Co-chomhairle croitearachd 2017

Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.


Earrann 3 - Prìomhachasan reachdail sònraichte

Às deidh beachdachadh air na roghainnean reachdail anns an earrann roimhe seo, tha an caibideil seo a' sgrùdadh chuspairean a tha gu sònraichte ceangailte ri reachdas croitearachd agus mar a dh'fhaodadh a adhartachadh gus cuideachadh le soirbheachas na croitearachd.

Tha e cudromach aithneachadh gu bheil na beachdan-smuain anns a' chaibideil seo a' buntainn ri aon chuid na tha ann an reachdas làthaireach (agus a b'urrainn ath-sgrùdadh) no nas urrainn a làimhseachadh tro Bhile ùr. Chan eil e a' toirt a-steach cuspairean a tha neo-reachdail nan nàdar, ged a dh'fhaodadh iad a bhith cho cudromach neo nas cudromaiche dhaibhsan ann an coimhearsnachd croitearachd.

A' leantainn air na coinneamhan ceangail tràth a chaidh air adhart eadar Sgioba Bile Croitearachd Riaghaltas na h-Alba agus iadsan aig a bheil ùidh ann an croitearachd, bha e soilleir gu bheil mòran bheachdan ann thairis air na sgìrean croitearachd a thaobh na prìomhachasan a bu chòir a bhith ann airson reachdas croitearachd san 21mh linn. Mar sin, is e rùn a' chaibideil seo cuideam a chur air na prìomh chuspairean a chaidh a thogail agus ceistean a chur gus comharrachadh far am bu chòir na prìomhachasan a bhith airson lagh na croitearachd san àm ri teachd.

Tha feum air beachdachadh air na prìomhachasan sin ann an co-theacsa nan dùbhlanan ris am bi dùil nochdadh a thaobh amasan nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba airson croitearachd (leithid a bhith a' brosnachadh leasachadh eaconamach no a' brosnachadh fàs san t-sluagh ann an sgìrean croitearachd). Dh'fhaodadh gum feumar sùim a thoirt do ghnothaichean eile, leithid an RA a' fàgail an Aonaidh Eòrpaich. Thig atharrachadh air an roinn àiteachais, a bharrachd air croitearachd, agus dh'fhaodte gum bi buaidhean sònraichte ann air poileasaidh àiteachais is croitearachd san àm ri teachd. Bhiodh buaidh aig leasachaidhean mar sin air an t-slighe airson atharrachadh reachdail agus air na prìomhachasan airson reachdas na croitearachd.

Chaidh na prìomhachasan a chaidh a shuidheachadh a thaghadh mar na cuspairean as cumanta a chaidh a thogail ann an diofar fhòraman is ann an grunn phàipearan. Tha seo a' toirt a-steach aithisg Coimisean an REC ' Review of Priorities for Crofting Law Reform ', aithisg Buidheann Cruinneachadh Laghan Croitearachd 2014, aithisg Shucksmith ann an 2008, agus na seiseanan ceangail tràth le luchd-ùidhe a chum Sgioba Bile na Croitearachd.

Thoir an aire gu bheil na leanas air an liostadh ann an òrdugh na h-abideil, agus chan ann ann an òrdugh cudromachd no prìomhachais. A bharrachd air sin, tha na h-eisimpleirean anns gach earrann mar thaghadh de chuid de na freagairtean a fhuair Sgioba a' Bhile fhad 's a bha iad an sàs anns an obair cheangail thràth. Cha bu chòir smaoineachadh orra mar liosta iomlan den h-uile gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair, no an seòrsa rud a b'urrainn (no a dheidheadh) beachdachadh air mar phàirt de Bhile sam bith. Leis gu bheil briathran no raointean croitearachd anns nach eil a h-uile neach-freagairt an sàs gu cunbhalach, tha beag-fhaclair ri fhaighinn sa cho-chomhairle seo a tha a' toirt mìneachadh air na briathran as cumanta.

i. Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad

Co-theacsa

Anns an reachdas croitearachd làthaireach tha dleastanasan a dh'fheumas croitearan a choileanadh co-cheangailte ri làthaireachd, cleachdadh, ana-cleachdadh agus dearmad chroitean. Feumaidh croitearan:

  • A bhith a' còmhnaidh gu h-àbhaisteach air a' chroit, no a bhith a' fuireach taobh a-staigh 32 cileamatair bhon chroit;
  • Gun a bhith ag ana-cleachdadh no a' dearmad na croit; agus,
  • A bhith ag àiteach na croit, no ga cur gu adhbhar susbainteach eile.

Is e amas nan riatanasan sin a bhith a' toirt taic do bhith a' glèidheadh an t-sluaigh ann an sgìrean croitearachd a bharrachd air a bhith dèanamh cinnteach gu bheil fearann na croit air a riaghladh gu gnìomhach. Gus taic a thoirt do seo, tha e na riatanas fo reachdas làthaireach air croitearan aithisg a chur a-steach gach bliadhna tron Chunntas-sluaigh Croitearachd, agus tha dleastanas air a' Choimisean a bhith gnìomhach uair sam bith a thathas a' briseadh dhleastanasan.

Gu ruige seo, cha do thachair an t-àrdachadh a bhathas a' sireadh ann a bhith a' cur an-ghnìomh dleastanasan a' Choimisein, ged a bha an Achd fhathast ga iarraidh agus ged a tha an Coimisean a' leantainn orra le bhith ga ainmeachadh mar phrìomhachas anns na planaichean foillsichte aca.

Rinn Athisg is Cunntasan Bliadhnail 13 2015-16 Coimisean na Croitearachd aithris, mar eisimpleir, gun do dh'innis na 12,900 foirm Cunntas-sluaigh Croitearachd a thàinig a-steach, gun robh 91.5% ag ràdh gu robh iad a' fuireach air a' chroit aca agus 94.6% ag ràdh gun robh iad ag àiteach agus a' cumail suas na croitean aca no gan cur gu feum susbainteach. Tha an aithisg cuideachd ag ràdh gun d' fhuair an Coimisean, anns a' bhliadhna sin, còig aithrisean gum faodadh gun deach dleastanasan a bhriseadh agus, mar thoradh air sin, gun chur iad a-mach dà fhios de bhriseadh dleastanais.

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Chaidh grunn bheachdan a thogail le oifigearan Riaghaltas na h-Alba co-cheangailte ri neo-làthaireachd agus dearmad. B' e aon bheachd a chaidh a chur air adhart gu robh fearann croit air a dhearmad mar thoradh air neo-làthaireachd, a' lughdachadh ion-obrachadh croitearachd anns na sgìrean a bha fo bhuaidh. Chuir cuid am beachd air adhart nach bu chòir neo-làthaireachd fhaicinn mar dhuilgheadas ach nuair a nochdas dearmad mar thoradh air, ach thuirt cuid eile gu bheil neo-làthaireachd, eadhon ged a bhiodh fearann air a riaghladh tro rèiteachadh màladair neo-fhoirmeil no foirmeil, a' ciallachadh nach eil croitean rim faighinn le daoine ùra.

Chuir cuid de luchd-ùidhe am beachd air adhart gu bheil na buannachdan a thig bho chroitearachd a' tighinn bho bhith a' riaghladh an fhearainn gu gnìomhach. Anns an t-suidheachadh seo, is dòcha gum bu chòir a bhith a' brosnachadh gnìomhachd tro na meadhanan as iomchaidh agus gun a bhith teann a thaobh riaghailtean mu neo-làthaireachd is dearmad.

Chuir feadhainn eile am beachd air adhart gun robh buannachdan a' tighinn bho chroitearan a bha gnìomhach, agus a' fuireach san sgìre ionadail. Anns an t-suidheachadh seo, is dòcha gum bu chòir croit a thoirt air falbh bho chroitear nach eil an làthair no croitear a tha ag adhbhrachadh dearmad. Leigeadh seo le neach ùr no neach-còmhnaidh ionadail a' chroit a ghabhail thairis agus cur nas èifeachdaiche ri seasmhachd na coimhearsnachd croitearachd.

Dh'fhaodadh gu bheil seallaidhean measgaichte ann airson dèiligeadh ri neo-làthaireachd no dearmad a rèir suidheachaidhean ionadail, agus bhiodh feum air seallaidhean eadar-dhealaichte a thaobh atharrachadh reachdail, riaghladh no gach cuid. Dh'fhaodadh gum biodh na bu lugha de bhith cur reachdas an gnìomh nas iomchaidh ann an cuid de sgìrean ann an coimeas ri bhith cruaidh agus/neo reachdas a chur an gnìomh nas teanna ann an àiteachan eile.

Ceist 3

A) Dè na prìomh chothroman nad bheachd-sa a tha ann airson atharrachadh a thaobh Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad a b' urrainn atharrachadh gus cuideachadh le bhith dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad?

Thoir seachad beachd sam bith eile a th' agad a thaobh Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad.

ii. Sònrachadh agus Còir-sheilbh ( Assignation and Succession)

Co-theacsa

Tha reachdas mu shònrachadh agus còir-sheilbh a' toirt dìon deatamach do chroitearan, a' leigeil le croitean a bhith air an cur thairis no an sealbhachadh.

Tha reachdas sònrachaidh a' riaghladh a' phròiseas tro bheil croitear a' cur thairis croit aon chuid gu croitear eile no gu croitear ùr a thaghas iad.

Tha reachdas còir-sheilbh a' dèiligeadh ri dà shuidheachadh co-cheangailte ri neach nach maireann.

  • Còir-sheilbh le tiomnadh, far am bi croitear a' dèanamh tiomnadh a dh'ainmicheas an neach a tha iad a' miannachadh a ghabhas an gabhaltas agus/no na h-earrannan ann an cùl-cinn; no,
  • Còir-sheilbh gun tiomnadh, a' mìneachadh an còir-sheilbh gu oighreachd an neach nach maireann às aonais tiomnadh no tiomnadh nach urrainnear a choileanadh.

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Ged is e glè bheag de phuingean co-cheangailte ri sònrachadh agus còir-sheilbh a thog na seiseanan ceangail tràth a chur Riaghaltas na h-Alba air adhart, thàinig Aithisg Cruinneachadh Lagha na Croitearachd ( Crofting Law Sump Report) a-mach le grunn chuspairean nas teicniciche. Chaidh cuideam a chur air cho cudromach 's a tha dealbhadh math airson còir-sheilbh, agus cuideachd cho cudromach 's a tha e gun tèid tiomnadh a sgrìobhadh gus am pròiseas rianachd a tha gu tric toinnte co-cheangailte ri còir-sheilbh gun tiomnadh, a sheachnadh.

Chaidh puing a thogail mu shuidheachadh nuair a bhàsaicheas croitear gun tiomnadh, feumaidh neach-cùraim an tiomnaidh fios a chur a-mach taobh a-staigh 24 mìos bho àm bàs a' chroiteir (no an ceann-là buntainneach) ma tha an gabhaltas gu bhith ga chur thairis. Bha cuid de chroitearan den bheachd gun robh an ùine seo ro ghoirid agus nach robh iad a' faicinn adhbhar carson nach deidheadh a leudachadh. Is e a' bhuaidh mura tèid an gabhaltas a chur thairis taobh a-staigh 24 mìos gum faod an t-uachdaran ceumannan a ghabhail gus an gabhaltas a thoirt gu crìch.

A bharrachd air sin, bha cuid eile den bheachd gun robh neo-chunbhalachd ann eadar riaghailtean còir-sheilbh gun tiomnadh agus na riaghailtean airson croit ùr a shònrachadh do chroitear ùr a' tighinn a-steach, neo-chunbhalach. Leigidh riaghailtean còir-sheilbh gun tiomnadh le neach-cùraim an tiomnaidh no an t-uachdaran an gabhaltas a chur thairis gu neach a thaghas iad às aonais croitear ùr sam bith sealltainn gu bheil iad comasach no an dùil cumail ris a h-uile riaghailt reachdail a tha deatamach airson a bhith nad chroitear. Chan eil uimhir de riatanas an cois seo na tha an cois sònrachadh, far am feumar beachdachadh am bi e comasach don mhàladair ùr ri mholadh am bi e/i comasach air seo a choileanadh.

Ceist 4

A) Dè na prìomh chothroman a tha ann nad bheachd-sa airson atharrachadh a thaobh Sònrachadh agus Còir-sheilbh?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh Sònrachadh agus Còir-sheilbh a b'urrainn atharrachadh gus cuideachadh le bhith dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Sònrachadh agus Còir-sheilbh?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh Sònrachadh agus Còir-sheilbh.

iii. Cùl-cinn (Ionaltradh coitcheann)

Co-theacsa

Tha timcheall air 1,000 Cùl-cinn anns na sgìrean croitearachd. Gu traidiseanta, is iad sin raointean fearainn anns a bheil roinnean aig croitearan a leigeas leotha àite ionaltraidh dhan sprèidh aca. Tha an ionaltradh ann an sealbh uachdarain ach is glè bheag de chòraichean a tha aig an uachdaran air an fhearann seo leis gu bheil e ceangailte gu tèarainte ri croitean (agus chan urrainnear gu furasta a thoirt a-mach à croitearachd).

Mar as trice, bidh Cùl-cinn air a riaghladh le Comataidhean Ionaltraidh, agus aig an àm seo tha timcheall air leth dhiubh aig a bheil comataidhean san dreuchd. Bidh Comataidhean Ionaltraidh a' dèanamh riaghailtean airson smachd a chumail air cleachdadh agus cuideachadh le riaghladh. Ann an Achd 1993 tha ullachaidhean a thaobh cur an dreuchd agus obair Chomataidhean Ionaltraidh. Tha Comataidh Ionaltraidh ann an timcheall air leth de na Cùl-cinn iomlan.

Tha croitearan aig a bheil ùidhean ann an Cùl-cinn nan roinn-sheilbhichean anns na cùl-cinn sin, a' toirt dhaibh cuid de chòraichean agus dhleastanasan a tha ainmichte ann an reachdas a thaobh cleachdadh.

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Chaidh measgachadh de chuspairean a thogail mu chùl-cinn agus tha cus ann airson am mìneachadh sa cho-chomhairle seo. Bha cuid de na cuspairean a chaidh a thogail a' dèiligeadh ri draghan mu:

  • dìth soilleireachd anns a' chruth laghail a tha an cois Comataidh Ionaltraidh (b'e aon bheachd gum bu chòir don Bhile roghainn de chruth laghail a thoirt seachad, eadar Comataidh traidiseanta le beagan chumhachdan is buidheann le structar foirmeil le raon farsaing de chumhachdan is dhleastanasan);
  • mhì-chinnt mu dè an seòrsa gnìomhachd neo-àiteachail anns am faodar a bhith an sàs air Cùl-cinn (agus cò a gheibheadh buannachd bhuapa);
  • bhith a' brosnachadh com-pàirt ann an Comataidhean agus/no cleachdadh na Cùl-cinn fhèin (nam measg a bhith ag adhartachadh an cuid ion-obrachadh eaconamach);
  • riaghladh agus/no cleachdadh ionmhas Chomataidhean airson adhbharan eile a bharrachd air a bhith a' leasachadh no a' cumail suas fearann airson adhbharan ionaltraidh;
  • bhith an sàs leis a' choimhearsnachd ionadail nas fharsainge, agus comas a bhith aig neach a bharrachd air na Comataidhean na cùl-cinn a riaghladh;
  • cò air a tha an uallach airson roinnean ionaltraidh nach deach a chleachdadh ath-riarachadh;
  • uallaichean is dhleastanasan roinn-sheilbhiche gnìomhach mu choinneimh neach neo-ghnìomhach, agus an ceangal eadar na dhà;
  • comh-strì mun dhleastanas air Comataidh Ionaltraidh aithisg a chur a-steach;
  • chuspairean timcheall sgaradh Roinnean Ionaltraidh bhon chroit agus a bhith a' cruthachadh chroitean measaidhte ( deemed crofts) agus
  • bhith cur an dreuchd, dleastanas agus cur à dreuchd Constabalan Ionaltraidh.

Tha Cùl-cinn na chuideachadh mòr do chroitearachd, do chroitearan agus do choimhearsnachdan croitearachd. Tha iarrtas mòr taobh a-staigh nam buidhnean sin airson dèanamh cinnteach gu bheil ionaltradh air a riaghladh ann an dòigh a bheir seachad buannachdan eaconamach, àrainneachdail agus buannachdan eile don choimhearsnachd.

Ceist 5

A) Dè na prìomh chuspairean agus chothroman a tha ann nad bheachd-sa a thaobh atharrachadh co-cheangailte ri Cùl-cinn?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh Cùl-cinn a b'urrainn atharrachadh gus cuideachadh le dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Sònrachadh agus Cùl-cinn?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh Cùl-cinn.

iv. Dleastanasan Riaghlaidh agus Pròiseasan Choimisean na Croitearachd

Co-theacsa

Tha Coimisean na Croitearachd mar Bhuidheann Poblach Neo-riaghailteach ( NDPB) air a bheil dleastanas airson croitearachd a riaghladh. Tha am bun-reachd, an cumhachd agus na dleastanasan aige air a shuidheachadh gu soilleir ann an Achd nan Croitearan (Alba) 1993, mar a chaidh atharrachadh le Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2007, Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2010 agus Achd na Croitearachd (Atharrachadh) (Alba) 2013. Gheibhear tuilleadh mion-fhiosrachadh mu na h-Achdan sin, agus am frèam-obrach a lean bhuapa, bho Choimisean na Croitearachd.

Is e prìomh obair choitcheann Coimisean na Croitearachd a bhith a' riaghladh agus ag ath-eagrachadh croitearachd, agus a bhith a' brosnachadh ùidh ann an croitearachd agus a bhith a' cumail sùil air cuspairean croitearachd.

Air Bòrd a' Choimisein an-dràsta tha 6 Coimiseanairean Croitearachd a tha air an taghadh bho sgìrean croitearachd cruinn-eòlasach agus 3 Coimiseanairean air an cur nan dreuchd le Ministearan na h-Alba. Anns a' chathair tha Neach-gairm, a thèid a thaghadh le Ministearan na h-Alba (ged a dh'fhaodas seo a thiomnachadh gu na Coimiseanairean). A' cumail taic ris a' Choimisean tha timcheall air 60 neach-obrach, fo stiùir Àrd-oifigear, agus tha iad stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Leis gu bheil an Coimisean ag obair taobh a-staigh frèam-obrach reachdas croitearachd, tha cothrom ann gum faodadh Bile sam àm ri teachd reachdas a tha buntainn ri gnìomhachd a' Choimisein agus am Bòrd aige, atharrachadh a bharrachd air na riatanasan a chaidh a chur air. Ach, bu chòir aithneachadh, gu bheil mòran de na dòighean-obrach aig a' Chominean nach eil air an cur sìos ann an reachdas.

Tha Coimisean na Croitearachd air a bhith ag obair air dòighean adhartach anns an urrainn dhaibh an cuid gnìomhachd a thoirt air adhart agus tha iad air grunn ghnìomhan a chur an sàs a bu chòir, ann am beagan ùine, adhartasan riatanach a thoirt gu buil. Tha eisimpleirean de seo a' toirt a-steach co-dhùnaidhean tiomnaichte a thoirt air adhart agus a leudachadh bhon Bhòrd gu luchd-obrach Coimisean na Croitearachd, agus mar a chaidh an sàs o chionn ghoirid le luchd-ùidhe mu bhith ag adhartachadh mar a tha riaghailtean Cùl-cinn ag obair. Gu sònraichte, tha an Coimisean air sìmpleachadh a thoirt air an t-sealladh aca air tagraidhean gun strì agus gun chonnspaid, agus mar sin faodar a thighinn gu co-dhùnadh mun fheadhain sin cho luath 's a ghabhas dèanamh.

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Tha croitearan agus coimhearsnachdan croitearachd air grunn phuingean a thogail co-cheangailte ri Coimisean na Croitearachd, leithid:

  • an ùine a tha e a' toirt airson cuid de phròiseasan riaghlaidh a thoirt gu ire co-dhùnaidh. Dh'fhaodadh gu bheil cuid de na dàilean a tha croitearan agus uachdarain croit air fhiosrachadh, a' laighe air Coimisean na Croitearachd agus, air an làimh eile, dh'fhaodadh gu bheil cuid de dhàil ann an tagraidhean riaghlaidh air a thighinn bho riatanasan reachdail, cuingealachdan agus sgèilean-ama;
  • gum bu chòir pròiseasan Coimisean na Croitearachd a shìmpleachadh far a bheil sin comasach, agus gum biodh stiùireadh ri fhaighinn mun deidhinn;
  • mar as urrainn do cho-dhùnaidhean riaghlaidh Coimisean na Croitearachd cothromachadh a dhèanamh eadar am feum air cunbhalachd agus mothalachd do shuidheachaidhean ionadail agus iomadachd choimhearsnachdan croitearachd ann an diofar sgìrean; agus,
  • am bu chòir an àireamh de Choimiseanairean taghte agus air an cur an dreuchd àrdachadh no ìsleachadh.

Ceist 6

A) Dè na prìomh chothroman a tha ann nad bheachd-sa airson atharrachadh a thaobh dleastanasan riaghlaidh Choimisean na Croitearachd?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh dleastanasan riaghlaidh Choimisean na Croitearachd a b'urrainn atharrachadh gus cuideachadh le bhith dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri dleastanasan riaghlaidh Choimisean na Croitearachd?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh dleastanasan riaghlaidh agus dòighean-obrach Choimisean na Croitearachd.

v. Clàradh Croitearachd

Co-theacsa

Thug Achd 2010 air adhart riatanas airson gun stèidhicheadh agus gun cumadh suas Neach-glèidhidh Chlàran na h-Alba Clàr Croitearachd 14 poblach de chroitean, cùl-cinn is fearann air a chumail mar ruinn-ruithe. Tha an clàr a' sealltainn farsaingeachd fearainn is seilbh a tha buntainn ri croit air mapa den t-Suirbhidh Òrdanais.

Tha Clar nan Croitean ga dhèanamh comasach aithne thràth fhaighinn air còraichean seilbhe is crìochan gus soilleireachd a thoirt seachad mu raointean fearainn a tha co-cheangailte ri croit. Mar sin bidh e nas fhasa rianachd a chumail air ceannach is reic fearann san àm ri teachd agus dh'fhaodadh e a bhith taiceil gus connspaidean mu chrìochan a lughdachadh. Bhiodh e feumail cuideachd nam biodh crìochan chroitean air an clàradh nas mionaidiche gus am biodh e na b'fhasa barantasan-stannardach a thoirt seachad a thaobh fearann croit air mhàl (air aithris ann an fo-earrann vii gu h-ìosal) agus airson làraichean taigheadais.

Tha pròiseas Clàradh Croitearachd air ciallachadh gun deach grunn chùisean a dheasbad ann an Cùirt an Fhearainn, gu sònraichte far a bheil pàipearan bhon àm a dh'fhalbh a' toirt a-steach fianais eadar-dhealaichte mu càite a bheil na crìochan. Bhiodh e fada na b'fheàrr nam faighear fuasgladh tron phròiseas clàraidh air a h-uile mì-chinnt sin, ach chan eil e comasach ach na h-uimhir a dhèanamh gus seo a choileanadh.

Bhon t-Samhain 2012, tha an Clàr Croitearachd air a bhith fosgailte airson clàraidhean saor-thoileach. Bhon t-Samhain 2013, chaidh clàradh cuideachd a dhèanamh riatanach nuair a thachras tachartasan sònraichte leithid croitean a bhith air an sònrachadh, gan cur fo-mhàl no dì-chroiteadh fearann. Gu ruige seo, chaidh 4,000 croit a-mach à timcheall air 16,000 a chlàradh.

Mar phàirt den phròiseas seo feumaidh an tagraiche, nuair a gheibh e/i an teisteanas clàraidh, fios a chur a-mach gu poblach mun chlàradh le bhith cur sanas, airson dà sheachdan às deidh a chèile, ann am pàipear-naidheachd ionadail agus a' cur fios suas air a' chroit.

Taobh a-staigh 9 mìos bho fhuarar fios, faodar dùbhlan a thogail a thaobh fiosrachadh a chaidh a chur air a' chlàr le bhith cur tagradh gu Cùirt an Fhearainn. 15

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Fhad 's a bha an obair chom-pàirteachaidh thràth a rinn Riaghaltas na h-Alba a' dol air adhart, chaidh grunn draghan a thogail le croitearan a bha den bheachd gu bheil am pròiseas clàraidh sàrachail agus cosgail. Tha grunn luchd-ùidhe air ceist a thogail mun fheum a th' ann ùine, oidhirp is airgead a chosg air sanas anns a' phàipear ionadail agus air a' bheachd a chur air adhart gum faodar meadhanan eile nas eìfeachdaich a thaobh cosgais a chleachdadh an àite sin (m.e. post a chur suas air làrach-lìn Coimisean na Croitearachd).

A bharrachd air sin, tha fianais co-cheangailte ri connspaidean crìche a nochdas tron phròiseas clàraidh croite a tha aig amannan dùbhlannach agus a dh'fhaodadh a bhith cosgail do na pàrtaidhean a tha an sàs ann a thaobh fuasgladh fhaighinn..

Ceist 7

A) Dè na prìomh chothroman a tha ann nad bheachd-sa airson atharrachadh a thaobh Clàradh Croitearachd?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh Clàradh Croitearachd a b'urrainn atharrachadh gus cuideachadh le bhith dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Clàradh Croitearachd?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh Clàradh Croitearachd.

vi. Croitean Sealbhadair-còmhnaidh

Co-theacsa

Gu traidiseanta, bhiodh na croitearan nam màladairean air a' chroit, a' pàigheadh màl don uachdaran (aig an robh seilbh air an fhearann). Bho thàinig Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 1976 gu buil, tha e air a bhith comasach do chroitearan na croitean aca a cheannach airson 15 uiread a' mhàil bliadhnail, a bhith gan gairm fhèin mar uachdaran agus aig an àm a bhith ag obair an fhearainn mar chroit. Chaidh an abairt 'croitear sealbhadair-còmhnaidh' a mhìneachadh ann an Achd Ath-leasachadh na Croitearachd (Alba) 2010 an toiseach.

Tha cuspairean eile a' togail ceann mu chroitearan sealbhadair-còmhnaidh agus an suidheachadh taobh a-staigh an t-siostaim croitearachd. Is e a tha san amhairc an-dràsta gum biodh cothromachd co-ionann de chòraichean agus dhleastanasan aig gach cuid màladairean croite agus sealbhadairean-còmhnaidh taobh a-staigh an t-siostaim croitearachd, co-cheangailte ri còraichean coimhearsnachdan croitearachd agus daoine ùra a' tighinn a-steach do chroitearachd. Tha an reachdas làthaireach gu ìre mhòr a' comharrachadh a' phrionnsapail co-ionannachd seo, ach dh'fhaodadh atharrachaidhean a dhèanamh gus a neartachadh no tarraing air falbh bhuaidhe.

Tha luchd-ùidhe air dragh a thogail a thaobh beàrn laghail teicniceach a chaidh aithneachadh san lagh làthaireach far nach eil inbhe 'croitearan sealbhadair-còmhnaidh' aig cuid de na sealbhadairean-còmhnaidh. Dh'fhaodadh cothrom a bhith anns a' Bhile airson seo atharrachadh, ma tha sin iomchaidh.

Eisimpleirean

Thoir an aire gu bheil na h-eisimpleirean gu h-ìosal dìreach a' nochdadh cuid de shuidheachaidhean. Chan eil iad a' feuchainn ri aithris gur e seo liosta choileanta de gach gnothach a chaidh a thogail mu choinneimh gach cuspair.

Thathas air beachd fhaighinn gum faodadh sgrùdadh a dhèanamh air na cuspairean co-cheangailte ri sealbhadairean-còmhnaidh mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh air reachdas. Mar eisimpleir, mhol aithisg Buidheann Cruinneachadh Laghan Croitearachd ( Crofting Law Group Sump Report) san t-Samhain 2014 gu bheil feum air inbhe chroitearan sealbhadair-còmhnaidh a shoilleireachadh taobh a-staigh reachdas croitearachd, agus gum bu chòir nas lugha de dhiofar a bhith eadar sealbhadairean-còmhnaidh agus maladairean fon lagh. Gu dearbh, gum bu chòir a h-uile duine a tha a' còmhnaidh air croit a bhith fo na h-aon riaghailtean.

Thainig aithisg Comataidh an REC chun cho-dhùnadh "gum bu chòir sgrùdadh a dhèanamh air roghainnean mu mar a bu chòir sealbhadairean-còmhnaidh a bhith air an làimhseachadh taobh a-staigh na h-àrainneachd croitearachd gu mionaideach mar phàirt de cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba."

Air an làimh eile, aig na tachartasan com-pàirteachaidh tràth, chaidh a' phuing a thogail leis gun tug Achd tùsail 1886 còraichean do chroitearan fon lagh mar mhàladairean, gur e dìreach croitean fo mhàl a bu chòir a thighinn a-steach do lagh na croitearachd. Mar sin, ma cheannaicheas croitear a chroit aca, bu chòir gun deidheadh a' chroit sin aon chuid a thoirt a-mach à còir-fhearainn no gum biodh cuid de chòraichean agus faighinn a-steach do sgeamaichean air an ainmeachadh an-dràsta airson màladairean croitearachd a thoirt air falbh bho dhuine a cheanaicheas croit.

Ceist 8

A) Dè na prìomh chothroman a tha ann nad bheachd-sa airson atharrachadh a thaobh croitean le Sealbhadair-còmhnaidh?

B) Dè na pàirtean sònraichte den reachdas làthaireach air a bheil thu eòlach a thaobh Croitean Sealbhadair-còmhnaidh a b'urrainn atharrachadh gus cuideachadh le bhith dèiligeadh ris na cuspairean sin?

C) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

D) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Croitean Sealbhadair-còmhnaidh?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh Croitean Sealbhadair-còmhnaidh.

vii. Barantasan-stannardach ( Standard Securities)

Co-theacsa

Tha màladairean croite air ceist a thogail mu bhith gun chomas air ionmhas fhaighinn airson taigheadas no leasachadh ghnìomhachas. Tha seo na phrìomh chuspair ann an coimhearsnachdan croitearachd, agus tha e deatamach a thaobh a bhith ag àrdachadh sluagh ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus a' neartachadh an eaconamaidh dhùthchail. Ma bhios dìth ionmhais ann, bidh sin na dhuilgheadas do chroitearan ann a bhith a' faighinn an ionmhais a tha riatanach airson taigheadas croit a leasachadh, a tha riatanach ann a bhith a' leasachadh agus a' dèanamh seasmhach coimhearsnachdan croitearachd air feadh nan sgìrean croitearachd.

Is e aon de na prìomh adhbharan airson dìth ionmhais nach eil e comasach fon lagh an-dràsta a thaobh màladairean croit, gun tèid barantas-stannardach a chur thairis air na gabhaltasan aca. Mar as àbhaist feumaidh croitearan a tha airson an còir air a' chroit a cheannach a chur an gnìomh fo earrann 12 de dh'Achd 1993, agus an uair sin faodaidh iad barantas-stannardach fhaighinn co-cheangailte rin cuid seilbh air tac na croit.

Gus am bi an so-mhaoin thèarainte nas tarraingiche do dh'iasadaichean, mar as trice feumaidh an t-seilbh a bhith air a dhì-chroiteadh gus nach bi e fo riaghladh Achd 1993. Nam biodh e comasach do bhancannan goireasan ionmhais a thabhann do chroitearan, dh'fhaodadh seo margaid ùr agus cothroman a chruthachadh do bhancannan airson an cuid gnìomhachais a sgaoileadh a-mach do sgìrean croitearachd.

Nuair a bhathas a' leasachadh Achd 2010, bha e na rùn don reachdas comas barantasan-stannardach a thogail thairis air gabhaltasan croitearachd, a thoirt a-steach. Ach, bha seo gu bhith toinnte, agus chaidh na briathran a thoirt a-mach anmoch ann an cùrsa a' Bhile tro Phàrlamaid na h-Alba. Bhon uair sin, tha Riaghaltas na h-Alba air grunn iarrtasan fhaighinn airson reachdas ath-stèidheachadh co-cheangailte ris a' chuspair seo.

Ceist 9

A) Dè na prìomh chothroman a tha ann nad bheachd-sa bho bhith toirt seachad barantas-stannardach thairis air gabhaltas croite?

B) Dè na buaidhean prataigeach nad bheachd-sa a bhiodh aig na h-atharrachaidhean reachdail sin (m.e. ionmhasail, àrainneachdail, sòisealta, co-ionannachd no buaidhean eile)?

C) A bharrachd air atharrachaidhean reachdail, a bheil dòigh sam bith eile nas iomchaidh anns am faodar dèiligeadh ri cuspairean co-cheangailte ri Barantasan-stannardach?

Thoir dhuinn beachd sam bith eile a th' agad a thaobh a bhith toirt seachad gabhaltasan croite.

viii. Òrdugh phrìomhachasan

Tha na h-earrannan roimhe seo air mìneachadh a dhèanamh air na prìomh chuspairean croitearachd a chaidh a thogail le Riaghaltas na h-Alba a thaobh reachdas. A thaobh na cuspairean a chaidh aithneachadh, dèan liosta nad fhreagairt airson Ceist 10 den fheadhainn a thu a' smaoineachadh a bu chòir prìomhachas fhaighinn airson ath-leasachadh Bile na Croitearachd, ann an òrdugh 'prìomhachas as àirde' an toiseach gu 'prìomhachas as ìsle' mu dheireadh.

Ma tha cuspairean eile co-cheangailte ri reachdas croitearachd no croitearachd nas fharsainge a tha thu a' faireachdainn a tha a dhìth, thoir seachad an fhiosrachadh agad le bhith a' freagairt Ceist 11.

Ceist 10

Dèan liosta leis an 'ìre prìomhachais as àirde' an toiseach gu 'ìre prìomhachais as ìsle' mu dheireadh;

1)

2)

3)

4)

5)

6)

7)

(B' e na cuspairean a chaidh ainmeachadh Neo-làthaireachd, Ana-cleachdadh agus Dearmad; Sònrachadh agus Còir-sheilbh; Cùl-cinn; Dleastanasan riaghlaidh agus Dòighean-obrach Choimisean na Croitearachd; Clàradh Croitearachd; Croitean Sealbhadair-còmhnaidh; Barantasan-stannardach)

Ceist 11

A) A bheil prìomhachas sam bith eile ann a thaobh croitearachd air nach deach beachdachadh anns a' cho-chomhairle seo?

B) A bheil buaidh sam bith a dh'fhaodadh tighinn gun fhios mar thoradh air ath-leasachadh reachdas croitearachd?

Innse dhuinn mu bheachd sam bith eile a tha agad mun ath-leasachadh Reachdas Croitearachd a thathas a' moladh air nach deach iomradh a thoirt anns na freagairtean agad roimhe seo.

Ma tha beachd sam bith agad a thaobh cuspairean croitearachd san fharsaingeachd ris nach eil reachdas a' buntainn, cleachd an t-àite seo airson fiosrachadh sam bith eile.

Contact

Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG

Back to top