Geàrr-iomradh air a' Phlana Nàiseanta airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh

The national Good Food Nation Plan sets out six over-arching Outcomes; the range of targets and indicators that will be used to gauge progress towards achieving them; and details of food-related policies and initiatives from across the Scottish Government. This is a Gaelic summary of the Plan.


Footnotes

1 Stèidhich Pàrlamaid na h-Alba a cuid phrìomhachasan airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh san Achd. Nuair a bhathar a’ stèidheachadh nan sia Builean, chaidh ealla shònraichte a ghabhail ri earrainnean dhen Achd a bha a-mach air cùisean (Earrainn 1 (6)) is prionnsapalan (Earrainn 2) co-cheangailte ri biadh.

2 ’s e abairt laghail a th’ ann an ‘gabh ealla ri’ a tha a’ ciallachadh gum feumar aire a thoirt dhan sgrìobhainn bhuntainnich agus, ma nì Ministearan na h-Alba co-dhùnadh gun sin a dhèanamh, feumaidh adhbharan soilleir a bhith aca airson sin agus feumaidh iad na h-adhbharan sin a thoirt seachad.

3 Tha an coimisean reachdail ùr seo, Coimisean Bìdh na h-Alba, eadar-dhealaichte bhon t-seann choimisean neo-reachdail leis an aon ainm a chaidh a leigeil ma sgaoil ann an 2018.

4 A rèir Buidheann Bìdh is Àiteachais nan Dùthchannan Aonaichte “’S e a th’ ann an siostam bìdh seasmhach, fear a tha a’ stèidheachadh tèarainteachd bìdh agus a’ tabhann biadh sa bheil mathas dhan a h-uile duine ann an dòigh nach dèan cron air a’ bhunait eaconamaich, shòisealta is a thaobh na h-àrainneachd a tha dhìth gus tèarainteachd bìdh is biadh math a thoirt do ghinealaich ùra san àm ri teachd.”

5 Tha “euslaintean co-cheangailte ri biadh is daithead” a’ ciallachadh euslaintean air an toir daithead buaidh no a tha air an adhbharachadh le daithead. Faodaidh na h-euslaintean tighinn air daoine seach nach eil iad a’ gabhail gu leòr de stuthan-beathachaidh no gu bheil iad a’ gabhail cus dhiubh. Am measg nan euslaintean as cumanta co-cheangailte ri daithead tha: reamhrachd, seòrsa 2 de thinneas an t-siùcair, tinneasan dhen chuairt-fhala, bruthadh-fala àrd, cuid a sheòrsaichean aillse, cion stuthan-beathachaidh, agus euslaintean cnàmhaidh.

6 Chan fhaicear sa chlàr seo ach na laghan is cùmhnantan eadar-nàiseanta a chithear ann an Earrainn 5(2) dhen Achd airson Dùthaich a tha Math a Thaobh Biadh (Alba) 2022.

Contact

Email: goodfoodnation@gov.scot

Back to top