beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Consultation Paper

Co-chomhairle croitearachd 2017

Published: 28 Aug 2017
Part of:
Farming and rural
ISBN:
9781788511698

Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.

33 page PDF

436.7kB

33 page PDF

436.7kB

Contents
Co-chomhairle croitearachd 2017
Ro-ràdh Ministreil

33 page PDF

436.7kB

Ro-ràdh Ministreil

FEARGHAS EWING BPA Rùnaire a' Chaibineit airson an Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangail

Tha àite gun samhail aig croitearachd ann an dualchas cultarail na h-Alba. Tha i fighte a-staigh san eachdraidh againn agus ag innse sgeul mu cò sinne agus cò às a thàinig sinn. Tha sinn mothachail mun àm a dh'fhalbh ach dè mar a bhios i san àm ri teachd? Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gu bheil croitearan is luchd-lagha air a bhith ag argamaid o chionn fhada gu bheil reachdas croitearachd fada ro thoinnte is seann-fhasanta, agus gur e a tha a dhìth a-nis ach frèam-obrach a tha troi-lèirseach as urrainn a thuigsinn agus a dh'obraicheas. Reachdas a chuireas ri croitearachd sam àm ri teachd.

Tha croitearachd a' cur gu mòr ris an eaconamaidh, ris an àrainneachd agus ri seasmhachd choimhearsnachdan ann na sgìrean dùthchail, iomallach na h-Alba. Ann an co-theacsa croitearachd, tha còrr air 20,000 croit le timcheall air 33,000 neach a' fuireach ann an dachaighean croitearachd. A thuilleadh air sin, tha còrr air 1,000 cùl-cinn a' còmhdach còrr air 550,000 ha air feadh na h-Alba. Ann an 2016 a-mhàin, thàinig teachd-a-steach de timcheall air £85.8 millean bhon roinn.

Tha mòran air atharrachadh bho thàinig lagh croitearachd gu buil an toiseach. Gu dearbh, chaidh reachdas ùrachadh, ach tha e fhathast stèidhichte air na prionnsapalan a bha taobh a-staigh Achd Tacan Chroitearan (Alba) 1886, a chaidh a thoirt air adhart às deidh aithisg Coimisean Napier don Phàrlamaid ann an 1884. Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn gun toir iad sùil air a bhith ag ùrachadh lagh na croitearachd taobh a-staigh seisean na Pàrlamaid seo.

Anns na mìosan o chionn ghoirid, tha na h-oifigearan agam air a bhith an sàs le diofar thachartasan air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gus beachdan fhaighinn bho dhaoine aig a bheil ùidh ann an croitearachd. Tha mi air leth taingeil dhaibhsan a ghabh pàirt anns na tachartasan sin, oir chuidich na chuir luchd com-pàirt ris na còmhraidhean sin le stèidh na co-chomhairle seo. Tha mi cuideachd taingeil do Chomataidh an REC airson an cuid obair chom-pàirteachaidh thràth agus do bhuidhnean eile leithid Buidheann Lagha na Croitearachd. Tha mi a cheart cho taingeil gun robh cothrom agam pàipearan leithid Cruinneachadh Laghan na Croitearachd ( Crofting Law Sump), agus Aithisg Shucksmith fhaicinn.

Tha mi airson gum bi croitearachd adhartach san àm ri teachd, a' faighinn tèarainteachd ann an cridhe choimhearsnachdan dùthchail agus san eaconamaidh dhùthchail. Thug Achd 1886 còraichean tèarainte do chroitearan agus bhon uair sin tha reachdas air na còraichean sin a ghlèidheadh agus air dleastanasan co-cheangailte riutha a leasachadh. Tha còraichean agus dleastanasan fhathast cudromach an-diugh, ach le bhith a' coimhead air adhart, feumaidh sinn faicinn ciamar as fheàrr a chuireas croitearachd ris an eaconamaidh dhùthchail agus mar as urrainn do dhaoine a thoirt air ais do sgìrean dùthchail na h-Alba.

Gu cinnteach tha dùbhlanan air thoiseach, leithid na bhios coltach bualadh oirnn bho bhith a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Feumaidh sinn dèanamh cinnteach gun coinnich sinn ris na dùbhlanan sin. Bidh e deatamach gum bi àrainneachd againn a bhios a' brosnachadh adhartas agus a bheir cothrom dhaibhsan aig a bheil ceangal ri croitearachd gnìomhachasan a leasachadh agus an dealbh-tìre a riaghladh a chum buannachd nan uile.

Mar sin, tha mi a' creidsinn gu bheil e ciallach sùil a thoirt air ath-leasachadh croitearachd le sùilean fosgailte oir dh'fhaodadh reachdas a bhith ann an diofar chruthan. Tha sin a' ciallachadh gum faod sinn a bhith coimhead air diofar roghainnean, bho bhith a' sgioblachadh no a' daingneachadh chùisean gu bhith a' tòiseachadh le pàipear falamh. Tha mi cuideachd air aire a thoirt gu bheil molaidhean ann a thaobh dòighean neo-reachdail mu phoileasaidh croitearachd a bu chòir aithneachadh cuideachd. Tha mi a' cur fàilte air sin, oir aig amannan chan e reachdas an dòigh as fheàrr air cùisean a thoirt air adhart.

Tha mi a' misneachadh a h-uile duine pàirt a ghabhail anns a' cho-chomhairle seo. Tha co-dhùnaidhean mar phàirt mhòr de dh'obair riaghaltais agus thèid an toirt gu buil nas fheàrr le bhith ag èisteachd ri beachdan agus a' roinneadh smuaintean. Tha mi a' coimhead air adhart ri bhith a' faicinn nam freagairtean a thig bhon cho-chomhairle seo.

FEARGHAS EWING BPA
Rùnaire a' Chaibineit airson an Eaconamaidh Dhùthchail agus Comas-ceangail


Contact

Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG