beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Guidance

Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021

Published: 5 May 2017
Part of:
Arts, culture and sport, Education
ISBN:
9781786529404

Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

44 page PDF

1.1MB

44 page PDF

1.1MB

Contents
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Caibideil II: Bun-Dhleastanasan

44 page PDF

1.1MB

Caibideil II: Bun-Dhleastanasan

Tha na dleastanasan sa chaibideil seo a’ sealltainn, a bharrachd air maoineachadh airson Bòrd na Gàidhlig agus pròiseactan eile co-cheangailte ri Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig, mar a chleachdas Riaghaltas na h-Alba a’ Ghàidhlig anns na prìomh dhòighean-obrach againn. Seallaidh gach seirbheis agus goireas spèis co-ionnan airson Gàidhlig agus Beurla. Ged a tha na dleastanasan seo gu sònraichte a’ buineadh do bhun-obraichean Riaghaltas na h-Alba, dh’fhaodadh buidhnean-gnìomha, NDPBan agus ùghdarrasan eile a tha a’ coileanadh ghnìomhan às leth Riaghaltas na h-Alba an toirt a-steach dha na h-obraichean aca fhèin far a bheil seo buntainneach, gus faighinn deiseil airson am Plana Gàidhlig aca fhèin.

Tha na bun-dhleastanasan againn anns na raointean a leanas:

Earrann 1 – Dearbh-aithne agus Follaiseachd

Earrann 2 – Conaltradh agus Foillseachaidhean

Earrann 3 – Luchd-obrach agus Trèanadh

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn gum faod pàirt cudromach a bhith aig gach gnìomh chorporra sin ann an àrdachadh ìomhaidh agus follaiseachd na Gàidhlig, agus ann a bhith a’ cruthachadh cothroman practaigeach do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh Gàidhlig.

Airson gach raon, seallaidh am Plana seo dòigh-obrach làthaireach Riaghaltas na h-Alba (na measg iomairtean a chaidh an toirt gu buil mu thràth), agus raointean leasachaidh, a’ bualadh air na h-Amasan Àrd-Ìre air an do bheachdaich Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba tro phròiseas sgrùdaidh ar Plana. A bharrachd air seo, tha sinn fhathast a’ cur taic ri dleastanasan bhon chiad Phlana far a bheil seo fhathast buntainneach a thaobh atharrachaidhean obrachail.

Tha Riaghaltas na h-Alba ag obair thar gach ceàrn de dh’Alba. Mar sin, ann an leasachadh ar solarachadh Gàidhlig, bidh sinn a’ cleachdadh na h-ìre solarachaidh as lugha a bhuineas do na raointean obrach againn uile, agus a’ toirt ìre solarachaidh leasaichte ann an ceàrnaidhean sa bheil an àireamh de luchd-labhairt Gàidhlig agus iarrtas airson seirbhisean a’ fàs. Bidh seirbheisean agus goireasan a gheibhear sa Ghàidhlig air an tairgsinn gu for-ghnìomhach.

Taic Làthaireach aig Riaghaltas na h-Alba dhan Ghàidhlig

Chithear an taic a tha a’ Ghàidhlig a’ faighinn taobh a-steach Riaghaltas na h-Alba sa chlàr gu h-ìosal, le barrachd fiosrachaidh agus raointean leasachaidh sna h-earrainn a leanas.

Dearbh-aithne agus Follaiseachd

Conaltradh agus Foillseachadh

Luchd-obrach agus Trèanadh

Suaicheantas dà-chànanach

Soidhnichean dà-chànanach

Ainmean Gàidhlig airson gach Buidheann-stiùiridh agus Roinn

Conaltradh sa Ghàidhlig air a bhrosnachadh agus air a fhreagairt sa Ghàidhlig

Cuid de bhrathan-naidheachd, co-chomhairleachaidhean agus stuthan air-loidhne air am foillseachadh gu dà-chànanach far a bheil seo iomchaidh

Tha an cothrom ann eadar-theangachaidhean dhan Ghàidhlig iarraidh de dh’fhoillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba

Tha Oifigear Plana Gàidhlig air fhastadh airson eadar-theangachaidhean a dhèanamh agus airson sùil a chumail air buileachadh a’ Phlana

Faodaidh luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba comhairle fhaighinn a thaobh mothachadh mun Ghàidhlig agus ionnsachadh cànain

Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach

Earrann 1 – Dearbh-aithne agus Follaiseachd

Faodaidh Gàidhlig ann an dearbh-aithne chorporra cur gu mòr ri follaiseachd a’ chànain, agus tha e na aithris chudromach le ùghdarras poblach mun mheas agus an àite a tha aig a’ Ghàidhlig.

Tha inbhe a’ chànain air a ghlèidheadh le bhith a’ cumail suas càileachd, cunbhalachd agus beairteas a’ chànain ann an raointean poblach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cruthachadh mothachadh fad is farsaing air cleachdadh Gàidhlig agus e a’ toirt ìomhaigh fhiughaireach dhi.

Dòigh-obrach làthaireach Tha suaicheantas dà-chànanach aig Riaghaltas na h-Alba, air a chleachdadh san àbhaist thar gach raon obrach againn.
Tha tionndadh dà-chànanach ri fhaighinn airson gach teamplaid litreach, agus tha sgiobaidhean air am brosnachadh gus an cleachdadh airson gach litir a tha a’ tighinn bhon Riaghaltas.
Tha eadar-theangachaidhean ann airson ainmean gach Buidheann-stiùiridh agus Roinn. Tha iad seo air an ùrachadh mar a dh’fheumar nuair a dh’atharraicheas na h-ainmean.
Tha ceann-litreach dà-chànanach aig gach Ministear.
Tha soidhnichean dà-chànanach air an cleachdadh air feadh togalaichean Riaghaltas na h-Alba, taobh a-muigh agus air dorsan, agus ann am fosglain poblach.
Tha soidhnichean taobh a-muigh togalaichean Riaghaltas na h-Alba dà-chànanach, le togalaichean tuath is siar air Sligh-uisge a’ Ghlinne Mhòir ann an Gàidhlig an toiseach is an uairsin am Beurla, agus am Beurla an toiseach ann an àiteachan eile.
Tha an suaicheantas dà-chànanach air a chleachdadh airson gach pìos aodaich corporra ùr airson luchd-obrach ann an togalaichean Riaghaltas na h-Alba, bhon Chèitein 2014.

 

Raointean Leasachaidh

Ceann-là

Prìomh Raon Obrach

Amas
àrd-ìre

Thèid suaicheantas Riaghaltas na h-Alba ùrachadh, a’ toirt spèis co-ionnan don Ghàidhlig.

2016

Margaidheachd

Cumaidh sinn stòr-data de dh’ainmean Gàidhlig airson roinnean agus bhuidhnean, airson gum bi iad cunbhalach air feadh na buidhnean.

Amas àrd-ìre

Sgioba Gàidhlig is Albais/Goireasan/ Didseatach

Thèid teamplaidean litreach dà-chànanach airson Ministearan, Buidhnean-stiùiridh agus Roinnean am moladh mar bhunait.

Leantainneach

Sgioba Gàidhlig is Albais

Earrann 2 – Conaltradh & Foillseachaidhean

Tha cleachdadh agus follaiseachd na Gàidhlig ann an conaltradh eadar a’ mhòr-shluagh agus ùghdarras poblach a’ cur ris a’ mhothachadh gu bheil comas agus cothrom ann Gàidhlig a chleachdadh. A thuilleadh air a bhith ag àrdachadh ìomhaigh a’ chànain, tha e cuideachd a’ cruthachadh cothroman air a bhith ga cleachdadh agus a’ misneachadh buill den phoball Gàidhlig a chleachdadh a’ dèanamh gnothaich ris an ùghdarras phoblaich an dèidh làimhe.

Tha cleachdadh na Gàidhlig ann an sreath de stuth clo-bhuailte, anns na meadhanan agus air loidhne a’ cur ri follaiseachd na Gàidhlig, agus ag àrdachadh inbhe na Gàidhlig le bhith ga cleachdadh ann am follaiseachaidhean iomraiteach, agus faodaidh e cuideachadh a’ deasachadh agus a’ daingneachadh briathrachas. Tha seo a’ sealltainn gu bheil ùghdarras ionadail airson cothrom a thoirt air fiosrachadh cudromach fhaighinn tron Ghàidhlig. Mar a gheibh barrachd dhaoine fiosrachadh mu ùghdarrasan poblach tron làraich-lìn aca, faodaidh ullachadh airson cleachdadh na Gàidhlig cur gu mòr ri inbhe agus faicsinneachd a’ chànain.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cruthachadh cothroman airson Gàidhlig a chleachdadh ann an iomadh seòrsa suidheachadh làitheil agus a’ gealltainn a bhith a’ meudachadh na h-ìre solarachaidh san raon seo.

Dòigh-obrach làthaireach Tha soidhnichean dà-chànanach aig ionadan-fàilte anns gach prìomh thogalach aig Riaghaltas na h-Alba.
Faodaidh luchd-obrach aghaidh an taighe agus sam Prìomh Aonad Fiosrachaidh conaltradh (fòn, post, post-d) a chur gu sgioba na Gàidhlig far am faodar neach-labhairt fileanta sa Ghàidhlig freagairt a thoirt dhaibh.
Tha gach pìos conaltraidh a gheibhear sa Ghàidhlig a’ faighinn freagairt sa Ghàidhlig. Tha seo a’ tighinn gu sgioba na Gàidhlig airson eadar-theangachadh mar a dh’fheumar.
Tha stuth eileagtronaigeach fèin-fhreagairt mar brathan-àichidh post-d san dà chànan, agus bidh san àm ri teachd.
Tha beachdachadh mun Ghàidhlig airson cruth foirmean, agus foirmean dà-chànanach air an cur a-mach ma thèid an iarraidh. Tha sinn deònach, agus a’ fàilteachadh, feum de fhoirmean sa Ghàidhlig, agus tha iad seo air am freagairt sa Ghàidhlig.
Tha co-chomhairlean air an cur a-mach san dà chànan far a bheil seo iomchaidh, agus freagairtean sa Ghàidhlig air am brosnachadh. Gheibh freagairtean sa Ghàidhlig aithneachadh sa Ghàidhlig.
Tha sinn a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig aig coinneamhan poblach far am bi àireamh mòr de luchd-labhairt na Gàidhlig an làthair. Faodaidh sinn comhairle a thoirt seachad mu dhòighean-obrach ma tha feum air eadar-theangachadh.
Gheibhear eadar-theangachadh Gàidhlig den bhileag gearain againn air-loidhne.
Faodar iomraidhean agus òraidean Ministeireil fhaighinn ann an cruth dà-chànanach air iarrtas bho sgioba na Gàidhlig.
Tha feadhainn de na fiosan naidheachd agus nithean air na meadhanan sòisealta againn air an cur a-mach san dà chànan, gu h-àraidh far a bheil ceangal ris a’ Ghàidhlig.
Tha an cothrom ann eadar-theangachaidhean dhan Ghàidhlig iarraidh de dh’fhoillseachaidhean Riaghaltas na h-Alba
Tha Gàidhlig ri faighinn ann an dearbh-aithne pròiseactan conaltraidh ùr, m.e. làrach-lìn Oifis a’ Phrìomh Mhinistear.
Tha sinn a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an taisbeanaidhean sam bith a tha iomchaidh. Meòraichidh luchd-obrach air mar a tha susbaint neo luchd-amais an taisbeanaidh a’ sealltainn am bu chòir fiosrachadh a bhith ann an Gàidhlig a bharrachd air a’ Bheurla.
Chaidh stiùireadh a dheasachadh le Oifis Conaltraidh Riaghaltas na h-Alba air mar a chleachdar Gàidhlig ann am brathan-naidheachd.
Tha a’ Ghàidhlig ri fhaighinn mar roghainn air ar bòrd-suidse fèin-obrachail.

 

Raointean Leasachaidh

Ceann-là

Prìomh Raon Obrach

Amas
àrd-ìre

Obraichidh sinn le Buidhnean-stiùiridh gus cothroman a lorg Gàidhlig a chleachdadh ann an naidheachdan agus sna meadhanan, a’ dèiligeadh ri cùisean le cudromachd nàiseanta a bharrachd air cùisean a’ buntainn don Ghàidhlig an Alba.

Rè beatha a’ Phlana

Conaltradh/ Sgioba Gàidhlig is Albais

Amas
àrd-ìre

Leanaidh sinn oirnn ag àrdachadh làthaireachd na Gàidhlig air làraich-lìn Riaghaltas na h-Alba (làrach-lìn corporra, làrach-lìn taobh a-staigh airson luchd obrach agus làraich-lìn ùra mar a tha iad air an leasachadh) fon phrionnsabal spèis cho-ionnan, follaiseachd agus cleachdadh na Gàidhlig.

Rè beatha a’ Phlana

Didseatach/ Sgioba Gàidhlig is Albais

Thèid stuthan a bharrachd a dh’fhaodas foillseachadh ann an Gàidhlig neo dà-chànanach aithneachadh, eadar-theangachadh agus fhoillseachadh.

Leantainneach

Sgioba Gàidhlig is Albais

Gabhaidh sinn a-steach a’ Ghàidhlig ri leasachaidhean a thaobh foillseachadh barrachd fiosrachaidh tro na meadhanan sòisealta.

Rè beatha a’ Phlana

Conaltradh/ Sgioba Gàidhlig is Albais

Bidh riochdaire aig Riaghaltas na h-Alba ri làimh airson agallamhan neo iomraidhean sa Ghàidhlig ma tha seo a dhìth air na meadhanan, agus foillsichidh iad gu bheil an cothrom seo ann.

Sa bhad

Conaltradh/Ministearan/Sgioba Gàidhlig is Albais

Bheir Sgioba Gàidhlig is Albais seachad comhairle air mar a chleachdar Gàidhlig ann an coinneamhan phoblach agus clàraidh iad iarrtas sam bith airson seo

Rè beatha a’ Phlana

Sgioba Gàidhlig is Albais

Earrann 3 – Luchd-obrach agus Trèanadh

Gus seirbhisean a lìbhrigeadh tron Ghàidhlig, feumaidh ùghdarrasan poblach na sgilean obrach agus cànain a dh’fheumas an luchd-obrach a leasachadh. Cuiridh cothroman ionnsachadh cànain airson luchd-obrach ri adhartachadh ionnsachadh Gàidhlig mar inbheach, agus ri adhartachadh Gàidhlig mar sgil fheumail anns an àite-obrach. Cuiridh comharrachadh obraichean anns a bheil Gàidhlig na sgil ainmichte gu mòr ri inbhe a’ chànain, agus ri comharrachadh gur e sgil fheumail a tha innte.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha àite a thoirt don Ghàidhlig mar sgil obrach cudromach agus suidheachaidhean a chomharrachadh anns a bheil cleachdadh na Gàidhlig riatanach no feumail. Tha Riaghaltas na h-Alba cuideachd a’ tuigsinn cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ toirt cothrom do luchd-obrach an sgilean Gàidhlig a leasachadh ma tha iad ag iarraidh sin a dhèanamh.

Dòigh-obrach làthaireach Tha sinn air seiseanan mothachaidh mun Ghàidhlig a chur air dòigh agus ’s urrainn dhuinn comhairle a thoirt do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba mu chothroman Gàidhlig ionnsachadh.
Tha Riaghaltas na h-Alba a’ fastadh Oifigear Plana Gàidhlig, ag obair ann an Sgioba na Gàidhlig is Albais, le dleastanas airson eadar-theangachaidhean agus a bhios a’ dearcnachadh na dleastanasan sa Phlana seo.
Tha an ìre de sgilean Gàidhlig air am meòrachadh airson obraichean far a bheil seo riatanach agus air an sanas nuair a thathar a’ fastadh na h-obraichean seo.
Chaidh a’ Ghàidhlig ainmeachach mar sgile miannaichte ann am fastadh luchd-obrach airson ar Bun-aonad Conaltraidh.
Tha trèanadh agus taic sa Ghàidhlig ri fhaighinn airson an sgioba Gàidhlig is Albais airson an cuideachadh an obair a dhèanamh gu h-èifeachdach.

 

Raointean Leasachaidh

Ceann-là

Prìomh Raon Obrach

Amas
àrd-ìre

Rannsaichidh sinn feumailean airson ionnsachadh na Gàidhlig le bhith faighneachd mun deidhinn, agus brosnaichidh sinn do luchd-obrach Riaghaltas na h-Alba iad.

Leantainneach

Sgioba Gàidhlig is Albais/ Leasachadh Dhaoine

Bheir sinn an cothron do dh’àrd-oifigearan trèanadh mothachaidh fhaighinn mun Ghàidhlig.

Ro dheireadh 2017

Sgioba Gàidhlig is Albais

Cleachdaidh sinn an Slighe Ionnsachaidh, lìonra trèanaidh Riaghaltas na h-Alba, airson taic a thoirt do dh’Oifigearan Ceangal Ionnsachaidh airson ionnsachadh na Gàidhlig a bhrosnachadh.

Leantainneach

Sgioba Gàidhlig is Albais/ Leasachadh Dhaoine


Contact