beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Consultation Paper

Draft Referendum Bill consultation: Gaelic language summary version

Published: 8 Nov 2016
Part of:
Constitution and democracy
ISBN:
9781786525840

Gaelic language summary version of the consultation paper on a draft Referendum Bill.

11 page PDF

259.7kB

11 page PDF

259.7kB

Contents
Draft Referendum Bill consultation: Gaelic language summary version
Co-chomhairleachadh air Dreachd de Bhile airson Reifreann - Geàrr-chunntas Gàidhlig

11 page PDF

259.7kB

Co-chomhairleachadh air Dreachd de Bhile airson Reifreann - Geàrr-chunntas Gàidhlig

Nòta mun gheàrr-chunntas seo

Tha an pàipear seo na gheàrr-chunntas sa Ghàidhlig den cho-chomhairleachadh air dreachd de bhile airson reifreann air neo-eisimileachd, a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba air Diardaoin 20 Dàmhair 2016.

Airson an reachdas fhèin a leughadh, agus fiosrachadh nas mionaidiche co-cheangailte ris, faicibh am pàipear slàn aig http://www.gov.scot/publications/2016/10/8279 . 'S e na caibideilean sa phàipear seo air a bheil an geàrr-chunntas gu h-ìosal ag iomradh.

Faodar freagairtean a chuir thugainn ann an Gàidhlig, a' cleachdadh am foirm gu h-ìosal.

Geàrr-chunntas

Tha am pàipear seo a' mìneachadh na molaidhean aig Riaghaltas na h-Alba a thaobh reachdas airson reifreann mu dheidhinn neo-eisimileachd na h-Alba. Tha e a' mìneachadh molaidhean airson na riaghailtean a bhios a' riaghladh iomairt na reifrinn, giùlan an taghaidh agus mar a thèid na bhòtaichean an cunntais.

Mar a chaidh fhoillseachadh san t-Sultain 2016 ann am Plana airson na h-Alba: Prògram Riaghlaidh Riaghaltas na h-Alba 2016-17, tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh co-chomhairleachadh air dreachd de Bhile airson Reifreann airson 's gum bi iad deiseil airson a thoirt a-steach ma dhearbhas Riaghaltas na h-Alba gur e an dòigh as fheàrr gus sochairean na h-Alba a dhìon, às dèidh don Reifreann mun Aonadh Eòrpach, beachdan muinntir na h-Alba a shireadh. Bhiodh e an uairsin an urra ri Pàrlamaid na h-Alba beachdachadh air a' bhile agus dearbhadh a dhèanamh am bu chòir reifreann a chumail. Ruigidh Riaghaltas na h-Alba co-dhùnadh air am bu chòir dhaibh aonta iarraidh bho Phàrlamaid na h-Alba an ceann na thachras sna mìosan a tha romhainn. Ma bheireas Riaghaltas na h-Alba a-steach am Bile gu foirmeil dhan Phàrlamaid, bhiodh an dùil gum biodh òrdugh air a shireadh agus aontachadh fo earrann 30, mar ann an 2014.

Tha am pàipear co-chomhairleachaidh seo a' sireadh bheachdan air na molaidhean air mar am bu chòir don reifreann obrachadh. Tha dreachd de bhile airson reifreann airson neo-eisimileachd ri fhaighinn mar leas-phàipear ris an tionndadh Beurla den sgrìobhainn seo, ceangal gu h-àrd.

Tha na molaidhean stèidhichte air Achd Reifreann Neo-eisimileachd na h-Alba 2013 ("Achd 2013") a chaidh a chleachdadh gu soirbheachail airson na reifreann ann an 2014. Bha e na ceann-uidhe gum biodh an reifreann cothromach, follaiseach agus iomchaidh chun na h-ìre as àirde. Chaidh an ceann-uidhe seo a ruighinn. Ann am facal-toisich na h-aithisg aig Coimisean nan Taghaidhean air an reifreann air neo-eisimileachd ann an 2014, a chaidh a chumail air 18 Sultain 2014, thuirt Iain MacCormaig, an Coimiseanair Taghaidh le dleastanas sònraichte airson na h-Alba:

"An toiseach, tha mi toilichte a ràdh gun robh an reifreann air a dheagh ruith. Le 84.6% a' nochdadh aig an taghadh, bha seo cho àrd sa chaidh a chlàradh airson taghadh sam bith ann an Alba bhon a thòisich còir-bhòtaidh uile-choitcheann. A bharrachd air seo, dh'innis 10% den luchd-bhòtaidh dhuinn gur e seo a' chiad cothrom aca bhòtadh ann an taghadh reachdail sam bith. Agus bha luchd-bhòtaidh toilichte le mar a chaidh dhaibh leis a' phròiseas taghaidh. Dh'innis 94% den luchd-bhòtaidh a bhòt aig stèiseanan-bhòtaidh, agus 98% den luchd-bhòtaidh a bhòt tron phost, dhuinn gun robh iad riaraichte le seo."

Tha am pàipear seo a' moladh cuid de dh'atharrachaidhean airson solaran Achd 2013 ùrachadh mar thoradh air atharrachaidhean a chaidh a dhèanamh o chionn ghoirid air an lagh mu dheidhinn taghaidhean, gu h-àraid an t-atharrachadh gu clàradh pearsanta airson taghaidhean agus an reachdas Albannach gus aois bhòtaidh ìsleachadh airson daoine aois 16 agus 17 a thoirt a-steach airson taghaidhean ionadail agus airson Pàrlamaid na h-Alba. Tha atharrachaidhean eile ann airson cùisean sònraichte a rèiteachadh a chaidh an togail às dèidh don reifreann ann an 2014.

Foillsichidh Riaghaltas na h-Alba na beachdan a gheibh iad (ach far a bheil luchd-freagairt air dìomhaireachd iarraidh) agus thèid an cleachdadh gus leasachadh a' bhile a thoirt air adhart.

Tha Caibideil 1 a' mìneachadh an co-theacsa agus cùl-fhiosrachaidh far a bheil an co-chomhairleachadh seo air fhoillseachadh.

Tha Caibideil 2 a' dèiligeadh ri stiùireadh agus riaghladh na reifrinn agus còirichean-bhòtaidh - na riaghailtean air co aig a bhios comas bhòtaidh.

Mar ann an 2014 chleachdadh an reifreann an structar rianachd airson taghaidhean a th' aig Alba, air a cho-òrdanachadh le Bòrd Rianachd nan Taghaidhean airson Alba, buidheann a tha neo-eisimileach bho Riaghaltas na h-Alba. Bhiodh an taghadh agus an cunntais air an obrachadh anns an aon dòigh ri taghaidhean àbhaisteach, fo rian oifigearan taghaidh ionadail (air iomradh airson na reifrinn mar "ofigearan cunntais") fo stiùir Àrd Oifigear Cunntais air am biodh uallach airson gum biodh an reifreann air a ghiùlan gu dòigheil agus gu h-èifeachdach.

Bhiodh uallach air oifigearan cunntais, oifigearan clàraidh nan taghaidhean, agus an luchd-obrach airson pròiseasan clàraidh, bhòtaidh agus cunntais a stiùireadh taobh a-staigh na sgìrean ionadail aca. Bhiodh na riaghailtean mionaideach mu dheidhinn giùlan na bhòt glè coltach ri na riaghailtean a chaidh an cleachdadh ann an 2014.

Tha an co-chomhairleachadh a' moladh gun tèid riaghladh agus dearcnachadh na reifrinn, mar ann an 2014, a dhèanamh le Coimisean nan Taghaidhean, agus gun cuireadh iad a-mach stuthan stiùiridh. Chuireadh an Coimisean cuideachd ri chèile aithisg mu dheidhinn pròiseas na reifrinn às dèidh dha crìochnachadh. Am measg an dleastanasan airson na reifrinn seo bhiodh aig a' Choimisean ri bhith fo stiùir Phàrlamaid na h-Alba.

Bhiodh còirichean-bhòtaidh airson reifreann mu bhun-reachd na h-Alba san àm ri teachd aig daoine a tha a' fuireach ann an Alba. Bhiodh luchd-bhòtaidh airidh ma bha iad airidh airson na reifrinn ann an 2014, agus airson taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba agus airson riaghaltas ionadail. Bheireadh seo a-steach daoine aois 16 agus 17 agus saoranaich dhen Aonadh Eòrpach, a' leantail a' phrionnsabal gum bu chòir co-dhùnaidhean a thaobh Alba san àm ri teachd a ruighinn leis an fheadhainn a tha a' fuireach agus ag obair an seo, a' gabhail a-steach a h-uile neach a tha air Alba a thaghadh mar dhachaigh.

Tha cuid de dh'atharrachaidhean air am moladh air rianachd a thaobh bhòtadh neo-làthaireach. Tha seo ag ùrachadh Achd 2013 a-rèir leasachaidhean ann an obrachadh a chaidh a stèidheachadh airson taghaidhean Albannach eile, mar eisimpleir airson dèanamh cinnteach gun tèid 100% de chomharran aithneachaidh airson bhòtaichean a gheibhear tron phost a dhearbhadh.

Tha atharrachadh ris an dòigh-obrach airson luchd-obrach bhòtaidh agus cunntais air a mholadh. Chaidh seo a mholadh le Coimisean nan Taghaidhean anns an aithisg air an Reifreann ann an 2014 agus tha e a' cur solaran an gnìomh nach bu chòir do dh'oifigearan-taghaidh luchd-obrach bhòtaidh agus cunntais fhastadh ma tha fios aca gu bheil iad air a bhith an-sàs ann an iomairt.

Tha Caibideil 3 a' mìneachadh na riaghailtean a tha air am moladh airson gum bi cinnt ann gum bi iomairt na reifrinn air a ruith ann an dòigh a tha cothromach agus follaiseach.

Tha na riaghailtean coltach ris an fheadhainn a chaidh an cleachdadh ann an 2014. Tha ùrachadh de na riaghailtean air com-pàirtichean ceadaichte air a mholadh. Tha iad seo ag ùrachadh an dreachd den bhile a-rèir atharrachaidhean o chionn ghoirid ris an lagh a thaobh taghaidhean agus dòigh-obrach airson reifreannn, agus a' cur an gnìomh atharrachaidhean beaga a chaidh am moladh le Coimisean nan Taghaidhean anns an aithisg air an Reifreann ann an 2014. Nam measg, tha gum feum an neach a thèid a thaghadh airson uallach a ghabhail a thaobh buidhnean pàirteachaidh a tha ceadaichte an tagradh airson clàradh mar chom-pàirtiche ceadaichte a shoighnigeadh, agus gun urrainn do dh'oifigear-iomairt bho phàrtaidh poilitigeach dreuchd an neach-ionmhais a ghabhail mar neach le uallach.

Mar ann an 2014, dh'fheumadh neach neo buidheann a bha airson còrr is £10,000 a chosg air iomairt airson toradh air leth clàradh leis a' Choimisean mar chom-pàirtiche ceadaichte.

Faodaidh com-pàirtiche ceadaichte tagradh a chuir a-steach don Choimisean (am "buidheann ainmichte") airson toradh san reifreann. Tha an dreachd den bhile airson Reifreann ag ainmeachadh na crìochan air na tha ceadaichte airson diofar seòrsaichean de chom-pàirtichean ceadaichte a chosg.

Cha bhiodh maoineachadh poblach air a thoirt seachad air an son-san a tha airson a bhith ag iomairt.

Tha Caibideil 4 ag innse mar a dh'fhaodar freagairt ris a' cho-chomhairleachadh.

'S e an ceann-là airson freagairtean Diciadain 11 Faoilleach 2017.

Mar a chuireas sibh ur beachdan thugainn

  • 'S e cothrom a th' anns a' cho-chomhairleachadh seo beachdan a chuir thugainn mu dheidhinn reifreann air bun-reachd na h-Alba san àm ri teachd. Bu chòir dhuibh ur freagairtean a chuir thugainn ro Dhiciadain 11 Faoilleach 2017.
  • Bhiodh e na chuideachadh ur freagairtean fhaighinn air post-d neo air am foirm air-loidhne. Gheibhear seo aig: https://consult.scotland.gov.uk. Faodaidh sibh cuideachd freagairt a chuir thugainn aig an seòladh gu h-ìosal.
  • Tha sinn cuideachd toilichte freagairtean sgrìobhte fhaighinn, ann am Beurla no Gàidhlig.

A' freagairt ris a' cho-chomhairleachadh seo

Tha sinn a' sireadh bheachdan air a' cho-chomhairleachadh seo ro 11 Faoilleach 2017.

Faodaidh sibh freagairt ris a' cho-chomhairleachadh tron siostam co-chomhairleachaidh aig Riaghaltas na h-Alba, Citizen Space. Gheibh sibh an co-chomhairleachadh air-loidhne aig https://consult.scotland.gov.uk/elections-and-constitutional-development-division/draft-referendum-bill/. Faodaidh sibh ur freagairt a shàbhaileadh agus tilleadh thuige cho fad 's gu bheil an co-chomhairleachadh fhathast fosgailte. Dèanamh cinnteach gu bheil ur freagairtean air an cur thugainn ron cheann-là 11 Faoilleach 2017.

Mura bheil e comasach dhuibh freagairt a chuir thugainn air-loidhne, lìonaibh a-steach am Foirm Fiosrachaidh Luchd-Freagairt (faicibh "Mar a làimhsichear ur freagairt" gu h-ìosal) agus cuiribh thugainn aig:

Co-chomhairleachadh air Reifreann
Sgioba nan Taghaidhean
Raon 2 Siar
Taigh Naomh Anndrais
Rathad Regent
Dùn Èideann
EH1 3DG

Mar a làimhsichear ur freagairt

Ma fhreagras sibh tro Citizen Space ( http://consult.scotland.gov.uk/), thèid ur stiùireadh don Fhoirm Fiosrachaidh Luchd-Freagairt. Faodaidh sibh innse mar a tha sibh airson gun làimhsich sinn ur freagairt agus, gu h-àraid, a bheil sibh toilichte gun tèid ur freagairt fhoillseachadh.

Mura bheil e comasach dhuibh freagairt a chuir thugainn tro Citizen Space, lìonaibh a-steach am Foirm Fiosrachaidh Luchd-Freagairt agus cuiribh thugainn. Ma tha sibh airson nach foillsich sinn ur freagairt, dèiligidh sinn ris gu dìomhair, agus làimhsichidh sinn i gu h-iomchaidh.

Bu chòir do luchd-freagairt a bhith mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba fo chumhachd Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus, ma-thà, bhiodh aca ri beachdachadh air tagradh sam bith a gheibheadh iad fon Achd airson fiosrachadh co-cheangailte ri freagairtean a gheibh iad ris a' cho-chomhairleachadh seo.

An ath cheum sa phròiseas

Far a bheil luchd-freagairt air cead a thoirt dhuinn an freagairtean fhoillseachadh, agus às deidh dhuinn dèanamh cinnteach nach eil stuthan ann a dh'fhaodadh a bhith mì-chlìuiteach, thèid freagairtean fhoillseachadh aig http://consult.scotland.gov.uk. Ma chuireas sibh freagairt thugainn tro Citizen Space, gheibh sibh lethbhreac dhe tro phost-d.

Às deidh don cheann-là, thèid beachdachadh air a h-uile freagairt, còmhla ri fianais sam bith eile a th' againn airson cuideachadh. Thèid freagairtean fhoillseachadh far an d'fhuair sinn cead seo a dhèanamh.

Beachdan agus gearanan

Ma tha beachdan sam bith agaibh air mar a chaidh an co-chomhairleachadh seo a ruith, cuiribh iad gu:

Co-chomhairleachadh air Reifreann
Sgioba nan Taghaidhean
Raon 2 Siar
Taigh Naomh Anndrais
Rathad Regent
Dùn Èideann
EH1 3DG

Pròiseas co-chomhairleachaidh Riaghaltas na h-Alba

'S e pàirt riatanach den phròiseas airson poleasaidhean a chruthachadh a th' ann an co-chomhairleachadh. Tha e a' toirt dhuinn an cothrom beachdachadh air na beachdan agus eòlas agaibh air raon-obrach a thathar a' moladh.

Gheibh sinn ar co-chomhairleachaidhean air fad air-loidhne: http://consult.scotland.gov.uk. Tha gach co-chomhairleachadh a' mìneachadh na cùisean air a bheil sinn a' sireadh bheachdan, agus dòigh airson ur beachdan a chuir thugainn, air-loidhne, tro phost-d neo tron phost.

Tha diofar dòighean anns an urrainn dhuinn beachdan fhaotainn airson co-chomhairleachadh, mar eisimpleir coinneamhan poblach, buidhnean fòcas, neo dòighean eile air-loidhne mar Dialogue ( https://www.ideas.gov.scot).

Thèid analais a dhèanamh air freagairtean agus thèid an cleachdadh mar phàirt den phròiseas gus co-dhùnaidhean a ruighinn, còmhla ri fiosrachadh agus fianais sam bith eile a tha ri fhaotainn. Foillsichidh sinn aithisg air an anailis seo airson a h-uile co-chomhairleachadh. An urra ris an seòrsa co-chomhairleachadh a th' ann, 's dòcha gum bi buaidh aig na freagairtean sna dòighean a leanas:

  • seallaidh iad a bheil feum ann airson leasachadh no ath-sgrùdadh air poileasaidh
  • bheir iad fiosrachadh mu leasachadh phoileasaidh air choireigin
  • cuidichidh iad gus roghainn a dhèanamh eadar molaidhean poileasaidh eadar-dhealaichte
  • cleachdar iad airson reachdas a chrìochnachadh mus tèid a chur an gnìomh

Ged a thèid fiosrachadh mionaideach mu dheidhinn suidheachadh air leth a gheibhear mar fhreagairt air co-chomhairleachadh a chleachdadh airson pròiseas poileasaidh a leasachadh, chan urrainn don phròiseas cho-chomhairleachadh cùisean neo beachdan air leth a chuideachadh, agus bu chòir an cuir don bhuidheann poblach a tha buntainneach.


Contact