beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Agreement

Comhairlichean coimhearsnachd: còd giùlain

Tha an Còd Giùlain airson Comhairlichean Coimhearsnachd stèidhichte gu mòr air a' Chòd Giùlain airson comhairlichean ùghdarras ionadail agus buidhnean poblach buntainneach mar a tha sna h-ullachaidhean ann an Achd Inbhean Eiticeil sa Bheatha Phoblaich msaa (Alba) 2000.

Tha uallach air Comhairlichean Coimhearsnachd, mar riochdairean taghte an coimhearsnachdan, dèanamh cinnteach gu bheil eòlas aca air na prionnsabalan sa Chòd Giùlain seo, agus gu bheil an gnìomhan a' cumail riutha. Buinidh an Còd Giùlain agus a prionnsabalan, don h-uile Comhairliche Coimhearsnachd agus na daoine a tha a' riochdachadh na Comhairle Coimhearsnachd. Tha na prionnsabalan sin mar a leanas:

  • seirbheis don choimhearsnachd (seirbheis phoblach)
  • neo-fhèinealachd
  • ionracas
  • neo-eisimeileachd
  • cunntachalachd agus stiùbhartachd
  • fosgarrachd
  • trèibhdhireas
  • ceannardas
  • spèis

Seirbheis don Coimhearsnachd

Mar Chomhairliche Coimhearsnachd tha thu fo dhleastanas obrachadh airson math na coimhearsnachd ionadail, a tha air do thaghadh no air d' ainmeachadh airson an riochdachadh. Tha thu cuideachd fo dleastanas obrachadh ann na co-rèir ri raon-dleastanais Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd, mar a tha air a chomharrachadh leis an ùghdarras ionadail agad fo chumhaichean Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1973.

Tha thu fo dhleastanas faighinn a-mach agus sealltainn, tron Chomhairle Coimhearsnachd, beachdan na coimhearsnachd air fad, air cùis sam bith, a dh'aindeoin do bharail pearsanta.

Bu chòir dhut dèanamh cinnteach gum bi cothrom iomchaidh aig coimhearsnachd ionadail agus luchd-còmhnaidh na sgìre bruidhinn riut. Bu chòir diofar dhòighean a bhith ann air am faigh a' choimhearsnachd san fharsaingeachd air am beachdan a chur an cèill, i.e. bogsaichean mholaidhean, suirbhidhean coimhearsnachd, cunntasan bheachd, ma bhios sin iomchaidh.

Neo-fhèinealachd

Tha thu fo dhleastanas co-dhùnaidhean a dhèanamh a-mhàin a thaobh math na coimhearsnachd a tha thu a' riochdachadh. Chan fhaod thu do dhreuchd mar Chomhairliche Coimhearsnachd a chleachdadh airson buannachd a ionmhais, stuth, poileataigeach no buannachd phearsanta eile fhaighinn dhut fhèin, do theaghlach no do charaidean.

Ionracas

Chan fhaod thu a dhol fo uallach ionmhasail no uallach sam bith eile do dhuine no buidheann sam bith a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn mar nì a bheir buaidh air an dòigh sa bheil thu a' riochdachadh do choimhearsnachd. Ma tha com-pàirt prìobhaideach agus/no pearsanta sam bith agad ann an cùis air am bi a' Chomhairle Coimhearsnachd a' beachdachadh, tha thu fo dhleastanas seo fhoillseachadh agus ma shaoileas buill eile gu bheil e deatamach, tarraing air ais bho na deasbadan agus a' mhodh co-dhùnaidh co-cheangailte ris a' chùis sin.

Cha bu chòir dhut tiodhlacan no aoigheachd a ghabhail a dh'fhaodadh a bhith air fhaicinn mar nì a bheir buaidh air no a dh'iarradh buaidh a thoirt air do bharail no do bhreithneachadh. Bu chòir innse mu gach tiodhlac, de sheòrsa sam bith, air an tabhann agus/no a gheibhear agus sin a bhith clàrte le Rùnaire na Comhairle Coimhearsnachd.

Neo-eisimeileachd

Nad cho-dhùnaidhean agus bharailean uile mar Chomhairliche Coimhearsnachd, feumaidh tu feuchainn ri beachdan do choimhearsnachd san fharsaingeachd a riochdachadh, a' toirt aire do fhiosrachadh a bheirear dhut no a tha san fhollais, a' measadh airidheachd agus a' faighinn fiosrachadh ma bhios sin iomchaidh, agus a' cur do bharailean no roghainnean fhèin chun an dara taobh.

'S dòcha gum bi thu air do chur an dreuchd no air d' ainmeachadh leis a' Chomhairle Coimhearsnachd agad gu bhith nad bhall de bhuidheann riochdachail eile. Bu chòir dhut dèanamh cinnteach gun tèid cumail ris a' Chòd Giùlain seo nuair a tha thu a' dèanamh dleastanasan na buidhne eile.

Faodaidh ceanglaichean poileataigeach agus/no creideimh a bhith agad; ach feumaidh tu dèanamh cinnteach gu bheil thu a' riochdachadh math na coimhearsnachd agus na Comhairle Coimhearsnachd agad agus chan e cùisean pàrtaidh poileataigeach no buidheann sònraichte eile.

Cunntachalachd agus stiùbhartachd

Tha thu cunntachail airson nan co-dhùnaidhean agus nan gnìomhan a nì thu às leth do choimhearsnachd tron Chomhairle Coimhearsnachd. Feumaidh tu dèanamh cinnteach gun cleachd a' Chomhairle Coimhearsnachd a stòrasan gu faiceallach agus ann na co-rèir ri an lagh.

Nì Comhairlichean Coimhearsnachd nan aonar agus còmhla cinnteach gu bheil gnothaichean na Comhairle Coimhearsnachd air a stiùireadh a rèir Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd agus an Còd Giùlain seo.

Nì Comhairlichean Coimhearsnachd nan aonar agus còmhla cinnteach gun tèid cunntasan bliadhnail a dheasachadh a' sealltainn gnothaichean ionmhais na Comhairle Coimhearsnachd mar a tha air am mìneachadh ann an Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd. Feumaidh iad cuideachd dèanamh cinnteach gu bheil an stòrasan uile air an cleachdadh gu comasach, èifeachdach agus cothromach agus airson gnothaichean Comhairle Coimhearsnachd a-mhàin agus chan an airson adhbhar sam bith eile.

Bu chòir geàrr-chunntas Choinneamhan a' clàradh a h-uile gnìomh agus co-dhùnadh a rinneadh a dheasachadh agus a chuairteachadh chun a h-uile ball den Chomhairle Coimhearsnachd cho luath 's a ghabhas às dèidh gach coinneimh.

Faodar briseadh sam bith de Sgeama na Comhairle airson Stèidheachadh Chomhairlean Coimhearsnachd mar a tha air a chomharrachadh leis an ùghdarras ionadail agad fo chumhaichean Achd Riaghaltas Ionadail (Alba) 1973 innse don ùghdarras ionadail agad gus co-dhùnadh am bu chòir nì sam bith a dhèanamh.

Fosgarrachd

Tha thu fo dhleastanas a bhith fosgailte mu na co-dhùnaidhean, gnìomhan agus riochdachaidhean agad, a' toirt adhbharan air an son ma tha sin iomchaidh. Bu chòir gum b' urrainn dhut ùghdarras math a thoirt airson do cho-dhùnaidhean agus a bhith cinnteach nach tug beachdan agus/no barailean dhaoine eile cus buaidh ort.

Ma tha thu a' dèiligeadh ri na Meadhanan, buill den phoball, no daoine eile gun chom-pàirt dìreach sa Chomhairle Coimhearsnachd agad, bu chòir dhut dèanamh cinnteach gum bi dealachadh soilleir eadar do bheachdan agus barailean pearsanta agus beachdan no aithris sam bith a nì thu mu no às leth na Comhairle Coimhearsnachd.

Trèibhdhireas

Tha thu fo dhleastanas obrachadh le trèibhdhireas. Tha thu cuideachd fo uallach obrachadh taobh a-staigh an lagh an-còmhnaidh. Feumaidh tu com-pàirt prìobhaideach sam bith a bhuineas do na dleastanasan agad sa Chomhairle Coimhearsnachd fhoillseachadh agus feuchainn ri còmhstrithean sam bith a dh'èireas fhuasgladh ann an dòigh a tha a' dìon math na coimhearsnachd agus na Comhairle Coimhearsnachd.

Ceannardas

Tha thu fo dhleastanas a bhith ag adhartachadh agus a' toirt taic do phrionnsabalan a' Chòd Giùlain seo tro cheannardas agus eisimpleir, gus earbsa agus misneachd na coimhearsnachd ann an ionracas na Comhairle Coimhearsnachd agus nam ball a chumail a' dol agus a neartachadh a thaobh riochdachadh bheachdan agus fheuman na sgìre. Feumaidh tu cuideachd in-ghabhail shòisealta a bhrosnachadh agus cur an aghaidh lethbhreith de sheòrsa sam bith.

Bu chòir dhut obrachadh gus a' Chomhairle Coimhearsnachd a chuideachadh, cho fad 's a ghabhas, airson math na coimhearsnachd a tha sibh a' riochdachadh air fad. Far a bheil cùisean bhuidhnean iomairt sònraichte an aghaidh cùisean bhuidhnean eile no sgìrean eile bu chòir dhut cuideachadh gus dèanamh cinnteach gu bheil a' Chomhairle Coimhearsnachd mothachail orra.

Spèis

Feumaidh tu spèis a thoirt do na buill eile den Chomhairle Coimhearsnachd agus na daoine a tha thu a' riochdachadh, a' dèiligeadh riutha daonnan le modh agus spèis agus gun lethbhreith. Bu chòir don seo leudachadh gu neach sam bith, ge b' e air bith dè an dreuchd sa bheil iad, ris a bheil thu a' dèiligeadh nad dhreuchd mar Chomhairliche Coimhearsnachd.

Bu chòir àite a thoirt do thaic a h-uile duine a tha a' gabhail pàirt ann an obair na Comhairle Coimhearsnachd. Feumaidh tu cumail ri reachdas Co-ionannachd Chothroman agus dèanamh cinnteach gum bi co-ionannachd cothruim aig a h-uile com-pàirtiche gus aire a thoirt don eòlas, barail, sgilean agus fiosrachadh.

Bu chòir dhut dèanamh cinnteach gun tèid stuth dìomhair, a' gabhail a-steach fiosrachadh mu dhaoine, a chumail dìomhair agus gum bi e air a làimhseachadh le urram agus faiceall agus nach eil e air a chleachdadh airson adhbharan pearsanta, mì-rùnach no coirbte.

Published:
1 Apr 2010
Comhairlichean coimhearsnachd: còd giùlain