Co-chomhairle croitearachd 2017

Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.


Earrann 1 - Ro-ràdh

Tha àite gun samhail aig croitearachd ann an coimhearsnachdan na Gàidhealtachd 's nan Eilean. Tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil feum aig croitearachd a bhith a' leantainn oirre a' lìbhrigeadh bhuannachdan luachmhor, ionadail do choimhearsnachdan dùthchail, a' toirt seasmhachd do ghnìomhachd àiteachais, a' cumail taic ris an eaconamaidh dhùthchail, a' meudachadh fiadh-bheatha agus a' leasachadh na h-àrainneachd nàdarra, agus a' glèidheadh dhaoine òga anns na coimhearsachdan iomallach, dùthchail agus eileanach againn.

Tha Prògram an Riaghaltais ( Programme for Government 4 ) 2016-17 a' suidheachadh gealladh gun tèid Bile Croitearachd a dhealbhadh airson nas fhaide san t-seisean Phàrlamaideach seo (tha an t-seisean làthaireach a' ruith bhon Chèitean 2016 dhan Chèitean 2021). Bheir obair a' Bhile a tha san amhairc cuideachd a-steach obair leantainneach eile a thaobh poileasaidh croitearachd nas fharsainge, a' toirt a-steach Plana Leasachaidh Nàiseanta airson croitearachd (le co-chomhairle phoblach san amhairc ann am beagan ùine) mar phàirt de dh'eaconamaidh dhùthchail sheasmach.

Bidh freagairtean na co-chomhairle seo mar phrìomh fhiosrachadh do dh'obair a' Bhile, ach cuideachd dh'fhaodte gun cuir e ri susbaint a' Phlana Leasachaidh Nàiseanta nam faicear rud sam bith nach fheumadh reachdas ùr airson a thoirt gu buil. Tha an co-chomhairle seo a' sireadh bheachdan mun t-seòrsa reachdas a dh'fhaodar cruthachadh agus mu na prìomhachasan sònraichte a bhiodh na chois.

Dè a th' ann an croitearachd?

Is e pìos beag fearann àiteachais a th' ann an croit, ri lorg anns na siorrachdan croitearachd (na siorrachdan roimhe seo ann an Arcaibh, Cataibh, Earra-ghàidheal, Gallaibh, Inbhir Nis, Sealtainn, Ros is Chrombaagus Sealtainn,), agus tha iad fo na laghan a th' anns na diofar Achdan Croitearachd.

Is e croitear an neach a tha a' còmhnaidh air agus ag obair air croit. Mar as trice tha iad nam màladair air croit, a' pàigheadh màl do dh'uachdaran. Ach, bho Achd Ath-leasachaidh Croitearachd (Alba) 1976 5, tha mòran dhaoine air na croitean aca a cheannach, agus tha iad a-nis mar a chanar nan "croitearan sealbhadair-còmhnaidh". (Chaidh mìneachadh fhaighinn bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba) 6

Aig an àm seo tha timcheall air 20,500 croit thairis air na siorrachdan croitearachd (15,000 croitean màil agus 5,500 fo shealbh). Tha timcheall air 10% de shluagh na Gàidhealtachd is nan Eilean nan croitearan, agus còrr air 33,000 neach a' còmhnaidh ann an dachaighean croitearachd. Tha croitean air an riaghladh le Coimisean na Croitearachd 7. Tha Bòrd-stiùiridh aca le 9 Coimiseanairean, 6 dhiubh air an taghadh le croitearan agus 3 air an cur nan dreuchd le Ministearan na h-Alba.

Tha meud croit gu cuibheasach timcheall air 5 heactair (ha), ach tha cuid anns nach eil ach dìreach 0.5 ha agus tha beagan dhiubh a' sìneadh gu còrr air 50 ha de dh'fhearann. Cuideachd, gu tric bidh roinn aig croitean ann an ionaltradh aonaich, a bhios eadar croitearan eile ann am baile. Leis nach urrainn don mhòr-chuid de chroitean tuarastal a chumail ri teaghlach no obair làn-thìde a thoirt seachad, tha obraichean eile mar as trice aig croitearan airson prìomh thuarastal a thoirt dhaibh. Mar eisimpleir, tha cuid air sgaoileadh a-mach gu bhith an sàs ann an turasachd gu ìre agus tha dreuchdan aig cuid eile anns a' choimhearsnachd ionadail (gach cuid anns na roinnean poblach is prìobhaideach).

Mar sin tha croitearachd a' toirt bunait do theaghlaichean gus an urrainn dhaibh beòshlaint fhaighinn, le croitean agus taighean croite a' toirt seachad stèidh bhom bi daoine an sàs, agus tha teachd a-steach bho chroitearachd na chuideachadh, a' cur ri teachd a-steach an teaghlaich. Tha seo, cuideachd, a' cuideachadh le bhith toirt seasmhachd do choimhearsnachdan dùthchail is iomallach.

Carson a tha feum air reachdas croitearachd ùr?

Fhuair croitearan ann an Alba aithne laghail fon lagh an toiseach nuair a chaidh Achd Tacan Croitearachd (Alba) 1886 8 a chur air chois. Ron àm seo, bha e laghail croitear sam bith fhuadach mar a thogradh an uachdaran; tachartas a bha bitheanta tron àm ris an canar Fuadaichean nan Gàidheal. Thug an Achd seo grunn chòraichean do chroitearan, nam measg còr-ghabhaltais, màl a bha cothromach, sònrachadh chroitean do shliochd, còir pàigheadh fhaighinn airson leasachaidhean fearainn agus chaidh a' chiad Choimisean na Croitearachd a stèidheachadh.

Chaidh grunn Achdan Croitearachd a thoirt gu buil bhon uair sin, gach fear a' cur ris no ag atharrachadh na prionnsapalan bunaiteach a chaidh a stèidheachadh ann an 1886. Chaidh an daingneachadh mu dheireadh de laghan croitearachd air adhart ann an 1993 ( Achd na Croitearan (Alba) 1993) 9, ged a chaidh grunn Achdan eile air adhart bhon uair sin. Rinn an dà Achd as ùire ( Achd Ath-leasachadh na Croitearachd msaa 2007 10, agus Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2010) 11 grunn atharrachaidhean susbainteach air an lagh, agus chaidh seo a leantainn le atharrachadh 12 ann an 2013.

Tràth ann an 2017, a' cumail ris a' ghealladh ann am Prògram an Riaghaltais 2016-17, choinnich Sgioba Bile Croitearachd Riaghaltas na h-Alba le measgachadh de dhaoine air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean le ùidh ann an croitearachd (croitearan, uachdarain, aonaidhean, gnìomhachasan, croitearan òga, msaa.). Chaidh iarraidh air na bha an làthair beachdachadh air na trì ceistean a leanas.

  • Dè a tha sinn a' feuchainn ri choileanadh tro chroitearachd?
  • Carson a tha feum againn air reachdas croitearachd, agus air an reachdas sin atharrachadh?
  • Ciamar a b' urrainn dhuinn na h-atharrachaidhean a tha sinn ag aithneachadh a lìbhrigeadh? (Dh'fhaodte gu bheil, mar eisimpleir, slighean eile ann airson fuasgladh fhaighinn air cuspairean co-cheangailte ri reachdas.).

Bha e soilleir bho na còmhraidhean sin gun robh fìor aonta mu cò mu dheidhinn a tha croitearachd, agus na tha e ag amas a choileanadh, ach chan eil ach beagan aonta ann mun chruth a bu chòir a bhith air reachdas ùr no dè a bu chòir dha a lìbhrigeadh. Ach, bha aonta am measg cha mhòr a h-uile duine nach eil an lagh mar a tha e an-dràsta freagarrach idir, aon chuid a thaobh toinnteachd no na tha e a' leigeil le croitearachd a dhèanamh.

Chaidh a ràdh cuideachd gu bheil reachdas croitearachd ro thoinnte. Aig amannan tha an toinnteachd ag èirigh bho dhealbhadh nach robh soilleir no co-sheasmhach ann an Achdan roimhe seo, agus dh'fhaodadh seo adhbhar airson ath-leasachaidh a dhearbhadh. Ach, ann an cuid de shuidheachaidhean eile, tha an toinnteachd ag èirigh seach gu bheil laghan croitearachd a' feuchainn ri cothromachadh fhaighinn eadar na còraichean fearainn eachdraidheil aig diofar dhaoine. Anns na suidheachaidhean sin, dh'fhaodte gum bi e nas dùbhlannaiche sìmpleachadh fhaighinn air an fhrèam-obrach.

Poileasaidh Croitearachd

Tràth anns an obair chom-pàirteachaidh aig Sgioba a' Bhile le luchd-ùidhe, chomharraich iad na h-amasan croitearachd a leanas a bha farsaing agus co-cheangailte:

  • a bhith a' brosnachadh choimhearsnachdan a tha seasmhach agus soirbheachail;
  • a bhith a' toirt seachad taic gus eaconamaidhean ionadail, dùthchail, a tha soirbheachail agus làidir, a lìbhrigeadh;
  • a bhith a' toirt seachad taic gus cleachdadh is riaghladh fearainn cothromaichte a tha air a chumail suas, a lìbhrigeadh, a' toirt a-steach àiteachas mion-ìre; agus,
  • a bhith a' brosnachadh dhàimhean ceart is cothromach eadar luchd-ùidhe uile na croitearachd.

Tha tuigse an cois nan amasan sin ma tha croit aig croitear gu bheil sin a' toirt seachad tomhas de chòraichean don chroitear (leithid còir-ghabhaltais, màl cothromach agus còir ceannach) agus cuideachd a' toirt air croitearan gabhail ri cuid de dhleastanasan.

Faodar poileasaidh croitearachd làthaireach Riaghaltas na h-Alba aithris mar a leanas:

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' cur luach ann an croitearachd mar shiostam de chòir-fhearainn agus ag aithneachadh an luach a bharrachd a tha croitearachd fhathast a' cur ris an eaconamaidh dhùthchail agus ri seasmhachd choimhearsnachdan dùthchail is iomallach." (Tha Leas-phàipear A a' toirt seachad co-theacsa nas fharsainge a thaobh poileasaidh croitearachd.)

"Tha Riaghaltas na h-Alba a' gealltainn croitearachd ath-leasachadh gus am bi i seasmhach san àm ri teachd, daoine ùra a thoirt a-steach do choimhearsnachdan croitearachd, agus dèanamh cinnteach gum bi i comasach leantainn ri bhith a' cur ri sgìrean dùthchail soirbheachail ann an Alba.

Tha am poileasaidh seo ri fhaicinn anns an fhrèam-obrach reachdail làthaireach a tha a' cur cuid de dhleastanasan air croitearan, nam measg an dleastanas a bhith a' còmhnaidh taobh a-staigh 32 km bhon chroit; a bhith ag àiteach na croit, no a' chroit a chur gu feum shusbainteach eile; agus gun a bhith ag ana-cleachdadh no a' dearmad na croit. Tha na dleastanasan sin feumail airson a bhith a' cumail suas seasmhachd choimhearsnachdan dùthchail air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan." ( http://www.gov.scot/Topics/farmingrural/Rural/crofting-policy)

Thathas den bheachd gu bheil poileasaidh coitcheann Riaghaltas na h-Alba a thaobh croitearachd fhathast buntainneach agus san fharsaingeachd co-sheasmhach ri amasan luchd-ùidhe, ged a tha diofar bheachdan am measg luchd-ùidhe a thaobh amasan agus adhbhar croitearachd. Chaidh an còrr den phàipear co-chomhairle seo a dhealbhadh air bunait na h-aithris poileasaidh seo agus thathas a' sireadh bheachdan air an reachdas anns a' cho-theacsa sin.

Ceist 1

A bheil thu ag aontachadh ri poileasaidh ainmichte Riaghaltas na h-Alba a thaobh croitearachd?

Tha/Chan eil

Mìnich an fhreagairt agad.

Contact

Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG

Back to top