beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Publication

Gaelic Medium Primary Education: assessment request form

Published: 1 Feb 2017
Part of:
Education
ISBN:
9781786527394

Form for parents requesting an assessment of the need for Gaelic Medium Primary Education from their education authority.

4 page PDF

171.7kB

Contents
Gaelic Medium Primary Education: assessment request form
Introduction

Introduction

Through the Education (Scotland) Act 2016, the Scottish Government has established a process for parents to request an assessment of the need for Gaelic medium primary education ( GMPE) from their education authority, the local authority which provides school education in the area where they live.

Statutory Guidance on Gaelic Education has been published by Bòrd na Gàidhlig, the national public body with responsibility for the Gaelic language. This includes guidance on the GMPE assessment request process as well as general information and guidance on how Gaelic education is currently delivered in Scotland. This Statutory Guidance can be viewed on Bòrd na Gàidhlig's website at www.gaidhlig.scot.

How to request a GMPE assessment from your education authority

If you are a parent who wishes to request an assessment of the need for GMPE in relation to your child, you should familiarise yourself with the Statutory Guidance and be aware of the evidence you will need to include with your request.

A GMPE request must be submitted using one of the forms issued by the Scottish Government, which are included as supporting documents to this document. The versions of the form are as follows:

  • Regular PDF, English (Can be printed and completed using ink)
  • Regular PDF, Bilingual (As above but with text in both English and Gaelic)
  • Interactive PDF, English (Can be completed by computer and saved, printed or emailed)
  • Interactive PDF, Bilingual (As above but with text in both English and Gaelic)

Please note that the form should be submitted to your education authority, not the Scottish Government or Bòrd na Gàidhlig. You should check the information provided on your education authority's website as they may specify an individual, team or address to which the request should be submitted.

Contact details

If you have any questions about the GMPE assessment request process and the use of the form, please contact Ruaraidh MacIntyre, Scottish Government Gaelic & Scots Team on 0131 2443111 or ruaraidh.macintyre@gov.scot.

For other questions relating to Gaelic education, you can contact Bòrd na Gàidhlig on 01463 225454 or oifis@gaidhlig.scot.

You may also wish to contact your education authority, as they may have specific information about how they will deal with GMPE assessment requests. A list of Scottish local authorities, including links to their websites, is available at http://www.gov.scot/Topics/Government/local-government/localg/usefullinks.

Foirm airson Tagradh Measaidh airson Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig

Ro-ràdh

Fo Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016, tha Riaghaltas na h-Alba air pròiseas a stèidheachadh far an urrainn do phàrantan measadh iarraidh, gus faicinn a bheil foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig ( FBG) a dhìth, bhon ùghdarras fhoghlaim aca, sin an t-ùghdarras ionadail a tha toirt seachad foghlam sgoile san sgìre far a bheil na pàrantan a' fuireach.

Chaidh Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig, a' bhuidheann phoblach nàiseanta le uallach airson na Gàidhlig. San sgrìobhainn sin gheibhear stiùireadh air a' phròiseas airson tagraidhean measaidh airson FBG agus fiosrachadh is stiùireadh coitcheann air mar a tha foghlam Gàidhlig air a lìbhrigeadh an-dràsta ann an Alba. Chithear an Stiùireadh Reachdail sin air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig aig www.gaidhlig.scot.

Mar a dh'fhaodas sibh measadh iarraidh bhon ùghdarras fhoghlaim agaibh gus faicinn a bheil FBG a dhìth

Ma tha sibh nur pàrant a tha a' miannachadh measadh iarraidh, às leth ur pàiste, gus faicinn a bheil FBG a dhìth, bu chòir dhuibh eòlas a chur air an Stiùireadh Reachdail agus bu chòir fios a bhith agaibh air an fhianais a dh'fheumas sibh a thoirt seachad an cois an tagraidh agaibh.

Feumaidh sibh tagradh measaidh airson FBG a chur a-steach ann an aon de na foirmichean a tha Riaghaltas na h-Alba air fhoillseachadh, agus gheibhear na foirmichean sin mar sgrìobhainnean taice an cois na sgrìobhainne seo. 'S iad na tionndaidhean den fhoirm a gheibhear:

  • PDF àbhaisteach, Beurla (Gabhaidh e a chlò-bhualadh agus a lìonadh a-steach le inc)
  • PDF àbhaisteach, Dà-chànanach (Mar gu h-àrd, ach tha an teacsa ann an Gàidhlig agus Beurla)
  • PDF eadar-ghnìomhach, Beurla (Gabhaidh e a lìonadh a-steach is a shàbhaladh air coimpiutair, a chlò-bhualadh no a chur a-steach ann am post-d)
  • PDF eadar-ghnìomhach, Dà-chànanach (Mar gu h-àrd, ach tha an teacsa ann an Gàidhlig agus Beurla)

Cuimhnichibh, bu chòir dhuibh am foirm a chur a-steach chun an ùghdarrais fhoghlaim agaibh, chan ann gu Riaghaltas na h-Alba no Bòrd na Gàidhlig. Bu chòir dhuibh coimhead air an fhiosrachadh a gheibhear air làrach-lìn an ùghdarrais fhoghlaim agaibh, oir dh'fhaodadh gum bi iad air neach fa leth, sgioba no seòladh sònraichte ainmeachadh gum bu chòir dhuibh an tagradh agaibh a chur.

Fiosrachadh Conaltraidh

Ma tha ceist sam bith agaibh mu dheidhinn pròiseas nan tagraidhean measaidh airson FBG agus mar a chleachdas sibh am foirm, feuch gun cuir sibh fios gu Ruaraidh Mac an t-Saoir, Sgioba na Gàidhlig is na h-Albais air 0131 2443111 no ruaraidh.macintyre@gov.scot.

Airson cheistean eile co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig, faodaidh sibh fios a chur gu Bòrd na Gàidhlig air 01463 225454 no oifis@gaidhlig.scot.

Cuideachd, 's dòcha gum bi sibh ag iarraidh bruidhinn ris an ùghdarras fhoghlaim agaibh, oir dh'fhaodadh gum bi fiosrachadh sònraichte aca a thaobh mar a bhios iad a' dèiligeadh ri tagraidhean measaidh airson FBG. Gheibhear liosta de dh'ùghdarrasan ionadail Albannach, le ceanglaichean ris na làraich-lìn aca, aig http://www.gov.scot/Topics/Government/local-government/localg/usefullinks.


Contact

Email: Ruaraidh MacIntyre