Hayward Review summary paper - Gaelic version

Gaelic translation of the summary paper covering Professor Hayward's Independent Review of Qualifications and Assessment


2. Carson a tha an Lèirmheas seo cudromach?

"Tha teisteanasan agus measaidhean cudromach do luchd-ionnsachaidh, do dh'ionadan foghlaim agus dhan t-sòisealtas. Bidh iad a' toirt fiosrachadh do luchd-ionnsachaidh, agus mar a bhios iomchaidh do phàrantan/luchd-cùraim, air adhartas agus coileanadh. Bidh colaistean, fastaichean agus oilthighean gan cleachdadh gus co-dhùnadh cò a leigeas iad a-steach do gach cùrsa no cò leis a nì iad agallamh. Tha iad air an cleachdadh mar fhianais a thaobh càileachd sgoiltean. Mar sin, tha teisteanasan agus measaidhean cudromach do dhaoine fa leth, do choimhearsnachdan agus do chomann-sòisealta na h-Alba san fharsaingeachd. Tha a h-uile neach-ionnsachaidh airidh air na cothroman beatha as fheàrr agus tha prìomh àite aig teisteanasan agus measadh ann a bhith a' toirt sin gu buil"

An t-Àrd-ollamh Louise Hayward, Oilthigh Ghlaschu

Contact

Email: Heather.McLean@gov.scot

Back to top