beta

You're viewing our new website - find out more

News

Maoineachadh a bharrachd airson ionnsachadh na Gàidhlig

Published: 23 Sep 2016 10:00
Part of:
Education

£33,000 airson Fèisean nan Gàidheal

Gheibh còrr is 10,000 daoine òga buannachd bho mhaoineachadh a bharrachd airson teagasg ciùil, dràma agus cànain tron Ghàidhlig.

Bheir Riaghaltas na h-Alba £33,000 do Fèisean nan Gàidheal ann an 2016-17 airson taic a thoirt do dh'ionnsachadh na Gàidhlig.

Leis am maoineachadh seo thèid taisbeanadh ùr Gàidhlig le ceòl, dràma agus dannsa a leasachadh le clann bho dà bhun-sgoil Ghàidhlig – aon sgoil bhon Ghàidhealtachd agus an sgoil eile bho mheadhan na h-Alba.

Bheir e cuideachd an cothrom don bhuidheann an leasanan Gàidhlig Fèisgoil a thairgsinn do dh'ùghdarrasan ionadail nach d' fhuair an cothrom fhathast.

Cuiridh Leas Phrìomh Mhinistear John Swinney am maoineachadh seo an cèill aig Coinneamh Bhliadhnail Fèisean nan Gàidheal.

Thuirt e:

"Tha a' Ghàidhlig na pàirt bunaiteach de chultar na h-Alba agus tha Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh an luach cultarail, eaconamach agus sòisealta a tha a' Ghàidhlig a' toirt don dùthaich air fad.

"Tha Fèisean nan Gàidheal air tabhartas air leth a chur ri ceòl traidiseanta agus ris a' Ghàidhlig air feadh Alba tron taic agus adhartachadh a tha iad air a thoirt don chànan, gu h-àraid le bhith ag obair le daoine òga agus sgoiltean.

"Tha mi air leth toilichte gu bheil an cothrom againn maoineachadh a bharrachd a thoirt dhaibh airson an cothrom barrachd dhaoine òga a ruighinn air feadh na dùthcha, agus an cothrom a thoirt dhaibh ionnsachadh mu dheidhinn cànan agus cultar na Gàidhlig."

Chuir Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig, fàilte air am maoineachadh a bharrachd.

Thuirt e:

"Tha fiughair againn an Leas Phrìomh Mhinistear fhàilteachadh mar neach-labhairt aig ar Coinneamh Bhliadhnail agus tha sinn taingeil airson am maoineachadh seo a bheir dhuinn an cothrom gnìomhachd ealain a thairgsinn do sgoilearan ann am foghlam tron Ghàidhlig.

Tron t-seirbheis Fèisgoil againn, tha sinn air taic a thoirt do dh'iomadh ùghdarras ionadail na dleastanasan a tha sna Planaichean Gàidhlig aca a lìbhrigeadh ann an dòigh a tha èifeachdach a thaobh cosgaisean. Bheir am maoineachadh seo an cothrom do bharrachd ùghdarrasan ionadail leasanan tòisichidh sa Ghàidhlig a thoirt seachad, agus an cothrom faicinn na tha ri thairgsinn bho Fèisgoil."