beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Consultation Paper

Co-chomhairle croitearachd 2017

Published: 28 Aug 2017
Part of:
Farming and rural
ISBN:
9781788511698

Tha sinn a’ sireadh bheachdan bho chroitearan agus daoine aig a bheil ùidh ann an ath-leasachadh ann an lagh croitearachd.

33 page PDF

436.7kB

33 page PDF

436.7kB

Contents
Co-chomhairle croitearachd 2017
Mun cho-chomhairle

33 page PDF

436.7kB

Mun cho-chomhairle

A' freagairt na co-chomhairle

Tha sinn a' sireadh fhreagairtean don cho-chomhairle seo ro 20 Samhain 2017. Freagair a' cho-chomhairle seo air-loidhne aig: http://consult.scotland.gov.uk/agriculture-and-rural-communities/crofting-consultation-2017

Faodaidh tu do fhreagairtean a shàbhaladh agus tilleadh thuca fhad 's a tha a' cho-chomhairle fhathast fosgailte. Dèan cinnteach gun tèid freagairtean co-chomhairle a chur a-steach ron cheann-làtha.

Mura h-eil e comasach dhut freagairt air-loidhne, lìon am Foirm Fiosrachadh Neach-freagairt (faic 'A' làimhseachadh do fhreagairt' gu h-ìosal) agus cuir a-steach e le do fhreagairt sgrìobhte gu:

Riaghaltas na h-Alba
Sgioba Bile na Croitearachd
D Spur
Taigh Saughton
Slighe Broomhouse
Dùn Èideann
EH11 3XG

A' làimhseachadh do fhreagairt

Ma fhreagras tu le bhith cleachdadh Citizen Space, thèid do stiùireadh gu fèin-ghluasadach gu Foirm Fiosrachadh an Neach-freagairt aig toiseach a' cheisteachain. Innsidh seo dhuinn mar a tha thu airson gun tèid do fhreagairt a làimhseachadh agus gu sònraichte, a bheil thu riaraichte gun tèid do fhreagairt fhoillseachadh gu poblach.

Mura h-eil e comasach dhut freagairt tro Citizen Space, lìon agus cuir air ais am Foirm Fiosrachadh Neach-freagairt a tha an cois a' phàipeir seo aig an deireadh oir nì seo cinnteach gun làimhsich sinn do fhreagairt ann an dòigh iomchaidh. Ma dh'iarras tu nach tèid do fhreagairt fhoillseachadh, dèiligidh sinn ris mar fhreagairt dìomhair agus làimhsichidh sinn mar sin e.

Bu chòir gum biodh gach neach-freagairt mothachail gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' tighinn fo ullachaidhean Achd Saorsa an Fhiosrachaidh (Alba) 2002 agus mar sin gum feumadh iad beachdachadh air iarrtas sam bith a gheibh iad fon Achd sin airson fiosrachadh a thaobh freagairtean a fhuair iad mu choinneimh na co-chomhairle seo.

Na h-ath cheumannan sa phròiseas

Às dèidh don cho-chomhairle dùnadh, nì sinn sgrudadh air na freagairtean a fhuair sinn agus bidh iad sin mar fhiosrachadh don phròiseas co-dhùnaidh mun dòigh san obraich Bile na Croitearachd. Far an tug luchd-freagairt cead seachad airson na freagairtean aca fhoillseachadh gu poblach, foillsichidh sinn na freagairtean sin, agus às deidh làimh, foillsichidh sinn aithisg den mhion-sgrùdadh a nithear air freagairtean na co-chomhairle.

Ma tha ceist sam bith agad cuir fios gu: croftingconsultation@gov.scot

Amas na co-chomhairle seo

Tha an co-chomhairle seo air a roinneadh ann an trì earrannan.

Bidh na h-earrannan a' faighneachd grunn cheistean den neach-freagairt a thaobh cuspairean co-cheangailte ris an t-seòrsa reachdas a dh'fhaodar toirt air adhart agus mu phrìomhachasan airson reachdas croitearachd. Chaidh na ceistean a dhealbhadh gus dealbh a thoirt do Riaghaltas na h-Alba mun atharrachadh a thathas ag iarraidh.

Tha Earrann 1 a' mìneachadh cùl-fhiosrachadh croitearachd, carson a tha a' cho-chomhairle seo ann, agus poileasaidh làthaireach Riaghaltas na h-Alba air croitearachd san fharsaingeachd. Is e an t-amas faighinn a-mach dè a tha luchd-freagairt a' smaoineachadh mu phoileasaidh croitearachd làthaireach Riaghaltas na h-Alba.

Tha Earrann 2 ag ainmeachadh nan diofar seòrsachan reachdais as urrainn do Riaghaltas na h-Alba toirt air adhart airson croitearachd taobh a-staigh an t-seisein Phàrlamaidich seo. Le bhith a' sealltainn nan diofar roghainnean a tha ann, is e an t-amas gum beachdaich luchd-freagairt air dè a tha feumail fhaighinn bho reachdas gus am faighear na h-atharrachaidhean a tha iad airson fhaicinn ann an croitearachd san àm ri teachd.

Tha Earrann 3 a' cur air adhart grunn chuspairean a thaobh croitearachd ris am faodar sealltainn mar phàirt de dh'ath-leasachadh reachdail. Chaidh iad sin aithneachadh bho ghrunn thùsan, nam measg aithisg Comataidh Eaconamaidh Dhùthchail is Comas-ceangail 2017 ' Review of Priorities for Crofting Law Reform ' 1, an Crofting Law Sump 2, 'The Final Report of the Committee of Enquiry into Crofting' (Aithisg Shucksmith) 3 agus an obair chom-pàirteachaidh thràth a rinn Riaghaltas na h-Alba thairis air na sgìrean croitearachd.

Is e an t-amas gum bi luchd-freagairt a' toirt sùil gheur air dè na h-atharrachaidhean a tha deatamach ann an reachdas croitearachd gus am bi croitearachd iomchaidh airson an 21mh linn. Dh'fhaodte gum biodh e na b'fheàrr nan deidheadh dèiligeadh ri cuid de na h-atharrachaidhean a dh'aithnichear tro mheadhanan neo-reachdail (mar eisimpleir, atharrachadh poileasaidh croitearachd). Dh'fhaodte gum feumar sealltainn ri cuid eile fo sgàil poileasaidh àiteachais is riaghailtean san fharsaingeachd, no eadhon raointean poileasaidh nas fharsainge aig Riaghaltas na h-Alba.

Ag aithneachadh gu bheil reachdas croitearachd gu math toinnte agus an dòigh anns a bheil gach cuspair ceangailte ri chèile, chan eil sinn a' smaoineachadh gum biodh e ciallach a h-uile cuspair deasbaid a chaidh a thogail a thoirt a-steach don cho-chomhairle seo. An àite sin, tha sinn air a' cho-theacsa choitcheann a shuidheachadh mu choinneimh a' chuspair buntainnich agus air cuid de dh'eisimpleirean farsaing mu gach cuspair ainmeachadh. Tha na ceistean ann an earrann 3 a' sireadh bheachdan agus bharailean a thaobh prìomhachasan reachdas croitearachd.

Ach, leis gu bheil cuspairean croitearachd nas fharsainge cho cudromach, chaidh iad sin a chur an cèill ann an geàrr-chunntas ann an Leas-phàipear A . Tha seo a' toirt seachad fiosrachadh mu cho-theacsa poileasaidh nas fharsainge a thaobh croitearachd agus a' beachdachadh air an obair neo-reachdail a thathas a' dèanamh ann an co-bhonn ri Fòram Luchd-ùidhe na Croitearachd. Chaidh mòran de na cuspairean air a bheileas a' beachdachadh san leas-phàipear seo a thogail co-cheangailte ri lagh croitearachd, ach gu dearbh is dòcha nach fheum atharrachadh a bhith ann an lagh na croitearachd airson dèiligeadh riutha. Mar sin, ged a tha iad cudromach, feumar sealltainn ris na cuspairean sin air leth bho atharrachadh air reachdas croitearachd.


Contact

Email: Crofting Bill Team, croftingconsultation@gov.scot

Phone: 0300 244 4000 – Central Enquiry Unit

The Scottish Government
St Andrew's House
Regent Road
Edinburgh
EH1 3DG