beta

You're viewing our new website - find out more

Publication - Guidance

Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021

Published: 5 May 2017
Part of:
Arts, culture and sport, Education
ISBN:
9781786529404

Tha am plana seo a' mìneachadh an taic a tha Riaghaltas na h-Alba a’ toirt dhan Ghàidhlig na obraichean, airson gun dèan sinn cinnteach gum bi seasmhachd aig a’ Ghàidhlig an Alba san àm ri teachd.

44 page PDF

1.1MB

44 page PDF

1.1MB

Contents
Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba 2016-2021
Caibideil I: Ro-Ràdh

44 page PDF

1.1MB

Caibideil I: Ro-Ràdh

Sealladh farsaing air Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 agus ullachdadh Planaichean Gàidhlig

Achd na Gàidhlig (Alba) 2005

Bha Achd na Gàidhlig (Alba) 2005 air a cur an gnìomh le Pàrlamaid na h-Alba le sùil ri inbhe thèarainte fhaighinn don Ghàidhlig mar chànan le spèis co-ionnan ris a’ Bheurla.

Tha an dearbh àm seo riatanach don Ghàidhlig san àm ri teachd. Tha suidheachadh a’ chànain air leth lag agus le àireamhan nan daoine a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig gu fileanta a’ crìonadh tha cunnart ann nach mair a’ Ghàidhlig mar chànan beò an Alba. Tha e riatanach ceumannan a ghabhail gus a’ Ghàidhlig a dhèanamh seasmhach an Alba.

’S e aon de na prìomh nithean ann an achd 2005 an t-ullachadh a tha a’ toirt cothrom do Bhòrd na Gàidhlig (a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh Gàidhlig aig Riaghaltas na h-Alba) iarraidh air buidhnean poblach Planaichean Gàidhlig ullachadh. Bha an t-ullachadh seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gum bi an roinn phoblach an Alba a’ gabhail a pàirt ann a bhith a’ cruthachadh seasmhachd don Ghàidhlig san àm ri teachd tro bhith ag àrdachadh a h-inbhe agus a h-ìomhaigh agus a’ cruthachadh cothroman practaigeach airson a bhith ga cleachdadh.

An riatanas a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig

Tha an riatanas airson buidheann poblach a bhith ag ullachadh Plana Gàidhlig a’ tòiseachadh le Bòrd na Gàidhlig a’ cur a-mach fios foirmeil airson sin fo earrann 3 de dh’Achd 2005. Às dèidh fios fhaighinn an toiseach ann an 2006, chaidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba aontachadh le Bòrd na Gàidhlig san Ògmhios 2010.

Tha pròiseas leasachadh a thaobh planadh a’ leantainn le dùil gun cùm buidhnean orra le dleastanasan fhad ’s a tha iad a’ deisealachadh an dàrna iris den Phlana aca. Seo an ìre aig a bheil Riaghaltas na h-Alba sa phròiseas seo.

Prìomh nithean air am feumar beachdachadh ann an ullachadh Plana Gàidhlig

Tha Achd 2005 a’ comharrachadh grunn shlatan-tomhais sònraichte dom feum buidhnean a tha ag ullachadh Planaichean Gàidhlig aire a thoirt. Tha iad sin air an dealbh gus dèanamh cinnteach gu bheil na Planaichean Gàidhlig a tha air an ullachadh coileanta, co-chòrdail agus iomchaidh do shuidheachadh fa leth na buidhne a tha ga ullachadh.

(i) an ìre a tha Gàidhlig ga cleachdadh le daoine dom bi an t-ùghdarras a’ cur a dhleastanasan an gnìomh, agus an comas air cleachdadh na Gàidhlig a leudachadh an co-cheangal ri coileanadh nan gnìomhan sin

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir na planaichean Gàidhlig air an ullachadh le buidhnean poblach aire don àireamh luchd-labhairt a tha taobh a-staigh an raon-obrach aca, agus an comas air cleachdadh a’ chànain a leudachadh. San fharsaingeachd, thathar a’ sùileachadh gun deasaich buidhnean poblach le àireamhan mòra de luchd-labhairt Gàidhlig taobh a-staigh an raon obrach aca Planaichean Gàidhlig nas làidire.

Tha raon obrach Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail a-steach Alba gu lèir, agus mar sin ’s e prìomh adhbhar a’ Phlana seo a bhith a’ cur taic ri Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig (faicibh (iii)).

(ii) stiùireadh reachdail mu ullachadh Phlanaichean Gàidhlig air fhoillseachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 8 de Achd 2005

Tha Bòrd na Gàidhlig air stiùireadh reachdail fhoillseachadh fo earrann 8 de dh’Achd 2005, a tha a’ toirt comhairle air mar bu chòir Planaichean Gàidhlig a dhealbh agus air an susbaint air am bu chòir do bhuidhnean poblach meòrachadh.

(iii) Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig

’S e sgrìobhainn reachdail a tha ann am Plana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig air a dheasachadh le Bòrd na Gàidhlig fo earrann 2 de Achd 2005, agus tha an treas tionndadh den Phlana Nàiseanta an dùil ri co-chomhairleachadh agus foillseachadh ann an 2017. Tha am Plana Nàiseanta a’ toirt sealladh iomlan air feuman leasachaidh na Gàidhlig, a’ gabhail a-steach cùisean togail cànain, cleachdadh cànain, inbhe cànain agus corpas cànain. Tha e a’ mìneachadh prìomhachasan airson leasachadh na Gàidhlig, agus a’ comharrachadh buidhnean a dh’fhaodas cuideachadh len coileanadh. Tha dreuchd sònraichte aig Riaghaltas na h-Alba sa phròiseas seo, agus tha seo air a mhìneachadh ann an Caibeidil III.

(iv) tagraidhean sam bith a rinneadh ris a’ bhuidhinn phoblaich a tha ag ullachadh a phlana mun dòigh a tha e a’ cleachdadh na Gàidhlig

Tha seo air a dhealbh gus dèanamh cinnteach gun toir buidhnean poblach aire do bheachdan bhuidhnean le ùidh sa chùis nuair a tha iad ag ullachadh am Planaichean Gàidhlig. ‘S e a’ phrìomh dhòigh air na beachdan sin fhaighinn le Riaghaltas na h-Alba co-chomhairleachaidhean poblach mun dreachd Phlana.

(v) prionnsabal spèis cho-ionann

Bha prionnsabal spèis cho-ionann air fhilleadh a-steach ann an Achd 2005 le Pàrlamaid na h-Alba mar aithris dheimhinneach gu bheilear a’ cur meas air a’ Ghàidhlig, a’ toirt feart air a’ mhiann aig luchd-cleachdaidh na Gàidhlig gum bi cleachdadh na Gàidhlig cho nàdarrach ‘s a ghabhas nam beatha, gum biodh spiorad bhlàth don Ghàidhlig air feadh Alba, agus nach bu chòir don chànan fulang tro chion spèis sam bith bho dhaoine fa leth no bho bhuidhnean.

Tha stiùireadh a’ Bhùird ag aithris gur dòcha nach eil spèis cho-ionann don Ghàidhlig a’ leantainn gu dèiligeadh co-ionann don Ghàidhlig agus don Bheurla, no gum feum ìre shònraichte de sholarachadh Gàidhlig a bhith ri fhaotainn anns gach suidheachadh. ‘S ann a tha e a’ misneachadh bhuidhnean poblach gu bhith a’ strì, a dh’aindeoin dè an suidheachadh cànain sònraichte a tha romhpa, a bhith taiceil agus fialaidh do leasachadh na Gàidhlig agus am Planaichean Gàidhlig ullachadh le sùil ri cleachdadh na Gàidhlig a dhèanamh cho furasta ‘s a ghabhas a rèir an t-suidheachaidh aca fhèin.

Nuair a tha sinn a’ lìbhrigeadh sheirbheisean tron Ghàidhlig, nì sinn cinnteach gum bi an ìre agus càileachd den aon ìre ‘s a bhiodh iad tron Bheurla.

Co-chomhairleachadh air dreachd Phlana Gàidhlig

A rèir Achd 2005 feumaidh buidhnean poblach ullachadh a’ Phlana Gàidhlig aca a thoirt gu aire dhaoine aig a bheil ùidh ann. Gus seo a dhèanamh, rinn Riaghaltas na h-Alba co-chomhairle phoblach air dreachd den phlana Gàidhlig aige sa Chèitein ’s an Ògmhios 2015. Faodar na freagairtean agus aithisg air na toraidhean rannsachaidh aig https://consult.scotland.gov.uk/curraicealam-measadh-gaidhlig/consultation-on-the-draft-scottish-government-gael.

Aonta do Phlana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Chaidh Plana Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba aontachadh le Bòrd na Gàidhlig air 5 Dàmhair 2016.

Sealladh farsaing air dleastanasan Riaghaltas na h-Alba

’S e Riaghaltas na h-Alba an riaghaltas tiomnaichte airson Alba. Bha Riaghaltas na h-Alba air a stèidheachadh ann an 1999, às dèidh nan ciad thaghaidhean gu Pàrlamaid na h-Alba. Tha Riaghaltas na h-Alba air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear ainmichte leis a’ Phàrlamaid agus a tha an dèidh sin a’ cur an dreuchd Ministearan na h-Alba.

Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, agus tha iadsan cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba. Tha prìomh bhòrd Riaghaltas na h-Alba, Bòrd an Ro-innleachd, air a stiùireadh leis an Rùnaire Maireannach agus ‘s iad buill a’ Bhùird Àrd-stiùirichean nam prìomh Bhuidhnean-stiùiridh aig Riaghaltas na h-Alba, an Àrd-chomhairliche Saidheansail, an Àrd-chomhairliche Eaconomach, agus Ceannard Oifis a’ Chrùin agus Seirbhis Luchd-casaid a’ Chrùin (COPFS), còmhla ri triùir Stiùirichean Neo-ghnìomhach.

Tha Achdan na h-Alba (1998, 2012 agus 2016) a’ clàradh na cùisean a tha glèidhte aig Pàrlamaid na RA. Tha cùis sam bith nach eil glèidhte, no air a mhìneachadh anns an Achd mar a bhith taobh a-muigh comas Pàrlamaid na h-Alba, tiomnaichte. Chithear cùisean a tha tiomnaichte gu h-ìosal:

Tha cùisean tiomnaichte a’ gabhail a-steach:

  • slàinte
  • foghlam agus trèanadh
  • riaghaltas ionadail
  • obair shòisealta
  • taigheadas
  • dealbhadh
  • turasachd, leasachadh eaconamach agus taic ionmhais do ghnìomhachas
  • cuid de chùisean còmhdhail, a’ gabhail a-steach lìonra rathaidean na h-Alba, poileasaidh mu bhusaichean agus cidheachan is calaidhean
  • lagh agus cùisean na dùthcha, a’ gabhail a-steach a’ chuid as motha de roinnean lagh eucorach agus catharra, an siostam casaid agus na cùirtean
  • am Poileas agus seirbheisean Smàlaidh
  • an àrainneachd
  • dualchas nàdarra agus togte
  • àiteachas, coilltearachd agus iasgach
  • spòrs agus na h-ealain
  • staitistig, agus clàran poblach
  • cuid de chumhachdan a thaobh cìsean agus sochairean (a-rèir Achd na h-Alba 2016)

Tha prìomh oifisean Riaghaltas na h-Alba ann an Dùn Èideann, aig Cidhe Bhictòria, Taigh Naomh Anndrais agus Taigh Saughton; agus ann an Glaschu, aig Cidhe Atlantaig agus Togalach Europa. A bharrachd air sin, tha oifisean sgìreil againn bho Bhaile na h-Eaglais sa Cheann a Tuath chun an t-Sròin Reamhair sa Cheann a Deas.

Tha obair Riaghaltas na h-Alba air a lìbhrigeadh le:

  • Riaghaltas na h-Alba – an t-seirbheis chatharra ghnàthach an Alba le na prìomh Bhuidhnean-stiùiridh Ionnsachadh agus Ceartas; Ionmhas; Eaconomaidh; Slàinte agus Cùram Sòisealta; Coimhearsnachdan; Ro‑innleachd agus Cùisean Taobh a-Muigh; agus Oifis an Rùnaire Mhaireannaich.
  • Buidhnean poblach – Buidhnean-gnìomha, buidhnean poblach neo-roinneil (NDPBan) agus buidhnean eile a tha a’ coileanadh diofar ghnìomhan reachdail, riaghlach agus comhairleachaidh às leth Riaghaltas na h-Alba. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus liosta de bhuidhnean poblach a th’ ann an-diugh aig http://www.gov.scot/Topics/Government/public-bodies.
  • Buidhnean iomairt – buidhnean comhairleachaidh air an stèidheachadh le Ministearan gus cùisean sònraichte a rannsachadh agus aithris a thoirt orra. Cha mhair Buidhnean Gnìomha ach ùine ghoirid, mar as trice mu bhliadhna, agus bidh iad a’ dol à bith nuair a bhios an aithris deiseil.

Gàidhlig ann an Raon-obrach Riaghaltas na h-Alba

Tha raon obrach Riaghaltas na h-Alba a’ gabhail a-steach Alba gu lèir. Mar sin, tha gach neach-labhairt Gàidhlig agus coimhearsnachd Ghàidhlig an Alba taobh a-staigh na sgìre sa bheil Riaghaltas na h-Alba ag obrachadh a’ gabhail a-steach a h-uile sgìre sa bheil daoine comasach air tuigsinn, labhairt, leughadh no sgrìobhadh Gàidhlig nam mòr-chuid dhen àireamh-sluaigh, a bharrachd air sgìrean far a bheil a’ Ghàidhlig a’ fàs ann an inbhe.

Cunntasan-sluaigh nàiseanta – Luchd-labhairt na Gàidhlig

Tha na toraidhean bho Chunntas-sluaigh 2011 air dearbhadh nach eil an crìonadh san àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig cho luath sa bha e ann an 2001. Chaidh 87,056 duine a chlàradh le comas labhairt agus/neo leughaidh agus/neo tuigsinn a’ Ghàidhlig gu h-iomlan. Nam measg tha comas labhairt sa Ghàidhlig aig 58,000 (1.1% den phoball) aois trì neo nas sine an Alba. Tha seo air tighinn sìos bho 59,000 (1.2% den phoball) ann an Cunntas-sluaidh 2001, a tha nas fheàrr na na toraidhean bhon Chunntas-sluaigh roimhe a sheall crìonadh de 11% ann an luchd-labhairt na Gàidhlig.

Ann an 2011, bha an earrann den t-sluagh aois trì neo nas sine an Alba le comas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh neo tuigsinn sa Ghàidhlig 1.7% (87,056), an coimeas ri 1.9% (92,000) ann an 2001. Sa bhuidheann seo, bha an àireamh le comas labhairt, leughaidh, sgrìobhaidh agus tuigsinn aig 32,000, 0.6% den phoball aois trì neo nas sine; bha seo aig an aon ìre ri 2001.

Ged a bha crìonadh anns an earrann den t-sluagh le comas labhairt sa Ghàidhlig anns a’ chuid as motha de dh’aoisean, bha meudachadh san fheadhainn fo aois 20. Uile gu lèir, bha meudachadh 0.1% eadar 2001 agus 2011 ann an luchd-labhairt na Gàidhlig eadar aois 3 agus 19.

Tha luchd-labhairt na Gàidhlig air feadh Alba. Am measg an fheadhainn a thuirt gun robh iad nan luchd-labhairt ann an Cunntas-sluaigh 2011 bha an co-roinn as àirde le comas labhairt sa Ghàidhlig anns na h-Eileanan Siar (52%), a’ Ghàidhealtachd (5%) agus Earra-Ghàidheal agus Bòid (4%). Tha cuideachd àrdachadh de cho-roinn den choimhearsnachd Gàidhlig a tha sna bailtean mòra, le àireamh nas àirde a’ fuireach ann an Obar Dheathain, Dùn Èideann, mòr-roinn Ghlaschu agus Inbhir Nis.

Tha am mapa air an ath duilleag a’ sealltainn an dùmhlachd agus an àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig ann an Alba, a-rèir Cunntas-sluaigh 2011. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Chlàran Nàiseanta na h-Alba, air an làrach-lìn
www.scotlandscensus.gov.uk.

Map of Gaelic speakers 2011

Foghlam Gàidhlig

Tha foghlam Gàidhlig na phrìomh eileamaid den Ghàidhlig ann an Alba, agus gheibhear ann an iomadh cruth agus ìre air feadh Alba. Bha 3,004 sgoilear ann am foghlam bun-sgoile tron Ghàidhlig ann an 2015-16, agus 1,003 ann an sgoiltean-araich a tha a’ teagasg tron Ghàidhlig. Tha an dà bhuidheann seo air fàs bhon a chaidh a’ chiad Plana Gàidhlig againn fhoillseachadh ann an 2010. A bharrachd air foghlam tron Ghàidhlig, tha cothrom aig 7,772 sgoilear ann an 11 sgìre comhairle a’ Ghàidhlig ionnsachadh mar phàirt den iomairt 1+2 Cànain tro Luchd-ionnsachaidh Gàidhlgi sa Bhun-sgoil (GLPS). A-rithist, that an àireamh a tha seo air fàs anns na còig bliadhna a dh’fhalbh.

Aig ìre àrd-sgoile, tha 1,193 sgoilear a’ faighinn ìre air choireigin de dh’fhoghlam tron Ghàidhlig ann an seisean 2015-16. Thathar an dùil gun tèid an àireamh seo suas le barrachd chuspairean rim faotainn tro e-ionnsachadh.

Tha na mapaichean air na duilleagan a leanas a’ sealltainn far a bheil foghlam Gàidhlig ri fhaotainn ann an Alba. Gheibhear barrachd fiosrachaidh air seo bho Bhòrd na Gàidhlig aig www.gaidhlig.scot.

Map of Gaelic Medium Education 2016-17

Map of Gaelic Learner Education 2015-17


Contact