beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Publication

Gaelic Language Plan

Published: 6 Jul 2010
Part of:
Arts, culture and sport
ISBN:
978 0 7559 9398 7

Scottish Government's plan to support the promotion of Gaelic throughout Scotland.

92 page PDF

972.7kB

92 page PDF

972.7kB

Contents
Gaelic Language Plan
CAIBIDIL I - RO-RÀDH

92 page PDF

972.7kB

CAIBIDIL I - RO-RÀDH

Sealladh farsaing air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ullachadh Planaichean Gàidhlig

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Bha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air a cur an gnìomh le Pàrlamaid na h-Alba le sùil ri inbhe thèarainte fhaighinn don Ghàidhlig mar chànan oifigeil an Alba le spèis co-ionann ris a' Bheurla.

Tha an t-àm seo riatanach don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha suidheachadh a' chànain air leth lag agus le àireamhan nan daoine a tha a' bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta no mar thùs-chànan ann an sgìrean traidiseanta a' chànain a' crìonadh tha cunnart ann nach mair a' Ghàidhlig mar chànan beò an Alba. Tha e riatanach ceuman a ghabhail gus a' Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach an Alba.

'S e aon de na prìomh nithean ann an Achd 2005 an t-ullachadh a tha a' toirt cothrom do Bhòrd na Gàidhlig (am prìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba) iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Bha an t-ullachadh seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gum bi an earrann phoblach an Alba a' gabhail a pàirt ann an cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd tro bhith ag àrdachadh a h-inbhe agus a h-ìomhaigh agus a' cruthachadh cothroman practaigeach airson a bhith ga cleachdadh.

An riatanas a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig

Tha an riatanas airson buidheann poblach a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig a' tòiseachadh le Bòrd na Gàidhlig a' cur a-mach fios foirmeil airson sin fo earrann 3 de Achd 2005. Fhuair Riaghaltas na h-Alba fios san Lùnastal 2006, agus chaidh iarraidh air a Phlana Gàidhlig a chur chun a' Bhùird airson aonta san Ògmhios 2008.

Prìomh nithean air am feumar beachdachadh ann an ullachadh Plana Gàidhlig

Tha Achd 2005 a' comharrachadh grunn shlatan-tomhais sònraichte dom feum buidhnean a tha ag ullachadh Planaichean Gàidhlig aire a thoirt. Tha iad sin air an dealbh gus dèanamh cinnteach gu bheil na Planaichean Gàidhlig a tha air an ullachadh coileanta, co-chòrdail agus iomchaidh do shuidheachadh fa leth na buidhne a tha ga ullachadh.

(i) an ìre a tha Gàidhlig ga cleachdadh le daoine dom bi an t-ùghdarras a' cur a dhleastanasan an gnìomh, agus an comas air cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh an co-cheangal ri coileanadh nan gnìomhan sin

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir na Planaichean Gàidhlig air an ullachadh le buidhnean poblach aire don àireamh luchd-labhairt a tha taobh a-staigh an raon-obrach aca, agus an comas air cleachdadh a' chànain a leudachadh. San fharsaingeachd, thathar a' sùileachadh gun deasaich buidhnean poblach le àireamhan mòra de luchd-labhairt Gàidhlig taobh a-staigh an raon obrach aca Planaichean Gàidhlig nas làidire.

(ii) stiùireadh reachdail mu ullachadh Planaichean Gàidhlig air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 8 de Achd 2005

Tha Bòrd na Gàidhlig air stiùireadh reachdail fhoillseachadh fo earrann 8 de Achd 2005, a tha a' toirt comhairle air mar bu chòir Planaichean Gàidhlig a dhealbh agus air dè bu chòir do dh'ùghdarrasan poblach smaoineachadh air cur a-steach sna planaichean aca.

(iii) Plana Nàiseanta na Gàidhlig

'S e sgrìobhainn reachdail a tha ann am Plana Nàiseanta na Gàidhlig air a dheasachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 2 de Achd 2005. Tha am Plana Nàiseanta a' toirt sealladh iomlan air feuman leasachaidh na Gàidhlig, a' gabhail a-steach cùisean togail cànain, cleachdadh cànain, inbhe cànain agus corpas cànain. Tha e a' mìneachadh prìomhachasan airson leasachadh na Gàidhlig, agus a' comharrachadh buidhnean a dh'fhaodas cuideachadh len coileanadh.

(iv) tagraidhean sam bith a rinneadh ris a' bhuidhinn phoblaich a tha ag ullachadh a phlana mun dòigh a tha e a' cleachdadh na Gàidhlig

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir buidhnean poblach aire do bheachdan bhuidhnean le ùidh sa chùis nuair a tha iad ag ullachadh am Planaichean Gàidhlig. 'S e a' phrìomh dhòigh air na beachdan sin fhaighinn le Riaghaltas na h-Alba co-chomhairlean poblach air a dhreachd Phlana.

(v) prionnsabal spèis cho-ionann

Bha prionnsabal spèis cho-ionann air fhilleadh a-steach ann an Achd 2005 le Pàrlamaid na h-Alba mar aithris dheimhinneach gu bheilear a' cur meas air a' Ghàidhlig, a' toirt feart air a' mhiann aig luchd-cleachdaidh na Gàidhlig gum bi cleachdadh na Gàidhlig cho nàdarrach 's a ghabhas nam beatha, gum biodh spiorad bhlàth don Ghàidhlig air feadh Alba, agus nach bu chòir don chànan fulang tro chion spèis sam bith bho dhaoine fa leth no bho bhuidhnean. Tha stiùireadh a' Bhùird ag aithris gur dòcha nach eil spèis cho-ionann don Ghàidhlig a' leantainn gu dèiligeadh co-ionann don Ghàidhlig agus don Bheurla, no gum feum ìre shònraichte de sholarachadh Gàidhlig a bhith ri fhaotainn anns gach suidheachadh. 'S ann a tha e a' misneachadh bhuidhnean poblach gu bhith a' strì, a dh'aindeoin dè an suidheachadh cànain sònraichte a tha romhpa, a bhith taiceil agus fialaidh do leasachadh na Gàidhlig agus am Planaichean Gàidhlig ullachadh le sùil ri cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh cho furasta 's a ghabhas a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin. Nuair a tha sinn a' lìbhrigeadh sheirbheisean tron Ghàidhlig, feuchaidh sinn ri dèanamh cinnteach gum bi an ìre agus càileachd den aon ìre 's a bhiodh iad tron Bheurla.

Co-chomhairle air dreachd Phlana Gàidhlig

A rèir Achd 2005 feumaidh buidhnean poblach ullachadh a' Phlana Gàidhlig aca a thoirt gu aire dhaoine aig a bheil ùidh ann. Gus seo a dhèanamh, rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle phoblach air dreachd den phlana Gàidhlig aige ann an 2009.

Aonta do Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Bidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba air a chur chun a' Bhùird agus air aontachadh leis a' Bhòrd.

Sealladh farsaing air dleastanasan Riaghaltas na h-Alba agus cleachdadh na Gàidhlig taobh a-staigh ar raon obrach

'S e Riaghaltas na h-Alba an riaghaltas tiomnaichte airson Alba. Bha Riaghaltas na h-Alba air a stèidheachadh ann an 1999, às dèidh nan ciad thaghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear a tha air ainmeachadh leis a' Phàrlamaid agus an dèidh sin a' cur an dreuchd Ministearan na h-Alba eile a tha a' dèanamh suas a' Chaibineat.

Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, agus tha iadsan cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba. 'S e Bòrd an Ro-innleachd prìomh bhòrd Riaghaltas na h-Alba. 'S e an Rùnaire Maireannach cathraiche a' Bhùird agus 's iad buill a' Bhùird Àrd-stiùirichean nam prìomh Bhuidhnean-stiùiridh aig Riaghaltas na h-Alba còmhla ri triùir bhall neo-oifigeil.

Tha Achd na h-Alba a' clàradh, ann am Pàipear-taice 5, na cùisean a tha glèidhte. Tha cùis sam bith nach eil cho glèidhte, no air a mhìneachadh anns an Achd mar a bhith taobh a-muigh comas na Pàrlamaid, tiomnaichte. Tha Clàr 1 gu h-ìosal a' sealltainn cuid de na prìomh chùisean tiomnaichte agus glèidhte. Tha a' chuid as motha de na cùisean a bhuineas do bheatha làitheil sluagh na h-Alba, a' gabhail a-steach slàinte, foghlam, ceartas, àrainneachd agus cùisean dùthchail, agus còmhdhail fo uallach Riaghaltas na h-Alba. Bha toradh Sgrùdadh air Cosg 2007 air fhoillseachadh air 14 Samhain 2007. Tha buidseat na h-Alba aig £29.8 billean bho 2007/08 gu 2010/11.

Tha prìomh oifisean Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann aig Victoria Quay, St Andrew's House, Saughton House agus Pentland House; agus, an Glaschu, aig Atlantic Quay. Còmhla ri sin, tha mu 70 oifisean sgìre againn bho Bhaile na h-Eaglais sa Cheann a Tuath chun an t-Sròin Reamhair sa Cheann a Deas.

Tha cùisean tiomnaichte a' gabhail a-steach:

  • slàinte
  • foghlam agus trèanadh
  • riaghaltas ionadail
  • obair shòisealta
  • taigheadas
  • dealbhadh
  • turasachd, leasachadh eaconamach agus taic ionmhais do ghnìomhachas
  • cuid de chùisean còmhdhail, a' gabhail a-steach lìonra rathaidean na h-Alba, poileasaidh mu bhusaichean agus cidheachan is calaidhean
  • lagh agus cùisean na dùthcha, a' gabhail a-steach a' chuid as motha de roinnean lagh eucorach agus catharra, an siostam casaid agus na cùirtean
  • am Poileas agus seirbheisean Smàlaidh
  • an àrainneachd
  • dualchas nàdarra agus togte
  • àiteachas, coilltearachd agus iasgach
  • spòrs agus na h-ealain
  • staitistig, agus clàran poblach

Tha cùisean glèidhte a' gabhail a-steach:

  • cùisean bun-reachdail
  • poileasaidh na Rìoghachd Aonaichte air dùthchannan cèin
  • dìon agus tèarainteachd nàiseanta an Rìoghachd Aonaichte
  • siostam fiosgail, eaconamach agus ionmhasail
  • in-imrich agus nàiseantachd
  • cumhachd: dealan, gual, gas agus cumhachd niuclasach
  • margaidhean coitcheann
  • malairt agus gnìomhachas, a' gabhail a-steach co-fharpais agus dìon luchd-cleachdaidh
  • cuid de chùisean còmhdhail, a' gabhail a-steach sàbhailteachd agus riaghladh còmhdhail
  • reachdas cosnaidh
  • tèarainteachd shòisealta
  • cearrachd agus an Crannchur Nàiseanta
  • dìon dàta
  • casg-breith, torachadh daonna agus sutheòlas, gintinneachd, xenotraschur agus beò-ghearradh
  • co-ionannachd chothroman

Tha obair Riaghaltas na h-Alba air a dhèanamh le:

  • Riaghaltas na h-Alba - an t-seirbheis chatharra ghnàthach an Alba le prìomh Bhuidhnean-stiùiridh an Eaconamaidh agus am Prìomh Chomhairleach air an Eaconamaidh, Slàinte agus Sochair, Ceartas agus Coimhearsnachdan, an Àrainneachd, Foghlam agus Oifis an Rùnaire Mhaireannaich;
  • Buidhnean iomairt - air an stèidheachadh le Ministearan mar phàirt de roinnean Riaghaltas na h-Alba, no mar roinnean dhiubh fèin, gus an raointean obrach fhèin a choileanadh. Tha seirbheisich catharra ag obair anns na buidhnean iomairt;
  • Buidhnean poblach ( NDPBan) - buidhnean poblach nàiseanta agus roinneil, nach eil a' coileanadh an gnìomhan làitheil còmhla ri Ministearan, ach le Ministearan cunntachail air an son aig a' cheann thall; agus
  • Buidhnean Gnìomha - buidhnean comhairleachaidh air an stèidheachadh le Ministearan gus cùisean sònraichte a rannsachadh agus aithris a thoirt orra. Cha mhair Buidhnean Gnìomha ach ùine ghoirid, mar as trice mu bhliadhna, agus bidh iad a' dol à bith nuair a bhios an aithris crìochnaichte.

Tha raon obrach Riaghaltas na h-Alba a' gabhail a-steach Alba gu lèir. Mar sin, tha gach neach-labhairt Gàidhlig agus coimhearsnachd Ghàidhlig an Alba taobh a-staigh na sgìre sa bheil Riaghaltas na h-Alba ag obrachadh a' gabhail a-steach a h-uile sgìre sa bheil daoine comasach air tuigsinn, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig a' dèanamh suas mòr-chuid den àireamh-sluaigh.

Cunntasan-sluaigh 1

B' e an àireamh iomlan de dhaoine air an clàradh comasach air labhairt agus/no leughadh agus/no sgrìobhadh agus/no tuigsinn Gàidhlig ann an cunntas-sluaigh 2001 92,400 (1.9% de dh'àireamh-sluaigh na h-Alba). Dhiubh sin, b' e an àireamh iomlan de dhaoine a b' urrainn Gàidhlig a bhruidhinn 58,652 (1.2% de dh'Àireamh-sluaigh na h-Alba).

Ged a chaidh an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig uile gu lèir sìos anns a' chunntas-sluaigh mu dheireadh, chaidh an àireamh de dhaoine comasach air labhairt agus cuideachd air leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig suas eadar 1991 agus 2001 a' sealltainn fàs ann an litearras Gàidhlig agus anns an àireamh de luchd-ionnsachaidh Gàidhlig. Mheudaich an àireamh de chloinn aois 5-15 comasach air labhairt Gàidhlig cuideachd eadar 1991 agus 2001. Tha e na phrìomhachas aig an Riaghaltas seo a bhith a' cumail na h-àireimh de luchd-labhairt Gàidhlig seasmhach aig na h-ìrean a bha aca ann an 2001 ro chunntas-sluaigh 2021.

Tha luchd-labhairt Gàidhlig sgapte air feadh Alba. Den luchd-labhairt Gàidhlig air an comharrachadh ann an cunntas-sluaigh 2001, bha beagan a bharrachd air an dara leth a' fuireach ann an siorrachdan na Gàidhealtachd (sgìrean Chomhairle na Gàidhealtachd, Chomhairle Earra-Ghàidheil & Bhòid agus Chomhairle nan Eilean Siar) agus beagan nas lugha na an dara leth ann an sgìrean na Galltachd. Tha a' Ghàidhlig air a bruidhinn le mòr-chuid de dhaoine ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar agus ann an sgìre Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd. Chan eil ach dìreach beagan a bharrachd air cairteal de luchd-labhairt a' fuireach ann an sgìrean far a bheil luchd-labhairt Gàidhlig a' dèanamh suas mòr-chuid.

Tha ìre àrd cathaireachaidh taobh a-staigh na coimhearsnachd Gàidhlig le dùmhlachadh mòr de luchd-labhairt Gàidhlig a' fuireach ann an Sgìre Ghlaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis agus Obar Dheathain. Mar eisimpleir, tha 11,211 neach-labhairt Gàidhlig, no 19% den luchd-labhairt Gàidhlig air fad, a' fuireach ann an Sgìre Ghlaschu a rèir cunntas-sluaigh 2001. 2

Fiosrachadh bho Chunntas Sluaigh 2001

Sluagh iomlan aois 3 agus nas sinne (=100%)

Comasach air fileantachd

Comas labhairt, leughaidh no sgrìobhadh

Comas labhairt leughadh, sgrìobhadh no tuigse

Alba

4,900,492

58,652 (1.2%)

65,674 (1.3%)

92,386 (1.9%)

Chan eil figear cinnteach ann airson na h-àireimh de luchd-ionnsachaidh inbheach neo-fhileanta. Ach, cho-dhùin sgrùdadh nàiseanta ann an 1995 le John Galloway às leth Comunn na Gàidhlig, bòrd leasachaidh na Gàidhlig, gun robh mu 8,000 an Alba. 3

Tha mu 2,500 sgoilearan bun-sgoile agus àrd-sgoile ann am foghlam Gàidhlig ( FG) gu nàiseanta aig an àm seo, le 700 pàiste eile ann an sgoiltean-àraich Gàidhlig. Taobh a-staigh foghlam Beurla eadar 2,500 agus 3,000 tha luchd-ionnsachaidh a' gabhail Gàidhlig mar chuspair san àrd-sgoil gach bliadhna eadar S1 agus S6. 4 Tha mòran chloinne ann am bun-sgoiltean Beurla a' gabhail pàirt anns an sgeama Gàidhlig sa Bhun-sgoil gach bliadhna: mu 6,500 pàiste ann an seisean 2005/6.


Contact

Email: ceu@gov.scot – Central Enquiry Unit

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG