beta

You're viewing our new website - find out more

News

Swinney a' mìneachadh àrd-amas airson na Gàidhlig

Published: 19 Oct 2016 15:30
Part of:
Education

A’ brosnachadh com-pàirteachas agus fàs eaconomach tron Ghàidhlig.

Tha an Leas Phrìomh Mhinistear, John Swinney air Òraid Chuimhneachaidh Aonghais MhicLeòid a thoirt seachad aig a' Mhòd ann an Steòrnabhagh an-diugh (Diciadain), a' mìneachadh cho cudromach sa tha a' Ghàidhlig do dh'Alba mar phàirt den àrd-amas gus com-pàirteachas agus gnìomhachd eaconomach a leasachadh san àm ri teachd.

Bha Mgr Swinney a' lìbhrigeadh a' chiad òraid chudromach air a' chuspair bhon a ghabh e dleastanas airson na Gàidhlig às dèidh dhan taghadh. As t-samhradh, tha an Leas Phrìomh Mhinistear air a bhith a' conaltradh ri prìomh luchd-ùidhe a bhios an-sàs anns a' chànan a' dol air adhart.

Ann an òraid glè fharsaing, mheòraich Mgr Swinney air na leasachaidhean ciallach a tha air tachairt airson Gàidhlig a dhìon agus a chuir air adhart bhon a dh'fheuch Dòmhnall Stiùbhairt nach maireann, BP airson nan Eilean Siar bho 1970-87, gu neo-shoirbheachail, ri tèarainteachd airson na cànan aithneachadh ann an reachdas ann an Taigh nan Cumantan ann an 1981. Dhiùlt Mgr Swinney argamaid sam bith seach a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig, agus dhearbh e an daingneachd a th' aig Riaghaltas na h-Alba gus an cànan a neartachadh. Chuir e a-mach clàr-gnothaich dàna a' togail air foghlam, craoladh, iomairtean didseatach agus leasachadh eaconomach airson taic a chuir ris a' chànan.

Ag aithneachadh cho cudromach 's a tha a' Ghàidhlig, thuirt Mgr Swinney:

"Tha leasachadh na Gàidhlig thairis air na bliadhnaichean air tighinn air adhart, bho iomairtean airson aitheachadh sam bith, gu stèidheachadh structairean agus phròiseactan. A-nis, agus sinn aig ìre far a bheil deagh structaran againn, feumaidh sinn iad seo a chleachdadh gu h-èifeachdach gus a' chànan a neartachadh agus gus na duaisean luachmhor a bhuain a tha i a' toirt do dh'iomadachd ann an cànan is cultar na h-Alba.

"Carson a tha seo cudromach? Tha e soilleir gum feum sinn obair gus tèarainteachd na Gàidhlig a dhìon ann an Alba san àm ri teachd.

"Tha mi air a bhith nam Mhinistear ann an Riaghaltas na h-Alba airson grunn bhliadhnaichean, ach chan eil fada bhon a ghabh mi dleastanas airson na Gàidhlig, agus tha mi airson gum bi e soilleir cho daingeann sa tha mi a bhith ag obair còmhla ris a h-uile duine aig a bheil ùidh sa chànan, a' cleachdadh na structaran agus buannachdan a th' againn, gus na h-àireamhan àrdachadh de dhaoine a tha ag ionnsachadh, a' bruidhinn agus a' cleachdadh na Gàidhlig. 'S e seo amas agus prìomhachas soilleir a th' aig an Riaghaltas seo agus feumaidh sinn na buannachdan a choisinn sinn sna bliadhnaichean a dh'fhalbh a chleachdadh airson adhartas a bharrachd a dhèanamh leis an amas seo.

"Tha an t-adhbhar airson seo gu math sìmplidh. Buinidh a' Ghàidhlig do dh'Alba.

"Tha i air a bhith air a bruidhinn san dùthaich seo airson còrr is 1000 bliadhna agus tha mi den bheachd gu bheil seo a' cur dleastanas agus uallach oirnne mar luchd-glèidhidh an dualchais. Chan e làimhseachadh sònraichte, no annsachd, no connspaid nàiseantach a tha seo. Chan eil sinn ach a' gabhail na ceumannan a dh'fheumar gus làimhseachadh cothromach fhaighinn airson ar mion-chànan a tha air a bhith againn airson ùine fhada."

A' mìneachadh na dòighean a thèid a chleachdadh airson com-pàirteachas sa chànan a bhrosnachadh, thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear:

"Aig an ìre seo de leasachadh na Gàidhlig, feumaidh prìomhachasan soilleir agus co-obrachadh làidir a bhith againn. Am bliadhna, bidh Bòrd na Gàidhlig a' sireadh bheachdan air an ath Phlana Nàiseanta na Gàidhlig. Bidh mi ag obair gu dlùth còmhla ris a' Bhòrd air seo agus ni sinn cinnteach gum bi prìomhachasan sa phlana a nì adhartas a bharrachd leis a' Ghàidhlig ann an Alba.

"Tha sinn airson gum bi barrachd dhaoine a' bruidhinn, a' cleachdadh agus ag ionnsachadh na Gàidhlig. Tha sinn airson gum fàs inbhe agus tarraingeachd na Gàidhlig. Tha sinn airson a' Ghàidhlig a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba. Feumaidh sinn cuideachd coimhead air dòighean airson a' Ghàidhlig a neartachadh ann an coimhearsnachdan far a bheil earrann mòr den phoball fhathast ga bruidhinn.

"Tha planaichean Gàidhlig air a bhith na bhuannachd eile. Tha na planaichean seo a' toirt an cothrom do dh'iomadh buidheann measadh a dhèanamh air nas urrainn dhaibh a dhèanamh airson na Gàidhlig. Tha na planaichean seo a' nochdadh cothroman airson co-obrachadh agus airson taic fhaighinn bho Bhòrd na Gàidhlig. Tha iad gar cuideachadh gus gluasad air adhart."

A' diùltadh argamaidean nach bu chòir a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, agus a' daingneachadh an dealas aig Riaghaltas na h-Alba agus aige fhèin airson leasachadh na cànain, thuirt Mgr Swinney:

"Tha fios agam gum bi mòran agaibh air tachairt ris an nàimhdeas seo don Ghàidhlig..... Tha na beachdan seo mun Ghàidhlig, a bharrachd air a bhith gun adhbhar is gun fhàilte, ceàrr agus meallta. Tha iad a' sealltainn droch thuigse den dùthaich againn, de dh'eachdraidh agus den urram a tha còir againn sealltainn do mhion-choimhearsnachdan. Nam bheachd-sa, tha e gu math soilleir nach eil àite sam bith aig nàimhdeas don Ghàidhlig ann an Alba.

"Leig leam an fhirinn innse. Tha a' Ghàidhlig air a cleachdadh a h-uile latha. Tha taic airson na Gàidhlig airidh air maoineachadh poblach. Tha a' Ghàidhlig a' toirt iomadh sochair do dh'Alba. Tha i na cànan luachmhor airson ionnsachadh, agus tha i airidh air taic bho mhuinnir na h-Alba air fad, ge brith dè an suidheachadh poileataigeach a th' aca. Agus gheibh i an taic sin bhon Riaghaltas seo agus bhon Leas Phrìomh Mhinistear seo."

A' dèanamh argamaid airson na cothroman ciallach eaconomach a tha a' tighinn bho leasachadh na Gàidhlig, thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear:

"Tha mi airson gun cruthaich sinn clàr-gnothaich fiùghantach airson fàs is leasachadh eaconomach ann an cleachdadh na Gàidhlig, airson gum faic sinn cothroman airson a' chànan a chleachdadh gus beairteas, cosnadh agus cothroman a chruthachadh an Alba. A' togail air spionnadh muinntir na Gàidhlig, agus ga chur còmhla ris an comas sìorraidh a th' aig teicneòlas didseatach, tha mi a' creidsinn gu bheil cothrom air leth againn airson gnìomhachd eaconomach nas motha fhaighinn bhon Ghàidhlig na tha air a bhith againn aig àm sam bith ann an eachdraidh. Faodaidh cànan ruighinn gu math nas fhaide tro ghnìomhachd didseatach ann an dòighean air nach b' urrainn dhuinn smaoineachadh roimhe. Faodaidh an cànan cur ri ath-bheòthachadh eaconomach na h-Alba airson ar sòisealtas a dhèanamh nas beairtiche, sa chiall as fhìrinniche den fhacal."

Notes to editors

Gheibhear làn-theacsa de dh'òraid Mgr Swinney aig: http://news.scotland.gov.uk/content/default.aspx?NewsAreaId=139