Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig: Aithisg do Rùnaire a' Chaibineit airson Ionmhas is na h-Eaconamaidh

Aithisg air molaidhean na Buidhne-obrach Gheàrr-bheatha air Cothroman Eaconamach is Sòisealta don Ghàidhlig.


2 Ro-Ràdh

2.1 A’ Bhuidheann-obrach Gheàrr-bheatha

Anns a’ Mhàrt 2022 ghairm Rùnaire a’ Chaibineit airson Ionmhas agus na h-Eaconamaidh Buidheann-obrach Gheàrr-bheatha (a’ bhuidheann) leis an amas Gàidhlig a neartachadh tro bhith a’ cur fòcas air cothroman eaconamach is an eaconamaidh a neartachadh tro bhith a' deanamh lan-fheum de na cothroman a th' ann a thaobh na Gaidhlig. Chaidh faighneachd don bhuidhinn a dhol an sàs san obair seo le neartachadh choimhearsnachdan Gàidhlig mar phrìomh amas. Chaidh iarraidh oirre beachdachadh air molaidhean is far am bu chòir iad sin a chur an sàs. Tha an raon-ùghdarrais slàn ri lorg ann an Leas-phàipear 1.

Mar bhuill na buidhne bha Agnes Rennie, Art MacCarmaig, an Comhairliche Calum Rothach, Faye NicLeòid, Iain MacRuairidh, Iseabail Nic an t-Sagairt is Joanna Peteranna. Cha robh e comasach dha Iain MacRuairidh a bhith a’ frithealadh choinneamhan na buidhne. B’ i Iseabail Nic an t-Sagairt cathraiche na buidhne chun 30 Lùnastal 2022 nuair a dh’fhàg i a’ bhuidheann ’s i air tòiseachadh ann an dreuchd ghnìomha ùr. Bha Art MacCarmaig na chathraiche den bhuidhinn às dèidh a’ chinn-là ud.

Bu mhiann leis a’ bhuidhinn taing a thoirt do dh’Iseabail airson an luach is spionnadh cudromach a thug i don bhuidhinn aig toiseach a’ phròiseis. Taing, cuideachd, do gach neach a chuir ris is do cho-obraichean ann an Riaghaltas na h-Alba a thug taic don bhuidhinn.

Ged a bha an dùil gun coinnicheadh a’ bhuidheann 6 tursan, bha meud na h-obrach a’ ciallachadh gun robh sgrùdadh is clàr-ama nas fhaide a dhìth. Choinnich a’ bhuidheann 18 tursan.

A thuilleadh air eòlas is fiosrachadh sònraichte nam ball, bheachdaich a’ bhuidheann air puingean sgrìobhte is labhairteach bho Bhòrd na Gàidhlig, Iomairt na Gàidhealtachd & nan Eilean (IGE), oifigearan Riaghaltas na Cuimrigh is cuideachd daoine fa leth is buidhnean eile. Bha a’ bhuidheann cuideachd mothachail air a’ mheasgachadh de bheachdan a tha an lùib an deasbaid mun fheum a th’ ann son taic nas fheàrr don Ghàidhlig, is cuideachd na h-innealan a th’ ann an-dràsta gus taic a chur ri sin. Tha sinn taingeil dhaibhsan uile a chuir ris an obair againn is co-obraichean ann an Riaghaltas na h-Alba son comhairle tron phròiseas air fad.

2.2 Lèirsinn agus Mìneachaidhean

Tha a’ bhuidheann an dùil gu bheil deagh thuigse aig daoine air luach chultarail na Gàidhlig. Tha e na bhuannachd do dh’Alba measgachadh de chultaran a bhith aice is am measgachadh seo a’ fàs. Ach tha a’ bhuidheann den bheachd, leis gu bheil Gàidhlig na pàirt shònraichte de dhualchas na dùthcha, gum bu chòir taic a chur ri gach oidhirp airson dèanamh cinnteach gun cùm daoine orra ag ionnsachadh is a’ cleachdadh na Gàidhlig.

Tha an Ro-innleachd Nàiseanta son Cruth-atharrachadh Eaconamach airson cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan dùthchail air feadh Alba is i a’ mìneachadh amas Riaghaltas na h-Alba gum bi aon de na h-eaconamaidhean as soirbheachaile is fàsmhoire san t-saoghal againn, far am bi cinnt ann gum faigh Alba gu lèir buannachd bho na th’ air a chosg air sgilean is gnìomhachasan airson an ama ri teachd.

Tha a’ bhuidheann a’ cur fàilte air mar a tha an ro-innleachd a’ cur cuideam air a bhith a’ cur ri beartas choimhearsnachdan mar dhòigh dèiligeadh ri dùbhlain eaconamach fad-ùineach is cruth-atharrachadh a thoirt air eaconamaidhean ionadail is sgìreil na h-Alba. An lùib seo thathar an dùil gum faicear an roinn phoblach ag obair leis na roinnean prìobhaideach is coimhearsnachd agus leis an treas roinn, gus dèanamh cinnteach gu bheil barrachd beartais air a chruthachadh is air a chumail ann an coimhearsnachdan is àitichean ionadail.

Bu chòir prìomhachas a thoirt do mhiannan nan daoine ann a bhith a’ togail choimhearsnachdan soirbheachail far an urrainn Gàidhlig a bhith air a cleachdadh. Dh’fhaodadh cothroman gus buaidh a thoirt air an eaconamaidh ionadail, agus barrachd bhuannachdan bhon bheartas a tha air a chruthachadh le taic bhon choimhearsnachd, a bhith nan adhbharan brosnachaidh nach beag do choimhearsnachdan gus gnìomhan a dhèanamh.

Chan urrainn sgaradh a dhèanamh eadar gnìomhan eaconamach is cultarail. Tha tachartasan cultarail a’ cur gu mòr ri eaconamaidh na h-Alba agus ri dàimh shòisealta choimhearsnachdan is cothroman cleachdaidh na Gàidhlig. Tha an canan gu sònraichte tarraingeach do dhaoine a tha tadhal air Alba is cuideachd a’ cur ris an eaconamaidh. A thaobh planadh cànain, tha buaidh aig inbhe na Gàidhlig air a’ mhiann a th’ aig daoine gus Gàidhlig a chleachdadh. Gu tric ’s urrainn cothroman eaconamach is cur-seachadan sòisealta misneachd a thoirt do dhaoine sgilean Gàidhlig a thogail no barrachd feum a dhèanamh dhiubh.

Ann a bhith ag ullachadh na h-aithisg seo, leis an fhòcas aige air cothroman eaconamach is neartachadh na h-eaconamaidh, b’ e an lèirsinn air na dh’aontaich a’ bhuidheann gun tèid:

  • Gàidhlig a chleachdadh barrachd gus buannachdan eaconamach a chruthachadh
  • Àrdachadh fhaicinn ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig
  • Àrdachadh fhaicinn anns na suidheachaidhean sòisealta far a bheil cothrom ann Gàidhlig a chleachdadh

2.3 Dùbhlain Mu Choinneamh na Gàidhlig

Chaidh a’ bhuidheann seo a ghairm aig àm far an robh measgachadh de dhùbhlain mu choinneamh na Gàidhlig, nan coimhearsnachdan dùthchail is na h-eaconamaidh. Tha iad seo uile ceangailte is, ged nach eil iad ùr, tha mòran deasbaid air a bhith ann ‘s na bliadhnaichean mu dheireadh mu mar a dh’fheumas coimhearsnachdan Gàidhlig a bhith air an neartachadh. Bha a’ bhuidheann mothachail air na cùisean seo ’s iad ag ullachadh am molaidhean.

Fiù ’s ann an sgìrean far a bheil an sluagh air fad air fàs, thèid a dhearbhadh le tomhasan sluaigh gu bheil an àireamh de dhaoine òga air crìonadh. Tha an duilgheadas fiù ’s nas miosa ann an àitichean far a bheil an sluagh fhathast a’ dol sìos, le droch bhuaidh air àireamhan sgoilearan. Bidh seo an uair sin a’ toirt buaidh air an àireimh de sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig, mar eisimpleir, ris a bheil sinn gu ìre an urra son obraichean Gàidhlig a lìonadh san àm ri teachd. Mar sin, tha uallach gu leòr an lùib a bhith a’ glèidheadh àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig mus tèid beachdachadh air dòighean far an tèid na h-àireamhan ud a thogail.

Tha taic don Ghàidhlig air fàs anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, mar a chithear tron àireimh de theaghlaichean a tha a’ cur an cuid chloinne gu foghlam Gàidhlig, na h-àireamhan a tha a’ dol gu tachartasan ealain Gàidhlig, àireamhan luchd-amhairc BBC ALBA, luchd-èisteachd BBC Radio nan Gàidheal is feadhainn a tha a’ cleachdadh Gàidhlig air meadhanan didseatach is, gu h-àraid, na h-àireamhan fìor mhòr an sàs ann an ionnsachadh inbhich tro Duolingo is SpeakGaelic.

A dh’aindeoin seo, tha gu leòr fhathast a’ cur sìos air a’ Ghàidhlig, mar as trice nuair a thèid maoineachadh a bhuileachadh air iomairtean sònraichte. Tha cunnart ann gum faodadh an droch fhaireachdainn seo buaidh a thoirt air an taic leantainnich a bheir luchd-poilitigs don Ghàidhlig. A rèir coltais chan eil sin dualtach tachairt aig an àm seo, ach feumar cur an aghaidh mì-rùn don Ghàidhlig aig a h-uile cothrom.

Ged a bhiodh e coltach nach eil Gàidheil – luchd-labhairt na Gàidhlig – gu sònraichte air an dìon fo Achd na Co-ionannachd 2010, thuirt am Morair Bracadal anns an Independent Review of Hate Crime Legislation in Scotland: “there is a fairly strong argument that Gaelic speaking Gaels belong to an ‘ethnic group’ within the meaning of the current race aggravation.” Ann an cùis far an robh mì-rùn an aghaidh luchd-labhairt na Gàidhlig a’ cunntadh mar choire eucorach, cho-dhùn e gum b’ urrainn beachdachadh air casaidean fon reachdas a th’ ann an-dràsta. Tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gur e cùis cheartais a th’ ann fòcas a chur air feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig, mar mhion-shluagh, a tha eadar-dhealaichte bho fheumalachdan dhaoine nach eil a’ bruidhinn a’ chànain.

Leis an uallach a th’ air buidhnean poblach planaichean Gàidhlig ullachadh, tha iad fo dhleastanas reachdail taic a thoirt don Ghàidhlig. Gu ìre tha obair na h-uimhir bhuidhnean a tha an sàs ann a bhith a’ cur taic ri Gàidhlig a’ toirt dhaibh an t-in-ghabhaltas is iomadachd a tha buidhnean poblach a’ sireadh.

A rèir nam puingean gu h-àrd, tha a’ bhuidheann an dùil nach eil ceist ann gun urrainn feumalachdan luchd-cleachdaidh na Gàidhlig a bhith air an aithneachadh ann an co-theacsa co-ionannachd, iomadachd is in-ghabhaltas.

Chaidh a’ bhuidheann a stèidheachadh fhad ’s a bha an co-chomhairleachadh air a’ Phlana Ghàidhlig Nàiseanta 2023-2028 a’ dol is chaidh beachdachadh air na molaidhean an lùib sin gus co-dhùnaidhean a ruighinn. Tha Riaghaltas na h-Alba fhèin air crìoch a chur bhon uair sin air co-chomhairleachadh mu a chuid mholaidhean son taic a thoirt do Ghàidhlig is Albais san àm ri teachd. Tha seo a’ leantainn air na geallaidhean a nochd ann am manifesto an SNP ro thaghadh Pàrlamaid na h-Alba ann an 2021.

Tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gu bheil cothroman an lùib Planaichean Gàidhlig na roinne poblaiche nach deach a ghabhail fhathast son taic a chur ri coimhearsnachdan Gàidhlig, a thuilleadh air Plana Nàiseanta nan Eilean is Aonta nan Eilean a chaidh fhoillseachadh o chionn ghoirid. Air a chur an cèill anns na co-dhùnaidhean tha beachd na buidhne gu bheil oidhirp a dhìth a dh’ionnsaigh Phlanaichean Gàidhlig nas brìgheil anns am faighear geallaidhean nas soilleire is nas àrd-amasaiche còmhla ri dòighean a bhith cinnteach gun tèid an lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach taic-airgid a bharrachd.

Cha eil teagamh aig a’ bhuidhinn gu bheil Gàidhlig fhathast ann an suidheachadh fìor chugallach. Tha cruaidh fheum, am measg nam buidhnean as urrainn atharrachaidhean taiceil a thoirt gu buil, gun tèid èiginn an t-suidheachaidh aithneachadh gus a bhith cinnteach gun tèid cor a’ chànain a ghlèidheadh san àm ri teachd.

2.4 Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig

Bha e na phrìomh amas don bhuidhinn gnìomhan a mholadh a neartaicheadh coimhearsnachdan Gàidhlig. Mhìnich a’ bhuidheann gur iad na Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig an fheadhainn uile anns Na h-Eileanan Siar, an t-Eilean Sgitheanach is cuid a sgìrean ann an Loch Aillse, Tiriodh, Ìle agus Diùra – àitichean far a bheil, a rèir cunntas-sluaigh 2011, 20% no barrachd den t-sluagh le sgilean Gàidhlig.

Tha grunn de na molaidhean nach buin gu sònraichte ris a’ Ghàidhlig, ach ri bhith a’ toirt piseach air na cùisean a dhèanadh e comasach do luchd-labhairt na Gàidhlig a bhith a’ fuireach ’s ag obair ’s na coimhearsnachdan ud. Ann a bhith a’ glèidheadh dhaoine anns na h-àitichean ud is a’ brosnachadh dhaoine a bhith a’ tilleadh thuca, dheigheadh cothroman sòisealta son cleachdadh a’ chànain a chruthachadh còmhla ri buannachdan eaconamach do na coimhearsnachdan.

Ann a bhith a’ cur molaidhean na buidhne an gnìomh tha e air a ghabhail ris gum faodadh buaidh shònraichte a bhith ann air coimhearsnachdan le àireamh mhòr sa cheud de luchd-labhairt na Gàidhlig. Ach bidh feadhainn a cheart cho buntainneach ri coimhearsnachdan Gàidhlig den a h-uile seòrsa air feadh Alba. Tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gum bu chòir taic a bhith fhathast ann do dh’oidhirpean gus cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh ann an coimhearsnachdan air feadh Alba, ach gu bheil taic a bharrachd a dhìth anns na coimhearsnachdan aithnichte mar Phrìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig.

2.5 Cothroman

Chan eil teagamh ann mu na dùbhlain a tha mu choinneamh na Gàidhlig, ach bu chòir iad seo a bhith air an cleachdadh mar chothroman do choimhearsnachdan den a h-uile seòrsa, gu h-àraid iadsan far am b’ urrainn cleachdadh làitheil a’ chanain a bhith air a neartachadh.

Tha a’ bhuidheann a’ cur fàilte air an deagh adhartas a chaidh a choisinn ann an iomadh raon de leasachadh na Gàidhlig thar nan 40 bliadhna a chaidh seachad. Mar fhianais air an adhartas sin tha mar a chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh, taic nas fheàrr do choimhearsnachdan, mar a tha na h-ealain Ghàidhlig air èirigh, leasachaidhean anns na meadhanan, measgachadh de phlanaichean is dòighean a th’ air nochdadh gus taic a thoirt don Ghàidhlig is cuideachd mar a chaidh Roinn na Gàidhlig is Albais a stèidheachadh aig Riaghaltas na h-Alba.

Fhad ’s a tha a’ bhuidheann ag aithneachadh taic Riaghaltas na h-Alba bho chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh , agus an iomairt Adhartas nas Luaithe aige, tha a’ bhuidheann a’ faireachdainn gu bheil èiginneachd a bharrachd a dhìth gus dèanamh cinnteach gun tèid cothroman a thoirt gu buil gu ìre shlàn.

Tha maoineachadh don Ghàidhlig a’ cur ri lìbhrigeadh Frèam-obrach Coileanaidh Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba, ’s e a’ suathadh ris a h-uile buil nàiseanta, mar a leanas:

  • Tha sinn a’ fàs suas gu sàbhailte le gaol is spèis oirnn gus an coilean sin ar làn chomasan
  • Tha sinn a’ fuireach ann an coimhearsnachdan a tha in-ghabhaltach, cumhachdach, seasmhach is sàbhailte
  • Tha sinn cruthachail agus tha na cultaran beòthail is eadar-mheasgte againn air an cuir an cèill, agus a’ còrdadh ri daoine, gu farsaing
  • Tha eaconamaidh againn a tha farpaiseach aig ìre an t-saoghail, a tha tionnsgalach, in-ghabhaltach agus seasmhach
  • Tha deagh fhoghlam is deagh sgilean againn agus tha sinn comasach air cur ris a’ chomann-shòisealta
  • Tha sinn a’ cur luach agus a’ gabhail tlachd nar n-àrainneachd
  • Tha gnothachasan soirbheachail is ùr-ghnàthach againn, le deagh obraichean agus obair chothromach dhan a h-uile duine
  • Tha sinn fallain agus gnìomhach
  • Tha spèis againn air còraichean daonna, tha sinn gan dìon agus gan coileanadh agus tha sinn saor bho leth-bhreith
  • Tha sinn fosgailte, ceangailte agus tha sinn a’ toirt deagh bhuaidh gu h-eadar-nàiseanta
  • Bidh sinn a’ toirt aghaidh air bochdainn tro bhith a’ co-roinn chothroman, beartas agus cumhachd ann an dòigh nas co-ionainne

Chaidh Ar Stòras Gàidhlig a choimiseanadh le IGE ann an compàirteachas le Bòrd na Gàidhlig, Alba Chruthachail, Dualchas Nàdair na h-Alba (a-nis NàdarAlba), Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus Comhairle nan Eilean Siar.

Mar thoiseach tòiseachaidh chaidh bun-sgrùdadh fhoillseachadh anns a’ Chèitean 2014 gus measadh a dhèanamh air àite na Gàidhlig mar sho-mhaoin eaconamach is sòisealta. Lorg e gum b’ urrainn don Ghàidhlig a bhith na so-mhaoin do eaconamaidh na h-Alba aig am biodh luach eaconamach de eadar £81.6m is £148.5m.

Chan eil an aithisg seo na h-oidhirp ùrachadh a dhèanamh air Ar Stòras Gàidhlig ged a tha a’ bhuidheann den bheachd gur e sin obair a bu chòir a dhèanamh uaireigin san àm ri teachd, aon uair ’s gu bheil cuid de mholaidhean na buidhne air am buileachadh. Tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gu bheil cothroman ann son Gàidhlig a chleachdadh barrachd thairis air measgachadh de ghnìomhachasan is iomairtean sòisealta, ach feumar dèanamh follaiseach do ghnìomhachasan gu bheil buannachdan ann dhaibhsan agus don luchd-obrach aca. Ma tha cùisean air an ullachadh gu h-iomchaidh son coimhearsnachdan a neartachadh, a thaobh bun-structair is teicneòlais, bu chòir gun gabh barrachd Gàidhlig a chleachdadh an lùib sheirbheisean poblach is gnìomhachasan prìobhaideach.

Ach, anns a’ gheàrr is meadhan-ùine, tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gu bheil measgachadh de Phrìomh Roinnean ann anns a bheil cothroman son Gàidhlig a chleachdadh ann an gnìomhachas, is gu sòisealta, agus bhon tig buannachdan eaconamach. Is ged nach eil foghlam Gàidhlig mar as àbhaist air aithneachadh mar ghnìomh eaconamach, tha a’ bhuidheann den bheachd gu bheil sin cuideachd a’ cruthachadh chothroman eaconamach is sòisealta.

Le bhith a’ cur nam molaidhean seo an cèill, tha a’ bhuidheann air beachd a ghabhail air atharrachaidhean a dh’fhaodadh nochdadh ann am poileasaidhean cànain is cuideachd gnìomhan a bhios a’ dèiligeadh ri gnothaichean nas fharsainge aig a bheil buaidh air seasmhachd na Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd.

Tha measgachadh math de dhòighean ann gus taic a thoirt don Ghàidhlig is feumaidh iad seo a bhith air an tuigsinn is air an cur gu feum chun na h-ìre as motha as urrainnear. Nam measg tha:

  • Achd an Fhoghlaim (Alba) 1980
  • Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba is msaa 2000
  • Achd na Gàidhlig (Alba) 2005
  • Stiùireadh air Planaichean Gàidhlig
  • Achd nan Sgoiltean (Co-chomhairleachadh) (Alba) 2010
  • Achd na Co-ionannachd 2010
  • Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig
  • Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016
  • Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2016
  • Achd nan Eilean (Alba) 2018
  • Plana Nàiseanta na Gàidhlig 2018-23
  • Dreachd de Phlana Nàiseanta na Gàidhlig 2023-28
  • Plana Nàiseanta nan Eilean
  • Ro-innleachd Chultarach airson Alba (2022)
  • Aonta nan Eilean (2023)
  • Gealltanasan Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba an-dràsta
  • Ro-innleachd Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba son Cruth-atharrachadh Eaconamach (NSET)
  • Compàirteachas Eaconamach Sgìreil na Gàidhealtachd agus nan Eilean (REP)
  • Comhairle Choimisean Fearainn na h-Alba do Mhinistearan na h-Alba mu chìsean fearainn
  • Aithris air Còraichean is Dleastanasan Fearainn na h-Alba 2022
  • Gealltanasan a thaobh na Gàidhlig a-rinn an SNP, is pàrtaidhean eile, ro thaghadh Pàrlamaid na h-Alba 2021
  • An deagh-rùn don Ghàidhlig a tha ri lorg eadar na pàrtaidhean ann am Pàrlamaid na h-Alba

Dh’fhaodadh gum feum beachdachadh air innealan a bharrachd a tha a dhìth gus cuid de mholaidhean na buidhne a lìbhrigeadh, a’ gabhail a-steach atharrachaidhean reachdais ’s mathaid a nochdas bho cho-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba air Gàidhlig is Albais.

2.6 Àrdachadh Maoineachaidh

Tha a’ bhuidheann a’ toirt làn-aithne dha na sruthan maoineachaidh a tha Riaghaltas na h-Alba a’ tabhann gu dìreach, is gu neo-dhìreach tro Bhòrd na Gàidhlig, is buaidh na th’ air a chosg le buidhnean leithid a’ BhBC, MG ALBA, IGE, Alba Chruthachail, NàdarAlba is measgachadh de dh’ùghdarrasan ionadail is buidhnean poblach eile.

A dh’aindeoin seo, tha a’ bhuidheann gu làidir dhen bheachd gu bheil àrdachadh a dhìth gach cuid anns na tha Riaghaltas na h-Alba fhèin a’ cosg is ann am buidseat Bhòrd na Gàidhlig gus fàs eaconamach a bhrosnachadh is gus am bi buaidh na Gàidhlig cho mòr ’s as urrainnear a thaobh chùisean sòisealta is math dhaoine.

Tha a’ bhuidheann cuideachd fìor mhothachail den t-suidheachadh eaconamach dhoirbh anns a bheil Riaghaltas na h-Alba ag obair. A dh’aindeoin seo, ge-tà, cha robh taic ionmhasail an riaghaltais don Ghàidhlig a’ cumail suas ri ìre na h-atmhorachd ro na reataichean àrda a th’ ann an-dràsta is chan urrainnear sùileachadh gu bheil na figearan as ìsle, a bha an ìre mhath stèidhichte ann an 2005-06, aig ìre iomchaidh sa chiad àite.

Anns an ùine bhon uair sin, tha àrdachadh air bhith ann mean air mhean – ris a bheil fàilte – is chaidh suimeannan fa leth a thoirt do dh’iomairtean sònraichte. Ach, o chionn ghoirid sheall sgrùdadh den mhaoineachadh a tha Bòrd na Gàidhlig a’ faighinn bho Riaghaltas na h-Alba gum biodh sin a-nis nas fhaisge air £10m an àite an £5.2m a tha iad a’ faighinn – nam biodh e air àrdachadh a rèir ìre na h-atmhorachd bho 2007-08. Chan eil an sgeama riatanach airson Tabhartasan Sònraichte airson Foghlam Gàidhlig air àrdachadh fhaicinn a bharrachd – is mòran ùghdarrasan ionadail an urra ris airson nan seirbheisean foghlaim Gàidhlig aca. Ged a bu chòir barrachd de na thathar a’ cosg air a’ Ghàidhlig a bhith mar phàirt de bhuidseatan àbhaisteach bhuidhnean, thathar an dùil gum feum seirbheisean foghlaim ùra a bhith air a mhaoineachadh son ùine mhath fhathast.

Gus adhartas nas brìgheil a choisinn às leth na Gàidhlig tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gu bheil maoineachadh nas àirde is nas seasmhaiche a dhìth son a h-uile pàirt de dh’ath-bheothachadh a’ chànain. Tha a’ bhuidheann a’ creidsinn gun tig barrachd bhuannachdan eaconamach is sòisealta bho thuilleadh maoineachaidh, mar a chìthear ann an eadar-theachdan eile gus fàs eaconamach a bhrosnachadh.

Leis an t-suidheachadh eaconamach fharsaing, bu chòir co-dhùnaidhean co-obrachail, cruthachail a shireadh gus maoineachadh a bharrachd a ghlèidheadh air feadh na roinne poblaiche, an àite dìreach bhon riaghaltas a-mhàin. Anns an treas roinn, cuideachd, tha cothrom air àireamh mhòr de mhaoinean-urrais is bu chòir rannsachadh a dhèanamh air maoineachadh a’ Chrannchuir Nàiseanta a thaobh nan amasan anns an Ro-innleachd Nàiseanta airson Cruth-atharrachadh Eaconamach.

Feumaidh sinn feitheamh air toraidhean a’ cho-chomhairleachaidh a chùm Riaghaltas na h-Alba o chionn ghoirid mun taic a gheibh Gàidhlig is Albais san àm ri teachd. Ach, ma tha cor na Gàidhlig gu bhith air a ghlèidheadh san àm ri teachd is ma tha e gu bhith na chomas dhi làn-bhuaidh a thoirt air cùisean eaconamach is sòisealta, tha a’ bhuidheann a’ sùileachadh gum bi measgachadh de mhaoineachadh a bharrachd is innealan ùra ann son taic a chur ri leasachadh na Gàidhlig. An lùib seo bu chòir gum bi buidseatan nas motha do Roinn Ghàidhlig is Albais Riaghaltas na h-Alba gus am bi e comasach dhaibh taic a chur ri barrachd obrach agus sin a dhèanamh a rèir bun-stèidhe sheasmhaich. Cuideachd, mar phàirt de seo, bu chòir gum faigh Bòrd na Gàidhlig am maoineachadh freagarrach a tha a dhìth air gus an t-àite cudromach a th’ aige a-nis, mar a’ phrìomh bhuidheann phoblach airson leasachadh na Gàidhlig a chur air adhart, a choileanadh.

2.7 Nithean a bheir buaidh air Cothroman Eaconamach is Sòisealta na Gàidhlig

Bha obair na buidhne air a stiùireadh le anailis PESTLE (Poilitigeach, Eaconamach, Sòisio-eòlach, Teicneòlach, Laghail is Àrainneachd), a bheir nithean nas fharsainge fa-near aig am bi buaidh air, no comas buaidh a thoirt air, cothroman eaconamach is sòisealta na Gàidhlig. Leis cho teann ’s a bha an ùine dh’fheumadh seo a bhith aig àrd-ìre ach bha an obair na stiùir luachmhor ann a bhith a’ cur cumadh ri molaidhean na buidhne.

2.8 A’ Sgrùdadh Adhartais

Tha a’ bhuidheann airson a bhith cinnteach gun tèid a molaidhean a chur an sàs taobh a-staigh chlàran-ama reusanta. Chuireadh i fàilte air dòighean-obrach gus dèanamh cinnteach gun urrainn adhartas a bhith air a sgrùdadh.

Ged a dh’fhaodadh seo a bhith taobh a-muigh an raoin-ùghdarrais a chaidh aontachadh, tha a’ bhuidheann deònach a bhith an sàs ann an sgrùdaidhean adhartais cunbhalach, air an aon seòrsa bunait ’s a chaidh a chleachdadh son measgachadh de sgrùdaidhean eile a chaidh a choimiseanadh gus molaidhean a dhèanamh mu atharrachaidhean no leasachaidhean anns an roinn phoblaich.

Contact

Email: niall.bartlett@gov.scot

Back to top