beta

You're viewing our new website - find out more

News

Leugh, Sgrìobh, Cunntais

Published: 29 Dec 2015 09:56
Part of:
Education

Gheibhear làrach-lìn a chuidicheas clann òg le prìomh sgilean a-nis ann an Gàidhlig.

Tha oidhirpean gus taic a thoirt do phàrantan air feadh Alba leughadh, sgrìobhadh agus cunntais le an cuid cloinne a-nis ri fhaighinn airson coimhearsnachd na Gàidhlig.

Chaidh iomairt Leugh, Sgrìobh, Cunntais a chur air bhog am bliadhna airson pàrantan agus luchd-cùraim le clann ann am BS1-3 a bhrosnachadh a bhith ag ionnsachadh còmhla ann an cur-seachadan làitheil, mar eisimpleir a' dol dhan bhùth neo a' dol dhachaigh bhon sgoil.

Tha Riaghaltas na h-Alba agus Foghlam Alba a-nis air làrach-lìn Ghàidhlig fhoillseachadh aig www.readwritecount.scot, le iomadh feart sònraichte.

Tha Leugh, Sgrìobh, Cunntais a' togail air iomairtean a th' aig Riaghaltas na h-Alba a dh'ionnsaigh neo-ionnanachd ann am foghlam agus airson buileachadh àrdachadh anns na tràth-bhliadhnaichean agus air adhart.

Bhon a thòisich an iomairt san Lùnastal am bliadhna, chaidh leabhraichean agus stuthan litearrachd agus àireamhachd a thoirt seachad do sgoilearan ann am BS1, le sgoilearan ann am BS2 agus BS3 a' faighinn pasgain ann an 2016. Gheibh clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig eadar-theangachaidhean de na leabhraichean sna pasgain airson BS2 agus BS3.

Dh'ainmich Riaghaltas na h-Alba o chionn ghoirid gun tèid £198,000 a thoirt seachad ann an 2016 gus leabharlannan na h-Alba a chuideachadh a bhith an lùib na h-iomairt.

Thuirt Dr Alasdair Allan, Ministear airson Foghlam, Saidheans agus Cànain na h-Alba:

"Tha e cudromach gun tèid sgilean litearrachd agus àireamhachd a leasachadh nuair a tha clann òg airson gun soirbhich iad nam beatha.

"Tha deagh thoiseach tòiseachaidh air a bhith aig Leugh, Sgrìobh, Cunntais agus tha mi toilichte gu bheil an iomairt a-nis a' cuideachadh coimhearsnachd na Gàidhlig. Tha seo a' cur ri iomadh iomairt eile a tha a' toirt taic do chlann, do dhaoine òga, do luchd-teagaisg agus do phàrantan a tha an-lùib foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Bheir an làrach-lìn seo do phàrantan smuaintean agus cur-seachadan airson clann a chuideachadh nam beatha. Chan urrainnear a bhith ro thràth a' tòiseachadh air na prìomh sgilean seo a leasachadh – thig dhan làrach-lìn airson tuilleadh fhaighinn a-mach."


Read, Write, Count
Website focussed on key skills for young children launched in Gaelic.

Efforts to support parents across Scotland to read, write and count with their young children are being extended into the Gaelic community.

The Read, Write, Count campaign was launched earlier this year to encourage parents and carers of P1-3 pupils to learn together as part of everyday activities, such as walking around the supermarket or travelling home from school.

A Gaelic version of www.readwritecount.scot has now been developed by the Scottish Government and Education Scotland, containing a host of great features and ideas.

Read, Write, Count builds on existing Scottish Government efforts to tackle educational inequalities and raise attainment in early years and beyond.

Since its launch in August this year, the campaign has already seen books and literacy and numeracy learning materials gifted to P1 pupils through their school, with P2 and P3 pupils set to receive packs of their own in 2016. Children in Gaelic Medium Education will also receive Gaelic translations of the books within the P2 and P3 packs.

The Scottish Government recently announced £198,000 would be invested in 2016 to support the participation of Scotland's libraries in the campaign.

Dr Alasdair Allan, Minister for Learning, Science and Scotland's Languages, said:

"Developing literacy and numeracy skills from a young age is crucial to helping children and young people learn succeed in life.

"Read, Write, Count has already got off to a good start and I'm pleased to see the campaign is now supporting our Gaelic speaking community. This launch adds to a number of existing initiatives to support children, young people, teachers and parents who are involved in Gaelic medium education.

"The website offers parents tips, ideas and activities that will help get children off to a great start in life. It's never too early to start thinking about these key skills – log on and find out more."

Notes to editors

Gheibhear an làrach-lìn Ghàidhlig aig:

http://www.readwritecount.scot/gd/dachaigh/

Bha iomairt Leugh, Sgrìobh, Cunntais (Read, Write, Count) na pàirt de Phrògram airson Riaghladh aig a' Phrìomh Mhinistear san t-Samhain an-uiridh:

http://news.scotland.gov.uk/Speeches-Briefings/First-Minister-Programme-for-Government-12b1.aspx