Ìle, is a registered Scottish Charity and a not-for-profit social enterprise with no shareholders and all surplus funds are reinvested in the charity. 

Contact

Media enquiries

Back to top