beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Advice and Guidance

Comhairlean coimhearsnachd: dreachd sgeama airson stèidheachadh

Dreachd sgeama airson stèidheachadh comhairlean coimhearsnachd an Alba

1. Ro-ràdh

Chaidh Comhairlean Coimhearsnachd a stèidheachadh an toiseach an Alba às dèidh Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1973. Às dèidh sin, rinn Achd Riaghaltas Ionadail msaa. (Alba), 1994, a thug gu buil an siostam ùghdarrasan ionadail aonaichte a tha ann an-dràsta, ullachadh airson comhairlean coimhearsnachd a chumail a' dol. Fon reachdas, tha a h-uile coimhearsnachd ionadail an Alba ion-roghnach athchuinge a thoirt don ùghdarras ionadail airson comhairle coimhearsnachd a stèidheachadh san sgìre aca.

Tha an Dreachd Sgeama airson Comhairlean Coimhearsnachd an Alba air a dhealbh gus am faighear air comhairlean coimhearsnachd a stèidheachadh air feadh Alba gus am bi an aon ìos-mheud airson frèam bhunaiteach a' riaghladh nan cruthachadh agus nan obrachadh.

2. Adhbharan reachdail

Tha adhbharan reachdail chomhairlean coimhearsnachd air an stèidheachadh fon Dreachd Sgeama ann an Earrann 51 (2) de Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1973, mar a leanas: -

''A thuilleadh air adhbhar sam bith eile a dh'fhaodas comhairle coimhearsnachd a leantainn, sa chumantas 's e adhbhar comhairle coimhearsnachd a bhith a' faighinn a-mach, a' co-òrdanachadh agus ag innse do na h-ùghdarrasan ionadail airson na sgìre aice, agus do dh'ùghdarrasan poblach, beachdan na coimhearsnachd a tha i a' riochdachadh, an co-cheangal ri cùisean a tha an urra ri na h-ùghdarrasan sin, agus a dhèanamh airson math na coimhearsnachd sin a tha e a' meas iomchaidh agus ion-dhèanta'

3. Dleastanas agus uallaichean chomhairlean coimhearsnachd

Sa chumantas 's e adhbhar chomhairlean coimhearsnachd a bhith nan guth don sgìre aca. Gabhaidh seo a-steach a bhith a' cur an cèill bheachdan agus iomagainean sluagh na sgìre aca air iomadh seòrsa cùis a bhuineas don phoball agus riochdachaidhean a dhèanamh chun an ùghdarrais ionadail, gu buidhnean eile san earrann phoblach agus gu buidhnean prìobhaideach air cùisean sa bheil ùidh aca.

Feumar sealltainn gu bheil na beachdan sin a' riochdachadh na coimhearsnachd gu mionaideach. Mar sin, bidh dòighean co-chomhairleachaidh aithnichte aig a' chomhairle choimhearsnachd, an co-chomhairle ris an ùghdarras ionadail, gus am beachdan a dhearbhadh agus ro-innleachdan a dhealbh a bheir barrachd com-pàirt do gach earrann den choimhearsnachd. Tha còir reachdail aig comhairlean coimhearsnachd am beachdan a thoirt air iarrtasan dealbhaidh. Faodaidh cùisean ceadachd agus cùisean eile cuideachd a bhith air an co-aontachadh eadar comhairlean coimhearsnachd, an t-ùghdarras ionadail agus buidhnean eile san earrann phoblach no phrìobhaideach.

Faodaidh comhairlean coimhearsnachd gnìomhan eile a dhèanamh a tha airson math na coimhearsnachdan a tha iad a' riochdachadh, cho fad 's a tha na gnìomhan sin taobh a-staigh cùisean a' Bhun-reachd aca agus cumhaichean Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd.

Bu chòir gum biodh co-obrachadh ann an stèidheachadh dhàimhean obrach leis an ùghdarras ionadail agus le buidhnean eile.

Ann an coileanadh an gnìomhan feumaidh comhairlean coimhearsnachd an còmhnaidh cumail ris an lagh, ri cumhaichean na Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd agus ri Còd Giùlain nan Comhairlichean Coimhearsnachd.

Feumaidh gach comhairle coimhearsnachd Bun-reachd, stèidhichte air an Dreachd Bhun-reachd (Pàipear-taice I), air a dheasachadh airson a chleachdadh gu nàiseanta, còmhla ri Dreachd Ghnàth-riaghailtean (Pàipear-taice II), gus cunbhalachd a bhrosnachadh agus a chumail a' dol don h-uile comhairle coimhearsnachd agus gus an cuideachadh a' cur an imeachdan ri chèile agus gan riaghladh mar bu chòir, gus dèanamh cinnteach gum bi nithean sa chlàr-gnothaich a bhuineas don choimhearsnachd air an deasbad mar bu chòir agus co-dhùnaidhean air an cur air adhart gu deamocratach. Feumaidh Bun-reachd na comhairle coimhearsnachd a bhith air aontachadh leis an ùghdarras ionadail.

Tha dleastanas aig comhairlean coimhearsnachd a rèir reachdais a bhith a' riochdachadh beachdan na coimhearsnachd ionadail aca. Mar sin, tha e ro-chudromach gun seall iad barail agus ùidhean gach earrann den choimhearsnachd san fharsaingeachd. Gus an dleastanasan a choileanadh gu h-èifeachdach agus gu riochdachail, bidh comhairlean coimhearsnachd:

  • Ag innse don choimhearsnachd mu obair agus co-dhùnaidhean na comhairle coimhearsnachd le bhith a' foillseachadh clàran-gnothaich agus geàrr-chunntas choinneamhan ann an àiteachan poblach, mar leabharlannan agus bùird brath agus, a rèir nan ullachaidhean taobh a-staigh Achd Dìon Dàta 1998, a' toirt ainmean is seòlaidhean buill na comhairle coimhearsnachd.

  • A' cur clàran-gnothaich agus dreachd gheàrr-chunntasan coinneamhan chomhairlean coimhearsnachd mu choinneamh an ùghdarrais ionadail taobh a-staigh 14 latha bho cheann-là na coinneamh sin agus an cuairteachadh gu buill na comhairle coimhearsnachd, buill thaghte buntainneach agus daoine eile le ùidh sa chùis.

  • A' feuchainn ri gach cuid riochdachadh agus eòlas a leudachadh tro bhith a' brosnachadh dhaoine gu bhith nan Leas-bhuill den chomhairle choimhearsnachd airson pròiseactan/cùisean sònraichte.

  • A' dèanamh oidhirpean sònraichte air òigridh agus buidhnean eile gun riochdachadh iomchaidh a bhrosnachadh gu frithealadh/gabhail pàirt ann an coinneamhan comhairle coimhearsnachd gus am bi co-ionannachd cothruim san dòigh a choileanas comhairle coimhearsnachd a gnìomhan.

  • A' cumail clàran ionmhais agus a' foillseachadh aithisgean ionmhais aig coinneamhan comhairle coimhearsnachd. Gheibhear eisimpleir de riochd suidhichte airson cumail chunntasan ionmhais comhairlean coimhearsnachd anns na Notaichean Stiùiridh an cois an Dreachd Sgeama.

  • Ag innse don ùghdarras ionadail mu atharrachadh sam bith sa bhallrachd (toirt suas dreuchdan, Leas-bhallrachd, msaa.) no san t-suidheachadh, cho luath 's a ghabhas dèanamh.

4. Sgìrean comhairle coimhearsnachd taobh a-staigh sgìrean ùghdarrais ionadail

Chuir an t-ùghdarras ionadail liosta ri chèile de sgìrean comhairle coimhearsnachd ainmichte agus mapa no mapaichean a tha a' mìneachadh an crìochan. Tha an liosta de sgìrean coimhearsnachd an cois seo mar Phàipear-taice III ris an Sgeama.

5. Ballrachd chomhairlean coimhearsnachd

Ann am ballrachd comhairle coimhearsnachd bidh àireamhan as lugha agus as motha de chomhairlichean coimhearsnachd taghte. Mar thoradh air cho eadar-dhealaichte 's a tha sgìrean ùghdarras ionadail, far am faod sgìrean a bhith ann gun mòran sluaigh, mar coimhearsnachdan eileanach, faodaidh gach ùghdarras ionadail a foirmle fhèin a shuidheachadh airson mìneachadh air àireamh as lugha agus as motha de bhuill comhairle coimhearsnachd ann an sgìre comhairle coimhearsnachd sam bith.

'S e 16 bliadhna an aois as òige aig am faodar seasamh airson taghadh mar chomhairliche coimhearsnachd. 'S e am barrantas airson ballrachd a bhith a' còmhnaidh ann an sgìre den chomhairle coimhearsnachd. Feumaidh comhairlichean coimhearsnachd agus tagraichean airson ballrachd comhairle coimhearsnachd cuideachd a bhith ainmichte air a' chlàr-bhòtaidh airson na sgìre comhairle coimhearsnachd sa bheil iad a' fuireach. Bidh ullachadh air a dhèanamh airson Leas-bhallrachd neo-bhòtaidh airson adhbharan mar a tha air a mhìneachadh le gach comhairle coimhearsnachd. Mar eisimpleir, airson daoine fo 16 bliadhna a dh'aois. Cha bhi na daoine sin air an cunntadh airson coinneachadh ri cuòram, no airson an àireamh iomlan de bhuill comhairle coimhearsnachd a dhèanamh suas.

Tha buill thaghte den ùghdarras ionadail agus buill de Phàrlamaidean na h-Alba, na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Eòrpa ion-roghnach a bhith nam buill de chomhairlean coimhearsnachd tro dhreuchd, ach gun chòraichean bhòtaidh. Tha cunntas farsaing de dhleastanasan agus uallaichean nam Pàrlamaidean sin anns an Stiùireadh an cois an Dreachd Sgeama.

6. Stèidheachadh chomhairlean coimhearsnachd fon dreachd sgeama

Às dèidh don ùghdarras ionadail an Sgeama airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd a chùl-ghairm agus co-dhùnadh Sgeama ùr a dhèanamh, foillsichidh e Fios Poblach, le cuireadh don mhòr-shluagh molaidhean a dhèanamh a thaobh sgìrean agus buill nan comhairlean coimhearsnachd. Às dèidh sin, bidh cùrsa co-chomhairleachaidh air a dhèanamh mus gabh an t-ùghdarras ionadail ris gu foirmeil.

7. Taghaidhean comhairle coimhearsnachd

Ion-roghnachd

Feumaidh tagraichean a tha ag iarraidh seasamh airson taghadh gu comhairle coimhearsnachd a bhith a' fuireach san sgìre agus a bhith ainmichte air a' Chlàr-bhòtaidh airson na sgìre sin. Buinidh na h-aon shlatan-tomhais do luchd-bhòtaidh ann an taghadh comhairle coimhearsnachd.

Tha aig òigridh aois 16 agus 17 bliadhna a tha a' fuireach ann an sgìre na comhairle coimhearsnachd agus ainmichte air a' Chlàr-bhòtaidh airson na sgìre sin cuideachd ion-roghnach seasamh airson na comhairle coimhearsnachd agus bhòtadh ann an taghadh sam bith. Faodar clàr-bhòtaidh a bharrachd a chur ri chèile ann an suidhichidhean a bhuineas do dh'òigridh aois 16 agus 17 bliadhna agus airson luchd-còmhnaidh ùr.

Thathar a' meas gu bheil ball sam bith de chomhairle coimhearsnachd nach eil nas fhaide a' còmhnaidh taobh a-staigh sgìre na comhairle coimhearsnachd sin air a dhreuchd a thoirt suas bhon chomhairle coimhearsnachd sin.

Cha bhi neach sam bith a tha air a thaghadh mar bhall den ùghdarras ionadail seo, no de Phàrlamaid na h-Alba, na Rìoghachd Aonaichte no na h-Eòrpa ion-roghnach cumail air mar chomhairliche coimhearsnachd, no seasamh airson taghadh gu comhairle coimhearsnachd. Bidh na daoine sin, às dèidh dhaibh an dreuchd a ghabhail, nam buill tro dhreuchd de na comhairlean coimhearsnachd airson na roinn-taghaidh aca air fad no pàirt dhi.

Tagraichean agus taghaidhean

Bidh a' chiad thaghaidhean fon Sgeama air an cumail air ceann-là a bhios ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail.

Às dèidh sin bidh taghaidhean air an cumail air sreath cheithir-bliadhna, chan ann am bliadhnachan taghaidh riaghaltasan ionadail, air cinn-là a bhios air an suidheachadh leis an ùghdarras ionadail. Far am bi an àireamh de chomhairlean coimhearsnachd stèidhichte nas àirde na an ìre a shuidhich an t-ùghdarras ionadail, faodar taghaidhean a chur air dòigh airson pàirt den àireamh iomlan de chomhairlean coimhearsnachd stèidhichte taobh a-staigh na sreath 4-bliadhna. Ma thuiteas cuairt taghaidh nan comhairlean coimhearsnachd san aon bhliadhna ri taghaidhean riaghaltasan ionadail na h-Alba no taghaidhean pàrlamaid, thèid na h-imeachdan taghaidh a chumail air an ath bhliadhna.

Bidh an t-ùghdarras ionadail a' riaghladh a h-uile taghadh.

Oifigear taghaidh

Cuiridh an t-ùghdarras ionadail Oifigear Taghaidh neo-eisimeileach an dreuchd. Chan fhaod an t-Oifigear Taghaidh neo-eisimeileach a bhith na ball taghte den chomhairle choimhearsnachd sin aig an àm no am beachd seasamh airson taghadh don chomhairle choimhearsnachd sin.

Tagraichean

Feumaidh daoine a tha ag iarraidh a bhith air an taghadh gu comhairle coimhearsnachd a bhith air an ainmeachadh le neach-molaidh agus neach-taic, agus feumaidh an dà bhall sin a bhith air Clàr-bhòtaidh sgìre na comhairle coimhearsnachd sin. Feumaidh tagraidhean a chur a-steach a-mhàin le cead an tagraiche. Chan eil fèin-thagradh ceadaichte.

Bu chòir foirm ainmeachaidh a lìonadh, san riochd a tha air a mhìneachadh sna Notaichean Stiùiridh. Feumar foirmean ainmeachaidh a chur a-steach air a' cheann-là air a chomharrachadh ann an clàr-ama an taghaidh. Cha ghabhar ri foirmean ainmeachaidh a thig a-steach às dèidh a' chinn-là sin.

Pròiseas

Nuair a thig an ùine airson tagraichean a chur a-steach gu crìch:

  1. Ma bhios an àireamh de thagraichean air an ainmeachadh gu dligheach co-ionann ri no nas àirde na DARA LETH, ach nas lugha na no co-ionann ris a' bhallrachd iomlan ceadaichte as àirde mar a tha air a chomharrachadh airson sgìre na comhairle coimhearsnachd ann am Pàipear-taice IV den Sgeama, thèid fhoillseachadh gu bheil na tagraichean ainmichte air an taghadh agus cha bhi baileat ann.

  2. Ma bhios an àireamh de thagraichean air an ainmeachadh gu dligheach nas àirde na a' bhallrachd iomlan ceadaichte as àirde mar a tha air a chomharrachadh airson sgìre na comhairle coimhearsnachd, thèid ullachadh a dhèanamh airson Bhòtadh. Aig a' bhòtadh, bidh gach neach-bhòtaidh ion-roghnach bhòtadh airson tagraichean suas chun an àireamh de dhreuchdan bàn air a' chomhairle coimhearsnachd.

  3. Ma bhios an àireamh de thagraichean taghte, nas ìsle na DARA LETH na a' bhallrachd iomlan ceadaichte as àirde, mar a tha air a chomharrachadh airson sgìre na comhairle coimhearsnachd, cha bhi comhairle coimhearsnachd air an stèidheachadh aig an àm sin. Ach, faodaidh an t-ùghdarras ionadail dara gairm a chur a-mach airson tagraichean airson sgìre comhairle coimhearsnachd nach coinnich ris a' bhallrachd as lugha a dh'fheumar taobh a-staigh 6 mìosan de cheann-là dùnaidh na ciad ghairm airson tagraichean a chlàradh.

Dòigh Taghadh

Bidh taghaidhean stèidhichte air sgìrean ùghdarras ionadail iomlan no roinnean rianachd tiomnaichte, mar a chithear iomchaidh. Bidh e nas fheàrr ma ghabhas taghaidhean àite anns gach sgìre ùghdarrais ionadail aig an aon àm. Ach, 's dòcha gum feum ùghdarrasan ionadail mòra an taghaidhean a chumail mean air mhean, thar ùine no sreath shònraichte. Bidh comhairlean coimhearsnachd air an taghadh air stèidh mòr-chuid shìmplidh. Lìonadh dreuchdan sealach /dreuchdan bàn eadar taghaidhean

'S dòcha gun èirich dreuchdan sealach air comhairle coimhearsnachd anns na suidhichidhean a leanas:

  • Ma dh'iarras ball taghte comhairle coimhearsnachd a dreuchd/dhreuchd a thoirt suas

  • Mur bi ball taghte comhairle coimhearsnachd nas fhaide a' còmhnaidh taobh a-staigh sgìre na comhairle coimhearsnachd sin

  • Ma thèid ballrachd ball taghte comhairle coimhearsnachd a dhì-cheadachadh (Clàsa 9)

Ma dh'èireas àite no àiteachan bàn air comhairle coimhearsnachd eadar taghaidhean, feumaidh a' chomhairle coimhearsnachd ullachaidhean taghaidh iomchaidh a dhèanamh, an co-chomhairle ris an ùghdarras ionadail. Faodar àite bàn a lìonadh tro thaghadh eadar-amail no tro cho-thaghadh. Ach, ma thig suidheachadh far an tuit an àireamh de chomhairlichean coimhearsnachd taghte nas ìsle na DARA LETH den bhallrachd cheadaichte as àirde, thèid innse don ùghdarras ionadail gus an dèanar ullachaidhean airson taghadh eadar-amail a chumail, mar a tha air a mhìneachadh sna Notaichean Stiùiridh.

Co-thaghadh gu comhairlean coimhearsnachd

Feumaidh buill co-thaghte a bhith ion-roghnach airson ballrachd na comhairle coimhearsnachd mar a tha air a mhìneachadh ann an Earrann 5 den Sgeama nan Comhairlean Coimhearsnachd. Feumaidh iad a bhith air an taghadh chun na comhairle coimhearsnachd le mòr-chuid de dhithis a-mach à triùir de na comhairlichean coimhearsnachd taghte (coitcheann agus eadar-amail) a tha an làthair agus a' bhòtadh. Bidh làn chòraichean bhòtaidh aig na buill cho-thaghte sin, ach a-mhàin bhòtadh air co-thaghadh bhall, agus bidh iad nam buill gus an ath shreath thaghaidhean (coitcheann agus eadar-amail). Feumaidh fios mu mhodh-obrach co-thaghadh sam bith a chaidh a mholadh innse don h-uile ball den chomhairle choimhearsnachd sin 14 latha aig a' char as lugha ron choinneamh aig an dèanar co-dhùnadh mun chùis.

Chan fhaod an àireamh de bhuill co-thaghte a bith nas àirde na TREAS CUID de bhallrachd taghte (coitcheann agus eadar-amail) comhairle coimhearsnachd aig an àm. Ma thèid an co-mheas eadar comhairlichean coimhearsnachd co-thaghte agus taghte nas àirde na treas cuid, ann an suidheachadh sam bith, thèid am pròiseas taghaidh eadar-amail air adhart.

Ballrachd a bharrachd

  • Leas-bhuill

Faodaidh leas-bhuill a bhith air an cur an dreuchd le comhairle coimhearsnachd far am bi feum air daoine le sgilean no eòlas sònraichte. Chan eil còraichean bhòtaidh aig na buill sin. Faodaidh leas-bhuill a bhith san dreuchd airson ùine air a shuidheachadh le comhairle coimhearsnachd no airson teirm dreuchd na comhairle coimhearsnachd a chuir san dreuchd iad. Faodaidh leas-bhuill cuideachd a bhith a' riochdachadh bhuidhnean ionadail saor-thoileach stèidhichte eile.

  • Buill tro dhreuchd

Bidh Comhairlichean Ùghdarras Ionadail, BPan, BPAan agus BPEan le uàrdan no roinnean-taghaidh a tha gu h-iomlan no pàirt dhiubh taobh a-staigh sgìre na comhairle coimhearsnachd air am faicinn mar bhuill den chomhairle choimhearsnachd tro dhreuchd. Cha bhi còraichean bhòtaidh aig buill a tha air a' chomhairle choimhearsnachd tro dhreuchd.

8. Co-ionannachdan

Bu chòir àite a thoirt do thaic gach neach a tha a' gabhail pàirt ann an obair na comhairle coimhearsnachd. Feumaidh comhairlean coimhearsnachd cumail ri reachdas Co-ionannachd Chothroman agus dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd cothruim aig a h-uile com-pàirtiche gus àite a thoirt don eòlas, barail, sgil agus fiosrachadh.

9. Dì-cheadachadh ballrachd

Tha ballrachd comhairle coimhearsnachd air a chur an neo-bhrìgh mur bi comhairliche coimhearsnachd nas fhaide a' còmhnaidh taobh a-staigh sgìre na comhairle coimhearsnachd sin. Mur bi ball de chomhairle coimhearsnachd an làthair aig coinneamh comhairle coimhearsnachd sam bith, le no gun leithsgeulan a thoirt, fad ùine 6 mìosan, faodaidh a' chomhairle coimhearsnachd crìoch a chur air am ballrachd. Mar is roghnach le comhairlean coimhearsnachd fa leth, faodar fòrladh airson buill comhairle coimhearsnachd a cheadachadh aig coinneamh sam bith den chomhairle choimhearsnachd.

10. Coinneamhan

Bidh a' chiad coinneamh aig comhairle coimhearsnachd às dèidh taghadh comhairle coimhearsnachd, air a gairm le Oifigear Taghaidh neo-eisimeileach air aontachadh leis an ùghdarras ionadail agus gabhaidh i àite taobh a-staigh 21 latha de cheann-là an taghaidh, no cho luath 's a ghabhas dèanamh às dèidh sin. Gabhaidh gnothach na coinneamh sin a-steach gabhail ri Bun-reachd agus Gnàth-riaghailtean, suidheachadh luchd-dreuchd agus gnothaichean sam bith gun chrìochnachadh leis a' chomhairle coimhearsnachd a bha ann roimhe.

Faodaidh gach comhairle coimhearsnachd roghnachadh dè cho tric 's a bhios coinneamhan aca, cho fad 's a bhios aon choinneamh bhliadhnail agus 6 coinneamhan cumanta aig a' char as lugha air an cumail gach bliadhna. Bidh a' choinneamh bhliadhnail air a cumail ann am mìos de gach bliadhna ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail.

'S e an cuòram airson coinneamhan comhairle coimhearsnachd treas cuid de bhallrachd bhòtaidh na comhairle coimhearsnachd aig an àm, no 3 buill bhòtaidh, ge b' e dè an àireamh as motha.

Gheibhear mìneachadh air na cuspairean gnothach ris am bu chòir comhairlean coimhearsnachd cumail aig coinneamhan cumanta, sònraichte agus bliadhnail taobh a-staigh nan Dreachd Ghnàth-riaghailtean.

11. Ceangal ris an ùghdarras ionadail

Gus an obraich comhairlean coimhearsnachd gu h-èifeachdach, tha an t-ùghdarras ionadail air oifigear ainmeachadh a bhios na Oifigear Ceangail còmhla ri comhairlean coimhearsnachd. Mur bi aonta shònraichte ann no na chùis a bhuineas do roinn sònraichte, bu chòir gach conaltradh eadar an ùghdarras ionadail agus na comhairlean coimhearsnachd a chur, sa ciad àite, tron oifigear sin.

Faodaidh comhairlean coimhearsnachd riochdachaidhean a dhèanamh chun an ùghdarrais ionadail agus gu buidhnean poblach agus prìobhaideach eile, air cùisean a tha an urra riutha agus a shaoilear a bhuineas don sgìre. Bu chòir riochdachaidhean a dhèanamh, a thaobh gearanan reachdail, mar cùisean dealbhaidh no ceadachd, chun an oifigeir iomchaidh den ùghdarras ionadail. Ma tha roinn ùghdarrais ionadail a' cur comhairle ri comhairlean coimhearsnachd, bu chòir riochdachaidhean a dhèanamh gu oifigeir na roinne iomchaidh.

Bheir comhairlean coimhearsnachd lethbhric de na clàran-gnothaich agus den gheàrr-chunntas aca taobh a-staigh raointean-ama òrdaichte don Chomhairle tro oifigear ainmichte an ùghdarrais ionadail.

12. Stòrasan Comhairle Coimhearsnachd

Bidh ullachadh airson bliadhna-ionmhais gach comhairle coimhearsnachd ann am bun-reachd gach comhairle coimhearsnachd agus bidh i bho (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) gu (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) anns gach bliadhna às dèidh sin gus am faighear air aithris ceart air cunntasan sgrùdaichte a chur gu coinneamh bhliadhnail na comhairle coimhearsnachd air ceann-là ainmichte.

Bidh Cunntasan Bliadhnail gach comhairle coimhearsnachd air an sgrùdadh le dà nach-sgrùdaidh neo-eisimeileach aig a' char as lugha air am fastadh leis a' chomhairle coimhearsnachd, nach eil nam buill den chomhairle coimhearsnachd sin. Cho luath 's a bhios an aithris air a h-aontachadh aig coinneamh bhliadhnail na comhairle coimhearsnachd thèid lethbhreac den aithris air cunntasan/cunntas cothromachaidh sgrùdaichte a chur gu oifigear ainmichte den ùghdarras ionadail.

Faodaidh an t-oifigear ainmichte, an co-chomhairle ri Àrd-oifigear Ionmhais na Comhairle, iarraidh air a' chomhairle coimhearsnachd clàran, teisteanasan agus leabhraichean cunntais sam bith a thèid iarraidh a shealltainn dhaibh.

Bidh cumhachd aig gach comhairle coimhearsnachd maoin fhaighinn airson sgeamaichean, pròiseactan agus a h-uile adhbhar eile co-chòrdail ri a gnìomhan.

Bidh gach comhairle coimhearsnachd ion-roghnach cur airson tabhartasan airson pròiseactan freagarrach tro shiostam thabhartasan an ùghdarrais ionadail.

Faodaidh an t-ùghdarras ionadail ciad thabhartas rianachd a thoirt do chomhairlean coimhearsnachd airson an cuideachadh le cosgaisean obrachaidh na comhairle coimhearsnachd. Bidh an tabhartas aig ìre shuidhichte as lugha de £ (ri shuidheachadh leis an e ùghdarras ionadail) le –p as lugha a bharrachd. (ri shuidheachadh leis an ùghdarras ionadail) gach neach.

Suidhichidh an t-ùghdarras ionadail seirbheisean taic/maoin sam bith eile, mar: lethbhreacadh agus sgaoileadh geàrr-chunntas chomhairlean coimhearsnachd, clàran-gnothaich agus tallachan an-asgaidh airson coinneamhan comhairle coimhearsnachd, gus freagairt air feumalachdan na sgìre. Nì an t-ùghdarras ionadail ath-bhreithneachadh air an ìre de thabhartas rianachd bliadhnail agus taic eile do chomhairlean coimhearsnachd às dèidh gach sreath taghaidh aig riaghaltas ionadail.

Cuiridh Oifigear Ceangail an ùghdarrais ionadail air dòigh comhairle agus taic do chomhairlean coimhearsnachd agus prògram trèanaidh airson comhairlean coimhearsnachd air dleastanasan agus uallaichean luchd-dreuchd comhairle coimhearsnachd, dleastanas chomhairlean coimhearsnachd, gnìomhan an ùghdarrais ionadail agus cuspairean buntainneach eile.

13. Buailteachd bhuill comhairle coimhearsnachd

Thathar air sgeama nàiseanta de bhuailteachd àrachais a chur air dòigh. Thèid a' bhuailteachd àrachais a chur an gnìomh nuair a dh'innseas an t-ùghdarras ionadail don neach-urrais gu bheil comhairle coimhearsnachd air a stèidheachadh.

14. Sgaoileadh comhairle coimhearsnachd

Tha na cumhaichean airson sgaoileadh comhairle coimhearsnachd taobh a-staigh an Dreachd Bhun-reachd.

A dh'aindeoin nan cumhaichean sin, mur cùm comhairle coimhearsnachd coinneamh airson 3 cinn-là choinneamhan òrdaichte ann na sreath, no ma thuiteas a ballrachd nas ìsle na an àireamh òrdaichte as lugha airson 3 cinn-là choinneamhan òrdaichte co-leanailteach (agus a' chomhairle coimhearsnachd agus an t-ùghdarras ionadail rè na h-ùine seo air a bhith a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh), gabhaidh an t-ùghdarras ionadail ceuman gus a' chomhairle coimhearsnachd sin a chur mu sgaoil.

Published:
1 Apr 2010
Comhairlean coimhearsnachd: dreachd sgeama airson stèidheachadh