beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Consultation responses

Crofting consultation 2017: analysis report

Published: 22 Mar 2018
Directorate:
Agriculture and Rural Economy Directorate
Part of:
Farming and rural
ISBN:
9781788516624

Analysis report of the crofting consultation 2017.

58 page PDF

569.3 kB

58 page PDF

569.3 kB

Contents
Crofting consultation 2017: analysis report
Geàrr-chunntas

58 page PDF

569.3 kB

Geàrr-chunntas

Bha a' cho-chomhairle phoblach aig Riaghaltas na h-Alba mu Reachdas Croitearachd agus mu Phrìomhachasan airson Croitearachd san àm ri teachd a' sireadh bheachdan air an t-seòrsa atharrachadh reachdail a dh'fhaodadh a bhith a dhìth agus air na prìomhachasan airson croitearachd san àm ri teachd. Tha Riaghaltas na h-Alba air rùnachadh ath-sgrùdadh a dhèanamh air ath-nuadhachadh lagh na croitearachd rè an t-seisein phàrlamaidich seo, leis a' cho-chomhairle seo a' toirt buaidh air Bile ùr sam bith a dh'fhaodadh a bhith ann.

Uile gu lèir, fhuaireadh 122 freagairtean. Bha a' mhòr-chuid de na freagairtean (74%) bho dhaoine fa leth a bha nam ball den phoball. Thàinig an còrr de na freagairtean bho chomainn no buidhnean.

Poileasaidh Riaghaltas na h-Alba air croitearachd

Bha an luchd-freagairt cha mhòr leth is leth air a cheist an robh iad ag aontachadh ris a' phoileasaidh a bha Riaghaltas na h-Alba a' cur air adhart air croitearachd. Bha mòr-chuid gu math tana (51%) ag ràdh nach robh iad ag aontachadh San fharsaingeachd, an àite a bhith ag iarraidh atharrachadh bunaiteach ann am poileasaidh, bha a' mhòr-chuid de na freagairtean a' cur fòcas air taobhan sònraichte de bhriathran a' phoileasaidh. Sheall na freagairtean cuideachd gun robhar ag iarraidh roinn croitearachd a tha seasmhach, le beachdan ann air cho cudromach sa tha an taic a gheibhear tro na diofar dhòighean-maoineachaidh.

Chaidh mì-chinnt a chur an cèill mun bhuaidh a bhiodh aig fàgail an Aonaidh Eòrpaich agus, gu sònraichte, mu na h-ìrean de thaic a bhiodh ann do dh'àiteachas is do chroitearachd às dèidh seo.

Chaidh a ràdh gun robh croitearachd fìor chudromach airson dèanamh cinnteach gum biodh coimhearsnachdan beòthail seasmhach agus gun rachadh stòrasan cultarach is cànanach a ghlèidheadh.

Roghainnean airson atharrachadh reachdail

Nuair a chaidh iarraidh orra mìneachadh dè an roghainn a b' fheàrr leotha airson a bhith a' gluasad air adhart le ath-leasachadh lagh na croitearachd, thuirt an àireamh a bu mhotha de na daoine a fhreagair (43%) gur e Roghainn 4 a b' fheàrr leotha, Bile a' cur air adhart lagh croitearachd 'ùr'. Bha na buannachdan a chaidh a chomharrachadh a thaobh na roghainn seo a' gabhail a-steach gun robh e na dòigh-obrach 'duilleag bhàn' agus gum b' urrainn seo cur às do neo-riaghailteachd agus beàrnan ann an lagh na croitearachd. Ach, chaidh draghan a nochdadh gum faodadh e a bhith doirbh co-aonta a ruighinn air Bile ùr, gun toireadh seo ùine mhòr, agus gum faodadh seo buaidh a thoirt air a' chomas bile a lìbhrigeadh anns a' Phàrlamaid seo.

B' e Roghainn 2, Bile ag atharrachadh reachdas làthaireach/Bile ro-dhaingneachaidh, an dàrna roghainn a bu mhotha, le 24% de na daoine a fhreagair a' cheist a' taghadh seo. B' e na buannachdan a chaidh a chomharrachadh a thaobh na roghainn seo gur e roghainn cho-rèiteachaidh a dh'fhaodadh a bhith ann. Bhathar a' faireachdainn gun gabhadh an roghainn seo a lìbhrigeadh sa Phàrlamaid seo. Bha draghan ann, ge-tà, gur e roghainn thoinnte a bhiodh ann, nach biodh i a' fuasgladh gach cuspair a tha gun rèiteachadh aig an ìre seo, agus gur dòcha gum biodh iarrtas ann air reachdas a bharrachd san àm ri teachd.

Fhuair Roghainn 1, Bile Daingneachaidh agus Roghainn 3, Bile ag atharrachadh reachdas làithaireach agus ag ath-aithris lagh croitearachd taic bho 3% agus 18% den luchd-freagairt an urra.

Prìomhachasan reachdail sònraichte

Anns a' cho-chomhairle, chaidh ceistean a chur a bha co-cheangailte gu sònraichte ri reachdas na croitearachd agus mar a ghabhadh a leasachadh. Bha na beachdan a chaidh a chur air adhart co-cheangailte ris na rudan a tha ann an reachdas làithreach (agus a ghabhas ath-sgrùdadh) no air dè a ghabhas dèiligeadh ris tro Bhile ùr.

Bu chòir toirt an aire gun robh farsaingeachd de bheachdan ann mun dòigh air adhart airson gach prìomhachas reachdail sònraichte agus nach robh co-aontachd aig an luchd-freagairt air dè na dòighean-obrach a b' fheàrr leotha. Uaireannan, bha e coltach nach robh cuid den luchd-freagairt eòlach air taobhan den reachdas làithreach agus/no air mar a tha e ag obrachadh.

  • Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad: B' e fear de na beachdan a chaidh a chur an cèill a bu trice gu bheil reachdas an gnìomh mar-thà gus dèiligeadh ri neo-làthaireachd, ana-cleachdadh agus dearmad ach nach bi Coimisean na Croitearachd ga chur an gnìomh mar as còir agus gum bu chòir barrachd goireasan a bhith aig a' Choimisean airson a bhith nas for-ghnìomhaiche. Thuirt cuid den luchd-freagairt gun cuideachadh barrachd taic do chroitearan gus neo-làthaireachd, ana-cleachdadh agus dearmad a lùghdachadh. Bha eisimpleirean den t-seòrsa taic a chaidh a mholadh a' gabhail a-steach a bhith cuideachadh chroitearan neo-làithreach gus an gabhaltas aca a thoirt seachad, agus a bhith a' tuigsinn an t-suidheachaidh aig dhaoine a dh'fheumas fuireach faisg air an obair aca ma tha an teaghlach aca comasach air obrachadh air a' chroit nuair nach eil iad an làthair.
  • Sònrachadh agus Còir-sheilbh: Thuirt grunn den luchd-freagairt gum bu chòir na h-aon riaghailtean a bhith aig croitearan sa tha aig luchd-seilbh fearainn sam bith eile. Dh'aontaich grunn den luchd-freagairt le Aithisg Cruinneachadh Lagha na Croitearachd, a mhol gum bu chòir leantainneachd còir-sheilbh ath-sgrùdadh le panail le teisteanasan iomchaidh le tuigse air lagh na croitearachd, agus lagh leantainneachd còir-sheilbh ann an lagh na h-Alba. Thuirt grunn luchd-freagairt gun robh e cudromach dèanamh cinnteach gun robh comas aig duine sam bith a bhiodh a' gabhail thairis croit gus a ruith.
  • Cùl-cinn: Am measg nam beachdan a fhuair sinn air Comataidhean Ionaltraidh agus na foincseanan aca, bha gum bu chòir àite nas treasa a bhith aca ann am leasachadh nam bailtean. Bha cuid eile a' moladh gun rachadh cur às do Chomataidhean Ionaltraidh. Thuirt cuid den luchd-freagairt gum bu chòir stiùireadh a bhith ann bho Choimisean na Croitearachd air na dleastanasan, uallaichean agus cumhachdan aig Comataidhean Ionaltraidh.
  • Dleastanasan agus Pròiseasan Riaghlaidh Choimisean na Croitearachd: B' e an dà bheachd a rinneadh a bu trice mu obair a' Choimisein nach robh goireasan gu leòr aige gus an obair aige a dhèanamh mar riaghladair gu h-èifeachdach, agus gum bu chòir an dleastanas airson croitearachd a leasachadh a thoirt air falbh bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus a thoirt air ais do Chomataidh na Croitearachd. Bha beachdan eile a' coimhead air atharrachaidhean poileasaidh no rianachd a ghabhadh a thoirt air adhart gun atharrachadh reachdail. Bha iad seo a' gabhail a-steach a' bhith a' lùghdachadh an ama a tha e a' toirt gus co-dhùnaidhean riaghlaidh a dhèanamh agus gum bu chòir dleastanas leasachaidh a bhith aig a' Chomataidh.
  • Clàradh Croitearachd: B' e cosgaisean clàraidh a' chùis a chaidh a thogail a bu trice ged nach deach a thogail le mòr-chuid den luchd-freagairt, gu sònraichte cothrom na cosgaisean a lùghdachadh. B' e an dàrna cùis a bu chumanta gum bu chòir pròiseas Clàradh na Croitearachd a bhith nas sìmplidh no nas èifeachdaiche. Am measg nam molaidhean air mar a ghabhadh seo a dhèanamh, bha gum bu chòir cothrom a bhith ann na foirmean uile a chur a-steach air-loidhne agus a bhith a' lùghdachadh nan riatanasan a thaobh sanasachd. Chomharraich luchd-freagairt cothroman a thaobh mapachadh crìochan nan croitean, a' gabhail a-steach moladh gum bu chòir dhan dòigh-obrach a bhith nas èifeachdaiche.
  • Croitean Sealbhadair-còmhnaidh: B' e am moladh a rinneadh a bu trice, ged nach deach a thogail le mòr-chuid den luchd-freagairt, gum bu chòir còir a bhith aig croitearan a tha nan sealbhadair-còmhnaidh an cuid seilbh a dhì-chroiteadh ma tha iad ag iarraidh sin a dhèanamh. Bha beachd eile ann gum bu chòir croit a thoirt a-mach à còir-fhearainn croitearachd gu fèin-obrachail mas e is gun rachadh a cheannach. Bha draghan aig cuid eile mu bhith a' toirt croitean aig sealbhadairean-còmhnaidh a-mach às a' chòir-fhearainn. Chaidh a ràdh le cuid gun robh e coltach gum biodh an dòigh-obrach seo ag adhbharachadh deireadh an t-siostaim croitearachd aig a' cheann thall agus gum bu chòir bacadh a bhith air ullachaidhean a thaobh còir ceannach no gum bu chòir an toirt a-mach às an reachdas.
  • Barantasan-stannardach: B' e am beachd as trice a chaidh a dhèanamh gun toireadh Barantasan-stannardach air còir-fhearainn air croit comas do chroitearan ionmhas a thogail gun a bhith a' dì-chroiteadh. Chaidh am beachd a chur air adhart gum b' urrainn do seo, mar sin, dì-chroiteadh a lùghdachadh. Nochd cuid draghan gum faodadh smachd air croitean a ghluasad gu institiudan ionmhais mas e is nach rachadh iasadan a phàigheadh air ais.

Òrdugh phrìomhachasan

B' e Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad am prìomhachas as àirde a nochd, air a leantainn gu dlùth le Dleastanasan agus Pròiseasan Riaghlaidh Choimisean na Croitearachd. B' e barantasan-stannardach an cuspair a fhuair an ìre as isle de phrìomhachas an taca ris an fheadhainn eile. Ach, bha cuid nach bu bheag den luchd-freagairt a' coimhead air gach fear de na cuspairean mar phrìomhachasan.

Thug cuid den luchd-freagairt beachdan seachad air an dòigh obrach san fharsaingeachd an àite a bhith a' coimhead air prìomhachasan sònraichte a dh'fhaodadh a bhith ann. Mar eisimpleir, chaidh moladh an àite a bhith a' cur cuideam air cuspairean sònraichte, gum bu chòir fòcas an reachdais a bhith air cur an gnìomh nam molaidhean bho obair a rinneadh roimhe air croitearachd, a' gabhail a-steach molaidhean Aithisg Shucksmith [1] .

Shònraich luchd-freagairt eile raointean eile a bha iad den bheachd a bu chòir a bhith a' dol air adhart mar phrìomhachas. Bha iad seo a' gabhail a-steach: a' brosnachadh còraichean nan croitearan; poileasaidhean ag amas air seasmhachd nan coimhearsnachdan dùthchail; agus modhan taic is subsadaidhean do dh'àiteachas.

A thaobh buaidhean ris nach robhar an dùil a dh'fhaodadh tachairt mar thoradh air ath-leasachadh reachdas na croitearachd, bha beachd ann ged a tha e buailteach no do-sheachanta gum bi a leithid ann, gum bu chòir dhaibh a bhith nas fhasa ro-innse agus nas fhasa dèiligeadh riutha nuair a tha iad co-cheangailte ri Achd ùr a tha air a dheagh sgrìobhadh, seach a bhith tighinn tro na roghainnean eile a bhiodh a' gabhail a-steach daingneachadh an reachdais làithreach a tha fìor iom-fhillte.


Contact