beta

You're viewing our new website - find out more

News

Saoghal de shaothair an Gàidhlig

Published: 9 Oct 2015 16:30

Duais Thosgaire na Gàidhlig ga ainmeachadh aig a’ Mhòd Rìoghail Nàiseanta

Chaidh an t-Àrd-Ollamh Boyd Robasdan ainmeachadh mar Thosgaire na Gàidhlig airson 2015 air oidhche fosglaidh cuirm bhliadhnail na Gàidhlig, am Mòd Rìoghail Nàiseanta, anns an Òban.

Chaidh meal-a-naidheachd a chur air an Àrd-Ollamh Robasdan a tha na Phrionnsapal air Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig, leis an Ollamh Alasdair Allan, Ministear an Ionnsachaidh, Saidheans agus Cànanan na h-Alba.

Tha coimhearsnachd Gàidhlig an Òbain gu math eòlach air an Àrd-Ollamh Robasdan, le mar a bha e aig aon àm na Phrìomh neach-teagaisg Gàidhlig ann an Àrd-Sgoil an Òbain. Tha e air a bhith ag obair ann an diofar bhuidhnean foghlaim Gàidhlig bhon uair sin, aig gach ìre ionnsachaidh.

Chaidh an duais fhoillseachadh an dèidh do Riaghaltas na h-Alba innse gu bheileas a' toirt £50,000 a bharrachd do Bhòrd na Gàidhlig airson an cuideachadh leis an leudachadh a tha a' tachairt ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt an t-Ollamh Allan: " Tha an t-ainm aig Boyd Robasdan air a dhlùth-cheangal ro foghlam Gàidhlig ann an Alba. An dèidh na rinneadh leis, bhiodh e doirbh smaoineachadh air neach sam bith eile a bhiodh nas airidh air urram an tiotail Tosgaire na Gàidhlig.

"Chaidh Sabhal Mὸr Ostaig bho neart gu neart bhon chaidh a chur san dreuchd mar Phrionnsapal ann an 2009. Tha a' cholaside air leth fortannach gu bheil leithid de neach a tha cho dealasach agus fìor eòlach aig an stiùir a' seasamh an còraichean. Tha Riaghaltas na h-Alba airson is gum bi barrachd de dh'òigridh a' leantainn an deagh eisimpleir a chaidh a chur air adhart le daoine mar Boyd Robasdan a tha air cur gu mòr ri uibhir de leasachaidhean foghlaim Gàidhlig ann an Alba.

"Tha e na amas againn slighe thèarainte a chruthachadh dhan Ghàidhlig ann an Alba agus ged a bha a' chunnntas-sluaigh mu dheireadh a' sealltainn leudachadh misneachail anns an àireamh de dhaoine òga a' bruidheann na Gàidhlig eadar aoisean 3-19, cha choilean sinn ach tron sin àrdachadh anns na h-àireamhan de dhaoine a tha ag ionnsachadh, a' bruidheann agus a' cleachdadh na Gàidhlig.

"Tha fhios againn gu bheil àite air leth cudromach aig foghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns na gnothaichean sin agus tha a' mhaoin a bharrachd a dh'fhoillsich sinn an-diugh a' dol a chuideachadh ann a bhith a' brosnachadh buannachdan foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig agus foghlam anns na tràth-bhliadhnaichean, an seo anns an Òban, agus air feadh na h-Alba.

"Tha Gàidhlig na pàirt chudromach den Bhile Foghlaim (Alba) a tha sinn an dràsta a' toirt air adhart agus far a bheil fòcas làidir air brosnachadh agus taic do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha Riaghaltas na h-Alba aig a' cheart àm a' deisealachadh atharraichean son a' Bhile a neartaicheas chùisean na Gàidhlig agus a bheir comhfhurtachd dhan fheadhainn a tha ag iarraidh fàs agus adhartas ann an Gàidhlig an Alba."

Thuirt Iain Moireasdan, Àrd-Oifigeir a' Chomainn Ghàidhealaich: "Tha an t-Àrd-Ollamh Boyd Robasdan gun teagamh airidh air Duais Thosgaire na Gàidhlig, a tha ga lìbhrigeadh le taic Riaghaltais na h-Alba. Tha e air a bhith na ghaisgeach dhan Ghàidhlig tro fhoghlam fad bhliadhnaichean agus a' leantainn mar fhìor dheagh shàmhla do ghinealaich òga a tha a' sìreadh dhòighean air Gàidhlig ionnsachadh. Tha Boyd a' sìor obrachadh airson Gàidhlig a dhèanamh na cànan a tha tarraingeach, agus nas cudromaiche, fosgailte dhan fheadhainn a tha le ùidh innte agus airson a h-ionnsachadh.

"Bha an obair a rinneadh leis air a' chiad Bhòrd na Gàidhlig, a chiad bhuidheann oifigeil a chaidh a stèidheachadh leis an Riaghaltas

, gu sònraichte a' taisbeanadh cho làidir sab ha e dhen bharail gum bu chòir a' Ghàidhlig a chur air adhart ann an saoghal ùr na h-Alba anns an latha an-diugh. Tha e na mhòr-thoileachas dhuinn aithneachas airson duais cho cudromach seo aig a' Mhòd Rìoghail Nàiseanta ann an 2015 anns an Òban."

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Boyd Robasdan, Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna: "Tha seo na urram mhòr dhomh agus tha mi air m'irisleachadh, chan ann a-mhàin seach gur e duais a th'ann gu pearsanta, ach mar aithne air an obair aig Sabhal Mòr Ostaig, far a bheil mi nam cheannard air ionad a tha cho adhartach agus sàmhlachail, agus `s e urram a tha anns an dreuchd sin fhèin."

"Tha mi fìor thoilichte a bhith a' faighinn leithid de dhuais anns an Òban far an do chuir mi seachad a' chiad 10 bliadhna dhem shaothair ann am foghlam. Bu mhath leam taing a thoirt dhan Chomann Ghàidealach airson leithid de dh'urram a bhuileachadh orm agus airson mo chuid-eòlais air mo charaidean an Earra-Ghàidheal agus a chòrr de shaoghal na Gàidhlig ùrachadh."