Geàrr-iomradh air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

The national Good Food Nation Plan sets out six over-arching Outcomes; the range of targets and indicators that will be used to gauge progress towards achieving them; and details of food-related policies and initiatives from across the Scottish Government. This is a Gaelic summary of the Plan.


Pàirt a Trì: Ag Obair gus am bi Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh againn

Dòighean-obrach

Ma tha am Plana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ dol a thoirt làn-bhuaidh air cùisean, feumar fhighe a-steach gu ceart thar dhiofar phoileasaidhean a bhuineas ri poileasaidhean bìdh. Feumaidh sinn cumail oirnn a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Ministearan is oifigearan a tha ag obair air gach taobh de phoileasaidhean bìdh.

Bidh a’ Bhuidheann Obrach Mhinistreil airson Biadh fhathast na meadhan gus còmhraidhean a chumail is co-dhùnaidhean a dhèanamh thar dhiofar roinnean dhen riaghaltas aig ìre nam Ministearan a thaobh phoileasaidhean co-cheangailte ri biadh.

Gus barrachd co-obrachaidh thar phoileasaidhean a bhrosnachadh, cuiridh sinn Buidheann Obrach airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh air chois agus bheir sinn taic dhaibh. Bidh a’ bhuidheann seo mar fhòram do dh’oifigearan poileasaidh far am faod iad bruidhinn air cùisean iomadh-fhillte agus bheir i cothrom dhaibh dèiligeadh ri dùbhlain agus cothroman a chomharrachadh gus poileasaidhean bìdh a dhealbh ann an dòigh cho-aonaichte.

Poileasaidhean

’S iomadh seòrsa poileasaidh a tha co-cheangailte ri biadh agus tha iad a’ buntainn ri grunn raointean de Riaghaltas na h-Alba.

Tha sinn air poileasaidhean is gnìomhan an riaghaltais a th’ ann an-dràsta agus a bhios ann san ùine ri thighinn a roinn ann an ceithir earrainnean a tha stèidhichte air prìomh bhuidhnean a tha an sàs ann an siostam a’ bhìdh: Daoine is Coimhearsnachdan; Luchd-solair is Àiteachan; Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh; agus Luchd-poileasaidh.

Fo Dhaoine is Coimhearsnachdan tha poileasaidhean ann a tha ag amas air daoine fa leth is coimhearsnachdan.

’S e a th’ ann an Luchd-solair sa cho-theacsa seo, an fheadhainn a tha a’ toirt biadh do dhaoine eile ann an diofar shuidheachaidhean.

San earrainn mu Thuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh tha poileasaidhean a tha ag amas air daoine a tha a’ fàs bàrr; ag àrach; a’ glacadh; no a’ buain biadh, agus an fheadhainn a tha a’ dèanamh is a’ giullachd stuthan bìdh.

San earrainn mu dheireadh, Luchd-poileasaidh, chithear prìomh phoileasaidhean is ro-innleachdan farsaing an riaghaltais a tha co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh agus ris am feumar ealla a ghabhail nuair a bhithear a’ cruthachadh phoileasaidhean ùra. Cuimhnichibh, chan eil fiosrachadh iomlan air na poileasaidhean san sgrìobhainn seo: an àite sin tha sinn air geàrr-chunntas a dhèanamh air na prìomh phuingean a chithear sa Phlana iomlan.

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Tuairisgeulan Beaga air Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Tha fios againn gum faodadh e bhith gu bheil coltas car farsaing, eas-chruthach air cuid dhen fhiosrachadh is de na beachdan sa Phlana seo. Gus mìneachadh nas brìoghmhoire a thoirt air beatha dhaoine ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, tha sinn air sreath de thuairisgeulan a thoirt seachad gus sealltainn cò ris a dh’fhaodadh Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a bhith coltach le bhith a’ coileanadh a’ Phlana seo. Daoine is Coimhearsnachdan

Beatha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Ma tha Alba gu bhith na Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, feumaidh na daoine a tha a’ fuireach agus ag obair an seo cuideachadh le sin agus pàirt a ghabhail san iomairt. Bidh cothrom gu cunbhalach aig a h-uile duine a tha a’ fuireach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh air biadh a tha sàbhailte, sa bheil mathas, aig prìs reusanta, a tha seasmhach, agus freagarrach a thaobh aois is cultar.

Gheibh daoine buannachdan bho shiostam bìdh seasmhach a tha a’ cuideachadh gus piseach a thoirt air bith-iomadachd agus sa bheilear a’ dèiligeadh ri beathaichean gu cùramach. Gheibh daoine cothrom air deagh bhiadh gu h-ionadail agus ’s urrainn dhaibh co-dhùnaidhean fiosraichte a dhèanamh a thaobh biadh.

’S e am prìomh amas gum bi Alba na dùthaich nas fheàrr agus nas beartaiche airson a h-uile duine: dùthaich far a bheil daoine toilichte, fallain agus tèarainte. Tha poileasaidhean sa chaibideil seo mar cheumannan a dh’ionnsaigh nam Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh agus mar mheadhan gus na builean sin a choileanadh.

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air pàiste ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha cothrom agam air biadh fallain agus sa bheil mathas, a tha freagarrach airson m’ aois agus airson na h-ìre aig a bheil mi a thaobh fàs
  • ’S e an àbhaist dhomh a bhith ag ithe agus a’ gabhail tlachd ann am biadh fallain
  • Tha cothrom agam gu cunbhalach pàirt a ghabhail ann an diofar chothroman ionnsachaidh co-cheangailte ri biadh
  • Cha bhi an t-acras mòr orm uair sam bith

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air pàrant/neach-cùraim ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha fios agam air mar a dh’ullaicheas mi biadh fallain sa bheil mathas dhan fheadhainn a tha fo mo chùram agus tha e na chomas dhomh sin a dhèanamh
  • Tha fios agam càite am faigh mi taic ma tha duilgheadasan agam a tha a’ cur stad orm bho bhith a’ ceannach biadh no bho bhith ag ullachadh biadh blàth aig an taigh
  • Tha fios agam le cinnt gu bheil ionadan cùraim-chloinne is sgoiltean a’ toirt seachad biadh fallain, sa bheil mathas, agus a tha freagarrach a thaobh cultar dhaoine, agus gu bheil iad a’ toirt oideachadh dhan chloinn mu shiostam a’ bhìdh
  • Ma tha dùil agam ri leanabh, tha fios agam càite am faigh mi taic agus ’s urrainn dhomh roghainnean fiosraichte a dhèanamh a thaobh dè am biadh a bu chòir dhomh a thoirt dhomh fhìn is do mo leanabh
Prìomh phuingean: An toiseach tòiseachaidh as fheàrr airson beatha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ cur taic ri, a’ cur adhart agus a’ cur dìon air beathachadh-broillich
  • A’ cur taic ri pàrantan gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh mu dhaithead an cuid chloinne
  • Bidh cothrom nas fheàrr aig daoine le teachd-a-steach nas ìsle air biadh fallain is bainne nuair a tha dùil aca ri leanabh agus nuair a tha a’ chlann aca fo 3
Prìomh phuingean: Sgoiltean is Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ toirt seachad an cuid làitheil de mheasan no glasraich agus bainne (no deoch coltach ris gun bhainne na bà) dhan a h-uile pàiste ann an cùram-chloinne ro-sgoile
  • A’ toirt biadh fallain, an-asgaidh, dhan a h-uile pàiste a tha ann an Tràth-ionnsachadh is Cùram-chloinne a gheibh maoineachadh bhon riaghaltas, san ionad chùraim-chloinne aca
  • A’ tabhann dhìnnearan sgoile an-asgaidh dhan a h-uile sgoilear bun-sgoile
Prìomh phuingean: Foghlam airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • Bheirear foghlam seachad mu bhiadh tron Churraicealam airson Sàr-mhathais, agus tro mhaoineachadh airson iomairtean a dh'aona-ghnothach leithid chothroman do sgoilearan a bhith a’ tadhal air tuathanas
  • Bithear a’ tarraing aire dhaoine gu na Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air inbheach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha e furasta dhomh cothrom fhaighinn air biadh a tha a’ còrdadh rium agus a chumas mi slàn, fallain
  • Tha fios agam càite an tèid mi ma tha duilgheadasan agam a thaobh airgead, agus gheibh mi taic gu luath, a tha co-òrdanaichte agus bho dhaoine a chuidicheas mi ann an dòigh shuimeil agus le spèis
  • Tha e furasta roghainnean fallain is seasmhach a lorg às bith càite an ith mi no càite an ceannaich mi biadh
  • Tha e furasta dhomh fiosrachadh fhaighinn mu bhuaidh a’ bhìdh agam air an àrainneachd is cùisean sòisealta agus mu mhathas a’ bhìdh sin agus cò às a thàinig e, fiosrachadh a chuidicheas mi gus roghainnean fiosraichte a dhèanamh
Prìomh phuingean: Cothrom aig a h-uile duine air Biadh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ dèanamh cinnteach gu bheil cothrom aig a h-uile duine ann an Alba air a’ bhiadh a tha a dhìth orra agus as fheàrr leotha ithe
  • A’ lùghdachadh bochdainn am measg clann ann an Alba
  • A’ moladh taic-airgid an toiseach airson daoine a tha gann de dh’airgead, gus nach bi uiread feum aca air tabhartasan bìdh èiginneach
  • A’ dèanamh cinnteach nuair a thathar a’ toirt thabhartasan bìdh do dhaoine gun dèanar sin san dòigh as motha a bheir spèis do dh’urram nan daoine
Prìomh phuingean: Daithead Fhallain ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ brosnachadh adhartas le bhith a’ coileanadh Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba aig ìre a’ mhòr-shluaigh
  • A’ cuideachadh luchd-ceannaich gus daithead nas fhallaine a roghnachadh tro bhith a’ toirt seachad stiùireadh soilleir is practaigeach air daithead
  • A’ beachdachadh air na diofar fheumalachdan beathachaidh is slàinte aig diofar bhuidhnean nuair a thathar a’ dealbh phoileasaidhean bìdh
Prìomh phuingean: A’ Cur ’s a’ Fàs a’ Bhìdh Agad Fhèin ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ brosnachadh agus ga dhèanamh comasach do dhaoine am biadh aca fhèin a chur is fhàs
  • Bidh barrachd fearainn ri fhaotainn far an urrainn do choimhearsnachdan biadh a chur agus bithear a’ toirt cothrom do bharrachd dhaoine air làraich airson nithean a chur agus air lotaichean-gàrraidh
Prìomh phuingean: A’ bhuaidh fharsaing a th’ aig roghainnean bìdh
  • A’ cuideachadh gus ana-caitheamh bìdh a lùghdachadh

Luchd-solair is Àiteachan

A’ Toirt Seachad Biadh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

’S e a th’ ann an luchd-solair, an fheadhainn a tha a’ toirt biadh do dhaoine eile ann an diofar shuidheachaidhean. Tha àite glè chudromach aca ann a bhith a’ toirt biadh math do dhaoine ann an Alba. Cumaidh iad orra le oidhirpean gus na clàran-bìdh aca a leasachadh gus roghainnean fallain is seasmhach a thabhann do dhaoine.

Bidh sinn a’ cur grunn phoileasaidhean an sàs mar thaic do, agus gus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ toirt seachad, biadh sàbhailte; sa bheil mathas; aig prìs reusanta; a tha seasmhach; agus freagarrach a thaobh aois is cultar dhaoine ann an àiteachan poblach agus prìobhaideach.

Bidh na poileasaidhean seo a’ cuideachadh le bhith a’ daingneachadh chleachdaidhean ithe fallain am measg dhaoine ann an Alba.

Prìomh phuingean: Biadh Ionadail dhan a h-Uile Duine ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • Barrachd biadh ionadail a thabhann ann am bùithtean is àiteachan-bìdh
Solarachadh Poblach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air solaraiche-bìdh poblach ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Bidh mi a’ faotainn biadh fallain, ùr, ràitheil, sa bheil mathas gus frithealadh air feumalachdan nan daoine a chleachdas na seirbheisean agam
  • Tha tuigse agam air mar as urrainn do bhiadh cuideachadh le bhith a’ neartachadh cheanglaichean coimhearsnachd. Bidh mi a’ cur air adhart agus a’ tabhann roghainnean fallain, blasta, agus seasmhach mar chleachdadh àbhaisteach air na clàran-bìdh agam
  • Bidh na roghainnean solarachaidh agam a’ cuideachadh gus taic a chumail ri diofar luchd-toraidh
  • Tha mi air lùghdachadh a thoirt air ana-caitheamh bìdh a ghabhas seachnadh cho fad ’s as urrainn dhomh agus bidh mi a’ dèanamh cinnteach gun tèid cuidhteas fhaighinn de sgudal-bìdh ann an dòigh sheasmhach
Prìomh phuingean: Biadh Math air Feadh Ionadan Poblach
  • Biadh le mathas freagarrach a thoirt do sgoiltean, ospadalan, dachaighean-cùraim agus prìosain na h-Alba.
Prìomh phuingean: Biadh Math air Falbh bhon Dachaigh: ag ithe a-muigh agus a’ ceannach biadh
  • A’ brosnachadh agus a’ toirt taic do dh’àiteachan-bìdh gus roghainnean nas fhallaine a thoirt do luchd-ceannaich a tha ag ithe air falbh bhon dachaigh aca mar thaic do bhith a’ coileanadh Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba
  • A’ brosnachadh ghnothachasan-reic gus taic a chur ri prionnsapalan airson Obair Chothromach
  • A’ cuideachadh le bhith a’ cur prionnsapalan Frèam Planaidh Nàiseanta 4 an sàs ann an àiteachan-bìdh
  • Reachdas a thoirt air adhart a bheir cuingealachadh air oidhirpean gus biadh is deochan sa bheil ìrean àrda de gheir, siùcar no salainn a chur air adhart is a shanasachd
  • A’ dèanamh sanasachd air sàr bhiadh is deochan na h-Alba mar phàirt de ghnìomhachas na turasachd is na h-aoigheachd

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach-bùtha ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Mar fhastaiche, tha mi a’ cumail ris na slatan-tomhais airson Obair Chothromach An Toiseach. Bidh mi a’ dèanamh cinnteach gu bheil gach cùmhnant solarachaidh ris an gabh mi cothromach is ceart airson an luchd-toraidh.
  • Bidh mi a’ cruthachadh àrainneachd sa bhùth far a bheil am biadh fallain, agus sa bheil mathas, ri fhaotainn aig prìs a tha reusanta agus ga shealltainn ann an dòigh a tha tarraingeach dhan a h-uile duine. Bidh mi a’ cuideachadh luchd-ceannaich gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air mathas a’ bhìdh a bhios mi a’ reic agus air cò às a thàinig e.
  • Bidh na co-dhùnaidhean a nì mi sa bhùth agus an lùib a bhith a’ solarachadh biadh a’ cuideachadh Alba gus na h-amasan againn airson cothromachadh-carboin a choileanadh, mar eisimpleir a’ lùghdachadh ana-caitheamh bìdh
  • Tha mi a’ dèanamh obair chudromach gus taic a chumail ri eaconamaidh bìdh ionadail nas làidire agus gus cur ri tèarainteachd bìdh ann an Alba

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach le taigh-bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Bidh mi a’ moladh biadh ùr, ràitheil agus ga chleachdadh sa chlàr-bhìdh agam. Bidh mi a’ toirt taic dhan eaconamaidh bhìdh ionadail agam
  • Bidh mi a’ sealltainn dhan luchd-cheannaich agam gu bheil dealas agam airson biadh math feuch an ionnsaich iad mu cò às a thàinig am biadh, ciamar a chaidh ullachadh agus dè am mathas a th’ ann
  • Mar fhastaiche, tha mi a’ cumail ris na slatan-tomhais airson Obair Chothromach An Toiseach. Bidh mi a’ cruthachadh àrainneachd obrach thaiceil dhan luchd-obrach agam
  • Tha mi cruthachail leis a’ chlàr-bhìdh agam. Faodaidh sin cuideachadh le bhith a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh bìdh a chum maith a’ ghnothachais, dhaoine, agus na h-àrainneachd
Prìomh phuingean: A’ Toirt Lùghdachadh air Ana-caitheamh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh
  • A’ cuideachadh le bhith a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh bìdh le gnothachasan is luchd-dèanaimh

Tuathanaich, Luchd-toraidh is Luchd-giullachd Bìdh

Toraidheachd is giullachd bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

Tha e fìor chudromach do mhath dhaoine gum bi biadh sàr-mhath, sa bheil mathas, aca a thèid a thoirt gu cinneas gu h-ionadail agus ann an dòigh sheasmhach – airson ar math sòisealta agus math na h-eaconamaidh, na h-àrainneachd is ar slàinte. ’S e a th’ ann an luchd-toraidh is luchd-giullachd an fheadhainn a tha an sàs ann a bhith a’ fàs, ag àrach, a’ glacadh, a’ buain, a’ dèanamh agus a’ giullachd ar bìdh. Ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, bidh iad a’ cuideachadh gus siostam bìdh seasmhach a chur an sàs. Bheir na roghainnean a nì iad buaidh mhath, no cha toir iad buaidh sam bith, air an àrainneachd is bith-iomadachd. Cuidichidh na gnìomhan aca gus atharrachadh na gnàth-shìde a lasachadh agus atharraichidh iad na dòighean-obrach aca gus freagairt air atharraichean sam bith a th’ ann no a bhios ann san àm ri teachd. Bidh na toraidhean aca mar phàirt cudromach dhen bhiadh a thèid ithe air feadh Alba agus bidh e furasta biadh Albannach a lorg ann an taighean-bìdh, biadhlannan agus bùithtean. Bidh cliù aig Alba fhathast gu h-eadar-nàiseanta airson toraidhean bìdh is deochan sàr-mhath. Bidh luchd-toraidh na h-Alba follaiseach sna coimhearsnachdan aca agus bidh àiteachan-obrach aca far a bheil fàilte ron a h-uile duine. Bithear a’ cumail ri slatan-tomhais airson obair chothromach le obraichean ann an roinnean-toraidh a’ bhìdh is nan deochan ann an Alba.

Tha taghadh de phrògraman againn a bheir cruth-atharrachadh bunaiteach air na dòighean sa bheil sinn a’ toirt biadh gu cinneas is ga ghiullachd ann an Alba: tha sinn a’ gabhail cheumannan gus ar n-obair-toraidheachd bìdh uile, a nì sinn air tìr agus aig muir, a dhèanamh ann an dòigh nas seasmhaiche.

Prìomh phuingean: An Tìr

  • Cruth-atharrachadh a thoirt air an taic do thuathanachas agus toraidheachd bìdh agus bidh Alba am measg phrìomh dhùthchannan na cruinne a thaobh àiteachas seasmhach is ath-ùrachail
  • Bidh barrachd fearainn air obrachadh gu h-organach
  • A’ toirt taic is brosnachadh do chroitearachd, tuathanasan beaga agus tuathanachas bheartagail
  • Bidh frèam-taice ann a bheir taic do thoraidheachd bìdh shàr-mhath, obair lasachaidh is fhreagrachaidh a thaobh na gnàth-shìde, agus do dh’obair gus nàdar ath-nuadhachadh

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air tuathanach/croitear ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi dhen bheachd gu bheilear a’ toirt spèis dham obair agus gum faigh mi prìs chothromach airson toraidhean na h-obrach agam. Tha e furasta dhomh na toraidhean sin a reic gu h-ionadail nam bithinn ag iarraidh sin a dhèanamh
  • Tha na modhan-àiteachais agam agus na dòighean sa bheil mi ag obrachadh an fhearainn a’ ciallachadh gu bheil mi a’ toirt nas lugha buaidhe air an àrainneachd, a’ cur ri bith-iomadachd agus a’ cumail ri inbhean àrda a thaobh math bheathaichean air an tuathanas no croit agam
  • Bidh mi a’ faighinn diofar sheòrsaichean taice, leithid trèanadh is comhairle, gus mo chuideachadh le bhith a’ soirbheachadh leis an obair agam air tuathanas no croit a tha seasmhach
  • Bidh mi a’ cuideachadh gus modhan-solair làidir a stèidheachadh agus a’ cur ri tèarainteachd bìdh na h-Alba

Prìomh phuingean: A’ Mhuir

  • A’ dèanamh cinnteach gum bi roinn an iasgaich is biadh na mara againn na pàirt seasmhach de ar n-eaconamaidh

Bogsa le Tuairisgeul Beag : Air iasgair ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi dhen bheachd gu bheilear a’ toirt spèis dham obair agus gum faigh mi prìs chothromach airson na ghlacas mi
  • Tha mi a’ cur taic ri àrainneachd is eag-shiostam na mara le bhith a’ cur mhodhan-iasgaich seasmhach an sàs
  • Tha mi ag obair ann an, agus a’ cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh, àrainneachd obrach chothromach is shàbhailte
  • Tha mi a’ sireadh chothroman gus toraidhean na h-obrach agam a thabhann do thaghadh nas fharsainge de dhaoine ann an Alba, agus gus sanasachd a dhèanamh air mar a dh’fhaodas biadh na mara a bhith mar phàirt de dhaithead fhallain
  • Tha cothrom agam air taghadh de thaic a chuidicheas mi gus gnothachas iasgaich seasmhach a ruith

Prìomh phuingean: Math Bheathaichean is Slàinte nan Lusan

  • A’ cumail suas agus a’ cur ris na h-inbhean àrda againn a thaobh math bheathaichean is slàinte nan lusan

Bogsa le Tuairisgeul Beag: Air neach-giullachd bìdh ann an Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

  • Tha mi ag obair còmhla ri luchd-toraidh, luchd mòr-reic, luchd-reic agus luchd-solair bìdh a bheir biadh do dhaoine air falbh bhon dachaigh aca airson dèanamh cinnteach gu bheil an siostam-solair air fad làidir fhad ’s a tha mi a’ frithealadh air feumalachdan dhaoine agus a’ toirt lùghdachadh air ana-caitheamh
  • Bidh mi a’ dèanamh a’ bhìdh agam nas fhallaine agus nas seasmhaiche le bhith a’ cleachdadh stuthan ùra, ràitheil nuair as urrainn dhomh, agus gheibh mi taic gus sin a dhèanamh
  • Bidh mi a’ cosg airgead air an luchd-obrach agam agus gan cuideachadh le cothroman leasachaidh, feuch an urrainn dhaibh cothroman a ghabhail gus na sgilean aca a leasachadh fhad ’s a tha iad ag obair ann an àrainneachd obrach shàbhailte
  • Tha mi a’ cur ris na buannachdan cudromach a gheibh eaconamaidh na h-Alba bho roinn a’ bhìdh is nan deochan

Prìomh phuingean: A’ Toirt Taic do Ghnìomhachas Bìdh is Dheochan na h-Alba

  • A’ toirt taic do agus a’ cur air adhart gnìomhachas bìdh is dheochan na h-Alba

Luchd-poileasaidh

Tha am Plana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh mar dìreach aon phàirt de phrògram farsaing de phoileasaidhean aig Riaghaltas na h-Alba: feumar beachdachadh air mar phàirt de thaghadh de ro-innleachdan, planaichean is prògraman thar-phoileasaidh eile a tha gan cur an gnìomh no a tha air fàire. Thug prògraman poileasaidh eile buaidh air a’ Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh, agus tha amasan co-cheangailte is coitcheann aig tòrr dhiubh sin airson na h-Alba san àm ri thighinn. Mar an ceudna, bheir na sia Builean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh buaidh air obair a nithear san àm ri teachd, fhad ’s a bhios luchd-poileasaidh is Ministearan a’ dèanamh cinnteach gu bheil planaichean co-cheangailte ri poileasaidhean bìdh air an dealbh a rèir nam Builean seo.

San earrainn seo, thathar a’ toirt sùil air na poileasaidhean a bha cudromach ann a bhith ag ullachadh a’ chiad Phlana nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Còraichean Daonna

Tha a’ chòir aig a h-uile neach air còraichean is seòrsaichean saorsa bunaiteach. Tha spèis againn do chòraichean daonna eadar-nàiseanta, tha sinn gan dìon agus gan coileanadh agus tha sinn airson gum bi Alba na dùthaich in-ghabhalach. Tha a’ chòir air gu leòr de bhiadh iomchaidh na pàirt bunaiteach dhen chòir dhaonna air beatha le ìre bith-beò iomchaidh, agus tha i riatanach do mar a bheirear còraichean daonna eile gu buil.

Chan urrainnear dèanamh gu tur cinnteach gun tèid a’ chòir air gu leòr de bhiadh iomchaidh a thoirt gu buil ach nuair a thèid obair a dhèanamh mu choinneimh so-ruigsinneachd a’ bhìdh; na cothroman air biadh; iomchaidheachd a’ bhìdh; agus càileachd a’ bhìdh ann an dòigh aonaichte is òrdail, agus nuair a thèid aithne a thoirt do mar a tha còraichean daonna do-roinnte, an eisimeil a chèile agus co-cheangailte agus urram mar bhunait dhaibh uile.

Atharrachadh na Gnàth-shìde; Bith-iomadachd; an t-Slighe gu ruige Cothromachadh-carboin; agus Eadar-ghluasad Cothromach

Chan urrainn dhuinn còmhraidhean a chumail air biadh is siostaman bìdh gun a bhith a’ beachdachadh air an obair a tha ga dèanamh gus cothromachadh-carboin a chur an sàs ann an Alba. Feumaidh luchd-poileasaidh beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig poileasaidh sam bith co-cheangailte ri biadh air an àrainneachd.

Tha an Achd airson Atharrachadh na Gnàth-shìde (Alba) 2019 a’ stèidheachadh thargaidean adhartach do Riaghaltas na h-Alba gus atharrachadh na gnàth-shìde a lasachadh. Nam measg tha lùghdachadh 75% a thoirt air sgaoilidhean (stèidhichte air bun-ìre ann an 1990) ro dheireadh 2030 agus bidh Cothromachadh-carboin ann ro dheireadh 2045.

Thathar ag obair air dreachd dhen ath Phlana airson Atharrachadh na Gnàth-shìde, agus thèid plana deireannach fhoillseachadh sa Mhàrt 2025. Sa phlana sin bidh poileasaidhean is molaidhean a nì cinnteach gum bi na roinnean airson àiteachas is mar a chleachdar fearann san fharsaingeachd; atharraichean air mar a chleachdar fearann; ana-caitheamh; agus coilltearachd uile a’ lùghdachadh nan sgaoilidhean aca a rèir ar targaid nàiseanta airson cothromachadh-carboin. Tha sinn cuideachd ag ullachadh an ath Phrògram Freagrachaidh na h-Alba mu choinneimh Atharrachadh na Gnàth-shìde a thèid fhoillseachadh ann an 2024: le sin bithear a’ stèidheachadh grunn ghnìomhan a neartaicheas na roinnean airson àiteachas is mar a chleachdar fearann san fharsaingeachd; atharraichean air mar a chleachdar fearann; ana-caitheamh; agus coilltearachd mu choinneimh atharrachadh na gnàth-shìde.

Tha an Achd airson Atharrachadh na Gnàth-shìde (Alba) 2019 a’ gabhail a-steach nam prionnsapalan airson eadar-ghluasad cothromach. Tha sin a’ ciallachadh gum bi sinn a’ lùghdachadh sgaoilidhean agus a’ dèiligeadh ri atharrachadh na gnàth-shìde ann an dòigh a tha cothromach agus a chruthaicheas saoghal a tha nas fheàrr dhan a h-uile duine san àm ri teachd – às bith càite a bheil iad a’ fuireach, dè tha iad a’ dèanamh, agus cò iad. Bidh a’ chiad Phlana againn airson Eadar-ghluasad Cothromach airson Roinn Cleachdadh an Fhearainn is Roinn an Àiteachais a’ cur cuideam air beòshlaint, sgilean, slàinte agus math nan daoine a tha a’ fuireach ann an sgìrean, agus an urra ri, roinn àiteachais is fearainn na h-Alba agus sinn ag amas air coimhearsnachdan làidir dùthchail is eileanach a ghleidheadh is a chuideachadh fhad 's a tha sinn a’ cur taic ri ro-innleachdan is planaichean eile an riaghaltais.

Tha call bith-iomadachd co-cheangailte gu dlùth ri atharrachadh na gnàth-shìde: tha na dhà dhiubh a cheart cho cudromach nuair a thig e gu dìon na h-àrainneachd. Tha ceann-uidhe àrd-ìre nar Ro-innleachd ùr airson Bith-iomadachd gus stad a chur air call bith-iomadachd ro dheireadh 2030 agus gus ath-nuadhachadh a dhèanamh oirre ro dheireadh 2045. Tha e mar phàirt cudromach dhen Ro-innleachd dèiligeadh ris a’ bhuaidh a th’ aig na dh’itheas sinn agus aig an t-siostam bhìdh air mar a tha bith-iomadachd ga call gu h-eadar-nàiseanta.

Sàbhailteachd, Inbhean, agus Mathas Bìdh

’S e a th’ ann an Inbhean Bìdh na h-Alba (IBA), buidheann phoblach na h-Alba airson roinn a’ bhìdh agus chaidh a stèidheachadh ann an 2015. Tha e na amas do IBA dìon a chur air slàinte is math luchd-ceannaich.

Tha dreuchd shònraichte aig IBA san riaghaltas, agus iad ag obair air stèidh neo-eisimeileach a tha fa leth bho Mhinistearan is an gnìomhachas, gus comhairle neo-phàirteach a thoirt seachad, a tha stèidhichte air saidheans is dàta earbsach. Tha IBA cunntachail gu dìreach do Phàrlamaid na h-Alba. Tha an raon-ùghdarrais aca a’ gabhail a-steach gach taobh de shiostam a’ bhìdh a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air slàinte a’ phobaill – agus e na amas dhaibh dìon a chur air luchd-ceannaich bho chunnartan bìdh agus daoine a bhrosnachadh gu bhith a’ gabhail biadh fallain. Bidh IBA a’ toirt comhairle seachad air daithead agus mathas bìdh gus cuideachadh le bhith a’ cruthachadh is a’ cur phoileasaidhean an gnìomh a tha ag amas air Cinn-uidhe Dhaitheid na h-Alba a choileanadh.

Planadh agus Eaconamaidh a Nì Feum do Mhath Dhaoine

Tha poileasaidhean bìdh a’ buntainn ri barrachd air a’ bhiadh a gheibh sinn air ar truinnsear: tha iad a’ gabhail a-steach an t-saoghail sa bheil sinn a’ ceannach is ag ithe ar bìdh.

Tha grunn phoileasaidhean is frèamaichean planaidh a bhuineas ri poileasaidhean bìdh. Tha iad sin mar mheadhan cudromach gus cùisean a leasachadh oir tha iad a’ cuideachadh gus ceangal a dhèanamh eadar an àrainneachd thogte agus builean slàinte is àrainneachd. ’S urrainnear cleachdaidhean sòisealta atharrachadh tro cho-dhùnaidhean planaidh a chruthaicheas àiteachan timcheall oirnn a bheir taic nas fheàrr do chleachdaidhean is dòighean-giùlain fallain is seasmhach.

Tha am Frèam Planaidh Nàiseanta (FPN4) a’ stèidheachadh ro-innleachd àiteachan airson leasachaidhean a dhèanamh ann an Alba san ùine-fhada. Tha sin, agus planaichean leasachaidh ionadail a bhios ùghdarrasan planaidh ag ullachadh air feadh Alba, a’ stèidheachadh a’ phlana leasachaidh airson cho-dhùnaidhean san t-siostam phlanaidh.

Obair Chothromach

Tha e mar rùn dhuinn gum bi Alba mar phrìomh Dhùthaich airson Obair Chothromach ro dheireadh 2025, far am bi obair chothromach a’ cur taic ri soirbheachas, math agus beairteas dhaoine, ghnothachasan, bhuidhnean agus a’ chomainn-shòisealta.

Ged a tha laghan cosnaidh glèidhte fo sgèith Riaghaltas na RA, tha e mar amas dhuinn poileasaidhean airson Obair Chothromach a chleachdadh gus cleachdaidhean obrach nas cothromaiche a chur air adhart air feadh margaidh-obrach na h-Alba. Air 9 Dùbhlachd 2022, dh’fhoillsich sinn ar Plana Gnìomh airson Obair Chothromach a chaidh ùrachadh.

Cumaidh Riaghaltas na h-Alba orra, mar fhastaiche agus tro na poileasaidhean aca, a’ toirt stiùireadh is brosnachadh do chàch a thaobh seo; mar eisimpleir, bidh sinn a’ stèidheachadh chumhachan an cois a’ mhaoineachaidh a bheirear seachad san roinn phoblaich. Chaidh slatan-tomhais a thaobh Obair Chothromach An Toiseach a chur an sàs airson maoineachadh poblach luach £4 billean bho 2019. Bhon Iuchar 2023, thathar air iarraidh air an fheadhainn a gheibh tabhartasan na roinne poblaiche co-dhiù an Tuarastal Bith-beò ceart a phàigheadh do dhaoine agus modhan freagarrach a stèidheachadh tron urrainn do luchd-obrach beachdan a thoirt seachad.

Tèarainteachd Bìdh

Tha na thachair o chionn ghoirid agus na tha a’ tachairt an-dràsta san t-saoghal a’ sealltainn cho cugallach ’s a dh’fhaodas tèarainteachd ar bìdh a bhith aig amannan, agus tha Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail cheumannan gus Alba a dhèanamh nas comasaiche air dèiligeadh ri leithid a dhùbhlain agus gus ar siostam-solair bìdh a neartachadh.

Tha fios againn gu bheil cunnartan do thèarainteachd bìdh na h-Alba a’ dol am meud, leithid atharrachadh na gnàth-shìde agus nithean mar an ionnsaigh a thugadh air an Ugràin. Tha Brexit cuideachd air cron a dhèanamh air roinn bìdh na h-Alba agus tha againn ri atharraichean a dhèanamh gus dèiligeadh ri suidheachadh nas cugallaiche agus sinn air taobh a-muigh margaidh shingilte an AE. Tha malairt air a cuingealachadh; tha bacaidhean às-mhalairt air cur ri cosgaisean; bidh aontaidhean-malairt ùra a’ cur ris na duilgheadasan seo; agus tha Brexit air cion luchd-obrach is sgilean ann an obair àiteachais agus an lùib solarachadh is toraidheachd bìdh adhbharachadh no air cùisean a dhèanamh nas miosa. Tha ciall fharsaing aig tèarainteachd bìdh, agus bidh Comataidh nan Dùthchannan Aonaichte airson Tèarainteachd Bìdh na Cruinne ga mìneachadh mar seo: nuair a bhios cothrom, gu corporra, gu sòisealta agus gu h-eaconamach aig a h-uile duine, fad an t-siubhail, air biadh gu leòr a tha sàbhailte agus sa bheil mathas agus a tha freagarrach dhaibh a thaobh na b’ fheàrr leotha ithe agus na tha a dhìth orra gus am bi beatha èasgaidh is fhallain aca. Tha e cudromach gun dèanar cinnteach à tèarainteachd bìdh ann an dòigh rianail a tha stèidhichte air fianais gus am bi cothromachadh ann eadar amasan geàrr-ùine is fad-ùine airson tèarainteachd bìdh na h-Alba, agus gus dèanamh cinnteach gun tèid beachdachadh gu ceart agus gu ìre fhreagarrach air tèarainteachd bìdh nuair a thathar a’ dealbh taghadh farsaing de phoileasaidhean, a’ gabhail a-steach nam Planaichean airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh.

Alba agus siostam bìdh na cruinne

Tha Alba mar phàirt de shiostam bìdh na cruinne. Cha bhi am biadh air fad a bhios sinn ag ithe a’ tighinn à Alba, no fiù ’s às an RA. Tha toraidhean bìdh na dùthcha cuideachd an urra ri stuthan a gheibhear bho thall thairis leithid todhar is sìol. Cha bhithear a’ reic a’ bhìdh a thèid a thoirt gu cinneas an seo dìreach san dùthaich againn fhìn. Feumaidh luchd-poileasaidh beachdachadh air poileasaidhean bìdh bho shealladh eadar-nàiseanta, agus feumaidh iad oidhirpean a dhèanamh gus cumail ri sàr chleachdaidhean is modhan-obrach eadar-nàiseanta.

Tha malairt eadar-nàiseanta na pàirt bunaiteach de shiostam bìdh na cruinne, ach taobh a-staigh na h-Alba tha i am measg nan dleastanasan glèidhte. Bidh sinn a’ dèanamh thagraidhean ri Ministearan Riaghaltas na RA gus piseach a thoirt na dòighean sam bi iad a’ dol an sàs ann an còmhraidhean co-rèiteachaidh a thaobh malairt, agus gus dèanamh cinnteach gu bheil iad làn-mhothachail air cùisean Albannach.

Tha Riaghaltas na h-Alba a’ cur taic ris a’ bheachd gum bu chòir Aontaidhean Saor-mhalairt a cho-rèiteachadh. Ge-tà, feumar an co-rèiteachadh ann an dòigh chothromach, thuigseach a chuireas dìon air luchd-toraidh agus luchd-ceannaich na dùthcha seo. Chithear na prionnsapalan seo ann an diofar sgrìobhainnean leithid Lèirsinn na h-Alba airson Malairt a tha ag amas air malairt a chur an sàs a tha stèidhichte na còig prìomh phrionnsapalan seo: fàs; math dhaoine; seasmhachd; eadar-ghluasad cothromach gu cothromachadh-carboin; agus deagh riaghladh.

Co-dhùnaidhean

Tha am Plana seo a’ sealltainn gu soilleir cò ris a tha cùisean coltach a thaobh phoileasaidhean bìdh air feadh Riaghaltas na h-Alba an-dràsta agus dè na cinn-uidhe a th’ againn. Aon uair ’s gun tig an co-chomhairleachadh air a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gu crìch, foillsichidh sinn aithris le geàrr-chunntas air a’ cho-chomhairleachadh agus na freagairtean a fhuaras agus thèid am Plana ùrachadh a rèir iad sin. An uair sin, cuiridh sinn an aithris le geàrr-chunntas air a’ cho-chomhairleachadh agus am Plana nàiseanta a thathar a’ moladh air beulaibh Pàrlamaid na h-Alba airson 60 latha gus cothrom a thoirt dhaibh beachdachadh orra agus beachdan a thoirt seachad. Às dèidh na h-ùine sin, bidh suas ri trì mìosan aig Ministearan na h-Alba gus tionndadh deireannach dhen Phlana nàiseanta aontachadh mus tèid fhoillseachadh.

Tòisichidh sinn an uair sin a’ cur mhodhan-obrach an gnìomh gus am bithear a’ gabhail ealla ri cùisean bìdh thar dhiofar roinnean nuair a thathar ag ullachadh phoileasaidhean ùra. Cuidichidh na modhan-obrach seo le ar n-oidhirpean: gus na gnìomhan iomadh-fhillte a choileanadh a tha a dhìth gus leasachadh a thoirt air ar siostam bìdh; gus targaidean ùra stèidhichte air fianais a chur romhainn; agus gus measadh a dhèanamh air an adhartas a nì sinn a dh’ionnsaigh an amais a bhith nar Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh. Cha bhi an obair seo furasta no luath: ’s e cùisean toinnte is dùbhlanach a th’ annta seo. Sin as coireach gum bithear ag ath-sgrùdadh is ag ùrachadh a’ Phlana airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh gu cunbhalach. Bidh a’ bhuidheann ùr, Coimisean Bìdh na h-Alba, cudromach dhan obair seo agus bheir iad stiùireadh neo-eisimeileach is feumail dha na h-oidhirpean gus a coileanadh.

Bidh an ath thionndadh dhen Phlana nàiseanta seo airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh a’ gabhail ealla ri obair a tha ga dèanamh aig an àm. Dh’fhaodadh gum bi e a’ buntainn ri raointean leithid an sgrùdaidh aig a’ Chomataidh Chomhairleachaidh Shaidheansail air Beathachadh air fianais co-cheangailte ri biadh glè-ghiullaichte; obair Inbhean Bìdh na h-Alba gus comhairle a thoirt seachad air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith ann a thaobh bhuilean slàinte is neo-ionannachd slàinte co-cheangailte ri daithead ri linn molaidhean na Comataidh air Atharrachadh na Gnàth-shìde a thaobh a bhith ag ithe nas lugha feòil dhearg is bathar bainne; agus obair leantainneach gus targaidean a chruthachadh mar thaic do Phrògram Ath-leasachaidh an Àiteachais.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top