Inspiring Connections: Scotland's International Culture Strategy - Gaelic Version

’S e amas na ro-innleachd taic a chur ri roinn cultair is chruthachail na h-Alba a bhith ceangailte aig ìre na cruinne gus an coilean i a h-amasan is comasan eadar-nàiseanta, is a bhith a’ cur ri math cultarail, sòisealta, eaconamach is àrainneachd na h-Alba tro a h-obair eadar-nàiseanta.


Frèam nam Builean

Frèam Coileanaidh Nàiseanta

  • Cultar: Tha sinn cruthachail agus tha na cultaran beòthail is eadar-mheasgte againn air an cur an cèill, agus a’ còrdadh ri daoine, gu farsaing
  • Eadar-nàiseanta: Tha sinn fosgailte, ceangailte agus tha sinn a’ toirt deagh bhuaidh gu h-eadar-nàiseanta
  • Eaconamaidh: Tha eaconamaidh againn a tha co-fharpaiseach leis a’ chòrr den t-saoghal, tionnsgalach, in-ghabhalach agus so-sheasmhach.
  • Obair Chothromach: Tha gnothachasan soirbheachail is ùr-ghnàthach againn, le deagh obraichean agus obair chothromach dhan a h-uile duine
  • Àrainneachd: Tha sinn a’ cur luach agus a’ gabhail tlachd nar n-àrainneachd agus tha sinn ga dìon is ga leasachadh
  • Còraichean Daonna: Tha sinn a’ measadh, a’ dìon agus a’ coileanadh chòraichean daonna agus tha sinn beò saor bho leth-bhreith

Lèirsinn

Is e ar lèirsinn a gum bi roinn cultair is cruthachail na h-Alba ceangailte gu cruinneil ris na dòighean agus na cothroman gus na h-àrd-amasan agus an comas eadar-nàiseanta aice a choileanadh, agus gun cuir i ri leas cultarail, sòisealta, eaconamach agus àrainneachdail na h-Alba tron obair eadar-nàiseanta aice.

Toraidhean

  • Roinn cultar agus cruthachail ùr-ghnàthach, nas seasmhaiche agus nas treasa gu h-eaconamach
  • Roinn cultair agus cruthachail eadar-nàiseanta ceangailte agus eadar-mheasgte a tha a’ cur ri leas dhaoine agus choimhearsnachdan
  • Cliù eadar-nàiseanta nas motha airson cultar agus cruthachalachd, a’ gabhail a-steach freagairt na h-Alba do dhùbhlain cruinneil

Contact

Email: internationalculturestrategy@gov.scot

Back to top