beta

You're viewing our new website - find out more

News

Scots firms more likely to train staff

Published: 28 Jan 2016 00:01

New skills survey shows Scotland compares well to other UK nations.

Seventy-one per cent of Scottish employers offered training to their staff according to the latest findings, a higher rate than England, Wales and Northern Ireland.

The findings come from the UK Commission for Employment and Skills (UKCES) 2015 Employer Skills Survey, which also shows that the Scottish training rate has increased from 70 per cent in the last survey (2013). England's rate was 66 per cent, Wales 63 per cent and Northern Ireland 62 per cent.

The survey also shows that the number of employers reporting a skills gap has fallen five percentage points to 14 per cent, broadly comparable to both England and Wales.

Minister for Youth and Women's Employment Annabelle Ewing said:

"Today's survey shows some positive news for Scottish workers and I am very pleased to see that the vast majority of employers are offering training opportunities to their staff. This approach is consistent with the Scottish Government's work on Developing the Young Workforce – Scotland's Youth Employment Strategy which puts skills development at the heart of our economic growth.

"However, some gaps do remain which is why we will continue to take action to increase training opportunities. We have an ongoing commitment to at least 25,500 Modern Apprenticeships every year – rising to 30,000 by 2020 – as part of a drive to cut youth unemployment by 40 per cent. In order to meet these ambitions we need more employers to get involved with training and developing staff, something which will have considerable benefits to their organisation.

"In addition, Skills Development Scotland has published skills investment plans for key sectors including engineering, construction and the creative arts. As part of our support for the digital sector, Scotland's first digital skills academy opened its doors in October, with the first graduates due shortly.

"The overall Scottish youth unemployment level and rate fell to their lowest September-November figures since 2006 in figures released earlier this month so it is very clear that progress is being made in supporting more young women and men into jobs. However, we will continue to do everything in our power to drive forward Scotland's economic growth."


Companaidhean Albannach a' toirt barrachd trèanaidh do luchd-obrach
Suirbhidh ùr de sgilean a' sealltainn soirbheachas na h-Alba an coimeas ri na dùthchannan eile san Rioghachd Aonaichte.

Tha 71 sa cheud de luchd-fastaidh na h-Alba a' tairgsinn trèanadh don luchd-obrach aca, a-rèir toraidhean rannsachaidh ùra, ìre nas àirde na Sasainn, a' Chuimridh agus Eirinn a Tuath.

Thàinig na toraidhean seo bho Shuirbhidh de Sgilean Luchd-fastaidh 2015 bho Choimisean an RA airson Cosnadh agus Sgilean (UKCES), a' sealltainn cuideachd gu bheil ìre trèanaidh na h-Alba air a dhol suas bho 70 sa cheud san t-suirbhidh mu dheireadh (2013). Bha ìre Shasainn aig 66 sa cheud, ìre na Cuimridh aig 63 sa cheud agus ìre Èirinn a Tuath aig 62 sa cheud.

Tha an suirbhidh cuideachd a' sealltainn gu bheil an àireamh de luchd-fastaidh aig a bheil bèarn a thaobh sgilean air a dhol sìos gu 14 sa cheud, mun aon àireamh ri Sasainn agus a' Chuimridh.

Thuirt Annabelle Ewing, Ministear airson Cosnadh Dhaoine Òga agus Bhoireannaich:

"'S e deagh naidheachd a tha seo airson luchd-obrach na h-Alba agus tha mi air leth toilichte gu bheil a' chuid as motha de luchd-fastaidh na h-Alba a' tairgsinn cothroman trèanaidh don luchd-obrach aca. Tha seo a' dol a-rèir obair Riaghaltas na h-Alba air Leasachadh Luchd-Obrach Òga – Ro-Innleachd na h-Alba airson Cosnadh Dhaoine Òga a tha a' cur cuideam air leasachadh sgilean an teis-mheadhain ar fàs eaconomach.

"Ach ge-tà, tha bèarnan ann fhathast agus airson an t-adhbhar seo tha sinn a' cumail oirnn gus an àireamh de chothroman trèanaidh àrdachadh. Tha dleastanas leantainneach againn còrr is 25,500 Preantasach Ùr a stèidheachadh gach bliadhna – a' fàs gu 30,000 ro 2020 – mar phàirt den iomairt airson gearradh 40 sa cheud ann an cion-chosnaidh am measg dhaoine òga. Airson na miannan seo a ruighinn, tha feum aig barrachd luchd-fastaidh a bhith an-lùib trèanadh agus leasachadh an luchd-obrach, agus bheir seo iomadh buannachd dha na companaidhean aca.

"A bharrachd air seo, the Leasachadh Sgilean na h-Alba air planaichean airson tasgadh sgilean fhoillseachadh airson roinnean cudromach a leithid innleadaireachd, togail agus na h-ealain chruthachail. Mar phàirt de ar taic airson an roinn didseatach, dh'fhosgail a' chiad acadamaidh airson sgilean didseatach ann an Alba san Dàmhair, agus chi sinn a' chiad bhuidheann de luchd-ceumnachaidh a dh'aithghearr.

"San t-Sultain thuit ìre cion-chosnaidh dhaoine òga na h-Alba don ìre as ìsle bho chionn 2006, a-rèir àireamhan a chaidh fhoillseachadh am mìos seo, agus tha e soilleir gu bheil sinn a' dèanamh adhartas ann a bhith a' cuideachadh barrachd dhaoine òga a dh'obair. Ach ge-tà, cumaidh sinn oirnn a h-uile sìon as urrainn dhuinn a dhèanamh airson fàs eaconomach na h-Alba a stiùireadh air adhart."

Notes to editors

The full UK Commission for Employment and Skills (UKCES) 2015 Employer Skills Survey will be published on Thursday morning but is available in advance from their press office at 020 7227 7860 / press.office@ukces.org.uk.