Curam-cloinne Aois-Sgoile Fream-obrach - Gearr-chunntas Gniomhach

Gaelic version of the executive summary provides a condensed overview of the main School Age Childcare Delivery Framework publication.


Ath-cheuman

Ann an 2023, nì sinn sreath thachartasan compàirteachaidh son ùghdarrasan ionadail is solaraichean le fòcas air soilleireachadh ar dòigh-obrach is conaltradh na tha Riaghaltas na h-Alba a' sùileachadh is sinn a' toirt ar gealladh cùraim-chloinne aois-sgoile gu buil. A' togail air a' chompàirteachas seo, agus air na tha solaraichean mu thràth air cuir ri co-dhealbhadh 's iad an sàs ann am Pannal nan Daoine, leasaichidh sinn planaichean son obair cho-dhealbhaidh sholaraiche dhìleas ann an 2023. Cuideachd, bidh sinn a' coluadar le Comhairle Seirbheisean Sòisealta na h-Alba, an Luchd-sgrùdaidh Cùraim is Foghlam Alba, a thuilleadh air buidhnean nàiseanta (a' cunntadh an Lìonradh Albannach son Cùram Taobh Muigh na Sgoile is Comann Aireachaidh-chloinne na h-Alba) a' riochdachadh roinn a' chùraim-chloinne aois-sgoile, gus aire a thogail mun dòigh-obrach a tha sinn a' leantainn is an t-àite acasan ann a bhith a' cur taic ri lìbhrigeadh ar raointean gnìomha.

Ann an 2023-24 cuiridh sinn tuilleadh airgid dha na pròiseactan againn gus measadh an atharrachaidh tro bhith a' cumail oirnn a' cur taic ri ar Coimhearsnachdan Tràth-thogail is seirbheisean maoinichte son Cothrom fhaighinn air Cùram-cloinne. A thuilleadh air na ceithir Coimhearsnachdan Tràth-thogail a th' ann mu thràth ann an Siorrachd Chlach Mhanann, Dùn Dè, Glaschu is Inbhir Chluaidh, thèid ar pròiseact a leudachadh gu sgìrean ùra ann am Fìobha is Eileanan Shealtainn.

Ann an 2025-26, leasaichidh sinn plana lìbhrigidh nas mionaidiche a' sealltainn cò ris a bhios tairgse cùraim-chloinne aois-sgoile coltach do theaghlaichean am broinn choimhearsnachdan is a' toirt clàr-ama lìbhrigidh soilleir.

Bu mhath leinn taing a thoirt do chloinn, teaghlaichean, luchd-cùraim, solaraichean cùraim-chloinne aois-sgoile, is an iomadh neach-ùidhe eile ris na bhruidhinn sinn mu thràth, a chuidich cruthachadh ar lèirsinn is raointean gnìomha don teachd-àm. Bu mhath leinn taing a thoirt do gach neach an-dràsta ag obair gus cùram-cloinne aois-sgoile a thoirt do theaghlaichean air feadh Alba – tha sibh a' solarachadh seirbheisean riatanach a tha a' cur taic ri cloinn is teaghlaichean am broinn ur coimhearsnachdan an-dràsta is san teachd-àm.

Contact

Email: schoolagechildcare@gov.scot

Back to top