Plana Gnìomh airson Taigheadas ann an Sgìrean Dùthchail is Eileanach

Tha am plana seo a’ stèidheachadh ghnìomhan a nì cinnteach gum bi cothrom aig daoine ann an sgìrean dùthchail is eileanach air taigheadas fìor mhath, aig prìsean reusanta agus prìsean na margaidh, gus an urrainn dhaibh a bhith a’ fuireach is ag obair agus a’ soirbheachadh sna sgìrean sin.


Taigheadas is Eaconamaidhean Ionadail

Chan e dìreach mullach is ballaichean a th’ ann an taigh. Bidh cho math ’s a tha dachaigh dhaoine agus far a bheil i a’ toirt buaidh air slighe am beatha agus na cothroman a bhios aca, leithid obair, foghlam, slàinte agus cothroman air goireasan eile. Tha far a bheil taigheadas cudromach cuideachd do dh’fhastaichean ionadail aig am bi feum air luchd-obrach fad na bliadhna agus fad ràithean sònraichte agus faodaidh cion taigheadais aig prìs reusanta gu h-ionadail duilgheadasan adhbharachadh do ghnothachasan a tha a’ feuchainn ri luchd-obrach a thrusadh no a chumail – a’ gabhail a-steach prìomh luchd-obrach.

Tha Taigheadas gu ruige 2040, An Ceann-uidhe Nàiseanta airson Bun-structair, Am Plana Ionmhais airson Bun-structair, An Ro-innleachd Còmhdhail Nàiseanta, Ro-innleachd Dhidseatach na h-Alba agus Am Frèam Ro-innleachdail airson Tèarainteachd Dhidseatach do dh’Alba uile ag amas air bun-structair nàiseanta, làidir a chruthachadh is a ghleidheadh a bheir taic do dh’eaconamaidh fìor shoirbheachail.

Tha fios againn gu bheil taigheadas, le gach seòrsa aonta-gabhaltais, a’ cur gu mòr ri eaconamaidhean na h-Alba. Faodaidh airgead a thèid a chosg air taigheadas buaidh mhòr a thoirt air eaconamaidhean ionadail agus tha Riaghaltas na h-Alba gu bhith a’ toirt seachad £3.5 billean rè ùine na Pàrlamaid seo air feadh Alba gus barrachd dhachaighean aig prìs reusanta a thogail no a thabhann. Le bhith a’ coileanadh na targaid lèirsinnich aig Riaghaltas na h-Alba gus 110,000 dachaigh aig prìs reusanta a thogail no a thabhann airson 2032, dh’fhaodadh sin taic a chumail ri prògram taic-ionmhais luach £18 billean agus ri suas ri 15,000 obair gach bliadhna.

Tha e cudromach gum bi co-obrachadh buadhach ann eadar na h-oifigearan taigheadais, planaidh agus oifigearan leasachaidh eaconamaich aig ùghdarrasan ionadail airson dèanamh cinnteach gum bi iad ag obair gu dlùth còmhla gus taic a thoirt do thaigheadas, an eaconamaidh agus amasan a thaobh àiteachan. Tha an obair agus na dleastanasan aig Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Iomairt Cheann a Deas na h-Alba cuideachd glè chudromach mar mheadhan gus cothroman co-obrachaidh aig ìre sgìreil is ionadail a chur air dòigh mar thaic do thaigheadas is dhan eaconamaidh agus iad a’ togail cheanglaichean le ùghdarrasan ionadail. Mar phàirt de sin bithear ag obair ann an com-pàirt ri diofar luchd-ùidhe gus prìomhachasan coitcheann a thoirt gu buil leithid ghnothachasan, luchd-compàirt reachdail, urrasan leasachaidh agus buidhnean coimhearsnachd.

Tha fios againn gu bheil gnothachasan ann a tha a’ lorg fhuasglaidhean iad fhèin a thaobh taigheadas gus frithealadh air na feumalachdan gnothachais aca agus gus luchd-obrach a thàladh. Tha iad a’ dèanamh sin ann an diofar dhòighean, leithid le bhith a’ ceannach is a’ dèanamh feum as ùr de thoglaichean a th’ ann mu thràth, a’ togail aonadan taigheadais modalach no a’ togail àiteachan-fuirich a dh’aona-ghnothach dhan luchd-obrach. Tha àite fìor chudromach aig an roinn phrìobhaidich ann a bhith a’ togail is a’ tabhann dhachaighean, mar eisimpleir, a’ dèanamh feum de dh’fhearann agus de thoglaichean a tha rim faotainn agus tha e deatamach gun cùm iad orra leis an obair aca a thaobh taigheadas. Cuideachd, tha cothroman ann airson

barrachd co-obrachaidh eadar na roinnean prìobhaideach is poblach gus frithealadh air feumalachdan taigheadais dhaoine agus cuidichidh barrachd co-obrachaidh gus an taigheadas a tha a dhìth a thogail is a thabhann.

Choinnich am Ministear airson Taigheadas o chionn ghoirid ri Comhairle na h-Alba airson Leasachadh is Ghnìomhachasan gus beachdachadh air mar as urrainn dhuinn obrachadh nas dlùithe còmhla gus ar n-amasan coitcheann a thoirt gu buil. Mar phàirt de sin, thèid co-obrachadh a chur air adhart tro sheòmraichean malairt ionadail agus meadhanan freagarrach eile gus bacaidhean is dùbhlain agus fuasglaidhean is cothroman a chomharrachadh.

Mar a chithear ann am Prògram an Riaghaltais 2023-24, tha Riaghaltas na h-Alba air cur romhpa gnothachasan is luchd-tasgaidh a chuideachadh le bhith a’ gabhail nan cothroman eaconamach, mòra a tha gu bhith ann mar phàirt dhen ghluasad air feadh an t-saoghail gu bhith a’ cur cothromachadh-carboin an sàs agus gus obraichean matha, le tuarastalan matha a chruthachadh ann an roinnean leithid cumhachd bho mhuilnean-gaoithe aig muir agus cumhachd bho haidridean.

Tha tòrr de na roinnean seo ag obair sna coimhearsnachdan dùthchail is eileanach againn. Nì sinn co-chonaltradh ris na roinnean airson cumhachd na gaoithe aig muir agus haidridean, agus ri gnìomhachasan ùra leithid roinn an fhànais, agus ris na gnìomhachasan mòra a tha stèidhichte ann an sgìrean dùthchail mu thràth, leithid tuathanachas uisge agus gnìomhachas an Uisge-bheatha, gus coimhead air na cothroman a th’ ann airson co-obrachadh is ionmhas a chur an sàs mu choinneimh taigheadais. Cuidichidh sin le bhith a’ dèanamh cinnteach gum faigh na sgìrean ionadail buannachd à obair nan roinnean sin agus cuideachd le bhith a’ coileanadh amasan nàiseanta leithid a’ dèiligeadh ri suidheachadh-èiginn na gnàth-shìde.

Tha tuathanachas uisge ann an Alba a’ cur gu mòr ris an eaconamaidh tro mhalairt, obraichean agus airgead a tha ga chosg air bun-structair leithid taigheadas, am bann-leathann agus goireasan puirt.

Tha an roinn seo a’ cruthachadh is a’ cur taic ri taghadh farsaing de dh’obraichean – anns a bheil sgilean sònraichte a dhìth agus a tha a’ faighinn deagh thuarastal – ann an obair tuathanachais, gnothachasan-solair, ionadan-rannsachaidh agus companaidhean innleachdach, ùra. Tha tòrr de na h-obraichean seo stèidhichte ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach na h-Alba far a bheil iad mar bhunait luachmhor dhan eaconamaidh, ged a bhios cuid a luchd-obrach uaireannan ga fhaighinn doirbh taigheadas freagarrach a lorg no taigheadas fhaighinn a tha faisg air an àite-obrach aca.

Am measg nan eisimpleirean as ùire de cho-obrachadh feumail eadar coimhearsnachdan, an roinn seo, agus Riaghaltas na h-Alba, tha na dachaighean ùra a chaidh a thogail ann an Rùm agus Colbhasa le taic glè fheumail a fhuaras bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach.

Cumaidh sinn oirnn ag obair còmhla ri roinn an tuathanachais uisge agus daoine eile, agus sin a’ togail air leithid a dh’eisimpleirean, gus feum a dhèanamh de na com-pàirteachasan seo agus gus co-obrachadh a chur air dòigh eadar an roinn agus na coimhearsnachdan sa bheil iad ag obair feuch an tèid dachaighean ùra a thogail is a thabhann a chuidicheas le bhith a’ gleidheadh luchd-obrach agus le bhith a’ leudachadh air an àireimh de luchd-obrach.

Rathad Abergeldie – Bealadair, Siorrachd Obar Dheathain[11]

Chaidh crìoch a chur air a’ phròiseact aig Comann Taigheadais Roinn a’ Mhonaidh san Dàmhair 2021 is chaidh 24 dachaighean a thogail airson màl sòisealta air làrach seann sgoile air Rathad Abergeldie, Bealadair. Chaidh £2.011 millean bho Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta a thoirt seachad airson a’ phròiseict seo.

’S e pròiseact ath-nuadhachaidh dùthchail a th’ ann agus chaidh feum a dhèanamh de sheann thogalaichean a bh’ ann mu thràth agus chaidh taighean ùra a thogail. Tha pumpa-teas talmhainn aig gach dachaigh leis an urrainn do luchd-gabhail làn-smachd a chumail air an teas is uisge teth aca.

Chaidh cunnradairean ionadail a chleachdadh airson na h-obrach agus mar sin chaidh maoineachadh a chur ris an eaconamaidh ionadail. Chaidh am pròiseact ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta airson duais bho Fhòram Ath-nuadhachaidh na h-Alba.

Gnìomh

Nì sinn ùrachadh air an stiùireadh airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail ann an 2024 gus ceanglaichean a neartachadh aig ìre ionadail eadar taigheadas agus an eaconamaidh, agus sinn ag aithneachadh gu bheil taigheadas a’ cur taic chudromach ri eaconamaidhean dùthchail is eileanach.

Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail, buidhnean iomairt agus riochdairean gnothachais, a’ gabhail a-steach luchd-leasachaidh prìobhaideach, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air na feumalachdan a thaobh taigheadas a th’ aig roinnean eaconamach cudromach. Feuchaidh sinn ri barrachd taigheadais a stèidheachadh tro bhith a’ co-phàirteachadh dheagh dhòighean-obrach agus tro cho-obrachadh eadar fastaichean is luchd-solair taigheadais.

Mar thoradh air an obair gus am Plana Gnìomh seo ullachadh agus tro Cho-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Co-chruinneachadh Cheann a Deas na h-Alba, thathar a’ togail cheanglaichean nas làidire eadar daoine, leithid tro Chom-pàirteachasan Roinneil Eaconamach, gus prìomh ghnìomhan a chomharrachadh is a choileanadh mar thaic do thaigheadas agus dhan eaconamaidh. Sna Com-pàirteachasan Roinneil Eaconamach, tha luchd-ùidhe is luchd-compàirt roinneil a’ tighinn còmhla – agus iad a’ cur an cuid ghoireasan is stòrasan gu feum ann an com-pàirt agus mu choinneimh amasan sònraichte, a’ co-phàirteachadh eòlas, agus ag aontachadh mholaidhean ùra – gus fàs eaconamach, in-ghabhalach a thoirt air adhart aig ìre ionadail, roinneil agus nàiseanta. Tha àite cudromach aca cuideachd san obair gus cothroman eaconamach ùra a chomharrachadh, leithid roinnean is raointean far a bheil fàs, agus

ag obair còmhla ri luchd-compàirt ionadail gus cuideachadh le bhith a’ frithealadh air feumalachdan taigheadais.

Tha cothrom ann leis a’ phlana seo na ceanglaichean aig ìre nàiseanta, ionadail agus roinneil eadar leasachaidhean eaconamach is taigheadas a neartachadh agus dòighean-obrach co-obrachail a dhaingneachadh gus dèanamh cinnteach gun tèid an taigheadas a stèidheachadh.

Ceann a Deas na h-Alba

Leis a’ cho-obrachadh eadar Riaghaltas na h-Alba, prìomh luchd-compàirt roinneil agus roinn an taigheadais – a’ gabhail a-steach mar a chaidh a’ Bhuidheann-ghnìomh Ro-innleachdail airson Taigheadas aig a’ Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach a stèidheachadh – tha cothroman ann gus obrachadh còmhla airson cuideachadh le bhith a’ stèidheachadh barrachd taigheadais. Tha seo a’ togail air obair a tha luchd-compàirt a’ dèanamh a-cheana, leithid dleastanasan reachdail an dà ùghdarrais ionadail (Comhairle Chrìochan na h-Alba agus Comhairle Dhùn Phris is Ghall-Ghàidhealaibh) agus thèid gnìomhan is cothroman com-pàirteach a ghabhas cur an sàs le luchd-compàirt a chomharrachadh, leithid mar as urrainn dhan roinn phrìobhaidich agus taigheadas coimhearsnachd cuideachadh le bhith a’ togail is a’ tabhann dhachaighean sàr-mhath. Tha e glè chudromach mar phàirt dhen cho-obrachadh seo gun dèanar cinnteach gum faicear na buannachdan a thig bho bharrachd leasachaidhean taigheadais ann an eaconamaidh is siostam-solair Cheann a Deas na h-Alba, agus gum bithear a’ dèanamh ceangal ri obair a’ Chom-pàirteachais Roinneil Eaconamaich san fharsaingeachd a thaobh nan sgilean a tha dhìth san sgìre.

A’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan

Às dèidh chòmhraidhean aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, chaidh fo-bhuidheann airson Taigheadas a stèidheachadh aig a’ Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach. Air a’ bhuidhinn seo, a tha air a cur air dòigh le Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, tha riochdairean bho ùghdarrasan ionadail, Riaghaltas na h-Alba, Caidreachas Chomann Taigheadais na h-Alba, Urras na h-Alba airson an Ama ri Teachd, Fearann Coimhearsnachd na h-Alba agus daoine eile agus bidh iad a’ beachdachadh air ceanglaichean, cothroman agus uallaichean eaconamach a thaobh an taigheadais a th’ ann mu thràth agus a bhith a’ stèidheachadh taigheadas ùr agus bidh iad a’ beachdachadh air mar a thèid ionmhas a chur an sàs san fharsaingeachd, sgilean agus feumalachdan a thaobh comasachd.

Choinnich a’ bhuidheann seo o chionn ghoirid, agus tha còmhraidhean a’ leantainn mu na cùisean air am bu chòir cuideam a chur. Am measg nan cùisean sin tha: a’ beachdachadh air na cothroman airson fàs thar nan ath 10 bliadhna, na thathar a’ togail sna roinnean prìobhaideach is poblach a’ gabhail a-steach taigheadas aig prìs reusanta agus leasachaidhean taigheadais air an stiùireadh le fastaichean, agus na ghabhas togail leis a’ ghnìomhachas thogail agus na tha dhìth a thaobh sgilean.

Gnìomh

Obraichidh sinn còmhla ri Iomairt Cheann a Deas na h-Alba agus Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean tro na fo-bhuidhnean airson taigheadas aig a’ Chom-pàirteachas Roinneil Eaconamach, mar phàirt de sin thèid beachdachadh air na cothroman a th’ ann gus leudachadh air an eaconamaidh san àm ri thighinn, mar a thèid taigheadas ùr a thogail is a thabhann, comasan togail agus na sgilean a th’ aig daoine agus an t-àite a th’ aig an roinn phrìobhaidich san fharsaingeachd ann a bhith a’ cuideachadh le agus a’ frithealadh air feumalachdan taigheadais.

Aontaidhean airson Fàs

Tha Aontaidhean airson Fàs ann am Bailtean-mòra agus Sgìrean eadar Riaghaltas na h-Alba, Riaghaltas na RA agus ùghdarrasan ionadail air an dealbh gus dòighean-obrach ro-innleachdail a chur an sàs thar na h-ùine fada gus eaconamaidhean sgìreil a leasachadh. Tha iad air an cur an gnìomh le com-pàirteachasan roinneil a tha air an stiùireadh le ùghdarrasan a bhios ag obair còmhla ris an roinn phrìobhaidich, luchd-solair foghlaim agus sgilean, agus le ar buidhnean iomairt is sgilean.

Tha taigheadas mar phàirt de thòrr de na h-aontaidhean seo. Tha an t-Aonta airson Fàs airson Earra-Ghàidheal is Bhòid, a tha a’ tighinn nas fhaisge air ìre Aonta Iomlan, a’ gabhail a-steach mholaidhean gus taic a chur ri taigheadas aig prìs reusanta dhen t-seòrsa fhreagarrach agus san àite cheart a chuidicheas le taigheadas airson prìomh luchd-obrach agus molaidhean gus taic a chomharrachadh do dh’fhastaichean dùthchail gus cuideachadh le àiteachan-fuirich do luchd-obrach, leithid àiteachan-fuirich do chunnradairean dùthchail nuair a tha sin a dhìth. Mar phàirt de na molaidhean seo, thathar a’ beachdachadh air àiteachan-fuirich do luchd-obrach ann an Tobar Mhoire ann am Muile.

Tha pròiseact Ath-nuadhachaidh Knab ann an Sealtainn – a tha a’ faighinn taic suas ri £9.6 millean bho Riaghaltas na h-Alba mar phàirt dhen Aonta airson Fàs airson nan Eilean aig Riaghaltas na h-Alba luach £50 millean – ag amas air barrachd air dìreach pròiseact taigheadais le goireasan is seirbheisean taice. ’S e a tha fa-near dhaibh, làrach a chruthachadh a thèid a chur gu feum ann an iomadh dòigh agus far am faod beatha mhath a bhith aig daoine de gach aois, agus a chuireas taic ri innleachdas is cruthachalachd, math dhaoine agus far an dèanar feum ealanta de raointean poblach ri taobh taigheadas a tha freagarrach airson an ama ri teachd agus a bheir cothroman do dhaoine a bhith sùbailte nam beatha agus nan obair.

Tron Aonta airson Fàs airson Moireibh, thèid taic a chur ri pròiseact gus Measgachadh de Thaigheadas a Thogail agus Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad suas ri £5 millean air a shon. Tha e mar amas dhan phròiseact taic a chur ri, agus cuideachadh gus adhartas nas luaithe a dhèanamh le, obair gus 300 dachaigh aig prìs reusanta a thogail no a thabhann, brosnachadh a thoirt do chompanaidhean togail prìobhaideach gus taighean margaidh a thogail no a leasachadh, taic a thoirt do dh’obair ath-nuadhachaidh air làraich a ghabhas ath-leasachadh ann am meadhan bhailtean agus do thaigheadas ùr ann am bailtean dùthchail nas motha agus nas lugha air feadh Mhoireibh.

Tron Aonta airson Baile-mòr Inbhir Nis is Sgìre na Gàidhealtachd, tha Riaghaltas na h-Alba air £5 millean a ghealltainn gus taigheadas sàr mhath aig prìs reusanta a thogail no a thabhann ann an àiteachan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd, agus

sin a’ cuideachadh gus leigeil le daoine òga agus daoine a tha a’ cur ris an eaconamaidh a bhith a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd no gluasad dhan sgìre. Cuideachd, tha am pròiseact, Taic-Beatha Innleachdach, a’ togail 32 dachaighean ùra le goireasan-taice teicneòlach, agus ag ùrachadh 8 dachaighean eile gus na goireasan sin a chur annta, airson inbhich a tha feumach air dìon agus daoine a chleachd a bhith sna feachdan armaichte feuch an tèid aca air fuireach leotha fhèin is beatha neo-eisimeileach aca.

Modhan-togail Ùra

Thathar air a bhith dhen bheachd o chionn iomadh bliadhna gu bheil cothroman ann an lùib phròiseactan gus taigheadas ùr a thogail a thaobh mar a ghabhadh barrachd dhen obair-thogail a dhèanamh air falbh bho làrach an taigheadais (canar Modhan-togail Ùra no MtÙ gu tric ri seo). Bithear a’ cleachdadh diofar mhodhan-obrach ‘air falbh bhon làrach’ gu soirbheachail ann an Alba (’s e frèam fiodha le pannalan fosgailte as cumanta) sa mhòr-chuid dhen obair gus taighean a thogail, ge-tà, cha deach na siostaman nas iomadh-fhillte dhen t-seòrsa obair-thogail seo a chur an sàs chun na h-aon ìre.

O chionn iomadh bliadhna tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith a’ toirt taic do dh’obair-togail air falbh bhon làrach an lùib leasachaidhean taigheadais tro thaic-airgid do phròiseactan mar phàirt de Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Bithear a’ cleachdadh co-dhiù aon de na Modhan-togail Ùra airson mu 90% de na dachaighean ùra a thèid a thogail tro Phrògram an Taigheadais aig Prìs Reusanta. Tha luchd-ùidhe bho sgìrean dùthchail is eileanach air ùidh a nochdadh ann a bhith a’ faighinn barrachd fios air dòighean ùra gus taigheadas a thogail.

Tron phròiseact A’ Taisbeanadh Dhachaighean ann an Dùn Èideann, tha sinn a’ sgrùdadh laigsean coileanaidh, acfhainn is pìosan togail agus inbhean dealbhachaidh coitcheann, agus a’ feuchainn modal gnothachais ùr stèidhichte air solarachadh com-pàirteach.

Tha sinn a’ sireadh barrachd fianais agus tha sinn airson cothroman a chomharrachadh a thaobh mar a ghabhas modhan-togail air falbh bhon làrach a chleachdadh nas trice, far am bi sin a’ cuideachadh le bhith a’ togail dhachaighean sàr-mhath a tha èifeachdach a thaobh cumhachd.

Caolas Ulbha, Muile – Earra-Ghàidheal is Bòd[12]

Fhuair Urras Coimhearsnachd Mhuile is Eilean Ì £805,340 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach airson a’ phròiseict seo. Chaidh sia taighean a thogail thairis air dà ìre dhen phròiseact gus cuideachadh leis mar a tha cruaidh fheum air taigheadas san eilean, agus gus cuideachadh le àireamhan sa bhun-sgoil ionadail.

Ri linn an dealbhachaidh ùr-ghnàthaich le modalan, cha tug The Wee House Company ach 7 mìosan gus na taighean a thogail air an làrach, mar phàirt de phròiseact ceithir-bliadhna. Tha gach taigh air a dhèanamh le eadar 4 is 6 modalan, a rèir meud na dachaigh, agus chaidh 90% dhen obair-thogail a dhèanamh ann am factaraidh aig ionad a’ chompanaidh ann an Cumnag, agus sin a’ ciallachadh gun gabhadh obair ullachaidh a dhèanamh air an làrach aig an aon àm.

Gnìomh

Coimheadaidh sinn air a’ bhuaidh a bhios aig, agus na cothroman a dh’fhaodadh a bhith ann le, modhan-togail ùra ann an sgìrean dùthchail is eileanach thairis air an ath dhà mhìos dheug gus faicinn dè na buannachdan a thig bhuapa (mar eisimpleir, cosgaisean, ùine, càileachd taigheadais, an àrainneachd is an eaconamaidh).

Taigheadas airson Prìomh Luchd-obrach

Tha dùbhlain ann ro choimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach na h-Alba nuair a thig e gu bhith a’ fastadh is a’ gleidheadh luchd-obrach. Dh’fhaodadh gun cuidicheadh molaidhean leithid an Sgeama Dearbhaidh aig Riaghaltas na h-Alba airson Bhìosa Dùthchail le bhith a’ tàladh dhaoine gu sgìrean dùthchail is eileanach agus dh’fhaodadh iad cuideachadh le bhith a’ toirt taic do dh’fhastaichean gus frithealadh gu ìre nas fheàrr air feumalachdan luchd-obrach.

Ma tha eaconamaidh làidir gu bhith aig an sgìre, tha e riatanach gun urrainn do dh’fhastaichean prìomh luchd-obrach a thàladh agus a ghleidheadh san sgìre, chan ann a-mhàin gus seirbheisean a thoirt do choimhearsnachdan ach cuideachd gus taic a thoirt dhan eaconamaidh feuch am bi i soirbheachail agus a’ dol am meud. Tha dleastanas glè chudromach air fastaichean – a’ gabhail a-steach fhastaichean bhon roinn phoblaich leithid Coilltearachd agus Fearann Alba, Oighreachd a’ Chrùin Alba, Iomairt Cheann a Deas na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean agus buidhnean eile leithid na Bùird Shlàinte – gus beachdachadh air mar as urrainn dhaibh cuideachadh le seo. Mar phàirt de sin, dh’fhaodadh iad feum na b’ fheàrr a dhèanamh de ghoireasan, toglaichean is fearann a th’ aca gus cuideachadh le bhith a’ tabhann dhachaighean do phrìomh luchd-obrach is daoine eile. Le bhith a’ dèanamh sin, bidh iad cuideachd a’ dèanamh cinnteach gum mair an obair aca fhèin air stèidh nas seasmhaiche.

Tha fios againn nach obraich na h-aon phoileasaidhean a thaobh prìomh luchd-obrach sa h-uile àite agus tha e an urra ri ùghdarrasan ionadail na poileasaidhean aca fhèin a dhealbh. Faodaidh ‘prìomh luchd-obrach’ a bhith a’ gabhail a-steach dhotairean, nursaichean, tidsearan agus oifigearan poilis, ach faodaidh e cuideachd a bhith a’ ciallachadh luchd-obrach aig gnothachasan san roinn phrìobhaidich, an dà chuid luchd-obrach maireannach agus ràitheil. Faodaidh e bhith doirbh do phrìomh luchd-obrach taigheadas freagarrach a lorg, gu h-àraidh an fheadhainn a tha airson gluasad gu sgìre, ma tha tòrr iarrtais ann airson dhachaighean san roinn phrìobhaidich agus mura h-eil mòran taigheadais ann.

Gus cuideachadh le bhith a’ dèiligeadh ris na dùbhlain a th’ ann a thaobh a bhith a’ fastadh is a’ cumail luchd-obrach ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach, gu h-àraidh, ach chan ann a-mhàin, sna roinnean poblach is slàinte agus roinn nan seirbheisean-èiginn, tha sinn gu bhith a’ toirt seachad suas ri £25 millean bhon a’ bhuidseat againn airson prògram an taigheadais aig prìs reusanta eadar 2023-2028 tron Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail aig Prìs Reusanta do Phrìomh Luchd-obrach. Leis a’ mhaoineachadh sin, ’s urrainn do dh’ùghdarrasan ionadail is uachdarain shòisealta chlàraichte toglaichean no dachaighean freagarrach a cheannach ann an sgìrean dùthchail is eileanach a ghabhas a thoirt seachad air mhàl no air chùmhnant do dh’fhastaichean gus am bi dachaighean aig prìs reusanta ann do phrìomh luchd-obrach. Mar phàirt de sin, faodar feum as ùr a dhèanamh de thoglaichean falamh no toglaichean no dachaighean a cheannach sa mhargaidh fhosgailte gus am bi barrachd dhachaighean aig prìs reusanta ann do phrìomh luchd-obrach.

Thathar an dùil gum bruidhinn ùghdarrasan ionadail ri diofar bhuidhnean san sgìre aca leithid fhastaichean san roinn phoblaich, prìomh bhuidhnean poblach leithid Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean is Iomairt Cheann a Deas na h-Alba, agus ri gnothachasan ionadail is uachdarain shòisealta chlàraichte gus feumalachdan taigheadais a chomharrachadh is molaidhean aontachadh.

Gnìomh

Obraichidh sinn còmhla ri ùghdarrasan ionadail gus a’ Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail aig Prìs Reusanta do Phrìomh Luchd-obrach a thoirt seachad agus nithear cinnteach gum bi co-chonaltradh èifeachdach ann aig ìre ionadail le fastaichean is uachdarain shòisealta chlàraichte gus cuideachadh le bhith a’ comharrachadh tuilleadh dhachaighean do phrìomh luchd-obrach.

Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus Poileasaidhean Ùghdarrasan Ionadail airson Prìomh Luchd-obrach

Feumaidh a h-uile ùghdarras ionadail Ro-innleachd Taigheadais Ionadail ullachadh sam bi ro-innleachd, prìomhachasan is planaichean an ùghdarrais a thaobh a bhith a’ togail is a’ tabhann taigheadas agus a thaobh sheirbheisean co-cheangailte ris. Ma tha fianais ann gu bheil gnìomhan a dhìth gus taigheadas freagarrach a stèidheachadh do phrìomh luchd-obrach, bu chòir poileasaidh airson sin a bhith san Ro-innleachd Thaigheadais Ionadail. Ged a bhithear a’ cleachdadh na h-abairt prìomh luchd-obrach gu tric airson a bhith a’ ciallachadh luchd-obrach riatanach bhon roinn phoblaich, faodaidh e cuideachd a bhith air a chleachdadh ann an seagh nas fharsainge gu bhith a’ gabhail a-steach a bhith a’ fastadh is a’ gleidheadh luchd-obrach a tha riatanach nuair a thig gu bhith a’ lìbhrigeadh is a’ leasachadh sheirbheisean ionadail. Tha e an urra ri ùghdarrasan ionadail iad fhèin obrachadh a-mach dè a’ chiall a fhreagras orrasan.

Tha am Fòram airson Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail aig Lìonra Taigheadais na h-Alba a’ cumail taic ri ùghdarrasan ionadail ris a bheil e an urra planadh ro-innleachdail a dhèanamh gus frithealadh air feumalachdan taigheadais. Bidh iad a’ beachdachadh air farsaingeachd de chuspairean co-cheangailte ri poileasaidhean is ro-innleachdan taigheadais leithid Ro-innleachdan Taigheadais Ionadail agus Planaichean Ionmhais Ro-innleachdail airson Taigheadas. Tha e a’ toirt cothrom do dh’ùghdarrasan ionadail cùisean sònraichte a thogail agus thathar a’ cur cuideam mòr air a bhith a’ co-phàirteachadh dheagh dhòighean-obrach.

Tha sinn a’ tuigsinn gu bheil e cudromach gum bi dàta math a thaobh luchd-obrach aig ùghdarrasan ionadail a thig bho dhiofar thobraichean fiosrachaidh, dàta a chuidicheas iad le bhith a’ stèidheachadh phoileasaidhean airson prìomh luchd-obrach agus prìomhachasan taigheadais.

Gnìomh

Nì sinn cinnteach, agus sinn ag obair còmhla ri Lìonra Taigheadais na h-Alba, gum bi poileasaidhean freagarrach aig ùghdarrasan ionadail airson sgìrean iomallach, dùthchail agus eileanach gus barrachd dhachaighean a thogail no a thabhann do phrìomh luchd-obrach. An lùib sin, thèid tobraichean fiosrachaidh freagarrach a chomharrachadh airson dàta air luchd-obrach.

Plana Gnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh

Sa Phlana Ghnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh, a thèid fhoillseachadh as t-Fhoghar 2023, bidh plana ro-innleachdail a stèidhicheas frèam poileasaidh gus cuideachadh le bhith a’ gleidheadh is a’ cur ri àireamh an t-sluaigh.

Nuair a bhathar ag obair an toiseach gus Plana Gnìomh gus Dèiligeadh ri Call-sluaigh a dhealbh, chaidh ealla a ghabhail, am measg nithean eile, ri beachdan bho choimhearsnachdan a fhuaras sa cho-chomhairleachadh air Bann nan Eilean. Sa cho-chomhairleachadh sin chaidh grunn nithean a chomharrachadh a bha a’ cur bacadh air oidhirpean gus sluagh a ghleidheadh is a chur am meud, leithid taigheadas, eaconamaidh le tuarastalan beaga agus cion chothroman air trèanadh airson sgilean.

Mar thoradh air sin, tha sinn air obrachadh ann an com-pàirt ris a’ Bhuidhinn-obrach air Cùisean-sluaigh aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus Pròiseactan Dearbhaidh airson Sgilean nan Eilean agus Cur ri Sluagh nan Eilean a chur an sàs. Thathar ag obair air trì pròiseactan: ann an Arainn is Cumaradh, thairis air na trì eileanan seo Eilean Bhòid, Colla is Tiriodh, agus ann an Uibhist.

Tha e mar amas do na pròiseactan seo measadh a dhèanamh air mar a dh’obraicheas dòighean-obrach is taic a dh’aona-ghnothach a tha stèidhichte air an àite agus a tha a’ frithealadh air agus a’ gabhail ealla ri feumalachdan ionadail a thaobh sgilean is chosnaidhean. Nuair a bhios iad deiseil, cuidichidh am measadh le bhith a’ sealltainn an gabh na dòighean-obrach seo a chleachdadh gus cuideachadh le prògraman sgilean is cosnaidh, no gus na prògraman sin a leasachadh, air feadh an riaghaltais agus bhuidhnean buntainneach.

Tro thaic do shlighean dreuchdail, ath-thrèanadh, agus cothroman gus sgilean a bharrachd ionnsachadh, ’s urrainn dhuinn cuideachadh le bhith a’ cur ri iomadachd eaconamaidhean ionadail agus le bhith a’ leudachadh air comasan is sgilean dhaoine air feadh diofar roinnean, leithid roinn na h-obrach-togail. Le bhith a’ dèanamh sin, bidh sinn a’ toirt tuilleadh taice dhan obair gus barrachd dhachaighean a thogail is a thabhann ann an coimhearsnachdan iomallach, dùthchail is eileanach.

Gnìomh

Nithear breithneachadh ann an 2023-24 air na dh’obraich gu math agus air na dùbhlain a dh’èirich an lùib nam pròiseactan a chaidh a chur an gnìomh airson Sgilean nan Eilean agus Cur ri Sluagh nan Eilean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd, Siorrachd Àir a Tuath, agus sna h-Eileanan Siar. An uair sin, beachdaichidh sinn, còmhla ri luchd-compàirt, air mar a dh’fhaodar feum a dhèanamh de na dòighean-obrach a chaidh a chleachdadh gus cothroman a chruthachadh airson dèiligeadh ri cion sgilean is chomasan ann an roinn na h-obrach-togail.

Eilean Ruma, A’ Ghàidhealtachd[13]

Ghabh Urras Coimhearsnachd Eilean Ruma pròiseact lèirsinneach os làimh gus taigheadas aig prìs reusanta a thogail airson cuideachadh le bhith a’ cur dìon air sgoil an eilein, anns an robh dithis sgoilearan. Bha e mar amas dhan urras daoine ùra a thàladh a Rùm, agus iad a’ feuchainn ri teaghlaichean, luchd-ciùird sgileil agus gnothachasan a tharraing dhan eilean feuch am biodh coimhearsnachd nas seasmhaiche aca.

Fhuair am pròiseact taic-airgid luach £454,300 bhon Mhaoin airson Taigheadas Dùthchail is Eileanach gus ceithir taighean le dà sheòmar-cadail a thogail. Chaidh crìoch a chur air na taighean as t-fhoghar 2020, agus tha pannalan-grèine air am mullaich, stuthan teas-dhìonach glè mhath annta agus tha stòbhaichean a loisgeas fiodh aca airson barrachd teas.

Dh’obraich Urras Coimhearsnachd Eilean Ruma còmhla ri Mowi, agus thug Mowi ceithir làraich thogail, air an làn uidheamachadh le goireasan, dhan choimhearsnachd nuair a bha iad a’ togail àiteachan-fuirich is oifisean dhan luchd-obrach aca fhèin. Cuideachd, thug Mowi taic-airgid seachad gus cuideachadh le bhith a’ togail nan dachaighean dhan choimhearsnachd. Cuideachd, chuir Mowi 10 goireasan acrach air dòigh do bhàtaichean-seòlaidh sa bhàgh, agus tha sin air barrachd luchd-tadhail a thàladh chun an eilein agus air cur ri teachd-a-steach na coimhearsnachd. ’S e aon de na goireasan a tha air daoine ùra a tharraing a Rùm, bann-leathann luath, a tha a’ ciallachadh gun urrainn dhaibh obair bhon taigh san eilean. Chuir Mowi air dòigh an ceangal le bann-leathann luath a chum maith an eilein air fad, agus tha ceangal snàithlich ri fhaotainn sa bhaile a-nis.

Contact

Email: morehomesbusman@gov.scot

Back to top