beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Publication

Gaelic Language Plan

Published: 6 Jul 2010
Part of:
Arts, culture and sport
ISBN:
978 0 7559 9398 7

Scottish Government's plan to support the promotion of Gaelic throughout Scotland.

92 page PDF

972.7kB

92 page PDF

972.7kB

Contents
Gaelic Language Plan
CAIBIDIL II - BUN-DHLEASTANASAN

92 page PDF

972.7kB

CAIBIDIL II - BUN-DHLEASTANASAN

San Stiùireadh air Leasachadh Planaichean Gàidhlig reachdail, tha Bòrd na Gàidhlig ag ainmeachadh cruthachadh nan suidheachaidhean airson a cleachdadh sa bheatha phoblaich mar aon de na prìomh nithean ann an àbhaisteachadh cleachdadh na Gàidhlig. Tha am Bòrd air ceithir prìomh raointean de lìbhrigeadh seirbheis a chomharrachadh air a bheil e ag iarraidh air buidhnean poblach aghaidh a chur ann an ullachadh am Planaichean Gàidhlig. 'S iad sin:

Dearbh-aithne:

dearbh-aithne chorporra
soidhnichean

Conaltradh:

fàilteachas
fòn
post agus postd
foirmean
coinneamhan poblach
modhan gearain

Foillseachaidhean:

dàimh phoblach agus na meadhanan
stuth clò-bhuailte
làraich-lìn
taisbeanaidhean

Luchd-obrach:

trèanadh
ionnsachadh cànain
fastadh
sanasachd

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn gum faod pàirt cudromach a bhith aig gach gnìomh chorporra sin ann an àrdachadh ìomhaigh agus follaiseachd na Gàidhlig, agus ann an cruthachadh cothroman prataigeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig. Tha an earrann seo den Phlana Gàidhlig againn a' mìneachadh dè an solarachadh Gàidhlig a bhios air a dhèanamh co-cheangailte ri gach gnìomh.

Ann am beachdachadh air ciamar is urrainn a sholarachadh Gàidhlig anns na raointean sin a leasachadh, thug an Riaghaltas na h-Alba aire do na riatanasan reachdail air an comharrachadh ann an Achd na Gàidhlig (Alba) 2005, agus do Stiùireadh a' Bhùird mu leasachadh Planaichean Gàidhlig. Tha an Stiùireadh ag aithris gur e an sùileachadh, san fharsaingeachd, anns na ceàrnaidhean far as àirde na h-àireamhan no na h-àireamhan sa cheud de luchd-labhairt Gàidhlig, gum bi raon nas fharsainge agus ìre dhleastanasan nas làidire anns a' Phlana Gàidhlig.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair thar gach ceàrn de dh'Alba - mar sin, ann an leasachadh ar solarachadh Gàidhlig, bidh sinn a' cleachdaidh na h-ìre solarachaidh as lugha a bhuineas do na raointean obrach againn uile, agus a' toirt ìre solarachaidh leasaichte ann an ceàrnaidhean sa bheil an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig nas àirde. Tha Riaghaltas na h-Alba an dùil sgrùdadh a dhèanamh air cànan anns a' chiad bhliadhna de ghnìomhachadh ar Plana Gàidhlig gus cuideachadh a' comharrachadh roinnean de sheirbheisean agus sgìrean far am faodadh solarachadh Gàidhlig nas mionaidiche a bhith ion-dhèanta agus feumail.

Tha an earrann seo a' comharrachadh na h-ìre as lugha de sholarachadh Gàidhlig a tha sinn a' gealltainn a sholar anns na 5 bliadhna a mhaireas am plana. Bithear ag iarraidh air a h-uile roinn de Riaghaltas na h-Alba a dhol nas àirde na an ìre solarachadh bhunaiteach seo agus, fhad 's a mhaireas am plana, meudachadh mean air mhean air an t-solarachadh Gàidhlig a tha iad a' tabhann. Tha sinn a' tuigsinn cuideachd nach eil sa Phlana Gàidhlig seo ach toiseach tòiseachaidh, agus a' sùileachadh gum bi na planaichean a nì sinn san àm ri teachd nan atharrachaidhean mòra anns an ìre bhunaiteach as lugha de sholarachadh Gàidhlig a bhios air a thabhann.

Earrann 1 - Dearbh-aithne

Faodaidh Gàidhlig ann an dearbh-aithne chorporra agus soidhnichean ùghdarras poblaich cur gu mòr ri follaiseachd a' chànan, agus tha e na aithris chudromach le ùghdarras poblach mun mheas agus an àite a tha aig a' Ghàidhlig. Faodaidh leudachadh air cleachdadh na Gàidhlig tro shoidhnichean cuideachd cur ri briathrachas luchd-cleachdaidh Gàidhlig agus ri leasachadh a' chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh mothachadh fad is farsaing air cleachdadh na Gàidhlig agus a' toirt ìomhaigh fhiughaireach dhi.

Dearbh-aithne Chorporra

An Dòigh-obrach Làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson cleachdadh na Gàidhlig na dhearbh-aithne chorporra.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' gluasad a dh'ionnsaigh cleachdadh an tionndaidh dà-chànanach de shuaicheantas Riaghaltas na h-Alba mar an àbhaist thar gach raon obrach againn.

Dùbhlachd 2010

A h-uile raon obrach

Chaidh leasachadh a dhèanamh air an t-suaicheantas dà-chànanach again bho chionn ghoirid ach bidh sinn a' toirt sùil air a bhith a' cleachdadh 'spèis co-ionnan' nuair a tha eacarsaich air dearbh-aithne ga chur air adhart.

Cho tràth sa ghabhas

Conaltradh

Bidh sinn a' dèanamh sgrùdadh air a h-uile teamplaid eileagtronaigeach a tha air an cleachdadh le Riaghaltas na h-Alba agus a' toirt comhairle air cothroman air an dà chànan a chleachdadh.

Dùbhlachd 2010

ISIS -Siostaman Corporra

Nì sinn cinnteach gum bi eadar-theangachaidhean iomchaidh air ainmean Bhuidhnean-stiùiridh agus Roinnean.

Mar a bhios riatanach

Aonad Gàidhlig

Dearbh-aithne Chorporra (a' leantainn)

An Dòigh-obrach Làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson cleachdadh na Gàidhlig na dhearbh-aithne chorporra.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh do luchd-obrach air cleachdadh suaicheantas corporra dà-chànanach Riaghaltas na h-Alba ann an:

Cinn-litrichean

Cèisean

Bileagan dùrachd

Cairtean gnìomhachais

Cairtean freagairt

Ògmhios 2011

Aonad Gàidhlig

Tha sinn a' rannsachadh ciamara a ghabhas cur ri inbhe na Gàidhlig agus a cleachdadh ann an dòigh iomchaidh anns a mhargaidheachd eadar-nàiseanta a tha sinn a' dèanamh

A' leantainn

Iomairtean na h-Alba agus Turusachd

Soidhnichean (a-staigh agus a-muigh)

An Dòigh-obrach Làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson Gàidhlig a chleachdadh air soidhnichean.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' gluasad a dh'ionnsaigh toirt a-steach soidhnichean agus suaicheantas Riaghaltas na h-Alba san dà chànan mar an àbhaist mar phàirt den mhodh ùrachaidh agus leasachaidh àbhaisteach againn.

Lùnastal 2010

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Rinn sinn a' dèanamh sgrùdadh air a h-uile soidhne a-muigh agus aig na dorsan airson cleachdadh na Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba.

Thèid measadh a bharrachd a dhèanamh air toglaichean Marine Scotland a thàinig fo sgèith thoglaichean Riaghaltas na h-Alba bho Dàmhair 1, 2009.

Sultain 2008

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Meudaichidh sinn cleachdadh na Gàidhlig ann an soidhnichean a-muigh agus aig dorsan nar togalaichean sir fad.

Lùnastal 2010

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Chaidh soidhnichean 'Welcome/Fàilte' a chur air ar fosglain poblach.

Lùnastal 2010

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Earrann 2 - Conaltradh

Tha cleachdadh na Gàidhlig aig a' chiad conaltradh eadar buill den phoball agus ùghdarras poblach a' meudachadh na thathar a' faicinn agus a' cluinntinn den chànan, agus a' cur ris a' mhothachadh gu bheil comas agus cothrom aca air Gàidhlig a chleachdadh. A thuilleadh air a bhith ag àrdachadh ìomhaigh a' chànain, tha e cuideachd a' cruthachadh cothroman air a bhith ga cleachdadh agus a' misneachadh buill den phoball Gàidhlig a chleachdadh a' dèanamh gnothaich ris an ùghdarras phoblaich an dèidh làimhe.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an coluadar ris an ùghdarras tro phost, post-dealain agus air fòn cudromach ann an cruthachadh cothroman prataigeach air a' chànan a chleachdadh, agus cur ris a' mhothachadh gu bheil comas agus cothrom air a chleachdadh. Faodaidh Gàidhlig ann an iomadh seòrsa foirm Gàidhlig, no ann am foirmean dà-chànanach, cuideachd cur gu mòr ri follaiseachd agus cliù a' chànain.

Faodaidh ullachadh thionndaidhean Gàidhlig de fhoirmean, iarrtasan agus sgrìobhainnean eile den t-seòrsa sin, a bhith na chuideachadh cuideachd le leudachadh air an diofar bhriathrachas Gàidhlig agus am mothachadh a tha aig luchd-labhairt na Gàidhlig air a' bhriathrachas sin, a' cuideachadh le leasachadh a' chànain fhèin.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' cruthachadh cothroman airson Gàidhlig a chleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh làitheil agus a' gealltainn a bhith a' meudachadh na h-ìre solarachaidh san raon seo.

Fàilteachas

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh Gàidhlig sam bith aig Riaghaltas na h-Alba ann an ionadan fàilte aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachadh

Bheir sinn a-steach trèanadh ann am mothachadh air Gàidhlig airson luchd-obrach aghaidh an taighe a' gabhail a-steach prìomh abairtean agus cleachdadh iomchaidh.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh cothrom aig fàiltichean air neach-obrach le Gàidhlig gus cuideachadh le ceistean Gàidhlig.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Bidh soidhnichean dà-chànanach air an cur nar fosglain poblach air fad.

Lùnastal 2010

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Fòn

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson bruidhinn air fòn ann an Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Nì sinn a' Ghàidhlig na sgil obrach fheumail airson luchd-obrach ùr a' tòiseachadh sa Phrìomh Aonad Fiosrachaidh an Ceann Loch Lìobhainn gus am faighear air a' chiad chonaltradh air fòn a dhèanamh ann an Gàidhlig.

Tha oidhirpean a' dol air adhart

Tele-chonaltradh

Nì sinn cinnteach gum bi roghainn Ghàidhlig air ar suids-chlàr fèin-fhreagairt.

Dùbhlachd 2010

Tele-chonaltradh

Tha sinn ag amas air 'roghainn deimhinneach' a bhrosnachadh agus faodaidh luchd-obrach CEU fòn a chur troimhe gu oifigear Gàidhlig ma bhios feum air.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Tele-chonaltradh

Post agus post-dealain:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil poileasaidh aontaichte aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo air freagairt litrichean agus post-dealain Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Dh'fhoillsich sinn air an lach-lìn gu bheil Riaghaltas toileach litrichean is eile fhaighinn ann an Gàidhlig

http://www.scotland.gov.uk/About/Contacts

Anns a bhad

Aonad Coluadair

Nuair a sgrìobhas ball den phoball gu Riaghaltas na h-Alba ann an Gàidhlig gheibh iad freagairt ann an Gàidhlig.

Gun dàil

Aonad Conaltraidh

Stèidhichear le Riaghaltas na h-Alba stòr-dàta de na daoine no buidhnean leis an fheàrr conaltradh sa Ghàidhlig, agus feuchaidh sinn ri conaltradh iomchaidh a chur air dòigh dhaibh ann an Gàidhlig.

Dùbhlachd 2011

Aonad Conaltraidh còmhla ris an Aonad Ghàidhlig

Nì sinn stuth eileagtronaigeach fèin-fhreagairt san dà chànan (mar brathan-àichidh post-dealain).

Dùbhlachd 2010

ISIS - Siostaman Taic Chorporra

Bidh sinn a' cruthachadh iar-abairtean ìre Buidheann- stiùiridh agus ag iarraidh an cleachdadh ann am puist-dealain a-mach gus seirbheisean Gàidhlig a shanasachd ann an Gàidhlig agus Beurla.

Mar a bhios riatanach

A h-uile raon obrach le taic bhon Aonad Gàidhlig

Foirmean:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh soilleir aig Riaghaltas na h-Alba aig an àm seo airson cleachdadh na Gàidhlig ann am foirmean ach thathar air tagraidhean Gàidhlig a ghabhail bho dhaoine fa leth.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Meudaichidh Riaghaltas na h-Alba na tha air a chleachdadh agus air fhaicinn den Ghàidhlig anns na cruthan as cumanta:

  • bidh barrachd Gàidhlig ri fhaicinn air foirmean
  • comharraichidh sinn suidheachaidhean anns am bi lìonadh fhoirmean ann an Gàidhlig air a mhisneachadh.

Dùbhlachd 2011

A h-uile Raon Obrach

Bidh Riaghaltas na h-Alba deònach gabhail ri foirmean air an lìonadh ann an Gàidhlig.

Gun dàil

A h-uile Raon Obrach

Coinneamhan poblach:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson coinneamhan poblach a chumail ann an Gàidhlig no solarachadh Gàidhlig a dhèanamh aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh sinn a' foirmealachadh mhodhan far am bi solarachadh airson cleachdadh na Gàidhlig ann an coinneamhan poblach far an robh iarrtas reusanta air a nochdadh no far a bheil ùidh shònraichte aig luchd-labhairt na Gàidhlig ann.

Dùbhlachd 2011

A h-uile Raon Obrach

Cuiridh Riaghaltas na h-Alba air dòigh cunnradh airson eadar-mhìneachadh Gàidhlig ann an coinneamhan poblach sam bith ma bhios seo air a roghnachadh. Gu h-àraidh ann an ceàrnaidhean far a bheil àireamh àrd de luchd-cleachdaidh a' chànain.

Ògmhios 2012

Buidheann-stiùiridh Solar na h-Alba

Modh Gearain:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a ghabhail a-steach na mhodhan gearain aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn ri fhaotainn air-loidhne agus an clò.

Dùbhlachd 2011

Aonad Conaltraidh

Earrann 3 - Foillseachaidhean

Faodaidh cleachdadh na Gàidhlig ann an sreath de stuth clò-bhuailte cuideachadh a' leasachadh na Gàidhlig ann an diofar dhòighean. Tha e a' cuideachadh a' meudachadh faicsinneachd a' chànain, tha e a' cur ri inbhe na Gàidhlig le bhith ga chleachdadh ann am foillseachaidhean iomraiteach, agus faodaidh e cuideachadh a' deasachadh agus a' daingneachadh briathrachas. Tha cleachdadh na Gàidhlig sna meadhanan a' cuideachadh gu sealltainn gu bheil ùghdarras poblach airson cothrom a thoirt air fiosrachadh cudromach tron Ghàidhlig, agus a' cur ri faicsinneachd agus inbhe a' chànain. Mar a gheibh barrachd dhaoine fiosrachadh mu ùghdarrasan poblach tron làraich-lìn aca, faodaidh ullachadh airson cleachdadh na Gàidhlig cur gu mòr ri inbhe agus faicsinneachd a' chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba airson cleachdadh na Gàidhlig a mheudachadh anns na ceàrnaidhean far a bheil ùidh nas motha aig a' mhòr-shluagh anns a' chuspair no far am buin e gu sònraichte do chùisean Gàidhlig.

Dàimh phoblach agus na meadhanan:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ullachadh mu 3000 fios naidheachd gach bliadhna. Tha cuid dhiubh air an dèanamh sa Ghàidhlig mar-thà ach aig an àm seo chan eil poileasaidh aontaichte ann airson seo.

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh do luchd-obrach air na suidheachaidhean anns a bheil e iomchaidh fios naidheachd ullachadh sa Ghàidhlig no san dà chànan.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Gnìomhachais

Prìomh raointean leasachaidh

Bheir Aonad Margaidheachd comhairle do Stiùirichean air modhan obrach mar a thathas a' leasachadh Iomairtean margaidheachd agus sanasachd an Riaghaltais.

Dùbhlachd 2011

Margaideachd agus na Meadhanan Ùra

Cuiridh sinn ri chèile stiùireadh airson fiosan naidheachd a chur a-mach, san dà chànan far am bi e air a shùileachadh gun gabh na slatan-tomhais a-steach; nuair a tha cuspair fìor chudromach do na daoine a tha a' fuireach sna sgìrean sa bheil a' Ghàidhlig nas cumanta, no nuair a tha e a' dèiligeadh ri nì a bhuineas do chànan, cultar no foghlam na Gàidhlig.

Dùbhlachd 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Cuiridh sin air dòigh raon ann an làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba far am bi fiosan naidheachd Gàidhlig air an cumail còmhla.

Dùbhlachd 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Gheibhear briathrachas bho Mhinistirean ann an Gàidhlig airson sanas naidheachd far a bheil feum

Na chleachdadh a-nis

Buidheann-stiùiridh Conaltraidhh

Stuth Clò-bhuailte:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh diofar stuthan ann an Gàidhlig, mar an 'Co-chomhairleachadh air Bile a' Chultair (Alba)'. Meudaichidh Riaghaltas na h-Alba an àireamh de sgrìobhainnean a tha e a' deasachadh sa Ghàidhlig no san dà chànan no le geàrr-chunntas Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Gnìomhachais

Prìomh raointean leasachaidh

Meudaichidh sinn an àireamh de gheàrr-sgrìobhainnean a tha air an deasachadh sa Ghàidhlig.

Ògmhios 2011

A h-uile Raon Obrach

Bidh 'Consultation Good Practice Guidance' Riaghaltas na h-Alba air atharrachadh gus tionndaidhean de sgrìobhainnean co-chomhairleachaidh san dà chànan no le Beurla agus Gàidhlig air leth a bhrosnachadh.

Dùbhlachd 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Far am feumar Gàidhlig a chur ann am foillseachaidhean, cleachdaidh sinn modh dà-chànanach. Ach, 's dòcha gum bi suidheachaidhean ann, mar crìochan ama, far am bi e riatanach, no feumail, tionndadh Gàidhlig air leth a dheasachadh.

Ògmhios 2011

A h-uile Raon Obrach

Dealbhaidh sinn stiùireadh airson foillseachaidhean Gàidhlig, far am bi e air a shùileachadh gun gabh na slatan-tomhais a-steach; nuair a tha cuspair fìor chudromach do na daoine a tha a' fuireach sna sgìrean sa bheil a' Ghàidhlig nas cumanta; a' dèiligeadh ri nì a bhuineas do chànan, cultar no foghlam na Gàidhlig; co-cheangailte ri nì a tha cudromach gu nàiseanta ga chur chun a h-uile dachaigh tro leabhrain no bileagan; ga eadar-theangachadh gu cànanan coimhearsnachd eile.

Dùbhlachd 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Stuth Clò-bhuailte (a' leantainn):

An dòigh-obrach làthaireach

Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh diofar stuthan ann an Gàidhlig, mar an 'Co-chomhairleachadh air Bile a' Chultair (Alba)'. Meudaichidh Riaghaltas na h-Alba an àireamh de sgrìobhainnean a tha e a' deasachadh sa Ghàidhlig no san dà chànan no le geàrr-chunntas Gàidhlig.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Gnìomhachais

Prìomh raointean leasachaidh

Gheibhear briathrachas bho Mhinistirean ann an Gàidhlig airson sanas naidheachd far a bheil feum

Na chleachdadh mar tha

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Foillsichidh sinn air làrach-lìn an Riaghaltais de na sgrìobhainnean th'air am foillseachadh ann an Gàidhlig

Sultain 2011

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh

Làraich-lìn:

An dòigh-obrach làthaireach

Tha cuid de na duilleagan air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba www.scotland.gov.uk mar-thà sa Ghàidhlig. Gheibhear na duilleagan sin cuideachd bho www.alba.gov.uk

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Cuiridh sinn stuth ri làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba co-cheangailte ri ar Plana Gàidhlig agus meudaichidh sinn an stuth Gàidhlig air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba.

Sultain 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Bidh an earrann Ghàidhlig air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba air a leudachadh agus bheir e cothrom air earrannan far am bi fiosan naidheachd agus foillseachaidhean Gàidhlig air an cumail.

Sultain 2010

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Nì sinn soilleir air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba, dè na foillseachaidhean a tha rim faotainn sa Ghàidhlig.

Sultain 2011

Buidheann-stiùiridh Conaltraidh/Aonad Gàidhlig

Meudaichidh sinn an àireamh de dh'eadar-theangachaidhean Gàidhlig de sgrìobhainnean a gheibhear air-loidhne.

Ògmhios 2011

A h-uile Raon Obrach

Bidh a h-uile foillseachadh co-cheangailte ri Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba dà-chànanach.

Air ball às dèidh co-chomhairle

Aonad Gàidhlig

Taisbeanaidhean:

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson Gàidhlig a ghabhail a-steach ann an taisbeanaidhean aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Airson taisbeanaidhean, bidh oifigich a' beachdachadh air am bu chòir, le iarrtas bho bho luchd-amais agus measadh air stuth, fiosrachadh a chur riutha ann an Gàidhlig. Gu sònraichte, air am bu choir taisbeanadh dà-chànanach, no Gàidhlig a chur air adhart, far a bheil an taisbeanadh:

  • mu fhoillseachadh aithisg no sgrìobhainnean eile a thathar a' foillseachadh san dà chànan no le tionndadh Gàidhlig air leth
  • a' dèiligeadh ri cuspair aig a bheil ùidh shònraichte aig na daoine a tha a' fuireach taobh a-staigh sgìre no ceàrnaidhean far a bheil a' Ghàidhlig nas cumanta
  • a' buntainn gu sònraichte ri cànan, cultar no foghlam na Gàidhlig
  • mu nì a tha cudromach gu nàiseanta le Riaghaltas na h-Alba is airidh air fios naidheachd dà-chànanach
  • a' toirt cothrom air fiosrachadh ann an cànanan coimhearsnachd eile.

Ògmhios 2011

A h-uile Raon Obrach

Bidh cothrom aig luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba a tha ag ullachadh taisbeanaidhean air seirbheisean eadar-theangachaidh Gàidhlig airson fo-thiotalan dà-chànanach a dh'fheumar.

Gun dàil

A h-uile Raon Obrach tron Aonad Ghàidhlig

Earrann 4 - Luchd-obrach

Gus seirbheisean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, feumaidh ùghdarrasan poblach na sgilean obrach agus cànain a dh'fheumas an luchd-obrach a leasachadh. Cuiridh cothroman ionnsachadh cànain airson luchd-obrach ri adhartachadh ionnsachadh Gàidhlig mar inbheach, agus ri adhartachadh Gàidhlig mar sgil fheumail anns an àite-obrach. Cuiridh comharrachadh obraichean anns a bheil Gàidhlig na sgil ainmichte gu mòr ri inbhe a' chànain, agus ri comharrachadh gur e sgil fheumail a tha innte.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an sanasachd a' cuideachadh gu tuigsinn gum bu chòir Gàidhlig a chleachdadh sa bheatha phoblaich agus gu bheil àite cudromach aig luchd-labhairt Gàidhlig taobh a-staigh an ùghdarrais phoblaich. Chan eil diofar dè an ìre sgilean Gàidhlig a dh'fheumar, tha e cudromach gun dèan ùghdarrasan cinnteach gu bheil Gàidhlig na fhìor riatanas obrach agus gu bheil slatan-tomhais cothromach air an cleachdadh agus air an cur an gnìomh gus dèanamh cinnteach gum bi gach dreuchd air a lìonadh air stèidh chothromach agus co-chòrdail, agus a rèir sgilean ainmichte na dreuchd.

Tha Riaghaltas na h-Alba a' tuigsinn cho cudromach 's a tha àite a thoirt don Ghàidhlig mar sgil obrach cudromach agus suidheachaidhean a chomharrachadh anns a bheil cleachdadh na Gàidhlig riatanach no feumail. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a' tuigsinn cho cudromach 's a tha e a bhith a' toirt cothrom do luchd-obrach an sgilean Gàidhlig a leasachadh ma tha iad ag iarraidh.

Trèanadh

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson trèanadh a thoirt air cùisean Gàidhlig do luchd-obrach aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Ullaichidh sinn prògram trèanaidh ann am mothachadh air Gàidhlig do luchd-obrach aghaidh an taighe.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Goireasan agus Seirbheisean Oighreachd

Ullaichidh sinn seiseanan àrdachadh mothachaidh air Gàidhlig do luchd-obrach, agus bidh stuth ri fhaotainn air-loidhne.

Nuair a bhios measadh air an rannsachadh sgilean deiseil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra an co-bhoinn ris an Aonad Gàidhlig

Cuiridh sinn ri chèile notaichean stiùiridh don h-uile neach-obrach air ar Plana Gàidhlig agus poileasaidhean/modhan ùra mar a bhios iad air an deasachadh, a bhios air am foillseachadh air earrann Ghàidhlig de eadra-lìon Riaghaltas na h-Alba.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig

Cànan Ionnsachadh

An dòigh-obrach làthaireach

Tha beagan ionnsachadh Gàidhlig air a bhith ann an Riaghaltas na h-Alba. B' e a' chuid as motha den seo taic do ionnsachadh pearsanta, gabhail a-steach Gàidhlig ann an làithean ionnsachadh san àite-obrach agus beagan solarachaidh do luchd-ionnsachaidh.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh clasaichean Gàidhlig air an tabhann do luchd-obrach ann an Riaghaltas na h-Alba tron ullachadh againn airson ionnsachadh fad-beatha.

Nuair a bhios measadh air an rannsachadh sgilean deiseil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Nì Riaghaltas na h-Alba measadh air sgilean cànanach Gàidhlig gus faighinn a-mach cò mheud den luchd-obrach againn aig a bheil comas sa Ghàidhlig agus dè an ìre a tha aca. Thèid am fiosrachadh seo ùrachadh mar bhios feum.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig/Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra/Prìomh Aonad Rannsachaidh

Àrdaichidh sinn ìomhaigh na Gàidhlig mar phàirt de ar làithean Ionnsachadh san Àite-obrach.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Brosnaichidh sinn cothroman do luchd-obrach air Gàidhlig a chleachdadh ann an cùisean taobh a-staigh na buidhne.

Nuair a bhios suirbhidh sgrùdadh air sgilean crìochnaichte

Buidhnean-Stiùiridh gu h-iomlan

Bheir sinn cothrom do luchd-obrach a bhruidhinneas Gàidhlig an comasan a leasachadh, a' gabhail a-steach litearrachd.

Ògmhios 2011

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Foillsichidh sinn gu bheil goireasan Gàidhlig rim faotainn nar n-ionad Ghoireasan Ionnsachaidh.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachaidh Corporra

Fastadh

An dòigh-obrach làthaireach

Tha gach dreuchd ann an Riaghaltas na h-Alba air an lìonadh ann an co-rèir ri riaghailtean na Seirbheis Chatharra mu cho-fharpais cothromach agus fosgailte. Tha seo a' ciallachadh gu bheil an neach as fheàrr air a thaghadh airson na dreuchd. Ma tha comas labhairt no sgrìobhadh Gàidhlig na fhìor riatanas obrach bidh làn aire air a thoirt do chomas cànain an tagraiche.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Bidh Riaghaltas na h-Alba a' fastadh oifigear, no oifigearan, Gàidhlig a thig a-steach don Aonad Gàidhlig agus air am bi uallach airson adhartachadh, sgrùdadh agus gnìomhachadh a' Phlana Ghàidhlig.

Nuair a bhios am modh GLP crìochnaichte

Aonad Gàidhlig

Bidh trèanadh agus taic cànain ri fhaotainn leis an Aonad Ghàidhlig gus am faigh iad air an dleastanasan a choileanadh gu h-èifeachdach.

Gun dàil

Seirbheisean Ionnsachadh Corporra

Ullaichidh sinn stiùireadh air sònrachadh dreuchdan Gàidhlig.

Dùbhlachd 2010

Aonad Gàidhlig an co-bhoinn ri Goireasachadh

Far am feumar ìre shònraichte de sgilean Gàidhlig airson dreuchd sam bith, bidh seo air a chomharrachadh nuair a thathar a' fastadh air a son.

Dùbhlachd 2009

Goireasachadh

Sanasachd

An dòigh-obrach làthaireach

Chan eil solarachadh sam bith aig Riaghaltas na h-Alba airson sanasachd Gàidhlig no dà-chànanach do luchd-obrach aig an àm seo.

Ceann-là sùilichte

Prìomh Raon Obrach

Prìomh raointean leasachaidh

Far a bheil ìre shònraichte de sgilean Gàidhlig na phàirt den tuairisgeul-obrach, bidh sanasan airson nan dreuchdan sin san dà chànan.

Dùbhlachd 2009

Goireasachadh


Contact

Email: ceu@gov.scot – Central Enquiry Unit

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG