Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


A’ Dèanamh an Fheum as Fheàrr dhen Taigheadas a th’ ann Mu Thràth agus a’ Cuideachadh Dhaoine gus Sealbh Fhaighinn air Dachaigh

A bharrachd air a bhith a’ togail is a’ tabhann dhachaighean ùra ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach, tha e cudromach cuideachd gum bi ùghdarrasan ionadail comasach air am feum as fheàrr a dhèanamh dhen taigheadas a th’ ann mu thràth.

Thar nan deich bliadhna a dh’fhalbh, tha mar a tha barrachd làraich-lìn ann airson àiteachan-fuirich air cur ris an àireimh de dhachaighean, gu h-àraidh ann an àiteachan turasachd, a thathar a-nis a’ cleachdadh mar thaighean air mhàl geàrr-ùine no dàrna dachaighean an àite mar dhachaighean ceart. Ma nithear am feum as fheàrr dhen taigheadas a th’ againn mu thràth, faodaidh sin cuideachadh gu mòr le bhith a’ tabhann barrachd dhachaighean maireannach. Dh’fhaodadh seo tachairt le bhith a’ cur casg air an àireimh de dhàrna dachaighean a dh’fhaodas a bhith ann, le bhith a’ toirt seachad taighean a bhathar a’ cleachdadh airson turasachd mar thaighean air mhàl le aonta-gabhaltais prìobhaideach, le bhith a’ tilleadh thoglaichean gu roinn an taigheadais aig prìs reusanta agus le bhith a’ dèanamh feum as ùr de dhachaighean a bha falamh. ’S e cothromachadh a tha dhìth agus feumar dèanamh cinnteach gur ann a chum maith nan coimhearsnachdan a bhios an cothromachadh sin.

Mar phàirt dhen obair mu choinneimh mholaidhean na Buidhne Gnìomh le Crìch airson Àiteachan-fuirich Sealach, tha sinn air cur romhainn co-dhiù £60 millean a chosg air Prògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta ann an 2023-2024 mar thaic do phrògram nàiseanta gus taigheadas a cheannach. Leis a’ phrògram seo, ’s urrainn do dh’ùghdarrasan ionadail agus uachdarain shòisealta chlàraichte – a’ gabhail a-steach an fheadhainn a tha ag obair ann an sgìrean iomallach, dùthchail is eileanach – toglaichean freagarrach a cheannach sna h-àiteachan ceart a ghabhas cleachdadh mar dhachaighean maireannach, sàr mhath agus iad rim faotainn aig prìs reusanta.

Dàrna Dachaighean

Tha gealladh ann an Taigheadas gu Ruige 2040 gum faigh ùghdarrasan ionadail na cumhachdan a tha dhìth orra agus gum bi iad uidheamaichte airson taic a thoirt do sgìrean ionadail gus am feum as fheàrr as urrainnear a dhèanamh dhen taigheadas a th’ aca mu thràth. Mar phàirt de sin, bithear a’ cumail rian air an àireimh de dhachaighean a tha falamh thar ùine fhada, de dh’àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine agus de dhàrna dachaighean.

Tha fios againn gum faod an seòrsa sgìre a th’ ann, agus far a bheil an sgìre, buaidh mhòr a thoirt air cùisean, agus gheibhear àireamhan àrda de dhàrna dachaighean no dachaighean falamh ann an sgìrean sònraichte air feadh Alba, leithid sgìrean iomallach, dùthchail is eileanach.

San t-Sultain 2022, bha 24,287 dàrna dachaighean ann (air am meas mar sin airson na cìse comhairle), sin mu 1% de na h-àiteachan-còmhnaidh air fad ann an Alba.[4]

An àireamh às a’ cheud de dhachaighean falamh is dàrna dachaighean a rèir mhìneachaidhean Bailteil/Dùthchail, Sultain 2022
Sgìrean Dùthchail Iomallach Sgìrean Dùthchail Ruigsinneach Bailtean Beaga Iomallach Bailtean Beaga Ruigsinneach Sgìrean Bailteil Eile Sgìrean Bailteil Mòra Alba
Dachaighean Falamh 5.5 3.5 4.3 2.7 3.1 3.3 3.4
Dàrna Dachaighean 6.5 1.4 1.8 0.6 0.3 0.4 0.9

Ma tha iarrtas ann airson dàrna dachaighean, gu h-àraidh ma tha iarrtas mòr ann ann an cuid a sgìrean sònraichte, faodaidh sin a bhith a’ ciallachadh nach eil uiread de dhachaighean maireannach rim faotainn agus a’ phrìs airson taighean a chur suas. Tha e nas duilghe an uair sin do dhaoine, gu h-àraidh daoine òga no daoine aig nach eil uiread de dh’airgead, dachaigh fhaighinn.

Tha sinn a’ tuigsinn gum faigh na daoine leis a bheil an taigheadas, gnothachasan turasachd agus an eaconamaidh ionadail buannachdan bho dhàrna dachaighean is àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine. Ged a tha sinn ag aithneachadh gun tig buannachdan eaconamach bho thurasachd, faodaidh dàrna dachaighean nach eil air an cleachdadh mòran, fiù ’s ged a thèid an tabhann airson pàirt dhen ùine air mhàl geàrr-ùine, nas lugha buaidhe a thoirt air an eaconamaidh agus gun a bhith cho feumail a thaobh taic san fharsaingeachd do sheirbheisean poblach ionadail.

Tha dàta bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba: Staitistearachd airson Sgìrean Beaga mu Dhachaighean is Àiteachan-fuirich san t-Sultain 2022, a chaidh fhoillseachadh san Ògmhios 2023, a’ sealltainn gu bheil na h-àireamhan as àirde às a’ cheud de dhachaighean falamh is dàrna dachaighean ann an Alba ann an sgìrean dùthchail, iomallach na dùthcha.

Nuair a tha coimhearsnachdan an urra ri eaconamaidh ràitheil na turasachd, tha cothromachadh a dhìth eadar feumalachdan taigheadais muinntir na àite, taigheadas airson luchd-obrach turasachd fad seusan na turasachd agus àiteachan-fuirich airson luchd-turais.

Gnìomh

Cuiridh sinn dàrnach reachdas an sàs tron urrainn do chomhairlean sùim suas ri 100% a bharrachd a chur air ìrean cìse comhairle airson dàrna dachaighean bhon Ghiblean 2024.

Àiteachan-fuirich air Mhàl Geàrr-ùine

Tha fios againn ann an cuid a choimhearsnachdan gu bheil mar a tha barrachd àiteachan-fuirich gan toirt seachad air mhàl geàrr-ùine a’ ciallachadh gu bheil nas lugha àiteachan-fuirich ann do dhaoine a tha a’ sireadh dachaigh mhaireannach. Ged a tha sinn a’ tuigsinn gum faod coimhearsnachdan buannachdan fhaighinn bho àiteachan-fuirich a gheibhear air mhàl geàrr-ùine, leithid nan obraichean a thèid a chruthachadh agus an luchd-turais a thig dhan sgìre, tha sinn cuideachd a’ faicinn gum faod àireamh àrd de dh’àiteachan-fuirich a tha gan tabhann air mhàl geàrr-ùine duilgheadasan adhbharachadh ann an cuid a sgìrean, agus sin as coireach gu bheil sinn air reachdas a thoirt a-steach gus aontaidhean-màil geàrr-ùine a riaghladh.

Le ceadan airson àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine, tha riaghailtean ann a-nis dhaibh mar a tha do dh’àiteachan-fuirich eile leithid thaighean-òsta, làraich charabhanaichean

agus taighean le grunn luchd-còmhnaidh, agus na riaghailtean sin a’ dèanamh cinnteach gu bheil àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine a’ cumail ri ìrean freagarrach agus gu bheil iad a’ cur mhodhan-sàbhailteachd freagarrach an sàs. Tha sinn dhen bheachd gu bheil siostam nan ceadan freagarrach airson Alba air fad, a’ gabhail a-steach choimhearsnachdan eileanach is dùthchail, agus gu bheil sùbailteachd nach beag ann a thaobh mar a dh’fhaodas ùghdarrasan ionadail a chur an sàs.

Tha cumhachdan ann do dh’ùghdarrasan ionadail gus raointean-rian a stèidheachadh gus rian a chumail air àireamhan àrda de dh’àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine. Ann an raon-rian, tha e mar chumha riatanach gum faigh daoine, a tha a’ cur a-staigh airson cead airson àite-fuirich, cead-planaidh, agus nuair a thèid beachdachadh air gach iarrtas-planaidh gabhar ealla ris a’ phlana leasachaidh agus ri cùisean buntainneach eile.

Gnìomh

Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus sgrùdadh a dhèanamh air raointean-rian a thèid a stèidheachadh airson àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine airson tuigse fhaighinn is eòlas a cho-phàirteachadh air mar a tha iad air comhairlean ann an diofar àiteachan (sgìrean bailteil is dùthchail) a chuideachadh gus rian nas fheàrr a chumail air àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine. Thèid sgrùdadh is aithris nas fharsainge a dhèanamh ann an 2025 air mar a tha riaghailtean airson diofar sheòrsaichean àiteachan-fuirich air mhàl geàrr-ùine gan cur an sàs, a thaobh planaidh agus cheadan.

Dachaighean Falamh

Tha fios againn ma thèid oidhirpean a dhèanamh a thaobh dhachaighean falamh agus ma nithear feum dhiubh a-rithist mar thaigheadas blàth, sàbhailte is tèarainte, gum faod sin feum glè mhòr a dhèanamh a thaobh taigheadas air feadh choimhearsnachdan iomallach, dùthchail agus eileanach. Tha sinn cuideachd a’ tuigsinn gum faod grunn adhbharan, agus adhbharan iomadh-fhillte, a bhith ann airson dachaighean a bhith falamh agus gun toir e ùine is gum bi feum air oidhirpean leantainneach uaireannan gus dachaighean falamh a lìonadh a-rithist, agus gu tric ’s e a bhith a’ togail dàimh ri daoine an dòigh as fheàrr fuasgladh fhaighinn.

Tha sinn a’ cumail oirnn a’ toirt maoineachadh do Chom-pàirteachas Dhachaighean Falamh na h-Alba gus obrachadh còmhla ri ùghdarrasan ionadail agus luchd-seilbh prìobhaideach agus tron obair sin thathar air feum as ùr a dhèanamh de chòrr is 9,000 dachaigh a bha falamh bho 2010 – a’ gabhail a-steach 1,257 ann an 22-23. Le Ìre 2 dhen phròiseact bithear a’ gluasad air adhart bhon chiad ìre far an robhar ag amas air seirbheisean a stèidheachadh a thaobh dhachaighean falamh agus lìonra oifigearan a thogail air feadh Alba. ’S e a tha fa-near dhuinn dòighean-obrach nas ro-innleachdail a chur an sàs gus dachaighean falamh a chur gu feum a-rithist agus thèid na dòighean-obrach sin fhighe a-steach ann an obair a’ Chom-pàirteachais airson Dhachaighean Falamh agus an luchd-chompàirt aca, cuidichidh an obair sin Riaghaltas na h-Alba leis an amas aca gus feum as ùr a dhèanamh de dhachaighean falamh mar thaigheadas aig prìs reusanta dhaibhsan aig a bheil feum air.

Dh’fhoillsich an Com-pàirteachas airson Dhachaighean Falamh Am Frèam airson Dhachaighean Falamh o chionn ghoirid (a chaidh a cho-dhealbh le ùghdarrasan ionadail) mar stiùireadh air mar a chruthaichear sgrìobhainn le ro-innleachd anns am bi prìomhachasan airson ghnìomhan, fios air cothroman airson obair

chom-pàirteach, gnìomhan-taice agus fios air maoineachadh agus luchd-obrach. Bidh ar lìonra de dh’oifigearan airson dhachaighean falamh, a bhios ag obair air feadh sgìrean bailteil, dùthchail is eileanach, fìor chudromach dhan obair gus an iomairt seo a thoirt gu buil agus tha sinn airson gun dèan gach ùghdarras ionadail cinnteach gum bi buannachdan na h-obrach aca rim faicinn sna coimhearsnachdan air a bheil iad a’ frithealadh.

Tro Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta, tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt taic do dh’ùghdarrasan ionadail is uachdarain shòisealta chlàraichte gus dachaighean falamh a cheannach nuair a tha sin iomchaidh. Mar an ceudna, gheibh coimhearsnachdan taic, bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach, gus feum as ùr a dhèanamh de dhachaighean falamh.

San t-Sultain 2023, dh’fhoillsich Riaghaltas na h-Alba rannsachadh neo-eisimeileach leis an ainm, ‘A’ dèanamh feum as ùr de dhachaighean falamh: sgrùdadh air dachaighean falamh fo shealbh dhaoine prìobhaideach ann an Alba’. San aithisg, thathar ga dhèanamh soilleir gu bheil e fhathast mar phrìomhachas do Riaghaltas na h-Alba dèiligeadh ri dachaighean falamh agus tha an iomairt sin mar aon de na prìomh dhòighean gus frithealadh air an iarrtas airson taigheadas. San sgrùdadh chaidh beachdachadh air: an t-suidheachadh an-dràsta a thaobh dhachaighean falamh ann an Alba; na prìomh bhacaidhean is cothroman nuair a thig e gu bhith a’ dèanamh feum as ùr de dhachaighean; na dòighean-obrach, taic is maoineachadh a th’ ann mu thràth; molaidhean gus piseach a thoirt air cùisean.

Tha grunn mholaidhean san aithisg airson ghnìomhan a bharrachd a dh’fhaodadh Riaghaltas na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus daoine eile a dhèanamh gus cuideachadh le bhith a’ dèanamh feum as ùr de dhachaighean falamh. Tha Riaghaltas na h-Alba air na freagairtean aca a thaobh nam molaidhean sin fhoillseachadh agus iad a’ cur an cèill dè na gnìomhan a choileanas iad mar phrìomhachas.

Gnìomh

Obraichidh sinn còmhla ri Com-pàirteachas Dhachaighean Falamh na h-Alba, ùghdarrasan ionadail agus luchd-seilbh gus feum as ùr a dhèanamh de bharrachd dhachaighean falamh ann an sgìrean dùthchail is eileanach, agus sinn a’ cur nan cothroman maoineachaidh a th’ ann air adhart, a’ co-phàirteachadh shàr dhòighean-obrach agus a’ comharrachadh chothroman airson co-obrachadh nas dlùithe eadar daoine.

Taigh-sgoile Falamh – Aichilidh Bhuidhe, A’ Ghàidhealtachd[5]

Chaidh seann taigh-sgoile, a bha air a bhith falamh airson còrr is còig bliadhna, ann an coimhearsnachd bheag Aichilidh Bhuidhe a chur air dòigh le Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd na Còigich, ann an co-bhann ri Urras Taigheadais nan Coimhearsnachdan, gus dà dhachaigh aig prìs reusanta a chruthachadh. Fhuair am pròiseact £74,472 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus cuideachd fhuair e taic-airgid bhon Stèidheachd Nàiseanta, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.

Fhuair a’ choimhearsnachd sealbh air an t-seann taigh-sgoile fo aonta airson sealbh coimhearsnachd le Comhairle na Gàidhealtachd agus b’ urrainn dhaibh an uair sin feum as ùr a dhèanamh dhen togalach. Fhuaras maoineachadh glè chudromach airson na h-obrach ath-nuadhachaidh air an togalach bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach, b’ e seo a’ chiad phròiseact a chaidh a chrìochnachadh le airgead na maoine seo.

A’ Faighinn Sealbh air Dachaigh aig Prìs Reusanta

Tha fios againn gu bheil diofar uallaichean is dùbhlain a’ toirt buaidh air gach margaidh taigheadais ionadail ann an sgìrean dùthchail is eileanach. Faodaidh grunn nithean bacadh a chur air daoine bho bhith a’ faighinn cothrom gus sealbh fhaighinn air dachaigh aig prìs reusanta agus ’s e aon chnap-starra a chithear gu tric ann an tòrr mhargaidhean taigheadais dùthchail is eileanach, gu bheil gainnead de thaighean prìobhaideach ùra gan togail. Le cion taigheadais ùir, faodaidh e a bhith nach bi gu leòr thaighean ann gus frithealadh air an iarrtas a th’ ann, agus dh’fhaodadh an uair sin gun tèid prìsean airson taighean an àird agus bidh dachaighean gan reic airson phrìsean gu math nas àirde na an luach a chaidh a chur orra. Mar thoradh air sin, bidh nas lugha dhachaighean ann aig prìs reusanta airson an ceannach. Ged a tha seo fìor cuideachd ann an iomadh margaidh taigheadais sna bailtean, tha na duilgheadasan a thaobh taigheadais gu tric nas miosa ann an sgìrean dùthchail is eileanach, oir dh’fhaodadh nach bi uiread sin a thaighean gan reic sa mhargaidh fhosgailte.

Tha grunn sgeamaichean ann fo Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta gus daoine ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach a chuideachadh le bhith a’ faighinn sealbh air dachaigh aig prìs reusanta. A thuilleadh air an Sgeama Cho-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte a tha mar as trice a’ cuideachadh dhaoine gus dachaigh a th’ ann mu thràth a cheannach, tha sgeamaichean eile a’ cur ris an àireimh de dhachaighean ùra a gheibhear, leithid an Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr, Maoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail, a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach agus Taic Chom-pàirteach airson Sgeama Ath-nuadhachaidh.

Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr

Tha sinn a’ toirt cothrom do dhaoine dachaighean ùra a thogail tron Sgeama Co-sheilbh airson Taigheadas Ùr ann an àiteachan far an do chuir ùghdarrasan ionadail prìomhachas air seo. Bithear a’ reic nan dachaighean seo do luchd-iarrtais freagarrach le aonta co-sheilbh. Ged a thathar ag amas air barrachd taigheadais aig prìs reusanta a thabhann ann am margaidhean taigheadais far a bheil leithid a thaigheadas gann, tha an sgeama sùbailte gu leòr gus frithealadh air feumalachdan ionadail gach margaidh taigheadais agus faodar a chleachdadh ann an sgìrean eile far an deach feumalachdan ionadail a chomharrachadh.

An Dùn Beag, An t-Òban – Earra-Ghàidheal is Bòd[6]

Tha a’ Bhuidheann Link, agus iad ag obair le Comann Taigheadais Taobh Siar na Gàidhealtachd, a’ stiùireadh pròiseact le grunn ìrean gus taigheadas aig prìs reusanta a thogail san Dùn Bheag. Tha Ìre 3, le 300 dachaigh ùr, gu bhith deiseil agus fhuair an ìre sin còrr is £35 millean bho Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Bidh cothrom ann sealbh fhaighinn, le cosgais nas lugha, air 40 de na dachaighean seo tron Sgeama Cho-sheilbh airson Taigheadas Ùr.

Tha am Measadh air na tha a Dhìth agus air an Iarrtas a thaobh Taigheadas ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a’ comharrachadh an Òbain mar aon de na dhà sgìrean as motha a tha a’ fulang le gainnead taigheadais agus mar àite far a bheil an sluagh a’ dol am meud ann an Earra-Ghàidheal. Chaidh an Dùn Beag, air iomall an Òbain, a chomharrachadh mar àite a ghabhadh cleachdadh gus frithealadh air feumalachdan taigheadais.

Maoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail

Bidh sinn a’ toirt taic do dhaoine gus taighean a thogail iad fhèin tro mhaoineachadh leantainneach dhan Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail. Chaidh a’ Mhaoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail a thabhann an toiseach ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd ann an 2016 mar sgeama-dearbhaidh, agus às dèidh mar a shoirbhich leatha, chaidh maoin nàiseanta a stèidheachadh san t-Sultain 2018. Chaidh sìneadh suas ri 5 bliadhna a thoirt air a’ mhaoin san t-Samhain 2022, le £6 millean de mhaoineachadh a bharrachd airson iasadan a ghabhas ath-chuairteachadh ri fhaotainn.

Ged a tha cothrom ann cur a-steach airson na Maoin Iasadan airson Dachaigh a Thogail air feadh sgìrean bailteil agus dùthchail na h-Alba, gu ruige seo b’ ann bu mhotha ann an sgìrean dùthchail a thathar air cur a-steach air a son. Tha a’ mhaoin airson daoine aig a bheil pìos talmhainn mu thràth. Air sgàth ’s gur e maoineachadh geàrr-ùine a th’ ann tha e coltach ri iasad eadar-amail agus anns a’ mhòr-chuid de shuidheachaidhean bidh an neach-seilbh a’ faighinn morgaids no a’ reic an togalaich a th’ aca gus an t-iasad a phàigheadh air ais.

Fon Achd Phlanaidh (Alba) 2019 tha riatanas ann gum feum ùghdarrasan planaidh liosta ullachadh is a chumail de dhaoine a tha air clàradh leis an ùghdarras gu bheil iad an dùil talamh fhaighinn ann an sgìre an ùghdarrais gus taigheadas a thogail iad fhèin. Tha aig gach ùghdarras planaidh ris an liosta fhoillseachadh agus feumaidh iad ealla a ghabhail rithe nuair a bhios iad ag ullachadh a’ Phlana Leasachaidh Ionadail aca, faodar cuideachd ealla a ghabhail ris an liosta ann an Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail, a’ gabhail a-steach a bhith a’ comharrachadh làraich a tha freagarrach.

Tha sinn cuideachd a’ toirt taic do dhaoine gus taigheadas a thogail iad fhèin tro phoileasaidhean planaidh. Tha Frèam Planaidh Nàiseanta 4 a’ cur taic ri oidhirpean gus dachaighean ùra a thogail/a thabhann a bheir piseach air cùisean a thaobh phrìsean agus roghainnean, agus a lìonas beàrn a thaobh an taigheadais a tha ri fhaotainn, leithid dachaighean a thèid a thogail le daoine iad fhèin.

A’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach

Tha a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach a’ cur ris an àireimh de dhachaighean a gheibhear aig prìs reusanta tro gach seòrsa gabhaltais ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach leithid dhachaighean air mhàl reusanta, air mhàl aig prìs mheadhanach na margaidh agus dachaighean a tha gan reic aig prìs reusanta. Am measg nam pròiseactan a fhuair taic bhon mhaoin tha pròiseactan far a bheil daoine air sealbh fhaighinn air dachaighean ann an Obar Itheachan air a’ Ghàidhealtachd, Stafainn san Eilean Sgitheanach agus Tom an t-Sabhail ann am Moireibh.

Corran a’ Chaisteil – Closeburn, Dùn Phris & Gall-Ghàidhealaibh[7]

Thug Urras LEAF Ghleann Nid an aire gun robh feum air taigheadas ann an Closeburn, ann an Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh. Bha mar a bha cion taigheadais fhreagarraich ann, gu h-àraidh do theaghlaichean, a’ ciallachadh gun robh daoine a’ gluasad air falbh, agus bha sin a’ toirt buaidh air mar a b’ urrainn dhan bhun-sgoil cumail a’ dol. Cuideachd, chaidh bochdainn connaidh a chomharrachadh mar dhuilgheadas mòr am measg thaighean ionadail.

Fhuair am pròiseact taic bho Thaigheadas Coimhearsnachd Cheann a Deas na h-Alba. Cheannaich Urras LEAF Ghleann Nid an talamh bhon chomhairle tro aonta seilbh. Thòisich obair air an làrach as t-samhradh 2019, agus chaidh crìoch a chur air trì taighean ùra san Lùnastal 2020.

Fhuaras tabhartas luach £68,400 bho Mhaoin Fearainn na h-Alba gus an talamh a cheannach agus fhuaras £302,570 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach airson na h-obrach togail.

Taic Chom-pàirteach airson Ath-nuadhachadh

Tha an Sgeama Taic Chom-pàirteach airson Ath-nuadhachadh ann do luchd-leasachaidh prìobhaideach, urrasan taigheadais agus uachdarain shòisealta neo-chlàraichte agus faodaidh e cuideachadh le bhith a’ cur ris an uiread de thaigheadas a dh’fhaodas daoine a cheannach airson fuireach ann no de thaigheadas prìobhaideach a gheibhear air mhàl, ann an sgìrean far nach eil mòran dhen t-seòrsa taigheadais sin ann no far nach eil sgath dheth idir ann. Bidh am maoineachadh a’ cuideachadh gus pàigheadh airson an diofar eadar cosgais nan leasachaidhean taigheadais agus luach an taigheadais nuair a thathar ga reic, bidh an sgeama a’ toirt seachad an ìre as lugha de thabhartasan maoineachaidh a tha a dhìth gus am pròiseact a thoirt gu buil. Tha sinn air aonta a chur ri maoineachadh airson dà phròiseact o chionn ghoirid gus dachaighean a thogail airson an reic ann an Arcaibh agus san Eilean Sgitheanach.

Sgeama Co-sheilbh airson na Margaidh Fosgailte

Tha an sgeama seo a’ toirt taic do dhaoine, le teachd-a-steach beag no meadhanach mòr, a tha a’ ceannach airson a’ chiad uair agus buidhnean air a bheil prìomhachas gus dachaigh a cheannach sa mhargaidh fhosgailte. Tha prìsean ceadaichte san sgeama agus chan fhaod luchd-ceannaich dachaigh a cheannach airson barrachd na luach ‘ceadaichte’ sònraichte. Bithear ag ùrachadh nam prìsean sin gach bliadhna feuch am bi iad air an stèidheachadh a rèir mar a tha prìsean thaighean sa chumantas air atharrachadh thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh anns gach sgìre, agus stèidhichte air prìsean meadhanail airson sgìrean dùthchail.

A’ Faighinn Sealbh air Dachaigh aig Prìs Reusanta – An Ath Cheum

Tha fios againn gum bu toil le cuid a dhaoine sealbh fhaighinn air dachaigh dhaibh fhèin agus cumail orra a bhith a’ fuireach sa choimhearsnachd ionadail aca. Bidh sinn a’ cur ghnìomhan an sàs gus dèanamh cinnteach gu bheil daoine nas mothachail air sgeamaichean Riaghaltas na h-Alba airson sealbh fhaighinn air dachaigh agus gus daoine a bhrosnachadh gus feum a dhèanamh dhiubh, le bhith a’ brosnachadh ùghdarrasan ionadail gus feum a dhèanamh de na sgeamaichean sin iad fhèin, nuair a tha sin freagarrach, gus frithealadh air feumalachdan taigheadais nan coimhearsnachdan aca.

Tha sinn a’ tuigsinn gum faod e bhith gu h-àraidh doirbh taigh a cheannach ann an cuid a sgìrean dùthchail is eileanach ri linn cion taigheadais, iarrtas mòr airson an taigheadais a th’ ann, agus cùisean a bheir buaidh air suidheachadh na margaidh leithid ìrean-rèidh agus ìre na h-atmhorachd a tha a’ dol an àird. Tha sinn ag iarraidh tuigse nas fheàrr fhaighinn air cuid de na cùisean iomadh-fhillte seo agus air mar a tha a’ mhargaidh ag obair, gus an urrainn dhuinn beachd a ghabhail air mar a tha na sgeamaichean airson sealbh fhaighinn air dachaigh ag obrachadh, air na nithean a tha a’ toirt buaidh air a’ mhargaidh ann an dòighean ris an robh dùil agus ris nach robh dùil, agus air gnìomhan sam bith eile a tha dhìth, ma tha feadhainn a dhìth. Mar phàirt dhen obair seo, beachdaichidh sinn air cho freagarrach ’s bhiodh iomairtean a bh’ aig Riaghaltas na h-Alba roimhe airson sealbh fhaighinn air dachaigh.

Gnìomh

As t-Samhraidh 2024, barantaichidh sinn rannsachadh neo-eisimeileach gus cuideachadh le sgrùdadh air sealbh air dachaighean aig prìs reusanta ann an sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach. Beachdaichidh sinn air toraidhean an rannsachaidh seo agus molaidhean sam bith fhad ’s a tha sinn a’ stèidheachadh nan gnìomhan a bhios a dhìth gus an ath cheum a ghabhail.

Uallaichean Taigheadais Dùthchail

Sa cho-chonaltradh a rinn sinn, bha luchd-ùidhe a’ cur taic ri uallaichean taigheadais dùthchail agus ris mar as urrainnear an cleachdadh agus an cur air adhart gus pròiseactan taigheadais aig prìs reusanta a thoirt gu buil ann an sgìrean dùthchail. Bithear a’ cleachdadh uallaichean taigheadais dùthchail ann an cuid a cheàrnaidhean de dh’Alba mu thràth, gu h-àraidh air a’ Ghàidhealtachd agus gabhaidh, mar as trice, uallach a chur ri sgrìobhainn-chòraichean airson togalach no làrach-taighe, nuair a thèid an reic airson a’ chiad uair tro earrainn 43 de dh’Achd Cumhachan nan Còraichean-seilbh (Alba) 2003. Leis an uallach, tha a’ chòir aig buidheann taigheadais dhùthchail air a’ chiad chothrom air dachaigh a cheannach agus tha smachd aca air mar a thèid an taigheadas a reic gus an gabh an t-àite-fuirich a ghleidheadh mar dhachaigh mhaireannach aig prìs reusanta.

Faodaidh buannachdan sònraichte tighinn bho uallaichean taigheadais dùthchail, oir feumaidh an togalach a bhith air a chleachdadh mar phrìomh àite-còmhnaidh, agus cuidichidh sin gus dèanamh cinnteach gum bi toglaichean air an cleachdadh mar dhachaighean fad an t-siubhail. Ma thathar a’ reic togalach, tha a’ chiad chothrom aig a’ bhuidhinn thaigheadais dhùthchail air an togalach sin a cheannach. Mura gabhar an cothrom sin, agus ma thèid an togalach a reic sa mhargaidh fhosgailte, tha an t-uallach fhathast mar phàirt dhen sgrìobhainn-chòraichean.

Dh’fhaodadh gun deach an togalach, air an deach uallach a chur, a cheannach aig prìs a bha na bu lugha na luach na margaidh, ma thachair sin, fuirichidh an t-uallach ann an sgrìobhainn-chòraichean an togalaich gu sìor-mhaireannach.

Gnìomh

Bidh sinn a’ cur taic ri agus a’ brosnachadh dhaoine gus barrachd uallaichean taigheadais dùthchail a chleachdadh airson taigheadas aig prìs reusanta a thogail no a thabhann. Mar phàirt de sin, obraichidh sinn còmhla ri luchd-iasaid gus faicinn ciamar as urrainn dhaibh cuideachadh le uallaichean taigheadais dùthchail tro phròiseactan taigheadais aig prìs reusanta a gheibh maoineachadh bho Riaghaltas na h-Alba.

Òrduighean Ceannaich Èigneachail

Tha cumhachdan farsaing aig ùghdarrasan ionadail a thaobh òrduighean ceannaich èigneachail, a ghabhas cleachdadh gus feum as ùr a dhèanamh de dh’fhearann no toglaichean a tha falamh no trèigte no de dhachaighean falamh – agus sin a’ gabhail a-steach a bhith a’ dèanamh feum dhiubh airson taigheadas. Uaireannan, faodaidh buidhnean le cumhachdan airson òrduighean ceannaich èigneachail fearann a cheannach airson phròiseactan a tha gan toirt air adhart no a tha a’ faotainn maoineachadh bho bhuidheann no cuideigin eile – canar uaireannan aontaidhean “taobh-ri-taobh” riutha seo.

Gnìomh

Tha sinn air cur romhainn ath-leasachadh is ùrachadh a dhèanamh air reachdas airson òrduighean ceannaich èigneachail ann an Alba gus am bi an siostam nas cothromaiche, nas soilleire agus nas luaithe airson a h-uile duine. Mar chiad cheum, nì sinn trusadh airson pannal comhairleachaidh le eòlaichean ann an 2023-24 gus cuideachadh le bhith a’ beachdachadh air na roghainnean a th’ ann airson ath-leasachadh.

Ann an 2024 nì sinn obair gus beachdachadh air na h-adhbharan airson Òrduighean Ceannaich Èigneachail agus mar a tha iad gan cur an sàs gu practaigeach, gu h-àraidh le sùil ris a’ ghealladh againn gus ath-leasachadh a thoirt air Òrduighean Ceannaich Èigneachail.

Croitearachd

Tha croitearachd na meadhan glè chudromach gus an sluagh a ghleidheadh nar sgìrean dùthchail is eileanach, agus sin a’ gabhail a-steach daoine òga agus teaghlaichean. Gu h-eu-coltach ri seòrsaichean eile de ghabhaltas fearainn, tha grunn dhleastanasan reachdail air croitearan, leithid gum feum iad a bhith a’ fuireach air, no taobh a-staigh 32 cilemeatair bhon, a’ chroit aca agus gum feum iad a bhith ag obrachadh agus a’ cumail suas na croite. Mura coilean iad na dleastanasan aca, dh’fhaodadh gun caill iad a’ chroit aca. Ma choileanas iad na dleastanasan aca, faodaidh croitearan cur a-staigh airson Tabhartas airson Taigh-croite.

Tha Riaghaltas na h-Alba air taic nach beag a thoirt seachad gus taigheadas croitearachd a leasachadh. Bhon Fhaoilleach 2007, tha Riaghaltas na h-Alba air Tabhartasan airson Taighean-croite luach còrr is £24.4 millean a thoirt seachad gus còrr is 1,100 dachaigh a thogail no a leasachadh do chroitearan.

Ann am Plana Nàiseanta nan Eilean againn, thathar a’ toirt aithne do cho fìor chudromach ’s a tha croitearachd ann a bhith a’ gleidheadh an t-sluaigh ann an sgìrean iomallach, dùthchail, leithid na h-eileanan. Tha Tabhartasan airson Taighean-croite a’ leigeil le croitearan a bhith a’ fuireach agus ag obair air, no faisg air, an fhearann aca, agus tha iad a’ toirt brosnachadh do dhaoine gu bhith a’ cosg airgead air a’ chroit aca agus e comasach dhaibh an uair sin làn-bhuannachd eaconamach fhaighinn bhon chroit. Tha aig croitearan an-còmhnaidh, cha mhòr, ris an taigh-chroite a thogail no a chur air dòigh iad fhèin. Tha an Tabhartas airson Taigh-croite a’ cuideachadh a’ chroiteir le bhith a’ togail no a’ leasachadh an togalaich a bhios na phrìomh àite-còmhnaidh dhaibh.

Tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa barrachd dhaoine a chuideachadh gus a bhith a’ fuireach air, no faisg air, a’ chroit aca, agus gus an talamh aca obrachadh agus daoine a bhrosnachadh gus airgead a chosg air croitean is taighean-croite, oir cuiridh sin luach ris an eaconamaidh ann an sgìrean croitearachd. Tha e cuideachd a’ cuideachadh le bhith a’ cur stad air crìonadh an t-sluaigh agus tha e a’ cur ri seasmhachd choimhearsnachdan dùthchail.

Chaidh Am Plana Leasachaidh Nàiseanta airson Croitearachd aig Riaghaltas na h-Alba fhoillseachadh sa Mhàrt 2021, agus sa phlana thathar a’ sealltainn nam prìomh nithean a tha dhìth gus dèanamh cinnteach gum bi croitearachd fhathast na bunait, mar a tha i an-dràsta, do ar coimhearsnachdan dùthchail is eileanach.

Gnìomh

Le maoineachadh a bharrachd luach £1.9 millean ann an 2023 – 2024, cumaidh sinn oirnn a’ toirt taic-airgid do chroitearan a tha airson taigh-croite a thogail no a leasachadh agus bheir sinn prìomhachas dhan fheadhainn as motha aig a bheil feum air an taic. Cuideachd, cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh ath-sgrùdadh gach bliadhna air an sgeama gus measadh a dhèanamh air buaidh is èifeachd an sgeama agus sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi e fhathast a’ toirt taic air leth feumail do chroitearan a tha ag obrachadh na talmhainn.

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top