beta

You're viewing our new website - find out more

News

Taic airson Gàidhlig sna tràth-bhliadhnaichean

Published: 21 Oct 2015 11:30

£100,000 air a thoirt seachad airson 41 pròiseactan.

Gheibh clann ann an coimhearsnachdan Gàidhlig cuideachadh gus deagh thoiseach tòiseachaidh fhaighinn nam beatha às dèidh dhan Phrìomh Mhinistear Nicola Sturgeon maoineachadh £100,000 ainmeachadh do 41 bhuidhnean is comainn a tha a' tabhairt goireasan tràth-bhliadhnaichean.

Thèid an t-airgead seo a chleachdadh gus buidhnean a chuideachadh le cosgaisean obrach agus bheir e cothroman cosnaidh do luchd-stiùiridh le Gàidhlig gus an urrainn dhaibh sgilean Gàidhlig na cloinne a thoirt air adhart.

Chuir am Prìomh Mhinistear am maoineachadh an cèill san Eilean Sgitheanach agus i a' toirt seachad òraid Sabhal Mòr Ostaig airson a' chiad uair. Thuirt i:

"Tha sinn airson 's gum bi deagh thoiseach tòiseachaidh aig clann uile na h-Alba air am beatha. Tha sin a' gabhail a-staigh a bhith a' toirt cothroman do chloinn Gàidhlig ionnsachadh agus an cuid Gàidhlig a thoirt air adhart. Tha an taic againn do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' brosnachadh, agus a' toirt cothrom do, barrachd cloinne Gàidhlig ionnsachadh agus tha e air cuideachadh gus an crìonadh ann an àireamh luchd na Gàidhlig a lùghdachadh. Tha mi airson uiread 's a ghabhas a dhèanamh gus taic a thoirt do Ghàidhlig an Alba. Tha na dh'ainmich sinn an-diugh a' dèanamh cinnteach gum bi cothrom aig clann Gàidhlig ionnsachadh aig an aois as òige."

"Cuideachd, bu toil leam Sabhal Mòr Ostaig a mholadh airson na tha iad a' dèanamh: airson an dìcheall a sheall iad le bhith a' stèidheachadh a' chiad leabharlann Gàidhlig an Alba agus airson cùrsaichean foghlam adhartach a stèidheachadh, le 52 oileanach a' ceumnachadh am-bliadhna, le 932 gu h-iomlan air ceumnachadh bho chaidh a' cholaiste a stèidheachadh.

"Tha Gàidhlig na phrìomh phàirt de Bhile an Fhoghlaim (Alba) a tha sinn a' toirt air adhart an-dràsta, agus tha fòcas làidir air taic agus brosnachadh do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

"Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh atharrachaidhean dhan Bhile an-dràsta a neartaicheas am bile agus a bheir fois-inntinn do na daoine a tha a' toirt taic do dh'fhàs is adhartas na Gàidhlig an Alba.

"Tha sinn airson cothrom a chruthachadh do phàrantan iarraidh air na h-Ùghdarrasan Ionadail a bhith a' measadh an gabhadh foghlam Gàidhlig a chur air dòigh san sgìre aca.

"Tha taic dhan Ghàidhlig gun fheum mur eil cothroman ann do dhaoine aig a bheil Gàidhlig. Mar a chanas iad ann an Èirinn uaireannan – "Gun obair, gun sluagh. Gun sluagh, gun Ghàidhealtachd. Gun Ghàidhealtachd, gun chànan."

Thuirt Brus Robasdan, Leasaiche Eadar-amail Foghlaim & Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig:

"Tha Bòrd na Gàidhlig air leth toilichte gu bheil ar com-pàirteachas le Comann nam Pàrant air aithneachadh leis an tabhartas seo. Tha foghlam agus cùram cloinne sna tràth-bhliadhnaichean air aon de na bunaitean de ar n-amas gus an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig àrdachadh."

Notes to editors

Sheall an cunntas-sluaigh mu dheireadh gun robh an àireamh de dhaoine òga eadar aois 3 agus 19 le comas labhairt sa Ghàidhlig air fàs.


Buidhnean a fhuair maoineachadh tro sgeama Thabhartasan airson Foghlam Tràth-bhliadhnaichean
(2015-16)
Cròileagan Clach Mhanainn
Brògan Beaga (Ulapul)
Buidheann Pàisdean Inbhir Narainn
Casan Beaga Bhaile Dhubhthaich
Cowal Gaelic Parent and Toddler Group
Cròileagan Bhàideanach
Cròileagan Apainne
Feasgar Math Playgroup
Fòram Gàidhlig Lannraig a Tuath
Ross of Mull Croileagan
Cròileagan Inbhir Pheofharain (& Mathan Beag, Cùram-cloinne)
Na Rionnagan Beaga Inbhir Theòrsa
Cròileagan an Àth Leathainn
Cròileagan Iseanan Beaga
Gaelic Toy Cupboard
Pàrant is Pàiste Ghlaschu
Rionnagan Beaga Bishopbriggs
An Cearcall
Lochcarron 0-5 Gaelic Group
Pàrant is Pàiste Phartaig
Secret Garden Outdoor Nursery
Bettyhill Gaelic Tots (The Farr Edge)
Brògan Beaga Chille Mhoire
Cròileagan Mhuile
Cròileagan Phort Righ
Bogha Froise (ICCI)
Mallaig and District Swimming Pool
Gaelic Mother & Toddler Group Inverclyde
Rionnagan Beaga& Croileagan Dhun Bheagain
Cròileagan Obar Dheathain
Rionnagan Beaga Steornabhagh
Cluich Gaelic Toddler Group
Cròileagan & Pàrant is Pàiste Grianach
Cròileagan a' Chaolais
Clann Trang, LAT
Ceuman Beaga Inbhir Nis
Na Dannsairean
Rionnagan Òga