beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Guidance

Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021

Published: 5 May 2017
Part of:
Arts, culture and sport, Education
ISBN:
9781786529404

Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

44 page PDF

1.1MB

44 page PDF

1.1MB

Contents
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Geàrr-chunntas

44 page PDF

1.1MB

Geàrr-chunntas

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gu bheil a’ Ghàidhlig na pàirt riatanach de dhualchas, dearbh-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba an latha an-diugh, agus gur e maoin a th’ ann a tha a’ toirt luach eaconomach agus sòisealta don dùthaich. Tha Riaghaltas na h-Alba air ceumannan a ghabhail agus air na structairean agus iomairtean a tha a dhìth a chur an sàs gus dèanamh cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

Ach, tha suidheachadh na Gàidhlig fhathast air leth cugallach. Ma tha a’ Ghàidhlig gu bhith beò agus seasmhach anns na làithean ri teachd, feumar oidhirp làidir bhon Riaghaltas, an earrann phoblach, an earrann phrìobhaideach, buidhnean coimhearsnachd agus luchd-labhairt fa leth gus:

  • sgilean labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh sa Ghàidhlig a leasachadh
  • cleachdadh na Gàidhlig ann an co-theacsan sòisealta, foirmeil agus obrach a bhrosnachadh
  • barrachd inbhe agus aithne a thoirt don Ghàidhlig, gus an cluinnear agus gum faicear Gàidhlig nas trice
  • a’ Ghàidhlig a leasachadh mar chànan èifeachdadh, cunbhalach is beairteach

Tha leasachadh Planaichean Gàidhlig le ùghdarrasan poblach na phrìomh phàirt de dh’Achd na Gàidhlig (Alba) 2005. Tha Planaichean Gàidhlig a’ cuideachadh le daingneachadh agus innse do luchd-obrach buidhne dè am poileasaidh an co-cheangal ri cùisean na Gàidhlig agus a’ dèanamh soilleir do luchd-cleachdaidh agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig dè na seirbheisean a dh’fhaodas iad a shùileachadh tron Ghàidhlig.

’S e an dàrna iris de Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba a tha seo, air ullachadh taobh a-staigh frèam Achd 2005. Tha e a’ mìneachadh ciamar a nì sinn feum den Ghàidhlig nar n-obair, ciamar a bheir sinn cothrom air cleachdadh na Gàidhlig nuair a bhios daoine an coluadar leis an riaghaltas, agus ciamar a bhrosnaicheas sinn leasachadh na Gàidhlig. Tha dleastanas sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba a bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig, a’ cuideachadh Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile gus na toraidhean aig Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig 2012-17 a choileanadh.

Tha co-obrachadh le Bòrd na Gàidhlig agus buidhnean eile cudromach airson taic airson na Gàidhlig a choileanadh agus tha sinn airson gach buidheann a bhrosnachadh san raon seo. Ni atharrachaidhean beaga anns na dòighean-obrach againn uile diofar mòr agus sinn ag obair gu ruige amasan nas brìoghmhoire.


Contact